Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2026-27
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1934 » December 1934 » Christiana and Mercy at the Wicket Gate

Christiana and Mercy at the Wicket Gate

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte.

(Air a leantuinn bho t.-d., 314.)

CEANN I.

ATH-GHINEAMHUIIN.

“Air dhuibh bhi air bhur n-ath-ghineamhuin, cha’n ann o shiol truailidh, ach neo-thruailidh, le focal an Dé bheo agus a mhareas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.

tha sin a’ toirt gràidh dhoibh ann an seadh a’ bhonn-teagaig, ‘nuair is e gràs no iomhaigh Dhé annta, ard-aobhar ar gràidh dhoibh. ‘Nuair a tha gràdh againn do na daoine diadhaidh air son an diadhachd, do na naoimh air son an naomhaechd; tha gràdh againn do Dhia annta, agus mar sin feudaidh sinn a chodhunadh gu bheil sinn air ar breith o Dhia: “Oir ge b’e ghràdhaicheas an ti a ghin, gràdhaichidh e mar an ceudna an ti a ghineadh leis,” 1 Eoin v. 1. Feudaidh cealgairean gràdh a thoirt do na naoimh, air son an daimh shaoghalta dhoibh, air son an deadh choludar; a chionn gu bheil iad de ‘n aon bharail riu féin ann na puncan diadhaidh; agus air son iomadh aobhar eile, d’ an leithide sin, leis am feud daoine aingidh gràdh a thoirt do dhaoine diadhaidh. Ach is sona iadsan, as urrainn gràdh a thoirt doibh air son a’ ghràis a ta annta; air son an naduir agus an gné neamhaidh; d’ an urrainn an neamhnuid so a spionadh á otrach nan anmhuinneachd a ta annta agus mu ‘n cuairt doibh; a ni greim air agus a ghràdhaicheas iad air a shon (2.) Is gràdh e bhios air a thabhairt do na h-uile, anns am faicear gràs Dhé. Iadsan aig am bheil gràdh aca do na naoimh uile, Eph. i. 15. Biodh gràdh aca do na h-uile, a ta a reir am beachd-san, a’ giulan iomhaigh Dhé. Iadsan nach urrainn gràdh a thoirt do neach gràsmhor ann an luideagaibh, ach a bheir gràdh dhoibhsan a mhain a ta caitheadh deadh thrusgain cha’n ‘eil an gràdh so do na braithribh annta. Iadsan aig nach ‘eil gràdh ach do chuid a ta d’ am barail féin, ged nach ann doibhsan a mhain a thug Dia gràs; is anama iad a ta tuilleadh is cumhann gu bhi air an eur am measg na eloinne. Ciod ‘sam bith na puncan ‘sam bheil daoine dealachadh uainn ‘nam barail no ‘nan slighe, gidheadh ma tha iad a’ taisbeanadh còrdadh ruinn ‘nan gràdh do Dhia, agus do’r Slanuighear Iosa Criosd, agus ann an giulan ‘iomhaigh-san, bheir sinn gràdh dhoibh mar bhraithribh, ma tha sinn féin de ‘n teaghlach nèamhaidh. Agus, (3.) Ma tha ‘n gràdh so amnainn, mar is mó tha de ‘n ghràs so a’ taisbeanadh aig neach ‘sam bith, ‘s ann is mó bhios do ghràdh againn dha. Mar is dèine

tha teine naomh a’ ghràis a’ lasadh ann an neach ‘sam bith ‘s ann is mó lasas teine a’ ghràidh ann an eridheachan fior Chrios-duidhean doibh. Cha’n ‘eil na naoimh, mar a tha iomadh de dhaoine a ta ‘gan deanamh féin ‘nan cinn-iuil do mbuinnтир eile; agus a’ tabhairt gràidh dhoibh cho fad ‘sa tha iad am barail gu bheil iad cosmhuil riu féin. Ach ma tha choslas orra barrachd a bhi aca orrasan, agus an dorchachadh; tha ‘n gràidh air a thionndadh gu fuath agus farmad, agus ni iad dìchioll air a’ chliu a bhuneas do ‘n eisimpleir dhiadhaidh aé’, a thabhairt uatha; do bhrigh nach ‘eil blas aca air ni ‘sam bith ‘san diadhachd, a ta ‘dol thar an tomhas féin: Tha na tha de bheatha agus de chumbachd na diadhachd a’ taisbeanadh ann am muinntir eile, a mhain a’ dusgadh a’ ghearrain mhi-runaich ‘nan eridheachan féin-speiseil. Ach air an sonsan a ta air am breith a ris, tha ‘n gradh agus an aigne dhoibh a reir an tomhas de ‘n iomhagh dhiadhaidh a ta iad a’ toirt fainear annta.

A nis, nam bu mhaith leibh cleachdamh a dheanamh de na nithe sin a chum eolas fhaotainn air ‘ur staid, Chomhairlichinn duibh, (1.) Cuid d’ur aimsir a chur air leth, ‘nuair a ta sibh aig an tigh, gu ath-bheachd a ghabhail air ‘ur staid; agus feuchaibh ‘ur staid leis na chaidh a radh. Is iomadh iad aig am bheil comfhurtachd agus soilleireachd mu ‘n staid aig searmoin, a ni ann an ùine ghoirid, a chall a ris: Do bhrigh, am feadh ‘sa ta iad ag eisdeachd an fhoicil air a shearmonachadh, gu bheil iad a’ soerachadh air, ach cha’n ‘eil iad a’ smuaineachadh air na nithe sin gu suidhichte agus gu h-athaiseach ‘nuair a ta iad ‘nan aonar. Tha ‘n gniomh tuilleadh is obann agus goirid gu comhfurtachd bhuan a thabhairt. Agus tha gu trie cho beag smuaineachaidh uime, as gu bheil ‘teachd gu droch erioch. Air an aobhar sin, tòisich air an obair so aig an tigh, an deigh dhuit guidhe gu duraechdadh ann an urnuigh ri Dia air son a chòmhnath innte. Na bi gearan nach ‘eil ùin’

agad, fhad ‘sa bhios an oidche leantuinn an là ghniomhaich; no nach ‘eil àit’ agad, fhad ‘s a tha na machraichean agus na saibhlean ri ‘m faotainn. (2.) Ath-nuadhaich t’ aithreachas an lathair an Tighearna. Feudaidh cionta, do nach do ghabhadh, aithreachas, a ta ‘na luidhe air a’ choguis, t-uile shoilleireachd agus do chomharan gràis a dhorehachadh. Tha e brosnachadh |Spioraid an Tighearna gu imeachd; agus an uair a ta esan air falbh, tha ar solus a’ dol as. Cha’n iomehuidh an t-àm do ‘n Chriosduidh a bhi leughadh a chomharan, ‘nuair a ta choinneal air a eur as le lot cionta éiginn a ta luidhe air a choguis.

‘San àite mu dheireadh, Dean feum de chomasan an naduir nuaidh: Biodh gràsan an Spioraid Naoimh annad, ‘gan taisbeanadh féin le bhi gnìomhach. Nam bu mhaith leat fios a bhi agad ma tha teine naomh air fhadadh ann ad uehd, ‘s éiginn duit an eibhlle sheideadh; oir, ged tha teine ann, agus ged is eibhlle beò i, gidheadh, ma tha i fuidh ‘n luaidh, cha toir i solus duit. Suidhichibh rùn daingean ‘nur eridheachan, tre ‘n ghràs a ta ann an Iosa Crìosd, gu aontachadh leis gach dleasnas aithnichte, agus gu faire an aghaidh gach peacadh aithnichte; air dhuibh togradh inntinn a bhi agaibh, gu bhi air ‘ur teagasg anns na nithe nach aithne dhuibh. Nan orduicheadh anama gràsmhor mar so an rannsachadh mu ‘n staid, tha e ro-choslaich gu ‘n tigeadh iad gu deireadh solasaich. Agus nan gabhadh dream eile a leithid sin de bheachd cudthromach, agus nan deanamh iad deuchainn fhirinneach air an staid, ‘gan eur féin ‘nan seasamh an Iaithir eathir an coguis; dh’fheudadh iad sealladh an àm iomehuidh fhaotainn air an graineileachd féin. Ach tha di-chuimhn’ air féin-rannsachadh, a’ fagail a chuid is mó de dhaoine fuidh mheallaidhean brònach, an thaobh an staid; agus tha mòran de na naoimh féin leis a sin a’ call beachd solasaich air gràs Dhé annta.

Ach a chum gu ‘n d’ thugainn tuilleadh còmhnadh do fhor Chriosduidhean, ‘nan rannsachadh mu ‘n staid; nochdaidh mi,

Ri leanbuinn.

An Fhianais Dheireannach aig Domhnull Cargill.

(Eadar-theangaichte le I. M.).

Bha Domhnull Cargill na mhinisteir urramach ann an Glaschu agus na dhuine treun air taobh na firinn. Chaidh an fhianais a leanas a thoirt seachad leis mun do chuireadh gu b’as e aig a’ Chrois an Duneideann, July, 27, 1681.

“I S e so an latha is aoibhneach a chunnaic mi riamh na’m chuairt air thalamh. Tha m’aoibhneas a nis air tòiseachadh nach fhaic mi gu brath air a bhriseadh. Tha mi faicinn mo chòir agus fhirinnsan, agus cinnteachd an dara h-aon, agus luach-mhòrachd an aon eile. Tha dluth air deich bliadhna fichead bho na rinn e cinnteach dhomh e; agus bho ‘n àm sin, ged a bhris mòran peacaidh a mach, gidheadh cha robh mi riamh gun dearbhbheachd air mo chòir, no fada a mach a sealladh air a lathaireachdsan, thàlaidh agus chum e beòthail mi, agus cha d’fhàg e riamh air dheireadh mi, ged a bha mi trie a pilleadh air ‘m ais. O, nochd e luachmhorachd iongantach a ghràis, chan e ‘mhain anns a’ cheud ghabhail dheth, ach ann an ath-nuadhachadh agus ann an cur an lionmhorachd mhaithneas!

do’n t-siorruidheadh tre tròcair Dhé agus airidheadh Chriosd; ach bha am bàs a fantuinn ni-eiginn uamhasach dhomh, ach tha sin a nis air a thoirt air falbh; agus chan ‘eil am bàs a nis ni’s mótha leam na bhi ‘gam thilgeadh ffin an gairdeanan m’ Fhear-pòsda, agus laidh sios maille Ris-san. Agus ge be air bith eia mar a bhios e leam air a’ cheann mu’ dheireadh, ged a bhithinn air mo theannachadh le Dia, no air mo bhacadh le daoinne, gidheadh tha na h-uile ni cinnteach, agus bithidh iad gu math. Lean mi naomhachd, theagaig mi ‘n fhìrinn, agus bha mi air thoiseach anns na nithibh a bhuneas do ‘ur n-anna-ne beag, ach gu’n do smaointich mi nach b’ urrainn neach ‘sam bith ni a dheanamh gu ceart ann an nithibh mór agus follaiseach Dhé gus am bitheadh iad ceart ‘nan cor.

Agus, O! nach robh na h-uile air an rian so a ghabhail! oir an sin bhitheadh na bu lugha de mhealltaireachdan. Tha creideamh na tìr, agus eud air son bòidean na tìr air tighinn gu bhi na fhoirmealachd leisg, ghràineil agus fluathach; agus cha’n urrainn eud beòthalachd agus ceartas a bhith, far a’ bheil sluagh a coinneachadh ri geur-leanmhuinn, agus an eridhe gun a bhi air ath-nuadhachadh. Tha m’ anam air chrith ann a bhi smuainteachadh air cho beag agus a tha dhe’n ath-ghineamhuinn a’ meag mhinisteirean agus luchd-aideachaidh Alba. O! mhinisteirean Alba! eia mar a bhrath iad còraichean Chriosd agus a mheall iad anamaibh. Cha deach iad fhéin a stigh, agus iadsan a bha ‘dol a stigh, bhae iad. Reic iad nithibh Chriosd agus dlighe eaglais-san air son sàmhchair ghoirid agus mhallaiichte dhoibh fhein, a tha nis dluth air a’ ehrich; agus tha iad ni’s mó na’n aon agus ann an sith ri naimhdean Dhé, an déidh dhoibh an uile ole a dheanamh, na bha iad an toiseach ‘n uair nach d’ rinn iad ach an lamh a’ chur riutha. Agus tha eagal mór orm, ged nach bitheadh ach aon mhinisteir air an talamh uile, nach dean Dia an còr feum dhùibh; ach bithidh breitheanas uamhasach orra fhéin, agus mallachd fhada air an slioichd!

tha aig a’ chuid as mótha dhiubh ri so a dheanamh fhathasd; agus gidheadh, na saoileadh neach ‘sam bith gu bheil e ann an deadh chleachdadh fior dhiadhachd, aig nach ‘eil eud a thaobh glòir fhollaiseach Dhé. Tha iarmad bheag ann an Alba, bho’ n d’ thuair m ‘anam a’ chomhlhfartaichd bu mhótha air thalamh. Tha mi guidhe ‘ur fàs ann an naomhaichd, àireamh, gràdh, diadhachd agus ionracas; agus stadaibh-se, agus sguiribh de chonnspaid ris na doine so a dh’ fhalbh ‘uainn, oir cha’n ‘eil ni bheir dearbh-shoillearaichd dhoibh ach breitheanas. Sàsueichibh ‘ur coguisibh agus theirgibh air adhart; oir mar is dluith a tha sibh air Dia, agus is fhaide a tha sibh bho fheadhainn eile, có dhiubh is naimhdean follaiseach iad, no mhinsterean agus luchd-aideachaidh meagh-bhlath, bithidh e ni ‘s fhearr.

Dh’ aobharaich mo shearmonachadh geur-leanamhuin, ach tha eagal orm gun aobharaich dith sin ni’s miosa. Gidheadh, shearmonaich mi fìrinnean Dhé do fheadhainn eile, mar a tha e sgrìobhte, “Chreid mi, agus uime sin labhair mi,” agus cha’n ‘eil droch cogais agam a’ thaobh shearmonachadh na fìrinn, ge be air bith gu de a lean sin; agus an diugh tha mi gu bhi seulachadh le m’ fhuil na fìrinnean uile a shearmonaich mi riabh; agus bithidh ‘na chaidh cur na aghaidh dhe na bha mis a’ shearmonachadh, ann an uine gun a bhi fada, air a dheanamh follaiseach le breitheanasaiabh Dhé ann an coguisibh dhaoine. Bha sàmhchair mhilis spioraid agus stroichdadh anabarrach agam an àm mo ghlacadh, bha freasdal Dhé cho soilleir ann; agus cha b’urrainn mi gu’n bhi smaointeachadh gu’n do mheas Dia e feumail a chum a ghloir mo thoirt a dh’ ionnsuidh a leithid so de chrìch, bho na dh’fhuasgail e mi bho leithid so a dh’obair. Bhiodh m’ anam gu mór air a bhuaireadl a thaobh an iarmad, mur a bitheadh gu bheil mi smaointeachadh gu bheil an t-àm goirid.

A thaobh an aobhair mi bhi fuiling, is e’ m priomh aon, “Gu’n a bhi ‘g aideachadh an ughdarrais mar a tha sin air a dhaighneachadh anns an Aichd Ard-uachdranachd agus Mhineachadh.” Is e so am t-uachdaranaichd a dhìult mi, a

bha air a chur an seilbh air cumhachd Chriosd. Agus a faicinn a chumhachd so, ni is e glòir Chriosd, air a thoirt bh’uaithhe, agus air a dheanamh thairis do’n ehrun, shaol mi e mar gu’m faicinn aon a’ eaitheamh aodach m’ Fhear-posda an déigh dha a mharbhadh; agus bho na tha e air a dheanamh thairis do’n ehrun, cha’n eil eadar-dhealachadh is urrainn sinn a dheanamh, a shaoras coguis an fhir a ghabhas ris bho bhi na fhear-comphairt do’n naomh-ghoid so air Dia; agus cha’n ‘eil ann ach a bhi mealladh ‘ur coguisean a bhi ‘g aideachadh an uachdaran shiobhalt; oir cha’n e cumhachd siobhalt a mhain a tha air a chiallachadh le a chrùn. Agus bho na tha iad cho soilleir air a chuis bu chòir dhùinne a bhi soilleir, oir a bhi air atharrachadh doigh, se th’ann a bhi ‘g aicheadh ‘ur fianuais agus a eur ‘ur n-aonta ri Esan a chreachadh.

Upcoming Events (DV)

Oct 27
27 Oct - 28 Oct

Theological Conference

Oct 29
29 Oct - 2 Nov

Communion: Dornoch

Nov 5
5 Nov - 9 Nov

Communion: Glasgow

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

Nov 19
19 Nov - 23 Nov

Communion: Santa Fe

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Paul’s desire to be found in Christ (1) 26 Jul 2026
  • The Judgement Day 26 Jul 2026
  • The blessing of the all-powerful God 19 Jul 2026
  • Justification and peace 19 Jul 2026
  • Why God Excludes Sinners from His Rest 12 Jul 2026
  • The Pharisee and the Publican 1 23 Sep 2010
  • The Pharisee and the Publican 2 24 Sep 2010
  • Found in fashion of a man, He humbled Himself 26 Sep 2010
  • Destroy it not for a blessing is in it. 27 Sep 2010
  • Proclaiming the kingdom of God 12 Jul 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice