BY REV. D. J. MACASKILL, M.A., SOUTH HARRIS.
“If thou turn away thy foot from the Sabbath, from doing thy pleasure on my holy day; and call the Sabbath a delight, the holy of the Lord, honourable; and shalt honour Him, not doing thine own ways, nor finding thine pleasure, nor speaking thine own words.” (Isai. lviii. 13.)
Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte.
AN STAID SHIORRUIDH: NO, STAID SONAIS,
NO TRUAIGHE IOMLAN.
Mu Bhàs.
(Air a leanntuinn bho t.d., p. 70.)
“Oir a ta fhiòs agam gu ‘n toir thu mi gu bàs, agus a chum an tighe a dh’ òrduicheadh do gach uile bheò.”—IOB xxx. 23.
Agus, air tìs, Faiceamaid uaithe so, mar ann an sgàthan, dìomhanas an t-saoghail, agus na nithean sin uile a ta ann, am bheil meas agus urram mór aig daoine, agus uime sin a’ suidheachadh an eridhe orra. Tha mhùintir shaobhair agus bhochd co-ionnan déidheil air an t-saoghail so; tha iad a’ lùbadh an glùn da; gidheadh chan ‘eil ann ach dia ereadha: Tha iad gu déidheil ag iarraidh an dìomhanais mhòir, agus a’ ruith gu dian gu greim a dhèanamh do ‘n sgàile. Tha’n duine saoibhir air
a chaidreadh gu bàs ‘na ghlacaibh; agus tha ‘n duine bochd ‘ga sgitheachadh féin ‘ga dhian-leantunn. (Ciod an t-ioghnadh ged a bhuadhaicheas gùire an t-saoghail oirnn ‘n uair a tha sinn ‘ga ruagadh eho cioerach, eadhon an uair a ta e’n gruaim ruinn?) Ach seall do’n uai gh, O dhuine! Smuainich, agus bi glie: Eisd ri teagasg a’ bhàis, agus ionnsaich, (1.) Ged ni thu greim eho teann agus is urrainn dhuit, gur éiginn duit do ghreim de’n t-saoghail a leigeadh as mu dheireadh. Ged luehdaicheas tu thu féin le measan na talmhainn so, gidheadh tuitidh iad uile air falbh, ‘n uair a shnaigeas tu sos do d’ tholl, an tigh fuidh ‘n talamh, “a ta air òrduchadh do na h-uile bheò.” ‘N uair a thig am bàs, ‘s éiginn duit cead siorruidh a ghabhail de d’ shòlasaibh anns an t-saoghail so! ‘S éiginn duit do mhaoin fhàgail aig neach eile: Agus “có dha bhùineas, na nithean sin a dh’ ulluich thu?” Luc. xii. 20. (2.) Cha bhi do chuibhrionn de na nithibh sin ach ro bheag an ùine ris na h-Israelich. Tha e cumail a mach a’ bhàis mar ni a tha cosmhuil ri fear-coimhid priosain Pharaoh. a’ tabhirt an àrd-bhuidealair agus an ard-fhuineadair a mach as an aon phriosan; fear dhiubh gu bhi air aiseag gu ‘dhreuchd agus am fear eile gu bhi air a chrochadh. Tha e nochdadh an eadar-dhealachaiddh a ta eadar an duine diadhaidh agus an t-an-diadhaidh nam bàs; muinntir, air dhoibh giùlan eadar-dhealaichte bhi aca ‘nam beatha, mar sin, ann am bàs, tha eadar-dhealachadh mór ‘nan crìoch.
Air tús, A thaobh bàis an aingidh, ann an so tha, (1.) An dòigh air an téid e mach as an t-saoghail, Tha e air fhuadachadh air falbh; sin ri ràdh, ‘na bhàs: mar tha soilleir o’n earrainn eile de’n roinn. Tha e air a thilgeadh air falbh a dh’ aindeoin a mach as àite ‘san t-saoghail so; air fhuadachadh air falbh, mar mholl roimh ‘n ghaoidh. (2.) An staid anns an imich e air falbh. Tha e bàsachadh ann an staid peacaiddh agus gun dòchas. Air tus, Ann an staid peacaiddh; tha e air fhuadachadh air falbh ‘na aingidheachd. Chaith e ‘bheatha innte, agus tha e bàsachadh innte; ‘S iad eulaidhean salach a’ pheacaiddh, anns an do dh’ fill e suas e féin ‘na bheatha, a chulaidh phriosain, anns an luidh
e air fhilleadh suas bu bràth. ‘Sans dara àite, Ann an staid gun dòchas:—Ach bithidh dòchas aig an fhìrein ‘na bhàs. Ni a tà gu soilleir a’ cumail a mach an-dòchas nan aingidh ‘nam bàs. Chan ‘eil sin a’ ciallachadh, nach bi dòchas air bith aig aon duine aingidh, ‘nuair a ta e faghail bàis, ach gu ‘in faig e bàs ann an an-dòchas, chan ‘eil idir; Tha chùis mar sin air uairibh gun amharus, ach gu tric tha e air dhòigh eile: feudaidh dighean amaideach dòchas a bhi aca, agus is tric a tha sin aca, gus an anail mu dheireadh: Ach aig an duine aingidh chan ‘eil dòchas bunaiteach; agus air son nan dòchasan mealta a th’ aige uime féin, spionaidh am bàs as am bun iad, agus bithidh e gu bràth truagh, gun leasachadh.
‘San dara àite, A thaobh bàis an fhìrein: Tha dòchas aige ‘na bhàs. Tha ‘m focal so air a thoirt a stigh le ach, a’ ciallachadh gu bheil nithe uamhasach ann an staid an duine aingidh aig a’ bhàs, a ta air fluadach air falbh ‘na aingidheadh; ach chan ‘eil na daoine diadhaidh mar sin. Chan ‘eil iad mar sin, (1.) Anns an dòigh anns am bheil iad ag imeachd a mach as an t-saoghal. Chan ‘eil am firean air fluadachadh air falbh, mar mholl roimh ‘n ghaoith; ach air a threòrachadh air falbh, mar bhean-bainnse gus an t-seòmar phòsaidh; “air a ghiùlan leis na h-ainglibh gu ueidh Abrahaim,” Luc. xvi. 22. (2.) Chan ‘eil iad cosmhuil riu a thaobh an staid ‘nuair a tha iad a’ dol a mach as a’ bheatha so. Tha’m firean a’ faotainn bàis, (1.) Chan ann an staid pheacach, ach an staid naomh: Chan ‘eil e dol air falbh ‘na pheacadh, ach air falbh uath. ‘Na chaithe-beatha bha e cur dheth an t-seann duine, a’ malairt a chulaidh-phriosain: Agus a nis tha na luideagan a dh’ fhàgadh air an toirt air falbh, agus tha e air a sgeudachadh le faluinn glòire. (2.) Chan ann gun dòchas, ach ann an staid dòchais: Tha dòchas aige ‘na bhàs. Tha gràs an dòchais aige, agus an deadh bhunait dòchais air nithibh na’s fèarr na bha riamh aige anns an t-saoghal so. Agus ged dh’ fheudas sruth a dhòchais, aig a’ bhàs, ruith eudomhain; gidheadh tha fathast aige uiread dheth, as a bheir air a chòir shiorruidh earbsa ris an Tighearn Iosa Crìosd.
BONN-TEAGASG I.
Air do na h-aingidh, a bhi faghail bàis, tha iad air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheadh; agus ann an staid gun dòchas.
Ann an labhairt mu ‘n teagasg so, (1.) Nochdaidh mi cionnus, agus ciod an seadh, anns am bheil na h-aingidh air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheadh, aig a’ bhàs. (2.) Nochdaidh mi an dòchas an staid aig a’ bhàs; agus, mu dheireadh, Nì mi combh-chur do ‘n iomlan.
- Cionnus, agus ciod an seadh ‘sam bheil na h-aingidh “air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheadh.” Ann an labhairt mu ‘n ni so, Fiosraichidh mi gu h-aithgherr, (1.) Ciod a ta air a chiallachadh le iad a bhi air am fuadachadh air falbh. (2.) Cia uath a dh’ fhuadaichear, agus e’ àit’ am fuadaichear iad. (3.) Ciod na dòighean ‘sam feudar a ràdh, gu bheil iad air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheadh. Ach, mu ‘n téid mi air m’ aghaidh, leigibh leam rabhadh a thoirt dhuibh! gu bheil sibh am mearachd, ma smuainicheas sibh, nach ‘eil neach air a ghairm aingidh, ach iadsan a ta gu follaiseach ole agus mi-naomha; mar nach b’ urrainn an diabhul còmhnuiddh a ghabhail ann aon an ‘sam bith ach annta-san d’ an ainm legion. Ann am beachd an Sgriobtur, tha na h-uile nach ‘eil ffreanta air an dòigh a mhìnichear an déigh so, air am meas aingidh. Agus air an aobhar sin tha ‘m bonn-teagaig a’ roinn an t-saoghal uile gu dà sheòrsa, am firean agus an t-aingidh. Agus chì sibh an ni ceudna, ‘san carrann eile sin de ‘n Sgriobtur. Mal. iii. 18. “An sin pillidh sibhse, agus chì sibh an dealachadh eadar am firean agus an t-aingidh.” Uime sin mur ‘eil sibh ‘nur ffreanaich, tha sibh aingidh. Mur ‘eil agaibh ffreantachd air a meas duibh, agus mar an ceudna ffreantachd air a suidheachadh annaibh, no naomhaichd; ma tha sibh fathast ‘nur staid nàduir, neo-iompaichte, gun a bhi air bhrur n-aonadh rì Criod tre chreidimh; ciod ‘sam bith eòch beusach agus neo-choireach ann an sùilbh dhaoine, a dh’ fheudas bhrur caithe-beatha a bhi; is sibh na h-aingidh, a bhitheas air bhrur fuadachadh air falbh ‘nan aingidheadh, ma gheibh am bàs anns an staid sin sibh. Nis,
Air tús, A thaobh seadh nam briathra so, fuadaichadh air falbh; tha trì nithe ann: Bithidh na h-aingidh air an toirt air falbh gu h-obann, gu h-ainneartach, agus gun eomas eur ‘na aghaidh.
Air tús, Bithidh daoine neo-nuadhaichte air an toirt air falbh gu h-obann, aig a’ bhàs. Chan e gu bheil iad uile dhroch dhaoine a’ faotainn bàis gu h-obann; no gu bheil iad uile aingidh, a tha bàsachadh mar sin: nar leigeadh Dia! Ach (1.) Tha’m bàs gu cumanta teachd orra gun fhis, agus mar sin a’ glacadh greim dhiubh; mar a thàinig an dìle air an t-seann saoghal gun fhis dhoibh, ged fhuair iad rabhadh uimpe fada mu ‘n d’ thàinig i; mar a thig saothair air mnaoi thorraich, le h-obann iongantach, ged a bha i ag amharc air a shon, agus dùil aice ris, I. Tes. v. 4. Glacaidh am bàs iad mar a ni fear-nam-fiach air an fhear a th’ ann am fiacha dha, gu tharrruing gu pròisan, Salm. lv. 15 agus sin ‘nuair nach ‘eil iad air am faicill! Tha ‘m bàs a’ teachd a steach, mar ghaduiche, air an uinneig, agus tha e ‘gam faotainn làn de smuainte cùramach mu nithean na beatha so, a théid am mugha air a’ cheart là sin féin. (2.) Tha ‘m bàs a ghnàth ‘gan glacadh neo-uidheamaichte air a shon: tha ‘n seann tigh a’ tuiteam mu’n cluasan, mu’m bheil tigh eile aca air ‘ulluchadh! ‘Nuair tha ‘m bàs ‘gan tilgeadh a dh’ ionnsuidh an doruis, chan ‘eil ionad aca far an euir iad an einn fodha; mur ann air leabaidh teine agus pronnise! Tha ‘n t-anam agus an corp, mar gu b’ann, a’ fàilteachadh aon a chéile an glacadh a chéile, ‘nuair tha ‘m bàs a’ teachd, cosmhuil ri iom-ghaoith, agus ‘gan dealachadh. (3.) Tha ‘m bàs ‘gan greasadh air falbh ann am mionaid gu sgrios, agus a’ dèanamh atharrachaidh ro uamhasach- ‘S gann a tha fhis aig an duine c’ àit’ am bheil e, “gus ann an ifrinn an tog e suas a shùilean;” Luc. xvi. 23. Tha tuitlean na feirge gu h-obann a’ dol thar anaim! agus, mu ‘m bheil e air ‘fhaicill, tha e air a shlugadh suas anns an t-slochd gun iochdar!
‘San dara àite, Tha ‘n duine neo-nuadhaichte air a thabbhàirt air falbh as an t-saoghal le h-ainneart. Is ainneartach an ni fuadaichadh: Tha e “air a ruagadh a mach as an t-saoghal,” Job xviii. 18. Bu mhiann leis fuireach, nam b’ urrainn e; ach tha ‘m bàs ‘ga shlaodadh air falbh, mar fhear droch-bheirt, chum na
croiche. Cha d’ iarr e cuibhrionn ‘sam bith eile, ach buannachd agus toil-intinn an t-soaghail so; chan ‘eil tuilleadh aige; chan ‘eil e da rireadh ag jarraidh ni eile. Cionnus uime sin a dh’ fheudas e dol a mach as, mur bi e air fhuadachadh?
Ceist. Ach nach feud droch dhúine bhi toileach bàs fhatotainn?
(3.) ‘Nuair a tha iad a’ bruadar mu shonas an dèigh bàis. Feudaidh òighean amaideach, fuidh chumhachd meallaidh, a thaobh an staid, a bhi toileach air bàs fhagail, air dhoibh a bhi gun eagal luidhe sios ann an amhghar. Cia lionmhor iad, nach urrainn steidh Scriobtuir a thoirt air son an dòchais, aig nach ‘eil fathast cuibhrichean ‘nam codal; tha móran air am fuadachadh gu dorchadas ‘nan codal; tha iadsan a’ dol air falbh mar uain; a ‘beucadh mar leòmhain, na’m biodh fios aca c’ àit’ am bheil iad a’ dol! Ged tha ‘n carbad, anns am bheil iad, a’ siubhal gu dian gu doimhneachdan ifrinn; gidheadh chan ‘eil eagal orra, chionn gu bheil iad ‘nan trom chodal.
‘Sam àite mu dheireadh, Tha ‘n duine neo-nuadhaisichte air a thoirt air falbh gun chomas eur ‘na aghaidh. Is éiginn da dol, ged is ann gu goirt an aghaidh a thoile. Cha ghabh am bàs
diúltadh, ‘s chan fhuiling e dàil ‘sam bith; ged nach robh an duine beò leth a làthean, a reir a mheas féin. Mur lub e, brisidh se e. Mur tig e mach, bheir e nuas an tigh m’ a chluasan; oir an sin chan fheud e fuireach. Ged a bhitheas an leighiche a’ euideachadh, càirdein ag osnaich, a bhean ‘sa ehlann a’ gul, agus ged ni an duine uile spàirn a chumail a spioraid, tha ‘anam air iarruidh uaithe; is éiginn da stroichdadh, agus imeachd far nach faic e solus na’s mò.
‘San dara àite, Thugamaid fainear, cia uath a ta iad air am fuadaechadh, agus e’ àite. ‘Nuair tha na h-agingidh a’ faghail bàis, (1.) Tha iad air am fuadaechadh a mach as an t-saoghal so, far an do pheacaich iad, gus an t-saoghal eile, far an éiginn breth a thoirt orra, agus ‘sam faigh iad am binne fa leth, Kabbh. ix. 27. “Tha e air òrduchadh do dhaoibh bàs fhaotainn aon uair, ach ‘na dhéigh so breitheanas.” Cha phill iad tuilleadh gus an talamh ionmhuinn aca. Ged tha ‘n cridheachan ceangailte ri sòlasan talmhaidh, is éiginn doibh am fàgail; ean urrainn doibh ni ‘sam bith a thoirt leò as a so. Cia brònach is éiginn d’ an imeachd a bhí, ‘nuair nach ‘eil ni ‘sam bith aca ‘nan sealladh, cho maith ris na nithibh a dh’ fhàg iad ‘nan déigh? (2.) Tha iad air am fuadaechadh o chomunn nan naomh air thalamh, gu comunn na nuiuntir dite ann an ifrinn! “Fhuair an duine saobhir bàs mar an ceudna, agus dh’ adhlaicceadh e. Agus ann an ifrinn thog e suas a shùilean!” Ciod an treud mór de ghabhair an diabhuil a ta nis am measg caoraich Chriosd! Ach, aig a’ bhàs, “iomáinear iad a mach le luchd-dèanamh an uile,” Salm cxxv. 5. Tha sluagh measgta ‘san t-saoghal so, ach ean ‘eil measgdadh ‘san t-saoghal eile; tha gach euideachd an sin air an eur leò féin. Ged dh’ fhàsas na cealgairean ann an so, mar chogul am measg a’ chruthneachd, spionaich am bàs a nios iad: agus bithidh iad air an ceangal ‘nan trusaichibh air son an teine. (3.) Tha iad air am fuadaechadh a mach o’n aimsir a tha làthair gu siorruidheachd. Fhad ‘sa mhaireas aimsir dhoibh, tha dòchas; ach ‘nuair a dh’ fhalbhas aimsir, falbhaidh gach uile dhòchas leatha, tha ‘n aimsir luach-mhor a nis air a eaitheam
gu struidheil; tha i luidhe eho trom air lámhan mhórain, is gur eiginn doibh iomadh rathad a ghabhail gu a fogradh air falbh. Ach bithibh air bhur faicill o bhi ann an teagamh ciod mar a chaitheas sibh bhur beatha; Cleachdaibh an aimsir a tha làthair air son siorraidheachd, fhad ‘sa mhaireas i dhuibh; oir, mu ‘n tig ach ùine ghoirid, fuadaichidh am bàs uaibh i, agus sibhse uaip-e-sa, air chor is nach coinnich sibh gu bràth a ris. (4.) Tha iad air am fuadachadh a mach o choslas diadhaechd a bha iad a’ gabhail orra bhi aca. Tha ‘m bàs ‘gan rùsgadh d’ an eulaidhibh dealraich do dh’ aidmheil sgiamaich, leis an robh cuid diubh air an sgeudachadh; agus tionndaidhaidh e iad air falbh o’n àite-cluiche, ann an luideagan droch eridhe agus droch chaithe-beatha. Tha ‘m focal cealgair a’ ciallachadh gu eart fear-ionaid cluiche, a tha taisbeanadh a bhí an ni ann am firinn nach ‘eil e. ‘Se ‘n saoghal so an t-ionad cluiche, air am bheil clann so an diabhuil ‘gan eur féin an riochd clann Dhe. ‘Se ‘n coslas diadhaechd còta an fhir-cluiche, fo ‘n èiginn do neach ambare, a bheir breth cheart orra. A nis tha ‘m bàs ‘gan tionndadh a mach as an còta, agus an sin tha iad a’ taisbeanadh ‘nan trusgain féin; bheir e am brat-foluich dhiubh, agus bheir e air falbh an sgàile bréige dhiubh. Chan ‘eil neach anns an t-saoghal eile, a ta gabhail orra bhi na’s fearr na da rìreadh a tha iad. Oibrichidh nàdur truaillich ann an tìr na h-uamhais, gun bhacadh agus gun sgàil na ceilge. ‘San àite mu dheireadh, Tha iad air am fuadachadh air falbh o uile mheadhonnan nan gràs; agus tha iad air an eur an taobh thall de ‘n eirich, gu tur an taobh a mach do an h-uile dùil ri tròcair. Chan ‘eil cothrom tuilleadh a’ cheannach ola air son an lòchrain; chaidh e as aig a’ bhàs, agus chan fheadh e bhi air a shoillseachadh tuilleadh. Fendaidh taigsean tròcair agus sìth a bhi, an déigh dhoibhsan falbh; ach tha iad sin de mhuinntir eile, chan ann doibh-san; chan ‘eil an leithide sin de thaigsean ‘san àite gus am bheil iad air am fuadachadh: Tha na taigsean sin a mhàin air an toirt anns an àite o ‘m bheil iad air am fuadachadh air falbh.
Ri leantuinm.