AN STAID SHIORRUIDH: NO, STAID SONAIS,
NO TRUAIGHE IOMLAN.
Mu Bhàs.
(Air a leantuinn bho t.d., p. 316.)
“Oir a ta fhios agam gu ‘n toir thu mi gu bàs, agus a chum an tighe a dh’ òrduicheadh do gach uile bheò.”—Iob xxx. 23.
‘San àite mu dheireadh, O bithibh fo churam mu mhùintir eile gu h-àraid m’ur luchd-dàimh, chum nach buanaich iad ‘nan staid pheacach nàdurra, ach gu ‘m bi iad air an toirt gu staid
sláinte; air eagal gu bi iad air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheadh aig a’ bhàs. Ciod nach dèanadh sibh a chumail bhur càirdean o bhàs obann agus ainneartach? Ach, mo thruaighe! nach ‘eil sibh ‘gam faicinn an cunnart a bhi air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheadh? Nach ‘eil am bas a’ tarruing dlùth dhoibh, eadhon do ‘n chuid as òige dhiubh? Agus nach ‘eil iad ‘nan coigrich do fhìor dhiadhachd, a’ mairsinn anns an staid sin anns an d’ thàinig iad do ‘n t-saoghal? O! dèanaibh cabbag air an aithinne spionadh as an teine, mu ‘m bi i air a losgadh gu luathre! Tha bàs luchd-dàimh gu tric a’ fàgail gath ann an cridheachan na muinntir a dh’fhàg iad ‘nan déigh, a chionn nach d’rinn iad air son an anama marbh cothrom aca; agus gu bheil a nis an cothrom air an thoirt gu bràth as an làmhan.
Chunnaic sinn taobh dorcha an neòil ag amharc ris na daoine an-diadhaidh, ‘nan dol a mach as an t-saoghal: Gabhamaid a nis beachd air an taobh shoilleir dheth, a’ dealradh air na daoine diadhaidh, mar a tha iadsan a’ dol a steach d’ n staid shiorruidh. Ann an labhairt mu ‘n earrann so; daingnichidh mi an teagasg so; freagraidh mi nì a ta air a chur ‘na aghaidh; agus an sin ni mi cleachdamh iomchuidh air an iomlan.
Chum Daingneachadh, Biodh e air a thoirt fainear, ged tha a bhi dol a mach as an t-saoghal so le bàs, ‘na shealladh eagallach do dhaoine bàsmhor: agus ged tha teachd geàrr anns a’ bhàs a’ tarruing truaighe eagallach ‘na chois; Gidheadh ni na nithean a leanas staid nan naomh ‘nam bàs, sona agus dòchasach.
Air tús, Tha fior charaid maith aca rompa ‘san t-saoghal eile; ‘Se Iosa Criosd, an caraid as fearr, Tighearn an fhearainn sin gus am bheil am bàs ‘gan giùlan. ‘Nuair a chuir Ioseph fios air ‘athair, teachd a nuas d’ a ionnsuidh do ‘n Eiphit, ag innseadh dha gu’n d’rinn Dia e ‘na uachdaran air an Eiphit uile! agus a chunnaic Iacob na carbadan a chuir Ioseph g’ a ghiùlan dh’ ath-bheothaich spiorad Iacoib; rùnaich e gu suilbhir dol air an turus, Gen. xlv. 9, 27. Tha mi smuaineachadh, ‘nuair a tha ‘n
Tighearn a’ gairm duine diadhaidh a mach as an t-saoghal so, gu bheil e cur a leithid de nuaidheadh d’a ionnsuidh, agus a leithid de chuireadh caoimheil do ‘n t-saoghal eile, is nam bitheadh creidimh aige gu chreidsinn, gur éiginn d’a spiorad ath-bheothachadh, ‘nuair a chi e carbad a’ bhàis, a ta teachd gu ghiùlan an sin. Is fior, gun amharus, gu bheil deuchainn chudthromach aige ri dhol troimhe! “An déigh bàis, am breitheanas!” Ach tha staid nan daoine diadhaidh gu h-uile dòchasach oir is e Tighearn am fearainn am fear-pòsda, agus is e ‘m fear-pòsda am Breitheamh: “Thug an t-Athair gach uile bhreitheanas do ‘n Mhac.” Eoin v. 22. Agus gu cinnteach tha staid na mnà dòchasach, ‘nuair is e fear-pòsda féin a breitheamh: eadhon a leithid a dh’fhear pòsda as leis am fuath cur air falbh. Chan ‘eil fear-pòsda ‘sam bith eòlach agus eòlach r’a chèile, ‘s a tha ‘n Tighearn Iosa Criosd r’ a chéile-san. Shaoileadh neach, gu ‘m bu ro ole am fearann do nach rachadh bean gu toileach, far an e a fear-pòsda is uachdaran agus is breitheamh ann. Thuilleadh air so, Is e am Breitheamh am Fear-tagraidh, 1 Eoin ii. 1. “Tha fear-tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Criosd am firean.” Agus, uime sin, cha ruig iad a leas eagal a bhi orra gu ‘n cuirear air an ais iad, agus gu ‘n tuit iad ann an diteadh. Ciod a dh’fhendas a bhi ni ‘s fabhoraiche air an son? An urrainn doibh smuaineachadh, gu ‘n toir esan a tha tagradh an eùise, binn a mach ‘nan aghaidh? Gidheach, a thuilleadh air so, is e ‘m Fear-tagraidh am Fear-saoraidh; tha iad air an saoradh le fuil luachmhoir Chriosd, 1 Phead. i. 18,19. Mar sin ‘nuair tha e tagradh air an son, tha e tagradh ‘aobhair féin. Ged dh’ fheudas fear-tagraidh a bhi neo-chùramach mu chòir an tì a bheir gnòthuch dhà r’a dhèanamh, gu cinnteach ni e na dh’ fheudas e a dhion a chòrach féin, a cheannaich e le airgiod; agus nach dion am Fear-tagraidh aca-san ceannach ‘fhola féin? Ach a thuilleadh air sin uile, is e ‘m Fear-saoraidh an ceann, agus is iadsan a bhuill, Eph. v. 23, 30. Ged a bhiodh aon cho-socharach is gu ‘n leigeadh e as d’a cheannach féin, gun seasadh suas gu chòir a’ dhion; gidheadh gu cinnteach, cha dealaich e ri ball d’a chorp
féin. Nach ‘eil air an aobhar sin an staid-san dòchasach ann am bàs, a ta cho dlùth so air an ceangal agus ann an dàimh ri Tighearn an t-saoghail eile, “aig am bheil iuchraiche ifrinn agus a’ bhàis?”
Air a leantainn.