Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1947 » July 1947 » An Camadh ‘s a’ Chrannchur: “Smuainich air obsair Dhé; oir eo is urrainn an ni sin a dheanamh direach a rinn e-san càm ?”—Eccles. vii. 13

An Camadh ‘s a’ Chrannchur: “Smuainich air obsair Dhé; oir eo is urrainn an ni sin a dheanamh direach a rinn e-san càm ?”—Eccles. vii. 13

Le TOMAS BOSTON.

Tha beachd cothromach a’ ghabhail de fheasdaibh àmhgharach ro fheumail chum neach a thoirt gu giúlan air mhodh Criosduidh fodhpa; agus is ann a mhàin a réir creidimh, agus cha’n ann a réir seallaidh, a tha a’ bheachd sin r’a fhaotuinn. Oir, is e solus an fhocail a mhàin a tha ‘g am foillseachadh gu cothromach, a’ nochdadh obair Dhé annta, agus rùnntean, freagarrach do’n iomlanachd neamhaidh. ‘Nuair a bheir neach fainear, agus a ghabhas e beachd iomchuidh de na nithe so le sùil a’ chreidimh, tha sealladh cothromach aige de na freasdaibh àmhgharach, a tha freagarrach chum gluasad an buaireasach nan aignidhean truailidh a chasg fo choslasaibh dubhach bho’n leth a mach.

‘S ann fo’n bheachd so tha Solamh ann an toiseach a’ chaibdeil so, ag ainmeachadh iomadh ni eug-samhull, a tha ‘n an co-dhunaidhean iongantach air taobh nithibh àraidh, a tha ‘g ambare uamharraidh agus gruamach, do shuilean fhaireachaidh, agus uime sin gu coiteachon air am meas doilghiosach agus òillteil: tha e cur an cèill “gur fearr latha bàis no latha breith neach”; eachdon, latha bàis neach, a thàinig gu bhi ‘na charaid do Dhia tre chreidimh, agus a chaith a bheatha chum onpìr Dhé, agus math a ghinealaich; agus le sin a thog e féin suas gus an deadh ainn taitneach sin, “is fearr na ola ungaidh luachmhòr,” rann 1. Air an doigh cheudna, tha e cur an cèill gur fearr “tigh a’ bhròin na tigh na cuirme, doilgheas na gùire, agus achmasan duine glic na òran amàdana”; oir ged is e ‘n aon mu dheireadh is ro thaitniche, gidheadh ‘s e a’ cheud aon is ro tharbhach, rann 2—5. Agus thug e fainear le cùram, cionnas a tha daoine ann an cunnart, cha’n e a mhàin bho ghruaim agus bho dhroch làimhseachadh an t-saoghail “gu’n cur foirneart duine glic air a chaothach,” ach mar an ceudna bho fhaolite agus bho bheadradh an t-saoghail, “gu’m mill tòdhlacadh an cridhe”; uime sin, a chionn gu bheil cunnart air gach làimh, tha e cur an cèill “gur fearr deireadh gach ni” saoghalta “na ‘toiseach,” rann 7, 8. Agus bho’n iomlan tha e a’ co-dhunadh gu cothromach, gur fearr a bhi írosal agus foighidneach, na bhi àrdanach agus mi-fhoighidneach fo làimh smachdachaidh Dhé; a chionn, aans a’ cheud chor, gu bheil neach gu glic ùmhal do’n ni sin da rireadh a’s feàrr; agus anns a’ chor mu dheireadh, gu bheil e’ cathachadh ‘n a aghaidh, rann 8. Agus tha e ‘g ar comhairleachadh gu’n bhi mi-thoilichte le ar crànnchur, air son na trioblaid a ta ann, rann 9; tha e a’ toirt ràbhadh gu’n bhi gu mi-runach a’ coimeasachadh nan àmanna a chaidh seachd ris na h-àmannaibh a tha làthair, agus mur sin a’ cur iomchair mi-ìomchuidh as leth freasdal Dhé, rann 10. Agus an aghaidh na càil fhriosachaich agus ghearaichaich sin, tha e air tùs a’ seòladh iocslaint choiteachon, eachdon glòicas naomh, mar an ni a ni neach comasach gus a chuid a ‘s feàrr a dheanamh do na h-uile ni, agus a bheir beatha eachdon ann an cùisibh claoidhteach, rann 11, 12. Agus a rithist iocslaint shònruichte, a ta a’ co-sheasamh ann an cleachdadh iomchuidh a dheanamh do’n ghloicas sin a chum beachd chothromach a’ ghabhail do’n chùis, “Smuainich air obair Dhé: oir có is urrainn an ni sin a dheanamh direach a rinn esan càm ?” Anns na briathraibh sin tha air an sònraichadh, 1.

An iochlainnt féin.

Is i ‘n iochlainnt féin, a bhi beachdachadh gu glic air lámh Dhé anns gach ni a mhothaicheas sinn a’ teachd cruaidh oirnn; “Smuainich air obair Dhé, no am bheil thu faicinn a lámh-sa,” anns a’ chuid is caime, is gairbhe, agus is mi-thaitniche de d’ crannchur, eadhon, anns na trioblaidibh a tha còmhlachadh riut ann. ‘S math a tha thu a’ faicinn na crois féin; seadh, tha thu ‘g a tionndadh thairis ann a’ d’ intinn, agus air do shocair a’ beachdachadh oirre air gach taobh; mar an ceudna, tha thu ‘g amharc air an ni so agus air an ni ud eile mar an dara aobhar aice, agus mar sin tha thu ann an corruich agus ann an mi-shuaimhneas; ach, nam b’áill leatsa bhi aig fois agus air do riarachadh mu’n chùis, tog suas do shùilean ri nèamh, agus faic gur e gnìomh lámh Dhé a ta ann. Amhairc air sin, agus thoir fainear e gu ceart; beachdaich air mathair-aobhair a chamaidh a th’ann do crannchur, agus faic gur e obair Dhé a ta ann, agus gur ann uaithe-sa a ta e ‘S an dara aite. A thaoibh iomchuidheachd na h-iochlainnt so, tha a’ bheachd sin de na camadh ‘n ar crannchur ro fhreagarrach chum tograidheam mi-chiatach a’ chridhe a chuir sàmhach agus gu sinne’ dheanamh tosach fodha: “Oir cò is urrainn (is e sin, cha’n urrainn a h-aon) an ni sin a dheanamh dìreach a rinn Dia càm? A thaoibh a’ chamaidh‘nad chrannchur, ‘s e Dia a rinn e; agus feumaidh e mairsinn am feadh is àill leis-sa. Ged a chleachdadh tu t-uile neart chum a dheanamh còmhnaid, no dìreach, bithidh t’oidheirp diomhain; ‘cha dirich e a dh’aideoin na’s urrainn thusa’ dheanamh; oir is esan a mhàin a rinn e is urrainn a leasachadh no dheanamh dìreach. Tha a’ bheachd agus an sealladh so do’n chùis, ‘n a mheadhon iomchuidh, chum daoine a riarachadh agus an cuir ‘n an tosó còmhladh, agus gu’n toirt chum striochdadh gu h-ùmhal do ‘n Cruithear agus do’n Uachdaran fo’n camadh crannchuir. A nis, gabhaidh sinn brìgh a’ bhùinn teagaisg anns na trì cinn theagaisg so. I. Ciod air bith camadh a th’ann an crannchur neach, ‘s ann de dheanamh Dhé a tha e. II. An ni a tha Dia a’ faicinn iomchuidh a chamaidh ann ar crannchur, cha’n urrainn sinn a dhreadh. III. Tha beachd a’ gabhail air a’ chamadh ‘s a’ crannchur mar obair Dhé, no de dheanamh-sa ‘n a mheadhon iomchuidh chum neach a thoirt gu gulan mar Chriosduidh fodha.

TEAGASG. I.—Ciod air bith camadh a th’ann an crannchur neach, ‘s ann de dheanamh Dhé a tha e.

An so tha dà ni ri thoirt fainear, eadhon, an camadh féin, agus gur ann de dheanamh Dhé a ta e.

I. A thaoibh a’ chamaidh féin, agus chum gur ann is fearr a thuigear e, tha na nithe so a leanas air an toirt fainear:

  1. Tha cùrsa àraidh de fhrasdalaiabh tre riaghladh Dhé a’ tachairt ann an bheatha gach aon againne ‘s an t-saoghal: Agus is e sin ar crannchur, a th’air a chur air leth dhuinne le Dia, ar Cruithear agus ar n-Ard-uachdaran, aig am bheil ar n-anail ‘n cùrsa so de fhrasdalaiabh ag eadar-dhealachadh gu mòr ann an crannchur an t-sluagh, a réir toil agus gean-math an Ard-riaghlaire, a tha ‘g orduchadh crannchuir dhaoinne anns an t-saoghal air iomadh doigh, ag ardachadh cuid, agus ag isleachadh cuid eile.
  2. Anns a’ chùrsa sin de fhrasdalaiabh, tha cuid dhiubh a’ tionndadh a’ mach an aghaidh ar gné agus ar càil; agus is iad sin a tha’ deanamh a’ chamaidh ‘n ar crannchur. Am feadh a tha sinn ‘s an t-saoghal bithidh freasdalann garbha, cho math ri freasdalaiabh nìne ann ar cor agus ann ar crannchur.

Air uairbh tha nithe a’ dol air an aghaidh gu réidh taitneach; ach an ùine ghoirid, tha freasdal eile ag atharrachadh a’ chùrsa sin, a tha ‘n a phian agus ‘n a chràdh dhuiinn, mar gu’n toireamaid ceum docharrach a bheireadh oirnn imeachd bacach.
3. Tha camadh air chòr-eiginn ann an crannchur gach neach a th’anns an t-saoghal so. Tha luchd-gearrain ullamh air a bhi a’ coimeas gu graineil aon ni ri ni eile; oir tha iad ag amharc mu’n cuairt agus a’ gabhail beachd farsuinn de chor muintir eile, ‘s cha ‘n ‘eil iad a’ faicinn ni ‘sam bith ann ach ni a tha direach, agus ceart a réir càil neach: mar sin tha iad a’ cur an céill gu bheil crannchur an coimhearsnaich gu h-iomlan direach. Ach is breith mhearachdach sin; oir cha’n ‘eil iomlanaich anns a’ bheatha so, no chrannchur fo fhlaitheanas gun chrois. Oir, “na h-uile oibre fo ‘n ghrein, feuch, is diomhanas iad uile, agus buaireadh spioraid. An ni a ta càm, cha ghabh e’ deanamh direach,” Ecel. i. 14, 15. Co shaolaidh nach robh crannchur Haman gle dhìreach am feadh a bha ‘theaghlach a’ cinneachdaimn, agus e féin a’ soirbheachadh ann an saoibhreas, agus ann an urram, air dha bhi ‘n a Phriomh-uachdaran ann an cùirt Phersia, agus mòr ann an sealladh an Righ? Gidheadh, aig a’ cheart àm, bha camadh ‘n a chrannchur, a chràdh e cho mòr, “s nach deanadh so uile a bheag de mhath dha.” Est. v. 13. Mothaichidh gach neach c’èil’ am bheil e féin air a theannachadh, ged nach tuig cach e. Cha’n ‘eil crannchur neach air bith ‘s an t-saoghal so gu h-uile càm; tha an còmhnuidh ni-eiginn còmhnaidh agus direach ann. Gu cinnteach, an uair a lasas fearg dhaoinne, ‘s a bheir i ceò air an imtinn, tha iad ullamh gu ràdh, gu bheil na h-uile ni celi aca-sam ‘s nach ‘eil nì sam bith ceart maille riu. Ach ged tha, agus ged bhitheas gu siorruidh, an sgeula sin fior ann an ifrinn, gidheadh cha’n ‘eil e fior gu brath ‘s an t-saoghal so: oir gu cinnteach cha ‘n ‘eil aon bhoimne do shòlas air a dheònachadh ann an “ifrinn.” Luc. xvi. 25. Ach ‘s an t-saoghal so tha e ‘n còmhnuidh ‘n a ni cìnteach gur “ann do thròcairbh an Tighearna nach ‘eil sinn air ar caithheadh.” Tuir. iii. 22, 24. Thàig an camadh ‘s a’ chrannchur chum an t-saoghail tre’n pheacadh; ‘s e an tuiteam a rinn an camadh. Rom. v. 12. “Thàinig peacadh a steach do’n t-saoghal tre aon duinte, agus bàs tre ‘n pheacadh, agus tha’n camadh ‘s a’ chrannchur air a’ ghabhail a steach fo’n bhàs sin, mar a ta staid shòlaire no shòirbheachaidh; air a cur an céill ann an cainnt an sgiobtuir, le bhi beò. I. Sam. xxv. 6; Eoin iv. 50, 51. Chròm am peacadh cridheachan agus intinne dhaoinne, ‘nuair a thàinig iad gu bhi càm a thaobh an lagh naomha; agus ann an ceartas chròm Dia an crannchur, air dhòigh ‘s gu’n d’thàinig e gu bhi cam mar an ceudna. Agus tha’n camadh so ann ar crannchur gu neo-sgarail a’ leantuin ar cor peach, gus an cur sinn dhinn corp a’ pheacaidh agus a’ bhàis so, agus gus am faigh sin an taobh a steach de gheata nam flaitheanais.

Chum na nithe so a mhìneachadh, tha’n camadh ‘s a’ chrannchur gu coiteichonn a’ cur an céill dà ni. 1. Amhghar. 2. Mairsinneachd. A réir sin tha e deanamh lè an amhghair fa chomhair lè an t-soirbheachaidh ‘s an rann air ball an deigh a’ bhùinn theagaisg.

Air tus.

‘S e an camadh ‘s a chrannchur, earrann air chor-eiginn dhe thrioblaid. Is e an earrann a tha réidh agus direach dhe ‘n chrannchur a’ chuid sin a tha soirbheachadh, agus a’ dol air aghaidh a réir miann neach; agus is e am mìr a tha càm dheth, a’ chuid sin a tha càlg-dhireach an aghaidh sin. Choimheasg Dia an dà ni so a’pn an crannchur dhaoinne ‘s an t-saoghal so; chum mar a tha ni-eiginn de shoirbheachadh ann, a tha deanamh a chùrsa dhìrich, mar sin gu bheil mar an ceudna ni-eiginn de thrioblaid ann, a tha deanamh a’ chamaidh. Cha’n e a mhàin gu bheil an coi-mheasg so ann an crannchur nan naomh, d’am bheil e air innse, “anns an t-saoghal gu’n bi amhghar aca,” ach mar an ceudna tha e ann an crannchur nan uile dhaoinne, mar chaidh a thoirt fainear cheana. ‘S an dara àite. Is amhghar e a mhaireas ré seal. Cha mheas sinne mar ni càm, ni sam bith a rachadh a chromadh ‘s a lùbadh ri cheile le ainnear, ma’s e ‘s gu’n direadh e air bàll mar bha e roimhe. Tha sgiursaidhean geur ann de’n t-slaot smachdachaidh, a theid mar speach troimh ciatheach neach, agus air bàll tha na h-uile ni ceart a rithist; feudaidh crannchur neach a bhi air a dhorchadh gu h-obann, agus a’ ghruaim falbh mu’n toir e’n aire. Ach fo’n chamadh, air do neach uime bhi aige chum a chràdh a mhothachadh, tha e ann an an-fhios chum an camadh fhòtuinn air a dhireadh; mar sin is amhghar an camadh crannchur a mhaireas re uime àraidh.

(Ri leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Enter in at the straight gate 17 May 2026
  • Zeal of thine house 17 May 2026
  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice