Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1947 » August 1947 » An Camadh ‘s a’ Chrannchur

An Camadh ‘s a’ Chrannchur

Le TOMAS BOSTON.

“Smuainich air obair Dhé; oir co is urrainn an ni sin a dheanamh
direach a rinn e-san càm?”—Eccles. vii. 13.

(Air a leantuininn bho t.-d. 54.)

A nis tha camadh crannchuir tri-filte buailteach do chloinn nan daoine. 1. Tha camadh a nithear le freasdalaibh tarsuing, ge b’eo cho goirid ‘s a mhaireas e, a dh’fhágas cràdh buan ‘na dheigh. Rinn aniochd Heroid a leithid sin a chamaidh ann an crannchur nam màthraichean ann am Bethlehem, dream a dh’fhagadh leis na mortairibh “a’ caoineadh an cloinne chaidh a mharbhadh, agus cha b’ail leo sólas a’ ghabhail a chionn nach ‘eil iad beò;” Mata. ii. 18. ‘S goirid a bhiteas neach a’ toirt cèum tuisleach, a bheir air imeachd bacach fad a là ‘n a dheigh. “Mar iasg a ghlaear ann an droch lion—is ann mar sin a ribear clann nan daoine ann an droch àm;” Ecl. ix. 12. Feudaidh ni tuiteam a mach ann an tiota a dh’fhágas neach bacach gus an teid e do’n uaigh.

  1. Tha camadh air dheanamh le iomadh cùrsa de freasdalaibh tarsuine, a ta ‘leantuininn gu dlù an deigh a cheile, co dhiubh a tha iad de ‘n aon ghné, no nach ‘eil a dh’fhágas cràdh buan nan deigh. Mar, ann an cuis loib, an uair a bha aon teachdaire le droch naigheachd “fathast a’ labhart, thàinig fear eile,” Iob. i. 16, 17, 18. Ni freasdalan tarsuine a’ teachd muin air muin, “doimhne a’ gairm air doimhne,” camadh ro-chràiteach. Anns a chor sin, tha an neach a tha fo àmhghair coslach ri neach a bheireadh a chos deth aon mhìr do thalamh fàs, agus a chuireadh i air mìr eile cheart cho fàs, a dh’fhàilnicheadh air ball fodha mar an ceudna; no coslach ri neach a bhiteadh air aineol ann an dûthaich bheanntan, agus an deigh dha, le mòr spàirn, dol thar aon bheinn, tha e ‘n duil gu’m faic e an dûthaich chòmhàrn air an taobh eile, ach an àite sin, ‘s ann a tha beinn an deigh beinne a’ teachd ‘s an fhradharc air am feum e dol thairis. Theab an camadh so ann an crannchur Asaiph a

thoirt air adhiadhachd uile a’ leigeadh dheth, “gus an deachaidh e steach do’n ionad-naomh,” far’n do mhinicheadh rùn-diomhair so freasdaill dha; Salm lxxiii. 13-17. Tha Solamh a’ toirt fainear “Gu bheil fireana ann d’an tachair a réir oibre nan aingidh,” Ecl. viii. 14. Tha freasdaill a’ tionndadh ‘n an aghaidh, mar gu’m biodh iad gu bhi air an tilgeadh sios gu tur; co sam bith iad do nach ‘eil cèum éiginn de’m beatha a’ toirt fiosrachaidh air an ni so, ‘s cinnteach nach do sheachainn Ioseph eòlas fhaotuinn air ann an aois òige, no Jacob ‘n a aois mheadhonach;—no Peadar ‘n a shean aois, Eoin xxi. 18, no ar Slanuighear rè a laithean uile. 3. Tha camadh air a dheanamh le freasdaill tarsuine, le cràdh mairsinneach ‘g a leantuinn a’ teachd an àit aon eile a thugadh air falbh. Uime sin, ged rachadh aon chamadh a dhireadh tha aon eile air a dheanamh ‘n a àite: agus mar sin tha’n camadh a’ mairsinn an comhnuidh. B ‘e a bhi bhi dh’easbhuidh cloinne an camadh a bha rè ùine fhada ann an crannchur Rachel, Gen. xxx. 1, ach mu dheireadh chaidh an camadh sin a dhireadh a réir a mian; gidheadh an deigh sin fhuair i aon eile ‘n a àite, eadhon cruaidh shaothair-chloinne, caib. xxxv. 16. Is fàsach an saoghal so anns am feud sinn gu cinnteach ar crannchur fhaotuinn air atharrachadh; ach cha bhi anns an imrich ach bho aon àite fàsail eile. ‘Nuair a ta aon earrann de’n crannchur air a dhireadh, theagamh gu’m bi earrann air chor-eiginn eile dheth càm.

Ni ‘s ro shònruchte, tha ceithir nithe anns a chamadh crannchuir a tha de naduir càm.

  1. Neo-fhreagarrachd. An ni a tha càm tha e fìar; agus an uair a chuirear riaghailte ris, cha fhreagair e dh’i. A thaobh toil agus rùin Dhé, cha ‘n ‘eil a leithid a ni agus camadh ann an crannchur neach air bith. Gabh am freasdaill as reasgaiche agus is gruamaiche a th’ann an crannchur neach agus cuir e ris an òrdugh shiorruidh a rinneadh ann an doimhne ‘ghliocais neo-chriochnaichte, mu’n robh an saoghal ann, agus freagarraidh e dha as éugmhais a’ chlaonaidh is lugha, “oir a ta e ‘g oibreachadh nan uile nithe réir comhairle a thoile fein,” Eph. i. 11. Càrich e ri toil freasdaill Dé, ann an uachdranachd an t-saoghal, agus lán chordaich iad ri cheile. Ma bha Pòl gu bhi air a cheangal ann an Ierusalem, agus “gu bhi air a thoirt thairis do làmhaibh nan Cinneach,” b’e “toil an Tighearn” a’ chùis a bhi mar sin, Gnìomh xxi. 11, 14. Uime sin, tha an camadh crannchuir is mò a th’air thalamh dhreach air neamh; cha’n ‘eil neo-fhreagarrachd air bith ann an sin. Ach tha camadh ann an crannchur nan uile a thaobh an càil agus an tograidhean nadurrach féin. Tha am freasdaill àmhgharach calg-dhireach an aghaidh na riaghailte sin, agus cha fhreagair e dh’i, ‘s cha chòird e rithe air chor sam bith. ‘Nuair a chàireas freasdaill Dé an dara h-aon ris an aon eile, tha neo-fhreagarrachd fhollaiseach eatorra. Tha toil an duine a’ dol aon rathad agus riaghailt an fheadail a’ dol rathad eile; tha ‘n toil aig aomadh suas, agus na freasdaillan tarsuinn a’ cromadh sios; mar sin tha iad calg-dhireach an aghaidh a cheile; agus ‘s ann an sin, agus an sin a mhàin, a tha an camadh na luidh. ‘S e an neo-fhreagarrachd so a tha deanamh a’ chamaidh ‘s a crannchur ‘n a mheadhon iomchuidh chum ar dearbhadh agus ar cronachadh, rè àm ar deuchainn. Ma ‘s aill leat a bhi taitneach do Dhia ‘s an ni so; ag imeachd a réir creidimh, agus cha’n ann a réir creidimh, agus cha’n ann a réir seallaidh, feumaidh tu thu féin a dheanamh réidh ri toil agus ri rùn Dé, agus gu ‘n bhi de’n bharail gu’m bù chòir an ni a bhi a réir do thoil-sa, Iob. xxxiv. 23.

  2. Duaichnidheachd. Tha nithe cama mi-thaitneach do’n t-sùil; agus cha mheasar camadh air bith ‘s a’ chrannchur sòlasach, ach doilgheasach, agus gle dhuaichnidh do’n t-sealladh, Eabh. xii. 11. Uime sin, cha b’ùilear do dhaoinibh a bhi air am faicill chum an intinnean a shuidheachadh air a’ chamadh ‘n an crannchur, agus gu’n a chumail ionmadaidh ‘n am beachd. Tha Daibhidh a’ nochdadh deuchainn chronail de’n ghné so bho fhiosrachadh féin, Salm xxxix. 3. “Nuair a bha mi a’ beachd-smuaineachadh, las an teine.” Rinn Iacob a’ chuid bu ghlice, dh’ainnich e ‘mhac a b’oige Beniamin, is e sin ri ràdh, mac na deas-làimh, neach a dh’ainnich a mháthair, ‘nuair a bha, h-anam a’ dealachadh rithe Ben-òni, is e sin ri ràdh, mac mo dhoilgheis; chum leis a so dheanamh, nach biodh an camadh ‘n a chrannchur air a thoirt as ùr gu ‘chuimhne, na h-uile uair a ghaireadh e ainn a mhic. Gu’n amharus feudaidh an Criosduidh gu tearuinte beachd seasmhach agus socraich a’ ghabhail de’n chamadh ‘n a chrannchur ann an solus an fhocail naoimh, a tha ‘g a chur an cèill mar smachdachadh a’ chumhnait. Mar sin foillsichidh an creidimh taitneas diomhair anns a’ chamadh, fo choslas gle dhuaichnidh bho’n leth a mach; a’ taisbeanadh eòc freagarrach ‘s a ta e do mhaitheas, do ghaol, agus do ghliocas neo-chriochnach Dhé, agus do fhor bhuannachd an neach a ta fo’n t-sliat smachdachaidh; leis a so tha aon a’ teachd-gu tlachd a ghabhail, agus sin fior thlachd ann an trioblaid, II. Cor. xii. 10. Ach ciod air bith mar a tha’n camadh ‘s a’ chrannchur do shuil a’ chreidimh, cha’n ‘eil e idir taitneach do shuil an fhaireachaidh.

  3. Neo-chomas imeachd. Tha Solamh a’ toirt an aire do ‘n aobhar a tha toirt air a’ bhacach a bhi cho cearbach agus cho an-shorach ‘n a thriall, Gnàth. xxvi. 7. “Cha’n ionann cosan a bhacach.” Iadsan a tha’air an cleachdadh ris a’ chamadh ‘n an crannchur, mhothaich iad an an-shocair so; tha spiorad àrdanach agus crannchur ìosal trioblaideach, ‘na dheuchainn chruaidh do’n Chriosduidh ‘na thriall, cha’n ‘eil ni sam bith is luaithe a bheir rathad do’n bhuaireadh no an camadh ‘s a’ chrannchur; no ni sam bith ni’s ullamh gu neach a thionndadh as an t-slighe.” Uime sin, deir an t-Abstol, Eabh. xii. 13, “Deanaibh cos-cheuma dreach do ‘ur cosaibh, air eagal gu’m bi an ni si n a ta bacach air a thionndadh as an t-slighe.” Air an aobhar sin, an àite iadsan a th’ann an àmhghar a chronachadh gu searbh, ‘s ann bu chòir dhuinn truas a ghabhail diubh; gidheadh is teare iad a dh’fhòghlumas an leasan so, gus an teagaigis am féin-fhiosrachadh iad. ‘S fada bho’n thug lob aire, anns a chùis so, de ni a ta fior gus an latha’n diugh, Iob xii. 5. “Mar lochran fo thàir ann an smuaintibh an ti a ta aig fois, bithidh esan a bhios ullamh gu sleamhnachadh le ‘chois.”

  4. “Càil gu greim a ghlacadh agus gu ribeadh, mar dhubhnaibh, eadhon mar dhubhnaibh-iasgaich,” Amos iv. 2. Tha’n camadh ‘s a’ chrannchur cho ro-ullamh gu truailleachd agus mi-shuaimeas intinn a dhusgadh, ann an spiorad neach, ‘s bu bheil Sàtan ‘ga ghnàthachadh gu dichiollach chum na criche cumnartaich sin: Agus ma bhuaireasach am buaireadar aon uair a’ phùine sin; gheibh an neach a bhuairear, mu’n urrainn dha bhi air fhaicill, e féin air a ribeadh mar ann an dris, as nach bi fios aige cia mar lasaicheas se e féin. Fo na bhuaireadh sin tha’n camadh gu tric coslach ri bata càm a’ cur troimh cheile lochan balbh; ni cha’n e a mhàin a dhuisgeas a nios lathach ‘n a mheasg uile, ach mar an ceudna a bheir a nios bho ‘n ghrund cuid a nithe ro-ghrànda. Mar so thog e gné de thoibheum agus de mhi-chreideas mu Dhia ann an cor Asaiph, Salm lxxiii.

  5. “Da rìreadh gu diomhain ghlàn mi mo chridhe, agus nigh mi mo làmhan ‘an neo-chiontas.” Mar gu’n abradh e, Cha’n ‘eil ni sam bith ‘s an diadhachd, is ni diomhain agus falamh i, anns nach ‘eil tairbhe sam bith; bu mhise an t-amadan a bh’aig a leithid de shaothair mu ghloine agus mu naomhachd, aon chuid eridhe no bheatha. Och! an e so Asaph diadhaidh? Cia mar thionndadh e cho tur neo-choslaich ris féin? Ach is e ‘n camadh ‘s a’ chrannechur am meadhon, leis am bheil am buaireadair a’ leigeadh ris mòran de thruailleachd uaigneach; eadhon anns a’ mhuiintir is fearr.

‘S e so nàdur a’ chamaidh ‘s a’ chrannechur. Thugamaid a nis fainear ciod an earrann de’n chrannechur anns am bheil e tachairt.

Gu coitchionn feudaidh tri co’dhunaidhean a bhi air an suidheachadh air a’ cheann so.

  1. Feudaidh e tachairt ann an earrann air bith de’n chrannechur; cha’n ‘eil earrann air bith saor; oir, air do’n pheacadh a bhi air fhaotuinn anns gach earrann, feudaidh an camadh tachairt ann an earrainn air bith. “Tha sinn uile mar ni truaillich, agus tha sinn uile air seargadh mar dhuilleach.” Isa. lxiv. 6. Tha prìomh shruth a’ pheacaidh, a tha’n camadh gu h-ealamh a’ a’ leantuinn, a’ ruith ann an cladhanaibh gle eadar-dhealaichte, ann an cor muinntir fa leth. Agus a thaobh càil eadar-dhealaichte intinnean dhaoine, feudaidh an ni fo’n siùbhail neach eile gle eutrom, a bhi ‘n a eallach throm dhomhsa.

  2. Feudaidh an camadh tachairt ann an iomadh earrann de’n chrannechur cómhladh, an Tighearna gairm, mar air là suidichte, uanhasan neach air gach taobh, Tuir. ii. 22. Air’ uairibh tha Dia a’ deanamh aon chamadh comharraithe ann an cranncheur neach: ach feudar Gad a ghairm mar ainn air, do bhrigh nach ‘eil ann ach roimh-theachdaire air buidheann a tha teachd. An sin, tha na camaidhean air an lionmhoireachadh, ionnas gu bheil neach air a dheanamh bacach air gach cois. Am feadh a ta aon sruth a’ teachd air gu dian bho aon chearnaidh, tha sruth eile teachd air bho chearnaidh eile, gus am bheil na h-uigseachan a’ bristeadh a steach mu dheireadh air gach làimh.

(Ri leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Enter in at the straight gate 17 May 2026
  • Zeal of thine house 17 May 2026
  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice