Leis an Urr. TOMAS HALIBURTON
(Air a leantainn bho t.d. 179.)
A dh’ao’n fhoical, Feuch tha e tighinn gu buadhach thairis air beanntaibh an eas-creidimh. Am bheil do phacaoidhean cho làidir, cho mòr, agus gu bheil thu faotainn cruaidh a chreidsinn, focal lom, gealladh lom, ged is ann eadhon bho Dhia do nach urrainn breug a dheanamh a tha e? Feuch an so tha iongantas de mhaitheas. Cha toir e mì-mhisneachd dhuit air son so uile. An so tha e glaothaich riut, Thig agus faic; seadh, blais, agus faic gu bheil Criosd maith. An so faodaidh tì a chluinntinn a labhairt; an so faodaidh tì fhaicinn a dòrtadh fhola, a bàsachadh, agus biste; leigidh an lot farsuinn sin, a rinn claidheamh ceartais, thù dh’ionnsuidh a chridhe, agus an sin faodaidh tu an dara taobh dheth fhaicinn làn bròn agus trioblaid throm, foth bhruthadh làmh ceartais, agus an taobh eil dheth làn gràidh agus coibhneas dhuit-sa. O na bi mi-chreidmheach ach creidmheach. Innis dhomh, anam bhochd a tha fannachadh, ciod a chunnaic thù ann an Criosd, ‘n uair a chunnaic thù roimh e? Na h-uile a tha ri fhaicinn fhatasadh ann; faodaidh tì fhaicinn a dòrtadh a mach abhainn de fhuil, gu bhi glanadh truaghain shalach mar a tha thù ann; faodaidh tì fhaicinn a deanamh cuirm gu bhi neartachadh, gu bhi comhfurtachadh anamaibh bochd, lag, fann, agus a taigse na h-uile ni gu saor. Cha’n eil e’g ràdh, Gabh mo chorp agus m’fhuil, ma’s aon thù a ràinig air a leithid sid, ‘s a leithid so de thomhas gràidh, na miann; ma’s aon thu a tha saor de leithid sid, ‘s a leithid so de pheacaidhean; ach, gabh mi, gabh na h-uile, ciod air bith do pheacaidhean, ma’s e’s gu bheil thu toileach.
Cha’n urrainn dhomh stad gu bhi’n tràth so a freagradh chunnuilbh; a mhàin tha mi’g ràdh, air falbh le mì-mhisneachdan neo-thorach agus gun bhunait. Cha’n urrainn mi innse ciod a their mi thaobh na smuaintean grànda, iosal, cumhann, agus ainneamh a tha aig cuid agaibh mu ghràs Chriosd. O, tha neach air choir-eigin ag ràdh, ‘s mise an neach ud a tha cho salach, cho grànda, agus mo cho-luchd comanaichaidh, tha iad cho salach, agus cho grànda, agus faodaidh e bhi, na ministeirean, tha iad na’n leithidean so de dhaoine, agus a leithidean so de chroin annta; agus uime sin cha tig Criosd; Cha’n fhaigh e thairis air na beanntaibh sin. Tha mi’g ràdh, faodaidh sin uile bhi fior; faodaidh ministeirean a bhi làn chroin, agus an sluagh mar an ceudna; ach tha mi’g ràdh, tha ‘ur n’cas-creidimh ni’s coltaich Criosd a chumail air falbh, na nì air bith dhiubh sin. Air falbh leis na smuaintean cumhann so, a tha lagachadh gràis agus a dimolaich Chriosd. Beannaicht’, gu siorruidh beannaicht’, gu robh Dia, nach eil Iosa Criosd cho àrdanach ‘s a tha cuid againn, air chor ‘s gu’n ruitheadh e air falbh air son cron ministeir, na fear-comanaichidh. Cha chùm iomadh cron, iomadh beinn de chroin mhisteirean agus shluaigh, air falbh e bho anam bochd air bith a tha ga iarruidh; agus beannaicht’ gu’n robh Dia gu bheil a chùis mar sin. Air falbh leis na smuaintean neo-bhunaiteach, aineolach agus chumhann so. An d’thainig Criosd thairis air na h-uile bheinn a tha da-rireadh ann am bith, agus an tog sibh suas beanntaibh ann ‘ur mac-meannpa? Tha mi toirt fianuis dhuibh nach eil sibh air ‘ur cumhannachadh ann an Criosd, ach na’r n’innibh fein. “Feuch the e teachd, a leumnaich air na beanntaibh, a toirt sithidh air na tulaichibh.” “Agus tha an Spiorad agus a’ bhean nuadh-phòsda ag ràdh, Thig, Agus abradh an ti a chluinneas, Thig. Agus an neach air am bheil tart, thigeadh e. Agus ge b’e neach leis an àill, gabhadh e uisg na beatha gu saor.” Tais. xxii, 17. “Tha an ti a tha toirt fianuis air na nithibh so ag ràdh, Gu deimhin tha mi a teachd ‘an aithgearr, Amen. Seadh, thig, a Thighearn Iosa.” Tais. xxii, 22.—Eadar-theangaichte le Iain Mac a Chòmhaich, Gleann-dail.