Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2026-27
    • Glossary of Common Errors and Controversies
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
    • Overview of Australian Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1950 » November 1950 » Searmon

Searmon

Leis an Urr. R. SIBBES, D.D.

(Air a leantainn bho t.d. 132.)

Feum. Gu crioch a chur air a phuing so, tha mi guidhe oirbh, saothraichibh a chùm a bhi beo tre’n chreidimh so. Ann an so tha fianuis, ma’s urrainn sinn a bhi beo da reir. Cia mar sin? Gach latha a bhi deanamh feum do fhireantachd Chriosd, mar a tha sinn gach latha a ruith a stigh ann am peacadh. Bithibh cinnteach gu’m bi ‘ur coguisibh air an crathadh le fuil Chriosd, chùm agus mar a tha sinn a meudachadh cionta as ùr, mar sin gu’m bi maitheanas as ùr againn. Uime sin, gach latha saothraichibh gu bhi faicinn Dhé air a dheanamh reidh ribh, agus Chriosd mar ‘ur fear-tagraidh maille ris an Athair. Tha Chriosd a nis ann an neamh. Ma pheacaicheas sibh deanamh feum dheth. ‘S e so a bheatha bu chòr a bhi aig a Chriosduidh, a bhi deanamh feum de fhireantachd Chriosd. ‘N uair a gheibh sibh bhur nàdur truailte, theirigibh gu Dia, agus abraibh, Thighearn, ged tha mo nàdur truailte ann fein, gidheadh tha e naomh agus fior-ghlan ann an Chriosd. Ghabh e amhaineachd nàdur na daonnachd ga ionnsuidh fein chum agus gun comh-phàirticheachd e luach agus eifeachd nàdur na Diadhachd ruinne. A thaobh mo ghniomharan, is peacach mi, ach phàigh Chriosd m’fhiachan uile agus tha e nis air neamh. Choimhlion e gach uile fhireantachd air mo shon-sa. Na amhaire orm mar a tha mi annam fein, ach amhaire orm mar a tha mi ann an Chriosd. Is aon Eisan agus mise. Bu chòr gu’m b’e so ar n-obair gach latha, a bhi’g iarruidh a bhi ga’r faicinn fein ann an Chriosd, agus a bhi ga fhaicinn-sa agus sinne na’r n’aon. Bu chòr dhomh leudachadh air a phuing so ni’s fhaide ach labhruidh mi focal air an aobhar.

Ciod e’n t-aobhar air son am faod agus an toir an Comhfurtair seachad dearbh-shoilleireachd mu fhireantachd. “Do bhrigh gu bheil mi ‘dol a chùm an Athar.” Ciod e an neart a tha ‘s an aobhar sin? tha so: ghabh Chriosd air a bhi na urras dhuinn, agus feumaidh e ar saoradh bho ar n-uile pheacaidhean ma’s urrainn e dol a chùm an Athar. Na’m bitheadh aon pheacadh gun riarachadh air a shon cha b’urrainn e ‘dhol a chùm Athar, ach a nis tha e air dol a chùm Athar, uime sin tha riarachadh air a thoirt air son ar n-uile pheacaidhean. Mar sin tha dol suas Chriosd na bharantas gu leor dhòmhsa gu bheil mo phearsa air gabhail ris agus mo pheacaidhean air am maitheadh; do bhrigh gu bheil e air dol a chùm an Athar, gu bhi ga thaisbeanadh fein an làthair an Athar air ar son-ne, ni nach b’urrainn dha dheanamh mar a robh e air gach uile fhireantachd a choimhlionadh.

Ach c’ar son a chaidh e chùm an Athar? Air son co-chur a dheanamh air an ni a dh’oibrich e. Mar a robh Chriosd air dol a chùm an Athar cha b’urrainn e’n Spiorad Naomh a chur do ar n’ionnsuidh-ne. Uime sin, tha feum mòr ann e bhi dol a chùm Athar. Tha Satan a tagradh an làthair Dhe gu bheil sinn mar sud’s mar so, ach a deir Chriosd, dhoirt mise m’fhuil air an son; agus, mar sin, tha e deanamh eibhraidh ar n-uile ùrnuighean laga. Mar a’ robh sinn neo-ionlan, ciod e’m feum air Eadar-mheadhoinair air neamh? Uime sin, tha e air a ‘dhol gu neamh gu bhi toirt na brigh a uile chasaidean Shatain, agus gu bhi’g ullachadh aite dhuinn. Faigh-mid bàs, ge b’e cuin, tha ar ‘n aite ullamh.

An sin a ris, tha e ‘dol a chùm an Athar gu bhi ga’r còmhdach le dàimh mhilis, gu bhi deanamh ar n-Athair-ne dhe’n an Athair. Oir tha e ag radh an Eoin xx, 17: “Tha mise ‘dol suas a chùm m’Athar fein agus bhur n-Athair-se,” agus, mar sin, cha nàr leis bràithrean a ghairm dhinn. Do bhrigh so faodaidh sinn a dhòl a dh’ionnsuidh Dhé agus ar n-Athair a ghairm dheth; agus, ‘n uair a gheibh sinn bàs, faodaidh sinn gun ladurnas a ràdh, “Athair tha mi tiomnadha mo spioraid ann ad laimh-sa”; oir tha gràdh aig an Athair dhuinn mar a thug e gràdh do Chriosd, ach ann an tomhas tur eadar-dhealaicht’. Ciod e chomhfurtachd a tha’n so, ‘n uair a gheibh sinn bàs gu’m bheil sinn a dol a chum ar n-Athair, a tha ni’s fearr na athair talamhaidh air bith. Uime sin, buineadh oibhneas a bhi oirrne ‘n uair a thig am ar siubhail. Chi sinn mar a leum cridhe seann Iacob ‘n uair a chunnaic e na carbadan a tighinn a mach as an Eiphit, do bhrigh gu’n rachadh e a dh’fhaicinn a mhic Ioseph, mar sin tha’m bàs air a chur a chùm ar giulain gu Chriosd, agus gu neamh, agus na’m bitheadh creidimh làidir againn bhitheadh-mid ro-oibhneach.

Agus foghlumadh-mid ann an so cleachdadh a chreidimh bho Chriosd, oir tha e’g ràdh, “Tha mi ‘dol a chùm an Athar.” Bha mòran uine fathasd ri ‘dhol seachad, cha robh ni bu lugha na da fhichead latha an deigh ais-eirigh, mu’s deachaidh e chùm an Athar, gidheadh tha e’g ràdh, “Tha mi ‘dol a chùm an Athar,” gu bhi nochdadh gu bheil creidimh a cur nithean ri teachd mar gu’m bitheadh iad ann: tha creidimh a faicinn neamh an làthair, latha bhreitheanais an làthair, agus na nithean sin a toirt buaidh air an anam mar gu’m bitheadh iad a nis an lathair. Na’m bitheadh spiorad a chreidimh againn chuireadh e mar so nithean a tha’m fad as mar gu’m bitheadh iad dlùth air làimh. Uime sin ‘n uair a choinnicheas sibh ri ni ‘s am bith a tha fàgail ‘ur slighe gu neamh fada, na trioblaideach, cleachdaibh ‘ur creidimh, agus mar sin deanamh ceann bhur turuis na ni a tha làthair do ‘ur spioradaibh. Ged a tha e fada bho

‘ur faireachadh abraibh, “Tha mi ‘dol a chùm an Athar.” ‘N uair a tha duine air a thoirt aon uair gu bhi creidsinn gur e Dia Athair ann an Criosd, bheir e air coiseachd a dh’ionnsuidh neamh roimh’n am.

Feum. Deanadh-mid feum do’n phuing so, Criosd a dol a chùm an Athar. A luchd mo ghràidh, cha’n eil puing do dhiadhachd anns nach eil tobar iongantach do chomfhuirtachd; agus ‘s e ar beag creidimh is aobhar nach eil sinn a tarruig barrachd comfhuirtachd bh’uatha. Uime sin, ‘n uair a tha sinn a dealachadh ri’r càirdean aig a bhàs, smaaintichibh orra air dol a chùm an Athar. Na’m bitheadh gràdh agaibh dhòmhsa, arsa Criosd, bhitheadh aoibhneas oirbh a chionn gu’n d’thubhairt mi ribh, Tha mi ‘dol a chùm an Athar. Na’m bitheadh gràdh againn da’r càirdean dheanadh-mid aoibhneas ‘n uair a gheibheadh iad bàs. A luchd mo ghràidh, bu chòr dha so comfhuirtachd a thoirt dhuinn, gu bheil Criosd air dol a chùm Athar. O, ciod i’n fhàilt a fhuair Criosd ‘n uair a chaidh e do neamh, agus bithidh an fhàilt cheudna againn ‘n uair a theid sinn a chùm an Athar. Ciod i’n aoidheachd oibneach a gheibh sinn bho’n Athair agus bho’n a Mhac, uime sin cha bu chòr do’n bhàs a bhi na thrioblaid dhuinn. Abraibh, Is leamsa fireantachd Chriosd, uime sin, fios agam gu’n teid mi chùm an Athar. Ciod e ‘s motha leamsa, uime sin, ciod e’n seorsa phianntaibh a theid mi troimhe. Ma tha duine a dol do’n àite is miannach leis, ge b’e cho trioblaideach ‘s a bhitheas an t-slighe bheir milseachd na criche air mi-mhisneachd na slighe a dhì-chuimhneachadh. Faodaidh gur eiginn dhuinn ‘dol do neamh tre chuan fala, ach cha dean e cron, ni a chrioch suas uile e. Ged a chailleadh-mid ar làmhan ‘s ar casan air an t-slighe, ‘s fearr a dhol crùbach do neamh na bhi danasa a dol do ifrinn. Eadar-theangaichte le Iain Mac a Chombaich, Gleann-dail.

(A’ chrioch.)

Upcoming Events (DV)

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

Nov 19
19 Nov - 23 Nov

Communion: Santa Fe

Dec 17
17 Dec - 21 Dec

Communion: Bulawayo

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Near the kingdom of God – its advantages and dangers 13 Sep 2026
  • Who are in the kingdom of God? 13 Sep 2026
  • The Wise Men and the Star they Followed 8 Nov 2026
  • The Life and Death of a Wicked Man 8 Nov 2026
  • A powerful salvation 30 Aug 2026
  • A good foundation is neccessary 30 Aug 2026
  • Safety, in spite of a flood 23 Aug 2026
  • Hearing and doing Christ’s sayings 23 Aug 2026
  • God’s words show the safe way through life, and Job esteemed them greatly 16 Aug 2026
  • Job speaks of God’s words 16 Aug 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice