Leis an Urr. IAIN LOVE, D.D.
(Air a leantuinn bho. t.d. 46.)
(1) Oirdheirceas a Dhiadhachd. “Annsan tha uile iomlanachd na diadhachd a ghabhail comhnuidh gu corporra.” Col. ii, 9. “Is e Dia os ceann nan uile, beannaichte gu siorruidh.” Rom. ix, 5.
Tha suspainn na Diadhachd ann, maile ri làn cho-chruinneachadh iomlanachd na Diadhachd. Tha sinn aig an àm so a gabhail beachd air iomlanachd na Diadhachd mar ni tha fosgladh do’n inntinn le milseachd a tha tarruig, agus mar ni a tha sàsuchadh smuaintean agus aignidhean an anama le iomadhaoibhneas deagh-bhlasda.
Ann an so tha’n inntinn fheolmhor—ag oibreachadh le neart co-ionnan, anns an struïdhealach ana-miannach, anns an fheallsanach uaibhreach, anns an fhear-aideachaidh a tha falamh de Chriosdalach—a stad agus ga nochdadh fein na naimhdeas an aghaidh Dhe, le bhi’g àicheadh gu bheil a leithid so de thlachd ri fhaotainn ann an nàdur agus am buadhan na Diadhachd. Ach ge b’e ciod e na beachdan tioram a bhitheas aig a leithid sin de dhaoine tha dearbh-chinnte againn gu bheil Dia na thobar neo-chriochnach de thlachd do’n inntinn, agus gu’m bheil lànachd do-rannsaicht’ dhe’n a mhaise aguss a ghloir is sònraicht’ a gabhail comhnuidh ann. Tha sinn a faotainn an dearbh-chinnte so le bhi toirt fainear Dhe mar ùgdhar gach ni maiseach a tha nis ra fhaotainn air an talamh, na bha ri fhaotainn anns a cheud phàrras—le bhi rannsachadh fior bheachd air neamh—le bhi dol air ais a dh’ionnsuidh na h-àithne mhor a tha’g agradh gràdh do-labhairt do Dhia—agus le bhi cuimhneachadh gu’n robh e bho shiorruidheachd, neo-chriochnach sona ann fein, mu’n robh bith aig saoghail chruthaicht’.
Tha e nis duilich a chur an cèill, ann am briathran eagnaichd c’ait gu h-àraidh am bheil glòir shònraicht’ agus milseachd Bith na Diadhachd. ‘S e so, ann an cuid de sheadhan, toradh coitcheann uile oirdheirceasan Iehobhah; agus bithidh seallaidhean do-labhairt air maise na Diadhachd a briseadh a stigh air an anam a tha air a shoillseachadh bho gach sealladh a gheibh e air a nàdur. Ach gu h-àraidh tha mòrachd àrd, fein-bhith agus fein-fhoghainteachd no Diadhachd, an taic ri ioraslachd neo-chriochnach, caomhalachd, agus fialaidheachd; an fhein-fhois naomh, fiorghloine, gliocais, ceartais, agus firinn a tha anns an Tì is Airde; a thrus agus a thròcair a tha eur thairis; a dhilseachd agus fhirinn nach gabh atharrachadh—tha iad sin uile ag aobhrachadh tlachd do-labhairt do’n anam a tha air a thoirt dlùth do Dhia agus a tha faotainn a lathaireachd. Ann an losa tha sinn a faicinn “Dia air fhoillseachadh anns an fheoil.” Annsan tha glòir na Diadhachd, an dà chuid, air a cómhdaich agus air a foillseachadh; tha a firinn agus a milseachd gu soilleir air am mothachadh, ach tha a maise uamhasach air a taiseachadh le macantas a mheadhon tre’m bheil a’ Diadhachd Shiorruidh a tighinn dlùth dhuinn—eadhon ar nàdur. Ann an so tha naomhachd ghloirmhor agus tròcair Iehobhah am measgachadh an gathan.
Ach, a tighinn a nuas bho’n t-sealladh chudthromach de’n iomlanachd agus de’n mhaise neo-chruthaicht’ so, beachdaichidh sinn air a dhaonnachd.
(R’a leantuinn.)