Suipeir an Tighearn.
LE EANRUIG GROVE.
(Air a leanruinn bho h.d. 312.)
Earrann I.
(1) Tha na sàcramaidean so (1) A ciallachadh gu soilleir gu’m bheil an duine ann an staid claonaidh agus fadachd-as bho Dhia. Tha ciall nan sàcramaidean so ga nochdadh, oir, Ciod e th’anns a bhais-teadh? Cha’n e eur air falbh saileachar na feoladh, ach a bhi air ar deanamh glan agus neo-thruaillich ann am fianuis Dhe. Tha e air a ràdh mu Chriosd gu’n do ghràdhaich e’n eaglais, agus gu’n d’thug “se e fein air a son; chùm gu naomhaicheadh, agus gu’n glanadh e i le ionnlaid an uisge tre an fhoceal. Chùm gu’n euireadh e’ na lathair fein i ‘na h-eaglais ghldormhor, gun smal, gun phreasadh, no ni air bith d’an leithidibh sin; ach chùm gu’m biodh i naomh, agus neo-lochdach.” Tha’n naomhachadh, na’n glanadh so, “tre’n fhoceal,” na teagasg an t-sogseil, air a chompanachadh le obair an Spioraid Naoimh, agus maille ri ionnlaid le h-uisg, na’m baisteadh, mar shamhladh air glanadh moralta ‘s an taobh a stigh, Ach cò iad aig am bheil feum air glanadh ach iadsan a tha salach? ni tha nochdadh, gus am bheil sinn air ar naomhachadh le focal Dhe (agus an naomhachadh so air a chur an ceill le baisteadh bho’n leth a’ muigh) nach urrainn sinn Dia a thoileachadh. A rithisd, Ciod e Suipeir an Tighearn, a thaobh cuid shònraicht’ dhe ciall, ach cuimhneachan air an iobairt-reitich a bha air a deanamh le bàs Chriosd as leth dhaoine? Agus cò ach creutairean peacach agus ceannaireach a chuireadh feum air iobairt-reitich a bhi air a fairgse air an son? An fhaid so, ma ta, cha’n eil anns na h-òrduighean so ciall comhfhurtail. Ach,
(2) Tha iad na’m fianuis di-bheath-te agus shoilleir air an duine bhi ann an staid anns an gabh e bhi air a thearnadh. ‘S è sin, ged tha suidheachadh an t-sloichd pheacaich so, as eugmhais gràs agus trocair Dhe, na shuidheachadh ro-mhuladach, gidheadh, tre na ghràs so, cha’n eil e gun dòchas, ach calg-dhireach an aghaidh sin, agus tha òrduighean a bhaistidh agus Suipeir an Tighearn a dh’ao’n aobhar air an suidheachadh, ann an co-cheangail ris na meadhanon gràis eile, gu bhi ga ar toirt a stigh agus ga ar togail suas ann an staid slàinte tre losa Crìosd; is iad so seulaichean a cho-cheangail gràis sin anns an deachaidh Dia a stigh gu gràsmhor ri daoine peacach, a chum a bhi foillseachadh a tròcair neo-chriochnach a nàduir, a mhòr-thlaichd ann am fireantachd agus ùmhlachd a Mhic ro-ghràdhaich, an t-Eadar-mheadhonair mòr. Agus ann an so biodh e na aobhar aoibhnis dhuinn, agus na obhar buidheachais do ar Dia tròcaireach, a’n uair, tre pheacach a cheud duine Adhamh, agus an laigse agus a mhi-rian a dh’aobhraich sin ann an nàdur na daonnachd, agus nach robb’n còr aite do chùmhnanta neo-chiontais, gu’n d’thug an Dara Duine, an Ti is e’n Tighearn ‘o neamh, a stigh cùmhnanta a tha nuadh agus ni’s
fearr; Ní’s fearr, co dhiubh a bheachdaicheas sinn air na cumhachan a tha cho freagarach do ar nádur a tha air tuiteam, na air a ghràs agus a ghlòir a tha air a ghealltuinn. Air son a chùmhnant ro-luachmhor so tha sinn fodh fhiachaibh, fodh làimh Dhe, do eadar-mheadhonaireachd ar Fear-saoraidd truacanta, Iosa Crìosd. Choisinn a bhàs reite ri Dia; agus tha’n t-Suipeir a thug e dhùinn na cuimhneachan bunaiteach air a bhàs. Agus ‘s ann bho so a tha mi gabhail mo sheoladh ann a bhi mineachadh na sàcramaid so.
Is e ciall shònraicht agus dhìreach Suipeir an Tighearn a bhi na cuimhneachan buan air bàs Chrìosd. Tha so soilleir bho bhriathran an Abstoil Phòil (I Cor. xi. 26) “Oir eia minic as a dh’itheas sibh an t-aran so, agus a dh’òlas sibh an cupan so, tha sibh a foillseachadh bàis an Tighearn gus an tig e.” Mar sin cha’n eil againn doigh is cinnich, agus as furasda gu beachd cheart agus shoilleir a bhi againn air an òrdugh so, na bhi toirt fa’n ear bàs Chrìosd, ann an so air a chur fodh chomhair air sul,fodh ne seallaidhean fa’leth anns am bheil e comasach air beachdachadh air leinne. Tha na leanas am measg na nithean is soilleir.
(R’a leantuinn.)