BHO’N URR. ALASDAIR MACCOLLA.
I. Feòraichidh sinn cò ann a tha uile-fhreagarrachd agus a chumhachd gu tearnadh a’ co-sheasamh.
Tha e soilleir bho’n fhocal a tha’n t-abstol a cleachdadh an toiseach na h-carrainn gu’n robh aige na bheachd na thubhairt e mu thràth ‘s an litir so mu àrd-cheannas sagartachd Chriosd. 1. Cha’n eil uile-fhreagarrachd agus a chumhachd gu tearnadh a co-sheasamh, a mhàin, ‘n a chumhachd neo-chriochnach mar tha cuid ag ràdh. Biodh e air a ràdh le mòr urram, tha nithean nach urrainn Dia a dheanamh. Cha’n eil so ag éirigh bho neo-iomlanachd no neo-fhoirfeachd sam bith ‘n a nádur na ‘n a bhuadhan ach bho fhoirfeachd neo-chriochnach a náduir agus diongmhallas a bhuadhan. Cha’n urrainn dhā sin a dheanamh a tha an aghaidh naomhachd a náduir agus a chlith, urram a riaghlaidh, agus glóir a bhuadhan. Air an aobhar sin cha b’urrainn da tearnadh le uile-chunnaichd a mháin, dh’earshuidh a cheartas a bhi air a riarachadh. Feumaidh réite bhi cadar buadhan Dhé ann an deilbh, ann an coimhlionadh, agus ann an co-chur inmleachd iongantach na sláinte. Cha ghabh mi-chórdadh, no aimhreite no neo-fhreagarrachd a bhi cadar buadhan Dhé. Tha gach aon de na buadhan glórmhor ann an cleachdadh, a gabhail tlaichd ann am foillseachadh moladh agus glóir a chéile. “Tha trócair agus firinn air comhlachadh a chéite: tha eartas agus sith air pogadh a chéile.” Tha cuid eile mar gu’m bi am beachd nach eil buadh eile ann an Dia ach trócair—agus gu’n amharus, tha e ni’s neo-chriochnaiche trócaireach na smuaintich iad riann, no ni’s urrainn dhaibh gu bráth a thuigsinn—Mur biodh, bha ar cuibhriomn bho chionn fhada anns an ionad anns am bheil gul agus caoidh agus giosgan fhiacal. Cho tric agus a chluinneas sinn sluagh a toirt mar am bonn tearnaidh—O tha Dia trocaireach agus tha sinn an dòchas gu’m bi e trocaireach ruinne. Tha dòchas aig cuid eile nach mill e obair a laimh; agus their cuid eile, gu h-aimideach, ni siun ni’s urrainn duinn, agus cha bhi an côrr air iarruidh òirrn. B’e obair gun chrioich a dhol thairis air na h-uile grainne gainmhiel a tha anns a’ bhunait air am bheil iad a togail tigh breòite a thuiteas ann an latha an dearbhaidh. Tha sinn ag ràdh, mar sin, gu’m bheil uile-fhreagarrachd gu tearnadh a co-sheasamh, anns a chéus àite, ann an aonachd a Phcarsa. Is Dia agus is duine e ann an aon Phcarsa. B’éiginn so a bhi. Bha eas-urram air a chur air an lagh naomh—oilbheum air eartas—Dia diombach. B’e an duine, air a bhrosnachadh leis an ard-dheamhain, a chionntaich. Is ann air an talamh a chionntaich e. Bha peacadh air a dhcanamh an aghaidh Bith neo-chriochnach ‘n a fhoirfeachd, ni a thug neo-chriochnachd de olc agus de thoilteanas do pheacadh. Mu’s biodh réite agus sith air an aiseag, dh’fhéumadh peacadh a bhi air a dhioladh agus air a chur air falbh—dh’fhéumadh réite tre iobairt a bhi deanta. Cha b’urrainn d’an duine so a dheamamh, no do ainglibh. Ach dhealbh glíocas neo-chriochnach inmleachd. Chuir grádh neo-chriochnach an cleachdadh i. Is e so an t-aobhar gur e Criosd an Sfánuighear toradh do-rannsaichte mòr glíocas neo-chriochnach. Féumaidh E bhi na dhuine, oir ‘s e duine a chuir eas-urram air an lagh, ann an nádur duine feumaidh an lagh a bhi air àrdachadh, agus urram a bhi air a chur air. Chuir duine e tén fodh’n mhallachd, féumaidh duine a’ mallachd a ghiulain. Pheacach an duine agus tha e airidh air corruich Dhé; feumaidh duine a chorruch a ghiulain agus a sitheachadh. Dh’earshuidh dòrtadh fola cha’n eil maithenas peacaidh. Cha’n urrainn dà, mar Dhia, bàs fhaotainn. Is éiginn da nádur an duine a ghabhail thuige, agus a bhi buailteach do bhàs, eadhon bàs a chroinn-chéusaidh. Ach mar a chì sinn gu’m b’éiginn dà a bhì na dhuinne, chi sinn gu’m b’éiginn dà a bhì na Dhia—Dia gu bhì ‘n a chuideachadh ‘n a fhuolangasaibh, gu a naimhdean a chlaoidh agus a mhilleadh gu tur—a naimhdean, peacadh, an saoghal, Satan, am bàs, an uaigh, agus ifrinm—Dia gu fu, airidheachd, agus éifeachd neo-chriochnach anns gach mì, a rinn agus a dh’fhuilin e. Bhà a shamhuil’ sin de àrd-shagart iomchuidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdaich, neo-thruailidh, air a dhealachadh bho pheacaich, agus a rinneadh nì’s àirde na na neamhan. Tha uile airidheachd agus éifeachd ùmhlachd agus a bhàis a thàinig bho innbhe neo-chriochnach a Phearsa. Ann an so chi sinn tri bunabhasam àiridh air ar beachd agus a tha na’m buinn chinnteach agus shàbhailt dòchais fhor. Ann an aonadh a Phearsa mar an Dia-duine, chi sinn ar n-àrds-hagart thairis air tigh Dhe a eur an gnìomh an nì a dh’earbadh ris. Ann an nàdur na diadhaichd chi sinn an altair oir air a d’thug e seachad iobairt deagh fhàile do Dhia. Ann an nàdur daonnachd naomha, chi sinn an tabhartas a chaidh a thoirt suas. Ann an so, ann an aon, tha co-aonachte, an t-àrd-shagart, an altair, agus an iobairt.
(R’a leantrùinn.)