Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2026-27
    • Glossary of Common Errors and Controversies
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
    • Overview of Australian Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1956 » March 1956 » Searmonan

Searmonan

LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TÒISICH, D.D.
(Air a leantuinm bho t.d. 309.)

Is aithne dhuinne gu’m bheil gràs so a Mhic Shiorruidh ard-uachdaranail; cha do bhean e ris na h-ainglean a thuit; ach gur e h-ann mar an ceudna gràs fior-ghlan, agus gràdh a tha barraichte ann am fior-ghloine, is aithne dhuinn. Leum e mach bho dhoimhneachd gun ghrùnd ann am broilleach Mhic Dhé, agus chriochnaich e ann an gràs taghaidh air cuibhrionn de theaghlach ceannairceach agus truailte Adhamh. Aon uair agus gun do luidh e orra, bha uamhas an suidheachadh air a thoirt fodh chomhair a sheallaich; an slochd, an slochd uamhasach anns an robh iad nan luidh, agus an t-siorruidheachd dhorch agus fhadalach a dh’ionnsuidh an robh iad a dol. Ghlaodh E air son an saorsa, agus mhiannaich E gu durachdach i. Tha’n sealladh so air gràs, agus gràs a mhain, mar a tha e deanamh gnothuch ris a mhuinntir shaorta, a cur thug Mac Dhé gu bhi tighinn ‘s an eadrui-ginn air son an saoradh, faodaich e bhi, tuilleadh ‘us dealrach air son nan naomh anns an t-saoghail so, air chor agus gu’m bi iad ag iarruidh fuasgladh bho’n t-sealladh so, le bhi beachd-smuainteachadh gu h-àraidh, air a ghloir a tha, tre’n fhoillseachadh so, aig iomlanachdaibh na Diadhachd. Agus, gidheadh, am feadh a dh’fheumas rùn agus crioch an fhoillseachaidh so, gu h-àraidh, crìochnachadh ann an Dia, tha e, dha’n a cuspairean air son am bheil e, ‘n a thròcair agus ‘n a ghràs fior-ghlan agus neo-mheasgaichte.

Ach cia mar a b’urrainn an tròcair agus an gràs so cleachd-fhaoitinn? Ann an so tha ceannaire; cia mar a b’urrainn i bhi air a mait-headh? Ann an so tha ciont; cia mar a b’urrainn i bhi air a toirt air falbh? Ann an so tha truaillidheachd—truaillidheachd iomlan agus a sior fhàs ni’s dorcha; cia mar a b’urrainn i bhi air tighinn am fagus dhith? Cia mar a b’urrainn i bhi air tighinn thairis oirre? An robh a cheartas a dol a chur a chlaidheamh ‘s an truaill, agus a dol a thar-rug air ais a chòirichean? Bha so eu-comasach; oir c’ait an sin am bitheadh glòir na Diadhachd, fior-ghloine na Diadhachd, firinn na Diadhachd, agus neo-chaochluideachd na Diadhachd? C’ait am bitheadh barrantas air tearuinnteachd agus beannachd iochdarain dhileas riagh-ladh na Diadhachd? C’ait am bitheadh ceartas fulungasaibh na’n spioradan cailte? Cia mar a b’urrainn a rithisd an Dia neo-chriochnach naomh pilltean a dh’ionnsuidh an teampuill bho’n a dh’fhògradh E? Cia mar a b’urrainn E amhare ris an anam a dh’fhògair E, agus a ghabh a stigh a dh’ionnsuidh a righ-chathair an neach is o àrd-nàmhaid-san? Cia mar a b’urrainn E tighinn a mach ga ionnsuidh ach a chùm a bhi ga chaitheamh as? Na ma bha gràs ag iarruidh e bhi air athnuadhachadh, agus ma b’urrainn gràs uile-chùmhachdach a leithid de dh’obair mhiorbhuileach a smuainteachadh, gidheadh c’ait an robh barrantas air urram agus flor-ghloine na Diadhachd ann a bhi ga ghnionmhachadh? Uime sin, mar a bitheadh ceartas air a riarachadh, agus urram na Diadhachd air a cumail suas, bha e eucomasach gu’m bitheadh tròcair a faotainn cleachdadh a thaobh nan ceannairceach, na gu’m b’urrainn cùmhachd neo-chriochnach a dhol a mach, air bonn an riarachaidh so, gu bhi ga’n deanamh réidh agus ga’n cosnad. Ach co bh’uaithe bha’n riarachadh so ri iarruidh ach bho’n a ciontaich? Agus, ma’s ann bh’uathasan, cia mar a dh’ iocadh iad e ach ann am bhi fulung dioghaltas teine siorruidh? Cha’n eil a leithid sin de smuaintean ri bhi air an dealachadh ris an ni air am bheil sinn a beachd-smuainteachadh; “Gràs ar Tighearna Iosa Criosd.” Na’m bitheadh e air innse do na seraphim agus do na cerubim, agus do uile shloigh na’n aingeal, an deigh dhoibh a bhi na’n suil-fhianuisibh air am bràithrean ceannairceach a bhi air an tilgeadh a mach, agus air an ceangal ann an slabruidhean siorruidh, gu’m bitheadh tròcair air a sònrachadh a thaobh buidhean eile de luchd-brath, agus gun ni bhi air innse dhoibh mu’n innleachd a bha air a deilbh gu bhi toirt mu’n cuairt na h-obair so, ann an rathad urramach agus buadhach, nach bitheadh an ni sin dhoibh uile gu leir dorcha, agus na ni nach gabhadh a thuigsinn? Oidheirpicheadh-mid, uime sin, ann an so, a bhi toirt moladh agus a gabhail iongantais, a thaobh a ghliocais Dhiadhaidh, nach gabh a bhi air a rannsachadh, agus gu h-araidh gràs neo-chriochnach: “rinneadh bochd E.”

(R’a leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

Nov 19
19 Nov - 23 Nov

Communion: Santa Fe

Dec 17
17 Dec - 21 Dec

Communion: Bulawayo

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Near the kingdom of God – its advantages and dangers 13 Sep 2026
  • Who are in the kingdom of God? 13 Sep 2026
  • The Wise Men and the Star they Followed 8 Nov 2026
  • The Life and Death of a Wicked Man 8 Nov 2026
  • A powerful salvation 30 Aug 2026
  • A good foundation is neccessary 30 Aug 2026
  • Safety, in spite of a flood 23 Aug 2026
  • Hearing and doing Christ’s sayings 23 Aug 2026
  • God’s words show the safe way through life, and Job esteemed them greatly 16 Aug 2026
  • Job speaks of God’s words 16 Aug 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice