Le Ioseph Alleine
Hò. gach fear aidmheil fuar agus saobh-chràbhach, thusa nach eil ach a’d Chriosduidh meadh-bhlàth agus leth-bhruich, agus a tha stad ann an coslas na diadhachd, thoir thairis do bhacaiche agus do leth-dheanadas, bi ann ad Chriosduidh gu h-iomlan, bi eudmhor agus dean aithreachas; agus an sin cia gràineil air bith a bha thu le Criosd roimhe so, bithidh tu nis ann a’d thoil-inntinn da chridhe, Taisb. vii. 16, 19, 20.
A nis thugaibh fianuis gu’n deachaidh tròcair a thairgse dhuibh. “Tha mi gairm neamh agus talamh gu fianuis a thogail ‘n ar n-aghaidh air an la’n diugh, gu’n do chuir mi mu’r coinneamh beatha agus bàs, beannachadh agus mallachadh; uime sin roghnaichibh beatha, chùm ‘us gu’m mair sibh beo. Deut. xxx. 19. Cha’n urrain mise ach cuireadh a thoirt dhuibh agus rabhadh; Cha’n urrain mi ‘ur n-éigneachadh gu bhi sona, na’m b’urrain dheanain e. Ciod mata am freagradh a chuireas sibh leamsa a dh’ionnsuidh mo mhaighsteir? Leigibh dhomh labhairt ribh ann am briathrabh seirbhiseach math Abrahaím. “Agus a nis ma bhuineas sibh gu coimhneil agus gu firinneach ri m’ mhaigsteir, innsibh dhomh. Gen. xxiv. 49.—O gu freagradh sibhse a nis cho taitneach agus a rinn Rebecca, caib. xxiv. rann 57, 58. “Agus thubhairt iad gairmidh sinn a mhaighdean, agus feoraichidh sinn da beul fein. Agus ghairm iad Rebecca, ‘s thubhairt iad rithe, An teid thu leis an duine so? agus thubhairt ise, Theid mi leis.” O gu’m faighinn-sa am freagradh ceudna bh’uabh-se. C’ar son is eiginn dhomhsa ‘ur diteadh. Mat. x. 14, 15. ‘n uair a tha mi’n tì cho mòr air ‘ur sàbhaladh? C’ar son a bhitheas gach cuireadh ‘s gach strì a tha tròcair a deanamh ribh, air an tionndadh gu bhi ‘n an an-tromachadh d’ur cionnta ‘s ‘n an co-chuideachadh d’ur truaighe? Thugaibh fein breith: an saoil sibh nach bi diteadh na muinntir sin anabharach eagalach, a theid air an aghaidh ‘n am peacaidh, an deigh na h-uile meadhom agus dìchioll a bhi air an gnàthachadh chùm am pilleadh? Cha’n eil teagamh air bith nach bi e ni’s “so-iomchaire do Thirus agus do Shidon, seadh, do Shodom agus do Ghomorrha, ann an latha bhreitheanais, na dhuibhse.” Mat. xi. 22, 24.
A mhuiintir mo ghràidh, ma tha iochd air bith agaibh air ‘ur n-anamaibh truagha, grad dheanamh greim air an tròcair sin a tha ‘n ar taigse: na cuiribh sibh fein ann an tuilleadh cunnart, agus na tugaibh dhuine tuilleadh pian. Ma tha ùghdaras air bith aig an Dia a chruthaich sibh os ‘ur ceann, thugaibh geill dha àithne, ‘s thigibh a steach: Mur a b’ail leibh tarcuis a dheanamh air gràs, agus dorus na tròcair a dhruideadh oirbh fein, grad dheanamh aithreachas agus bithibh air bhur n-iompachadh. Na leigibh le neamh seasamh fosgailte air ‘ur son gu diomhain: na leigibh leis an Tighearn Iosa gach seud phriseil a tha aige a chur m’ur coinneamh, agus iarruidh oirbh ceannach gun airdiod agus gun luach, gu diomhain; na leigibh le minsteirean agus le a Spiorad strì a dheanamh ribh gu diomhain; agus bhur fagail mu dheireadh gun iompachadh; air eagal gu’n tig a bhinn so a mach ‘n ar n-aghaidh, “Tha na builg air an losgadh, tha’n luaithe air a caitheamh leis an teine, tha’m fear-leaghaidh a leaghadh gu diomhain, oir cha’n eil na h-aingidh air an tarruinn as: droch airdiod goiridh daoine riutha, do bhrigh gu’n do dhiult an Tighearn iad.” Ier. vi. 29, 30.
O Athair nan uile spiorad, gabh thusa a’ d’laimh fein an cridhe sin a tha tuilleadh ‘s cruaidh air mo shonsa, creutair lag agus seacharanach. Na sguir thusa ged a sguir mise: ni an lideadh is lugha bh’uatsa an gnothuch; oir cha’n eil nì air bith cruaidh air do chumhachd. O thusa aig am bheil iuchair Dhaibhidh; a dh’fhosglas agus cha’n urrainn neach air bith druideadh, fosgail thusa an cridhe so mar a rinn thu cridhe Lidia, ‘s leig le Righ na Glòir dol a steach, chùm gu’n gabhadh E seilbh air an anam. Na leig leis a bhuaireadair a mhealladh le neo-chùram, na le dàil; na leig dha foisneachadh anns an àite so, na shùil a thoirt far na’m briathran so, gus an gabh e rùn suidhichte gu’n treig e a pheacaidhean, ‘s an dean e greim air beatha, air na cùmhachan sin air am bheil thusa ga taigsinn. Ann a t-ainm-sa, O Thighearna Dhé, thionngain mise ‘s an t-saothair so, agus ann a t-ainm tha mi nis ga co-dhùnad. Na leig do’n ùine sin a bhuilich mi ma thimchioll a bhi gu buileach air a call; na leig do gach smuainte, do gach cùram, is do gach saothair a ghabh mi, a bhi air fad gu diomhain. A Thighearna cuir do làmh a steach agus bean ri cridhe an tì a tha leughadh so, no ga eisdeachd, agus cuir dha ionnsuidh do Spiorad, mar a chuir thu Philip a dh’ionnsuidh a chaillteanaich ‘n a charbad a leughadh an Fhocail; agus ged nach bi fios agamsa gu bráth air am fad ‘s is beo mi, gidheadh guidheam ort, O Thighearna Dhé, faicear air an latha sin, anns an gairmear sinn uile gu cùnntas, gu’n robh cuid de dh’anamaibh air an iompachadh leis an obair so, agus deoinich gu’m faod cuid seasamh suas an sin, agus a ràdh gu’n do chuir na h-argumaidean so impidh orra gu pilleadh riutsa. Amen, Amen.