Leis an Urr. Tearlach C. Mac Tòisich, D.D.
Tha e milis agus tlachdmhor a bhi creidsinn am feadh, ann a’ meadhon na h-aingidheachd agus a mhì-òrdugh a tha dol air adhart anns an t-saoghal, gu’m bheil Dia na saorsa a ghnàth a giulain air adhart a rùintean cumhachdach fein. Tha Aige, mar a bha riamh Aige, agus mar a bhitheas Aige, Eaglais air an talamh a tha a càisean gràdhach ‘n a shealladh, agus air son a bhi cur air adhart a soirbheachadh a tha gach nì ‘n a fhreasdal air òrduchadh. Air a sgàth-se tha ar saoghal air a chaomhnadh; ‘n uair a tha i iomlan, agus a tha buill a tha sgapta air an cruinneachadh a stigh, tha’n t-aobhar air son am bheil e ghnàth air a chumail suas air a chriochnachadh. Tha i air a suidheachadh air carraig, air bunait neo-ghluasadach éifeachd agus cumhachd Immanuel; agus uime sin ‘n a h-aghaidh cha toir geatachan ifrinn buaidh. Gu’n teagamh tha’n gairdean a tha ga dion agus an t-sùil a tha ga stiùradh neo-fhaicsinneach; ach, le sin, cha’n eil an cumhachd ni’s lugha air fhaireachadh leatha. Ni moth a tha i ni’s lugha air a dion agus air a treorachadh le Dia na ‘n uair a bha a’ meall neoil agus a’ meall teine a dol air thoiseach oirre air a slighe, a comharachadh a mach a slighe agus ga misneachadh gu bhi’g imeachd innte. Tha cùmhnant ann dha’m bheil spéis aig Dia a ghnàth anns gach suidheachadh dhe fhreasdal; cùmhnant a tha daingneachadh i bhi air a cumail ann am bith a dh’aideoin gach ni thig ‘n a h-aghaidh, agus a daingneachadh a gleidhidh anns an latha is dorcha agus is neulaiche; a tha daingneachadh a sgaoladh a mach ged is ann mall agus a lion beag ‘us beag, agus a h-iomlanachd bhuadhmhor air a cheann mu dheireadh. Cha’n eil i nis ni’s lugha ‘n a h-aon na bha i ann an laithibh Mhaois, na ni’s lugha ‘n a cuspair gnàth-chùram Dhé ‘n a slighe gu Canàin. Tha righrean fathasd a rioghachadh na air an cur far an righ-chathair, tha cinnich fathasd a soirbheachadh na a tuiteam air a sgàth; tha cridheachan nan uile fathasd ann an làmhan Dhé; tha a chumhachd, a ghràdh, agus a rùn gun caochladh. Tre dhuilgheadasan, cunnart, agus cur ‘n a aghaidh, tha i gu tearuine air a treorachadh, ni moth a sguireas a threorachadh gus an tig i gu bhi ‘n a h-Eaglais a tha air buaidh a thoirt. Faoidaidh i bhi ann an suidheachadh iosal agus anns am bheil i fulung; faoidaidh a ceum a bhi ‘n a cheum trioblaideach agus làn àmhghair; ach tha i ghnàth air a treorachadh air an t-slighe cheart a tha treorachadh gu baile taimh. Bithidh daoine a beachdachadh gun mhòran rian air cùrsa na nithean a tha gabhail àite, neo-mhothachail na neo-thoileach a bhi’g aideachadh gu’m bheil na nithean sin a tha treorachadh a chùm aon Chuspair mòr—a cruinneachadh a stigh teaghlach sgapta Dhé as gach cinneach, agus buaidh iomlan Eaglais a tha air a dìmeas agus air a geur-leanmhuinn.
Nis, gach nì a tha mar so fior a thaobh ‘n a h-Eaglais anns a choitchionnas tha e mar an ceudna fior a thaobh gach ball foth leth dhith. Is iad clann an aon Athar; agus lionmhor agus air an sgapadh fad bho cheile ‘s mar a tha iad, tha a dheadh-ghean agus a dhion air an sìneadh a mach dha’n ionnsuidh uile anns an aon tomhas. Tha’n neach is bochda agus is tarcuiseach de fhior Israel Dhé anns gach caochladh suidheachadh anns am bheil a chor, agus gach caochladh tionndadh a tha ‘n a bheatha, ‘n a chuspair air am bheil deadh-ghean an Tighearn agus a tha E gu naomh ga stiùradh. Do mhuinntir eile faodaidh e bhi ‘n a chuspair truais agus tarcuis, agus dha fein ‘n a iongantas aig gach àm, agus gu math tric ‘n a neach a tha gu neo-mhothachail a sealbhachadh a leithid de shochair; gidheadh cha’n eil e nì’s neo-chinntiche leis a’ sin a sealbhachadh an t-sochair; agus cha’n eil e nì’s lugha a ghnàth air a threorachadh air an t-shlighe cheart gu baile tàimh.
A chùm gu’n ruigeadh-mid air beachd cheart, a dh’aideoin cho fann, air làn chiall na h-earrann mhaisich so, feumaidh sinn beachdachadh oirre mar air a labhairt a thaobh an Tighearn Iosa Criosd, Fear-treoirichidh agus Ceannard a shluaigh, Caiptean an slàinte. Is ann le fhuil a tha’n Eaglais air a ceannach agus air a glanadh. Is Esan, ‘n a ghràdh gun ghrùnd agus siorruidh, a thug E Fein mar eiric air a son, agus is Esan, mar a Roimh-ruithear, a chaidh a stigh an taobh a stigh do’n roinn-bhrat, agus a dh’agair air a son, mar thuarasdal obair mar Fhear-urrais, an oighreachd neo-thruaillidh. Is Esan aig am bheil i ann an sealbh le còir, mar thiodhlac, le ceannach, le buaidh a thoirt. Is Esan a Bràthair is sinne agus a Fear-pòsda; is ann air a ghuaillean-san a tha’n uachdaranachd air a leagadh, agus is ann dhà-san a tha h-uile cumhachd air a thoirt air neamh agus air an talamh, a chùm ‘s gu’m faiceadh E de shaothair anama agus gu’m bitheadh E toilliche. Is Esan a chomharaich a mach an ceum anns am bheil ise ri a leantuin; is e a Spiorad a tha ga treorachadh a stigh do’n cheum sin agus ga gleidheadh ann. Is ann fodh fhasgadh fhalasan a tha i’n toiseach air a toirt a stigh ann, agus ‘s ann an sin a tha buannachadh a tearuinteachd ri fhaotainn. Is ann tre Fhocal agus òrduighean a tha a buannachadh a soillseachadh, agus a h-ùrachadh agus a gràs naomhachaidh air an toirt seachad. Ann a Làimh-san tha a h-amaibh aoibhneis agus bròin, a comhfhurtachd agus a deuchainn. Is e a ghàirdean-san, an gairdean a dh’oibrich a mach a slàinte, a deanamh thairis dhith na buaidh thairis air uile ionnsuidhean talamh agus ifrinn. Agus ‘s ann sgeadaichte le fhìreantachd-san agus air a deanamh maiseach le a shlàinte, a tha i mu dheireadh gu bhi air a taisbeanadh gu’n chron an làthair a ghlòir, gu còmhnuidh maille Ris gu bràth ann am baile tàimh.
Oidheirpicheadh-mid, uime sin, ann an taic ri gràs a tha air a ghealltuinn, beachd a ghabhail, an toiseach, air cuid de na nithean a tha fior mu’n t-shlighe so air am bheil Fear-treorachaidh mòr a shluaigh ga’n treorachadh; anns an dara h-àite, beachdaicheadh-mid oirre mar an t-shlighe cheart; agus ‘s an treas àite, thugadh-mid fa’n ear a croich ghlòrmhor, am baile tàimh a dh’ionnsuidh am bheil i dol.
1. Cuid de na nithean a tha fior mu’n t-shlighe.
Feumaidh sinn beachd a ghabhail oirre, an toiseach, mar shlighe a tha treorachadh troimh’n fhàsach. ‘S e staid a Chriosduidh anns an t-saoghal so aon anns am bheil e air chuart. Dh’aidich iad so uile. Tha’n t-Abstol ag ràdh, “‘gu’m bu choigrich agus luchd-cuairt air an talamh iad fein.” Cha’n e so fois a Chriosduidh; tha e air fhagail fa chomhair. Ann an so tha e tâmh ann am pàilluinaibh. ‘N a staid is fearr cha’n urrain e ach a bhi’g amharc am fad as agus a bhi miannachadh an deigh an t-seilbh a tha air a gealltuinn. ‘N uair is treise a chreidimh agus is beothail a ghràdh, feumaidh e bhi dì-chuimhneachadh na nithean a tha air a chùl, agus ga shìneadh fein a chùm na nithean a tha air thoiseach air. ‘N uair is lugha a tha de neoil air a latha, agus a tha a dhòchas ro-bheothail, is pailte a ghàirdeachas, feumaidh e fathasd an guth a chluinntean a tha’g ràdh ris, “‘Eiribh, rachadh-mid a so.” Cha’n ann an so a tha cuibhtrionn na oighreachd. Tha’n cuibhtrionn aig daoine an t-saoghal so ‘s an t-saoghal; tha cuibhtrionn a Chriosduidh air a thasgadh fa’ chomhair — oighreachd neo-thruailidh, neo-shalach, agus nach searg as; tiodhlac iomchuidh bho Thighearna na Glòir gu bhi ga bhuilleachadh orra-san a tha’n an “co-oighreachaibh” maille ri Mhac. Cha’n e so a dhachaidh. Tha e’n so, fad as bho thigh Athar, a triall do dhùthaich fad as. Is ann tre chreidimh a tha e’g imeachd, agus cha’n ann tre shealladh. Tha a dhùthchas air neamh; buinidh e do theaghlach Dhé. Is e tìr choigreach a th’anns an t-saoghal dha; tha’n saoghal ag aideachadh maigstir ris am bheil esan a cur cùl, agus tobraichean aoibhneis a tha esan atréigsinn mar nithean meallta. Tha na nithean air am bheil an saoghal a taiceachadh dhà-san ‘n an dìdeanan bréige. Cha’n urrain e dhol a stigh ‘n a fhaireachaidhean-san; cha’n urrain e co-fhaireachadh a bhi aige ri aoibhneas-san na ri bhròin, ri dhòchas an na ri mhiannaibh, a bheachdan na na nithean a dh’ionnsuidh am bheil e’g iarruidh. Tha’n saoghal ag amharc air na nithean a tha ri’m faicinn agus aimseireil; tha chreidimh-san ag amharc thairis air na nithean sin a dh’ionnsuidh na nithean sin a tha neo-fhaicsinneach agus siorruidh. Tha’n saoghal ag amharc air na sgàilean a tha làthair; tha chreidimh-san a toirt brìgh do bheannachdan ris am bheil dòchas. Cha’n eil nì air bith aig ann an coitchionnas ris an t-saoghal; tha esan ag imeachd ann an ceum eadar-dhealaichte ris an t-saoghal, agus a leantuinn a dh’ionnsuidh croich calg-dhìreach ‘n a aghaidh. ‘S e croich an t-saoghal sgrios, ‘s e chroich-san glòir. Seadh, tha’n saoghal so mar fhàsach do’n fhear-cuairt. Chriosdail; tha e neo-thorach dhe gach ni a shàsaicheas miannaibh a chridhe, na a dheanadh e da-rìreadh beannaichte. Cha’n urrain e sìth a thoirt dha choguis, na ioc-shlàninte a thoirt dha anam euslainte, na sàsachadh a thoirt da mhiannaibh naomha. Cha’n ann air a shon-san a tha sìth agus comhfhurtachdan. Tha e faicinn diomhanas nan diomhanas sgriobhta air gach ni cruthaichte, agus peacadh agus cionta ann a bhi toirt a chridhe dhoibh. Faodaidh a bhi labhairt mar so mu’n t-saoghal a bhi air a mheas cruaidh do chluasan na muintir a tha dol as a dhéigh. Ach tha cainnt nan Sgriobturan soilleir, cuimseach, agus a cur na cùis an dara taobh: “Na gràdhaichibh an saoghal, na na nithean a th’anns an t-saoghal. Ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal, cha’n eil gràdh an Athar ann.” Ma tha ionmhas a Chriosduidh air neamh, agus ma tha chridhe an sin, an sin, is cinnteach gu’m bheil sinn ladurna agus dàna ann a bhi gabhail d’ar ‘n ionnsuidh fein an t-Ainn naomha ma tha ar ‘n ionmhas agus ar cridhe anns an t-saoghal. Tha bhi miannachadh dùthaich eile agus dùthaich is fearr neo-chùmta ri gràdh an droch shaoghal a tha làthair.
Cha’n eil, gu’n teagamh, glaodh “diomhnais nan diomhanas agus buaireadh spioraid” na ghlaodh neo-chumanta. Tha e bitheanta air fhàsgadh, ann an searbhadas dòchas air a mhealladh, bho’n a chridhe fheolmhor neo-shàsaichte. Ach gus am bheil siorruidheachd air beachdachadh oirre gu suidhichte anns a h-uile seadh anns am bheil i deanamh gnothuch ri ar ‘n aoibhneas agus ar truaighe, agus gus am bheil Dia ann an Criosd air aithneachadh, agus air aithneachadh leinn mar thobar ar n-uile bheannachd, cha toir dòchus, gu tric air a mhealladh, sinn gu bhi dealachadh ri bhi ruith as déigh aoibhneas anns a chreutair. A ris agus a ris pillidh sinn ga ionnsuidh gus am faigh am bàs agus an uaigh sinn fathasd a glaodhaich a mach, “Co nochdas dhuinn ni maith?” Faodaidh sinn a bhi an-earbsach as an t-saoghal, faodaidh gu’n sùil a bhi againn ri mòran bh’uaith; agus gidheadh faodaidh sinn a bhi fathasd cho falamh de spiorad an luchd-cuairt agus a tha iadsan a tha deanamh glòir ‘n an nàire, agus a tha gu foilleasach ag ràdh nach eil suim aca do’n am ri teachd, agus am feadh ‘s a tha iad ‘s an t-saoghal gu’n oidheirpich iad toillinntinn a gabhail ann. Faodaidh sinn fathasd a bhi deanamh dìmeas air an tìr thaitnich. Faodaidh an saoghal a bhi fathasd ‘n a thir sgìth dhuinn a mhàinn do-bhrigh nach do shealbhaich sinn ann na nithean ris an robh sùil againn, agus cha’n ann an a bhi faicinn a dhiomhanas, a tha sinn ag amharc air adhart a dh’ionnsuidh saoghal is fearr.
(R’a leantuinn)