Leis an Urr. Tearlach C. Mac an Tòisich, D.D.
(Air a leantuinn bho t.d.61)
III. Oidheirpicheadh-mid a nis, air son beagan ùine, labhairt air an lânachd a th’ann an Criosd, agus, uime sin, beannachadh do-labhairt agus siorruidh a shluaigh saorta: “Criosd na uile, agus anns na h-uile.” Cha’n amhairceadh-mid thairis air aon fhirinn thlachdmhor agus chudthromach a tha, a reir coltais, air a teagasg leis na briathran so ‘n an co-cheangal, ‘s e sin, ge b’e nl a tha ion-mhiannaichte na luach ri bhi air a chur air ann’ an
suidheachadh na ann an dàimh o’n leth a muigh, ann am buadhan inntinn na nì air bith a bhuineas do’n t-saoghail so, tha e air fhaotainn ann an luach diongmholta agus maireannach ann an Criosd; agus ge b’e nì a tha dhìth a thaobh aon nì dhiubh so, tha e nì’s mothà na air a dheanamh suas dha’n anam chreidmheach, Ann-san. Cha’n eil so ach cuid, agus cuid bheag, dhe’n an fhlrinn —is e meudachd an fhocail so uile a tha sinn ri bhi beachdachadh air. Agus cha’n eil e air a ràdh, “Criosd uile ann an uile,” ach “Criosd uile, agus anns na h-uile.”
Gabh beachd, uime sin, air ciod a tha feum aig peacach cailte air a chùm agus gu’m bitheadh e air a shaoradh. Cha’n urrain sinn smuainteachadh gu ceart air a so gus an tig sinn gu fein-fhiosrachadh a bhi againn air, gus an tig sinn gu faireachadh a bhi againn air ar feum. Ach cuidichidh a leithid sin de fhein-fhiosrachadh sinn, fodh theagasg an Spioraid Naoimh, gu bhi gabhail a stigh mòrachd do-labhairt slàinte spioradail os ceann gach uile shaorsa bho’n leth a muigh, agus gu bhi tuigsinn na h’earannan de Fhocal Dhé a tha cur an ceill obair na saorsa a bhi fada bho’s ceann obair a chruthachaidh, fada bho’s ceann obair Dhé ann am freasdalan coitchionn, mar fhoillseacadh air a ghliocas, fhireantachd, agus a ghràdh.
Ach smuaintich a nis ciod a tha feumail a chùm agus gu’m pitheadh peacach da-rìreadh air a thoirt gu bhi gabhail a stigh a staid mar neach a thacailte. Smuaintich air an atharachadh seallaidh a dh’fheumas a bhi aige a thaobh Dhé, thaobh an t-saoghail, agus dha thaobh fein. Smuaintich air beothachadh a choguis mharbh; smuaintich air an atharachadh bho neo-mhothachadh chruaidh agus daor eas-creidimh, gu leithid de shealladh soilleir air a bhi fosgailte do fheirg Dhé, agus a leithid de mhothachadh geur air doimhneachd suidheachadh peacach ann an sealladh Dhé agus a chuireas a fein an ceill ann an glaoth bho na doimhneachdan, “Dhia dean tròcair orm-sa a tha am pheacach.” An sin smuaintich air ciod a tha’m peacach so air a dhùsgadh a cur feum air gu bhi toirt dhà sìth agus suaimhneas. Smuaintich air a mhaitheanas mhòr agus làn, an reite ri Dia, a ghabhail ris ann an sealladh Dhé, a tha ‘n a leithid de dhòigh agus a mhòlas i fein dhà choguis mar nì a tha cinnteach agus tearuinte, ath-nuadhachadh inntinn thruailidh, agus, còmhla ris na h-uile nì eile, an sealladh os ceann nàduir air tròcair agus air gràs tearnaidh a tha’m peacach a cur feum air a tha air fhoillseachadh ann a’ Pearsa agus ann an obair Chriosd, air a leithid de dhòigh agus gu’m bheil a chridhe a sruthadh a mach a dh’ionnsuidh an t-Slànuighear mar a shlàinte uile agus a mhiann uile. An sin smuaintich air ciod e tha e cur feum air an deigh dhà tighinn gu Criosd; gach latha, gach uair, a bhi air a ghleidheadh, air a
threorachadh, air a naomhachadh; am feadh a tha e cathachadh ris a pheacadh agus ris an diabhol, gu bhi’g imeachd gu neamh, gu bhi air ullachadh air son neamh. Smuaintich air iomadh suidheachadh gach anam fa’leth dhe ‘n a creidmhich, agus an sin smuaintich air gach caochladh suidheachadh a th’aig teaghlach a chreidimh.
Smuaintich ciod e’n t-ullachadh gràis air am bitheadh feum air na’n tigeadh na slòigh do pheacaich air thalamh a tha clùinntinn an t-soisgeil a dh’ionnsuidh Iosa air son tròcair. Smuaintich air na chaidh a chleachdadadh de ghràs ann an tearnadh nan slògh gu’n àireamh a chàidh a ghiùllain gu tearuinte do neamh agus a tha nis fodh chomhair na Rìgh-chathrach. Smuaintich air na tha Eaglais Chriosd a cur feum air air an t-Sàbaid so, cha’n ann a mhàinn air son a gleidheadh, ach air son a h-ùrachadh agus a h-oideachadh ann an rathad beannaichte. Smuaintich air na bhitheas feum air ‘s na h-àlaibh ri teachd anns an t-saoghal so, ‘n uair a bhitheas cinneach air am breith ann an aon latha, gus am faigh a chuideachd nach urrain neach air bith àireamh a bhuaidh thairis air peacadh agus air bàs, agus am bi iad air an taisbeanadh fodh chomhair an Athar ” ‘n a h-eaglais ghloirmhor, gu’n smal, gu’n phreas, gu’n aon ni de’n leithidean sin.
Nis, a thaobh so uile is E ” Criosd na h-uile, agus anns na h-uile.” Tha E tearnadh gach peacach a thig dha ionnsuidh, gun a bhi tilgeadh aon a mach: agus a’ neach a thearnas E. tha E ga thearnadh a ” dh’ionnsuidh a cheum is fhaide a mach.” Tha E ” air a dheanamh o Dhia Dha shluagh ” ‘n ghliocas, ‘n a fhireantachd, ‘n a naomhachadh, agus ‘n a shaorsa.” Is E Slànuighear coitchionn a shluaigh E; agus gidheadh, tha E tearnadh gach aon fodh leth mar nach bitheadh Aige ri cùram a ghabhail do aon air bith eile. Agus cha’n e mhàin gràs, freagarach air son aon suidheachadh, a tha E buileachadh, ach ” pailteas gràis.” Ann a bhi’g aiseag air ais beatha tha E ga bhuileachadh ni’s ro-phailte. Tha E deanamh barachd agus call an tuiteam a dheanamh suas. Tha E toirt seallaidhean nuadh agus a tha sàsuchadh air nàdur na Diadhachd; agus tre aonadh Ris Fein tha E toirt a shluaigh ni’s dlùithe do Dhia ann ‘n a shuidheachadh urramach mar Mhac, agus ni’s dlùithe do aon a cheile. Bho’n a cheud uair a thaghail a ghràs air an anamaibh, air adhart ‘n am beatha, agus air adhart tre’n t-siorruidheadh, tha E deanamh air an son ” fada bho’s ceann ni’s aithne dhoibh iarruidh na smuainteachadh.”
Agus a nis, na’n oidheirpeachadh-mid freagairt a thoirt do’n a cheisd, cia mar a tha Criosd ‘n a ” uile, agus anns na h-uile? ” —dh’fhaodadh-mid bhur ‘n aire tharruig—ged nach eil slinn a dol
a leudachadh orra—gu dhà na tri de earannan anns an litir so—litir a tha air mhodh sònraichte saoibhir ann a bhi cur an ceill Pearsa agus obair Chriosd. Tha e air a ràdh ann an aon àite, “oir b’è deagh thoil an Athar gu’n còmhnuicheadh na h-uile iomlanachd annsan:” ann an aon eile, “Anns am bheil uile ionmhasan a ghliocais agus an eolais folaichte:” fathasd ann an carann eile, “Oir annsan tha uile iomlanachd na Diadhachd a gabhail còmhnuidh gu corporra.” Ann a bhi tarruig bhur ’n aire a dh’ionnsuidh an teagaig ghloirmhor so, beachdaichidh mi’n toiseach, gu’m bheil ni ris am faod sinn a ràdh lánachd do fhreadagarachd ann am Pearsa Chriosd a chùm a bhi ’n a uile anns na h-uile. Is ann do-bhrigh aonadh nàdur na Diadhachd agus nàdur na daonnachd ann ’a Phearsa a thà e comasach a bhi ’n a Eadar-mheadhonair, gu bhi càradh na bearna eadar Dia agus an duine, a bhi toirt ùmhlachd, a bhi fulung, a bhi cosnadh eufachd, a bhi ’n a ionmhas na’n uile ghràs agus nan uile bheannachdan spioradail, a chùm a bhi aig an aon àm ’n a Fhear-gleidhidh agus ’n a Charaid agus ’n a Fhear-posda a Shluaigh. A ris, tha lánachd neo-chriochnach de eufachd fireanachaidh ann an Criosd. ’S e eufachd obair-san a chuid Fein agus bheir Eaglais Dhà a ghloir tre’n t-siorruidheadh; agus gidheadh, gabhaidh i bhi air a meas dha’n a pheacach chreidmheach (mar a bha i air a h-oibreachadh a mach Leis-san ann an àite a shluaigh) air a leithid de dhòigh agus gu’m bheil e air a dheanamh ’n a fhireantachd Dhé Ann-san. O! nach deoinicheadh Dia gu’n tigeadh iadean nach do bheachdaich riabh air teagasg co-chur fireantachd Chriosd—a dh’ fhaodas gràin a bhi aca air—gu bhi ann an tomhas a blasad air a chùmhachd gu bhi toirt comhfhurtachd. ’N uair a tha’n Criosduidh ag iarruidh seirbhis a dheanamh do Dhia le a spiorad, agus gidheadh ann an sealladh spioradalachd agus naomhachd an lagha a dh’fheumas e ghnàth bhi gearain gu’n tug eu-ceartan buaidh air, O! cia cho beannaicht ’s a tha e bhi comasach air a ràdh, “An Tighearna m’ fhireantachd.” A ris, tha lánachd de chùmhachd tearnaichd ann an Criosd a tha ga dheanamh freagarach gu bhi ’n a uile anns na h-uile—cùmhachd gu bhi soillseachadh na h-inntinn dhorcha, gu bhi ceannsachadh peacaichd, gu bhi’g atharachadh a chridhe, gu bhi’g ath-nuadhachadh agus a naomhachadh gu h-iomlan. Agus, aon uair eile, tha lánachd gràdh na diadhachd, gràdh na diadhachd neo-chaochlaidheach, agus lánachd gràdh daonachd, fior-ghlan, neo-fheineil, fein-choisreagach, gràdh fein-àicheil, a gabhail còmhnuidh ann an Criosd; agus, do-bhrigh so, tha E uile freadagarach gu bhi ’n a uile, agus anns na h-uile. Ann an gràdh-so Chriosd faodaichd ceann-feadhna nam peacach fois a ghabhail, cho luath ’s a thig e chùm an t-Slànuighear, ann an dearbh-chinnteas nach urrain
nl air bith a dhealachadh bh’uaithe; agus is e so tobar maireannach comhfhurtachd agus aoibhneas dha’n an Eaglais shuas.
‘S maith, uime sin, a dh’fhaodas clann Shion a bhi aoibhneach na’n Righ. ‘S maith a dh’fhaodas iad sgrur a bhi cladach sluichd eu-dionach nach cùm uisge air bith, na sgrur a bhi’g earbsa ann an nl air bith air son slàinte agus sonas ach ann an Criosd a mhàinn. ‘S maith a dh’fhaodas iad aoibhneas a dheanamh air son na th’ac’ Ann-san—oir is leo na h-uile ni—’s ni’s mothag gu mòr air son na tha E ann Fein. Agus tha iad ag earbsa Ann, tha gràdh aca Dhà, tha iad a deanamh uaill Ann—ged nach eil mar bu mhaith leo; oir anns an t-saoghal so tha’n seallaidhean air Criosd bitheanta gu ro-mhòr air an dorchachadh le peacadh; aig a chuid is fearr cha’n fhaic iad ach gu dorch troimh ghloine. Tha iad air an cuartachadh le anmhuinneachdan, a cathachadh ri truaillidheachdan; ach O! co aca dheanadh iomlaid dhe’n dòchas a tha aca bho Chriosd agus ann an Criosd, fann mar a dh’fhaodas e bhith, air son mile saoghal? co aca bhitheadh ann an imcheisd gu fianuis a thoirt a thaobh foghainteachd, gràs agus oirdheirceas bharaichte Chriosd? co aca aig nach eil fuasgladh iongantach air choir-eigin gu labhairt air, nach b’urrainn ach Criosd, nach eil a choimeas ann, a thoirt dà anam ann an latha na h-eigin? Cha’n urrainn lán chiall na’m briathran, ” Criosd na uile, agus anns na h-uile,” uime sin, a bhi air aithneachadh leis na naoimh anns an t-saoghal so; tòisichidh iad air aithne ghabhail air ‘n uair a theid iad thairis air a ghleann dhorch, agus a theid iad a stigh do aoibhneas an Tighearn. Air latha na h-aiseirigh, ‘n uair a bhitheas saorsa na h-eaglais iomlan, tòisichidh iad air a bhi tuigsinn brigh nam briathran: ” Beathaichidh an t-Uan a tha’n a meadhon na Righ-chathrach iad, agus treoraichidh e iad gu beo-thobraichean uisge; agus siabaidh Dia gach deur ‘o ‘n sùilean “; ‘n sin bithidh e fior dha’n taobh uile, a measg gach caochladh suidheachadh a th’aig teaghlach a chreidimh, gu’m bì iad uile coltach ri Iosa, agus araon air an lionadh le lànachd Dhé.
Tha’n ni air an robh sinn a gabhail beachd comasach air a bhi air a chc-chur ann an dòighean nach gabh àireamh. Cha ghabh mi aig an àm so beachd ach air dà ni. Ged nach bitheadh ni ga’r tarruig gu beatha a Chriosduidh ach gur l beatha th’innnte anns am bheil fàs ann an eolas air Pearsa, obair, agus gràdh Chriosd, nach maith a dh’fhaodadh-mid gach ni eile a chunntas mar chall air a son. Buinidh e do fhiar thoiseach eolas air Criosd gu’n toir e leis dearbh-chinnte gu’m bheil raointean air thoiseach a tha ri bhi air an rannsachadh agus ri ruigheachd orra. Gu’n deoinicheadh an Tighearna a bhi ga’n cuidheachadh-san dha’m bheil Criosd air a dheanamh luachmhor gu bhi sior
leantuinn air adhart, ann an aghaidh dorchadasan agus
duilgheadasan, gu aithne bhi aca air an Tighearna. Agus O!
ma’s e gu’m bheil “Criosd na uile” ann an gnothuch ar slâinte—
gu’m bheil “Criosd na uile” anns an fhocal, agus “na uile”
ann am beachd agus ann am fein-fhiosrachadh a shluaigh—an
sin a cho-pheacaich,” cha’n eil ainm eile fodh neamh air a thoirt
a’ measg dhaoine tre’n urrain sinn a bhi air ar tearnadh.” Sibhse
aig nach eil smuaint mu thimchioll Dhé na mu thimchioll Chriosd,
iarraibh Criosd an diugh. Iarraibh E am feadh ‘s a dh’fhaodas
sibh. Cuimhnichibh gu’m bheil bhur beatha neo-chinn teach. “Oir
ciod i ar beatha? Is deatach i chithear re ùine bhig, agus an
sin a theid as an t-sealladh.” Agus O! ‘n uair a thig am bàs,
fàgaidh an saoghal sibh, agus fàgaidh sibhse an saoghal, c’ait
an teid bhur ‘n anam, as eugmhais Chriosd? ‘N uair a thig an
latha mòr—mar a thig e—’n uair a bhitheas an Righ-chathair
mhòr gheal air a cur suas, fodh chomhair am feum sinn uile
seasamh, ‘n uair a tha sibh air ‘ur faotainn a mach a Criosd, O!
ciod a dh’eireas dhuibh? Nis, tha agaibh latha nan gràs, Sàbaid
bheannaicht’, soisgeul beannaicht’, Slànuighear beannaicht’, a tha
sleadh a mach a làmhan gu’r gabhail dha ionnsuidh, agus a
tha’g ràdh, “Thigibh a’m’ ionnsuidh-sa.”
Gu’n deonaicheadh an Tighearn a Spiorad Fein a dhòrtadh
bho’n àirde, a chùm ‘s gu’m bitheadh fhirinn Fein air a deanamh
eufachdach gu bhi tarruig anamaibh gu Iosa.—Amen.