Leis an Urr. Iain Mac a Chòmhaich, D.D., Llte
(Air a leantuinn bho t.d. 217)
Earrann I. Mu Chùmhnant Gniomh.
C. Co a’ neach ris an d’rinn Dia Cùmhnant Gniomh? F. Ri Adhamh mar cheud phàrant a chinne-daoine; agus mar cheann-cùmhnant d’a shlioichd nàdurra uile.
C. Ciod na daimhean àraidh anns am bheil Adhamh da shlioichd nàdurra uile? F. Tha e dhoibh ‘n a fhreumh nàdurra, agus ‘n a cheann-cùmhnant.
C. C’ar son a theireir gu bheil Adhamh ‘n a fhreumh nàdurra d’a shlioichd uile? F. Do bhrigh, air dhoibh uile tighinn a nuas uaith tre ghinealach gnàthaichte, gu bheil iad ag eirigh a mach as mar am freumh.
C. C’ar son a theireir gu’m bheil Adhamh ‘n a cheann-cùmhnaint d’a shlioichd nàdurra? F. A chionn gur ann ris a rinn Dia an ceud chùmhnant, cha’n ann air a shon fein a mhàin, ach air son a shlioichd, mar neach a sheas a suas ann an ainm, agus air son, a shlioichd.
C. Cia mar a dhearbhas tu gu’n do sheas Adhamh a suas ann an ainm, agus air son, a shlioichd nàdurra ann an cùmhnant nan gniomh? F. Bha Adhamh ‘n a shamladadh air Criosd a bha ri teachd, theireir ris an ceul Adhamh, mar a theireir ri Criosd an dara Adhamh, tha iomradh air a dheanamh orra mar nach biodh neach eile ‘s an t-saoghal ach iad fein a mhàin; do bhrigh nach robh ceann-cùmhnant eile ann ach iad fein; tha ceud pheacadh Adhaimeadh air a mheas da shlioichd nàdurra uile, agus tha binn a bhàis air a toirt a mach, agus air a cur an gniomh air na h-uile air son na cionta sin.
C. An robh e dligheach gu’m biodh Adhamh ‘n a cheann-cùmhnant da shlioichd uile? F. Bha gle dligheach; oir b’e freumh agus ceud phàranta a chinne-daoine uile e, agus a chionn, air dha bhi air a chruthachadh a reir iomhaigh Dhé, gu’n robh e làn chomasach air co-lionadh a thoirt do chumha a chùmhnaint, agus mar sin, còir a chosnadh dha fein agus da shlioichd air a bhèatha mhaireannaich.
C. Cia mar a tha fios agad gu’n d’rinn Dia cùmhnant ri Adhamh? F. Ann an Genesis ii: 16, 17, tha gach ni a bhuineas do fhiar chùmhnant air a chur an ceill, Air tús; tha iomradh air Dia agus air Adhamh mar luchd-deanamh a chùmhnant. ‘S an dara àite; an cumha, “Dh’aithe an Tighearn Dia do’n duine ag ràdh, do gach craobh ‘s a ghàradh feudaidh tu itheadh gu saor, ach do chraoibh eolais a mhaith agus an uile, cha’n ith thu dhi sin.” ‘S an treas àite, tha iomradh air a bhagradh pheanasach; “Anns an là a dh’itheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu.” Agus ‘s a cheathramh àite, than iomradh air gealladh a chùmhnant, mar ni a tha air fhilleadh anns a bhagradh. ‘N uair a thuirt Dia, ma dh’itheas tu, bàsaichidh tu; thuirt E mar an ceudna, mur ith thu bidh tu beo. Anns na briathraibh so tha fior chùmhnant air a chur fa chomhair Adhamh, agus air dha bhi iomlan ann a’ naomhachd, cha b’ail leis, agus cha b’urrainn dà a dhiùltadh. A bharrachd air so, tha e air a ràdh gu soilleir anns an Sgriobtuir gu’n do bhris Adhamh an cùmhnant, “Ach bhris iadsan an co-cheangal mar Adhamh.”
C. Ciod is ainm do’n chùmhnant so? F. Air uairibh, theireir cùmhnant nan gniomh, ris; air uairibh theireir cùmhnant na beatha ris, agus gu minic theireir an lagh ris.
C. Cia ar son a theireir cùmhnant nan gniomh, na nan oibre, ris? F. Do bhrigh gur e deagh oibre, no ùmhlachd iomlan a bu chumhadh dha.
C. Ciod e ghné ùmhlachd a bh’ air iarruidh anns a’chùmhnant so? F. Uimhlachd fhior, ùmhlachd iomlan, agus ùmhlachd bhithbhuan, araon anns a chridhe agus anns a bheatha, do uile lagh Dhé.
C. Ciod a bu shuim do’n lagh so? F. Gu’n creideadh an duine gach ni a dh’fhoillsicheadh Dia dhà, agus gu’n deanadh e gach ni a dh’ùithneadh Dia; agus mar fhianuis air sin, nach itheadh e do chraoibh eolais a mhaith agus an uile.
C. Am buineadh an aithne a thug Dia do’n duine mu thimchioll na craoibh thoirmisgte, do lagh na modhanna? F. Cha bhuinneadh; bha i air a bonntachadh air saor thoil Dé a mhàin.
C. Car son a thoirmisg Dia do Adhamh itheadh do mheas na craoibhe sin? F. A chùm gu’n nochdadh E uachdaranachd Fein, agus gu’m biodh ùmhlachd Adhamh a’ sealltuinn a mhàin ri toil Dé mar a tha ùmhlachd Chriosd.
C. Cia fhad a bha ùmhlachd Adhaimh, mar chumhadh a chùmhnaing gu fantuinn? F. Bha i gu fantuinn fhad ‘s a bhiodh Adhamh ann an staid dearbhaidh, ach ‘n uair a thigeadh crioch air an staid sin, ged a bhiodh an ùmhlachd foirfe gu siorruidh, cha b’ann mar chumhadh a’ chùmhnaing, ach mar ùmhlachd do lagh Dhé mar Chruithrear, a bhiodh i air a toirt.
C. Carson a theireir cùmhnant na beatha ri cùmhnant nan gniomh? F. A chionn gur e beatha an duais a gheall Dia air son an cùmhnant a choimhead.
C. Car son a tha Pòl gu minic ag ràdh an lagh ris a chùmhnant so? F. A chionn gu’n robh an cùmhnant fein air a dheanamh ri creutair a bha’n a iochdaran foch Dhia, agus fo fhiochaibh ùmhlachd a thoirt do lagh air bith a bheireadh Dia dha.
C. Ciod a tha Pòl a ciallachadh le oibribh an lagha ‘n uair a their e nach eil e comasach gu’m fireanaichear neach air bith leo? F. Tha e ciallachadh oibre a tha air an deanamh le neach a tha fo’n lagh mar chùmhnant nan oibre; agus aig am bheil sùil gu’n coisinn e còir air a bheatha mhaireannaich air sgàth nan oibre sin. Tre shamhail sin de oibre cha’n fhireanaichear neach am fianuis Dé.
C. Ciod a gheall Dia ann an cùmhnant nan oibre mar dhuais air son ùmhlachd iomlan? F. Gheall E beatha aimsireil, spioradail, agus shiorruidh.
C. Ciod i a bheatha aimsireil a gheall Dia do’n duine ‘s a chùmhnant so? F. Gu’m biodh a bheatha nàdurra a bh’aige cheana air a gleidheadh dhà, agus a bhà co-sheasamh ann an aonadh agus ann an comunn eadar anam agus a chorp air thalamh.
C. Ciod i a bheath spioradail a gheall Dia do’n duine ‘s a chùmhnant so? F. Gu’m biodh an t-aonadh agus an comunn naomh a bha cheana eadar anam agus Dia air thalamh, air a ghleidheadh dha.
C. Ciod i a bheatha blith-bhuan a gheall Dia do’n duine ann an cùmhnant nan oibre? F. Gu’n sealbhaicheadh e ann an àm iomchuidh a bheatha shiorruidh air neamh, a bhiadh a co-sheasamh ann a bhi dearcadh air glòir Dhé, agus a sealbhachadh a lànachd, no gu’m biodh aonadh agus co-chomunn aig anam agus a chorp maillle ri Dia gu siorruidh.
C. Cia mar a tha fios agad gu’n robh beatha shiorruidh air neamh air a filleadh ann an gealladh cùmhaint nan oibre? F. Is i a bheatha mhairreanach a tha Criosd a ciallachadh le gealladh a chùmhaint so, Mata xix: 16, 17, ‘n uair a bha E ga mhìneachadh air talamh; tha e soilleir mar an ceudna uaithe so; eadhon gu’m bheil bàs siorruidh ann an Ifrinn air fhilleadh ann am bagradh a’ chùmhaint. Tha gealladh cùmhaint nan oibre cho farsuing ris a bhagradh.
C. Ciod e am peanas a bhagair Dia do Adhamh air son briseadh cùmhaint nan oibre? F. Bàs aimsireil, spioradail, agus siorruidh, maillle ris gach truaighe uamhasach a tha ceangailte ris.
C. Ciod a tha thu tuigsinn leis a bhàs aimsireil a bhagair Dia? F. Sgaradh an anama o’n chorp tre corruich Dhé.
C. An d’thàinig bàs aimsireil air Adhamh anns a cheart là ‘s an d’ithe do’n mheas toirmeasgta? F. Cha d’thàinig; ach bha e ‘n a dhuine marbh ann am beachd lagh Dhé, agus dh’fhàs a chorp bàsmhor.
C. Carson nach d’thainig bàs aimsireil air Adhamh ‘s a cheart là ‘s an d’ithe do’n mheas toirmisgte? F. A chionn gu’n robh e gu slioichd fhàgail ‘n a dheigh, agus gu’n robh cùmhnant eile gu bhi air fhoillseachadh gu h-aithghearr dhà fein.
C. Ciod a tha sinn a tuigsinn leis a bhàs spioradail a bhagair Dia air Adhamh? F. Gu’n rachadh anam a sgaradh o Dhia; gu’n cailleadh e fabhar Dhé; agus a cheud fhireantachd a thug Dia dhà.
C. Ciod a tha thu tuigsinn leis a bhàs shiorruidh a bhagair Dia air Adhamh? F. Gu’m fuluingeadh e fearg Dhé, araon ‘n a anam agus ‘n a chorp, agus sin an deigh dhà bhi air a sgaradh gu siorruidh bho Dhia.
C. An robh seula air bith air a chur air cùmhnanta nan oibre? F. Bhà; bha craobh na beatha ann am meadhon a ghàraidh ‘n a seula gu bhi daingneachadh creidimh Adhamh, nan co-lionadh e cumha a chùmhnaint, gu’n sealbhaicheadh e gu cìnteach a bheatha a gheal Dia ann.
C. Cia mar a bhris Adhamh cùmhnant na oibre? F. Le gabhail, agus le itheadh do’n mheas toirmisgte.
C. Nach robh sin ‘n a pheacadh ro mhòr agus an-tromaichte? F. Bhà; oir bha’n aon pheacadh sin a filleadh ann fein iomadh peacadh eile; mar a tha àrdan, mi-chreidimh, glòirmhiann, mi-thoileachadh, mi-thaingéalachd, dearmad, neonachas diomhain, ceannairc, mortadh, etc.
C. An d’fhuair Adhamh agus Eubha bàs ‘s a cheart la ‘s an d’ith iad do’n mheas toirmisgte? F. Fhuair iad bàs gu spioradail anns a cheart uair ‘s an d’ith iad dheth; agus rinneadh iad buailteach do bhàs aimsireil agus siorruidh.
C. An do pheacaich slioichd nàdurrà Adhamh uile agus an d’fhuair iad bàs ann an Adhamh fein? F. Pheacaich iad uile, agus fhuair iad bàs ann; “Ann an Adhamh tha na h-uile a faghail a bhàis, do bhrigh gu’n do pheacaich na h-uile ann mar an ceud phàranta, agus an ceann cùmhnant.
(R’a leantuinn)