I.
‘Se cumhachd dhionhair an Spioraidh shiorruidh
Thug peacaich riamh mach o ghiallan Shàtain,
G’an cur suas ann am measg n’an uaislean
Le sith ‘us suaimeas nach cuelas àicheadh.
II.
Tha iad o’n uair sin is cogadh cruaidh ac’
Ris an truailidheadh tha’n an nàdur,
G’an cumail ial osal aig cosaibh Chriosda,
‘S gu b’e am miann bhi gu siorruidh làmh Ris.
III.
‘N uair thog E suas iad a slochd an uamhais,
Gu bhi ‘n an oighreachan air a shlàinte;
Le ceartas riarachadh ‘s lagh a choimhliionadh,
‘S gu robh gu siorruidh na fachan pàighte.
IV.
‘S e ghràdh bha siorruidh a rinn iad riaraicht’
Leis an iochshlaint bh’ann a bhàs dhoibh;
Le fhuil a dhòrtadh ‘us fheoil a rèubadh
‘S nach robh fodh’n ghrèin dheanadh réit’ ‘n a àit’ dhoibh.
V.
Bithidh iad air uairibh le creidimh buadhach,
Mar iolair luath dol air sgiathaibh làidir;
Theid iad sios gu ruig grunn nan liadhag,
D’an àite is ial osal ‘s cha teid am báthadh.
VI.
Bithidh iad dileas air taobh na firinn;
Am bainne fiorghlan a tha ‘g an àrach.
A cnàmh an clr mar na laoigh bhiaththa
Le deothal chiochan ‘g cur smior ‘n an cnàmhaibh.
VII.
Bithidh iad ag ùrnuigh le eud ‘us dùrachd,
‘N uair a bhitheas an drùchd tighinn nios o’n àird’ orr’;
Bithidh fàile cubhraidh tighinn o’n tuisseir,
Bithidh brigh nan ùbhlann troimh ghnùis toirt fàs orr’.
Seoras MacCoinnich, Achlaidhnis, Eadarachaolais.