” ‘S mise tha gu tinn,
Ged nach fhaod mi aithris;
Thuit mi ann an gaol
An Righ is maisiche.
‘S mise tha gu tinn,” etc.
I.
Bha mi làithean àraidh,
‘S mi’n dùil gu’n d’thug mi gràdh Dha,
‘S gu robh mo chupan làn Dheth,
‘S gu’m biodh e ghnàth cur thairis.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
II.
Lion a ghràdh mo bhuadhan
Le sonas is le suaimhneas;
‘S ann thubhàirt mi féin an uair sin,
Gu’m bithinn suas le caithream.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
III.
Dh’fhas mi tinn le gràdh Dha,
Cha’n iarain sgrur de phògadh,
‘S nach tigeadh boinne trà’idh,
Air an lànachd bha ‘n am anam.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
IV.
Ach is beag bha mise ‘n dùil
Gu robh corp a bhàis cho dlùth dhomh,
‘S ann bha mi fodh na clùdan
Ann an seomar cuil ga fholach.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
V.
‘S ann chuir e Féin-thearuint’
Do m’ ionnsuidh leis na bréugan,
Ag ràdh gu’n robh mi tearuint’
Ged leiginn dhiom bli caithris.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
VI.
‘S ann shéid a ghaoth ‘o thuath orm,
A lion le ceo mo bhuadhan,
‘S gu’n dh’fhàs mi réisd cho fuachdaidh
‘S gu’m bithinn truagh gun fhasgadh.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
VII.
‘N sin thainig orm an seann duine,
Gu bacadh chuir air m’urnuigh,
Is chuir e blas an t-suidh
Air na h-uile sùgh a bh’ agam.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
VIII.
‘S ann bha mise an tràth sin
Mar long gun stiurr gun ràmh innte;
I coltach ri mo bhàthadh
‘S gu’n rachadh i bhàn fodh’m chosaibh.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
IX.
Cha robh grian no reultan
Ri’m faicinn anns na speuaibh,
Ach dorchadas dubh-éigin
‘S na tûinn gu léir dol tharum.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
X.
Bu bhochd a cor an uair sin,
Euroclidon ‘n a uamhas “;
‘Nuair bha i teicheadh uaithe,
Gu’n do bhuail i air na creagan.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
XI.
Bha i’n cunnart bàthaidh,
Ach bha cuid gu maith air snàmh dhiubh,
‘S cuid eile chàidh air clàraibh
Gu tearuint’ gus a chladaich.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
XII.
‘S ann bha’n t-Abstol Pàl
Tional bhioran gu’ bhlàth’chadh,
‘S ‘n uair chaidh a’ bhéisd ‘n a làmh
‘S ann a thath e ‘s an lasair.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
XIII.
Chaidh fuachd a stigh ‘n am chnàmhaibh,
Sireadh connaidh chùm mo bhlàth’chadh,
‘S cha’n fhaighinn air an tràigh dhiubh
Na chuireadh blàthas air m’anam.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
XIV.
Bha mi nis ‘n am thruaghan,
Gun neach a ghabhadh truas dhion,
Na Phìlistich air m’uachdar,
‘S mo dhruim gu cruaidh ri talamh.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
XV.
Dh’fheuch mi’n sin ri éirigh,
Gun fhios ciod e a dheanainn,
‘S gu’m b’e mo ghòraich fein
Thug gach éiginn orm a thachair.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
XVI.
Ach ‘s ann tha nis mo dhòchas
‘N a fhocal chùm mo sheoladh,
‘O ‘n ‘s é E Féin a thòisich
‘S ann is dòch’ gu’n tig E fhathasd.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
XVII.
‘S Ann tha mo bhunait thearnaidh
Aig A dheas làimh anns na h-àrdaibh,
Bithidh m’anam air a thearnadh,
‘S bithidh Sàtan air a chreach dheth.
” ‘S mise tha gu tinn,” etc.
Scoras MacCoinnich, Achlaidhnis, Eadarachaolais.
A’ cheud mhios de’n Earrach, 1938.