Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1963 » March 1963 » GLEIDHEADH A CHRIDHE (Leis an Urr. Iain Flavel.)

GLEIDHEADH A CHRIDHE (Leis an Urr. Iain Flavel.)

“Leis an uile dhichioll gleidh do chridhe; oir as a sin tha sruthan na beatha.” Gnath. iv: 23.

Is e cridhe an duine a chuid is miosa dheth ma’s eil e air ath-ghinmhuinn, agus a chuid is fearr dheth an deigh sin; is e àite còmhnuidh phrionnsabalan, agus tobar ghniomharan. Tha sùil Dhé air, agus bu chor sùil a Chriosduidh a bhi gu sònraichte air a socrachadh air.

‘S e’n duilgheadas is moth a ann an iompachadh, an cridhe a chosnadh do Dhia. So far am bheil dearbh chruaidh-spàirn na diadhachd; ann an so tha’n nl a tha deanamh slighe na beatha ‘n a slighe aith-leathainn, agus an geata gu neamh ‘n a gheata cumhann. ‘S e seoladh agus cuideachadh anns an obair mhòr so suim a chin-theagaisg so: anns am bheil againn.

An toiseach. Earail

“Leis an uile dhichioll gleidh do chridhe.”

‘S an dara h-àite: An t-aobhar

na’n nl th’anns an amharc ann a bhi’g a agradh, “Oir as a sin tha sruthan na beatha.”

Ann an earail bheir mi fa’n ear (1) Gnothuch an dleasdanais. (2) An dòigh anns am bheil e ri a ghniomhachadh.

(1) Gnothuch an dleasdanais, “Gleidh do chridhe.”

Cha’n eil an cridhe air a thuigsinn ann an so a thaobh a chuid uasal sin de’n chorpa mu’m bheil feallsanaich ag ràdh gur’e “cheud chuid a thig beo agus an nl mu dheireadh a bhàsaicheas;” ach leis a chridhe, tha’n a Sgriobturan aig amaibh, ann an samhlaidh, a tuigsinn buadh uasal shonraichte de’n anam; ann an Rom. i: 21, tha e air a chur sios air son na tuigse, “Bha an cridhe aimaideach;” ’s e sin, an tuigse aimaideach “air a dorchachadh.” Agus ann an Salm cxix: 11, tha e air a chur sios air son na cuimhne. “A’m’ chridhe dh’fholuich mi t’fhocal, chùm nach peacaichinn a’t’ aghaidh;” agus ann an I. Eoin iii: 21, tha e air a chur sios air son na coguis, aig am bheil innte, an dà chuid, solus na tuigse agus aithne na cuimhne. “Muir dlt ar cridhe sin, tha dànachd againn a thaobh Dhé;” ’s e sin, ma tha bhur coguisibh ga’r diteadh, a bhuadh sin is e a dreuchd shònraichte a bhi diteadh. Ach ann an so tha againn ri a gabhail air son an anama uile, na’n duine bho’n leth a stigh; oir an nì a tha’n cridhe air son a chuirp, tha’n t-anam air son an duine; agus ma tha slàinte dha’n a chridhe, tha naomhachd dha’n an anam. Tha staid a chuirp uile a crochadh air falluineachd agus beothalachd a chridhe, agus tha staid shiorruidh an duine gu h-iomlan an crochadh air suidheachadh math na dona an anama.

Le gleidheadh a chridhe, tuig feum d’chiollach agus cunbhallach agus cur gu buil cheart gach meadhon naomh agus dleasdanas, gu bhi gleidhadh an anama bho pheacadh, agus a cumail suas a cho-chomuinn milis agus saor ri Dia. Tha mi’g ràdh, cunbhallach, oir tha’n t-aobhar a tha air a thoirt air adhart anns a’ cheann-theagaig a slneadh a mach an dleasdanais a dh’ionnsuidh gach staid agus suidheachadh ann am beatha a Chriosduidh, agus ga cheangal a ghnàth. Ma dh’fheumas an cridhe bhi air a ghleidheadh, do bhrìgh gur ann as a tha sruthanan na beatha, an sin cho fad agus a tha sruthain a dol a mach as, feumaidh sinn a ghleidheadh.

Tha’n t-ùghdar, Livater, air an earrann so a gabhail an fhocail bho shuidheachadh gearasdan air a chuartachadh le naimhdean bho’n leth a muigh, ann an cunnart a bhi air a bhrath le luchd-àiteachaidh mi-dhileas bho’n leth a stigh, agus anns a chunnart so, na saighdearain, fodh bhagradh bàis, air an òrduchadh gu faire a dheanamh. Agus am feadh a tha’n a briathran, “Gleidh do chridhe,” ga chur oirne mar ar ’n obair, gidheadh cha’n eil e a ciallachadh ar foghainteachd na comasan gu bhi ga dheanamh. Tha sinn cho comasach air a ghrein a stad ’n a cùrsa, na bhi toirt air na h-aibhnichean ruith air ais, agus a tha sinn, le ar teomachd agus ar cumhachd fein, a bhi riaghladh agus ag òrduchadh ar cridheachan: bhiodh e cho math dhuinn a bhi’n ar slànuighearan dhuinn fein agus a bhi’n ar luchd-gleidhidh dhuinn fein: agus gidheadh tha Solamh a labhairt ceart gu leoir ’n uair a tha e’g ràdh, “Gleidh do chridhe,” do bhrìgh ’s gur e so ar dleasdanas-ne ged a bhuineas an cumhachd do Dhia. Cha’n eil cumhachd air bith aig an duine nàdurra, tha beagan aig an duine thuair gràs, ged nach eil e gu leoir; agus tha’n cumhachd sin a th’aige an crochadh air neart Chriosd gu bhi ga bheothachadh agus ga ghluasad. Tha gràs an taobh a stigh dhinn an eiseimeil gràs an taobh a muigh dhinn. “As m’ eugmhais-sa cha’n urrain sibh aon ni a dheanamh.” Eoin xv: 5. An urad sin a thaobh ar dleasdanas.

(2) ‘S e’n rathad anns am bheil an dleasdanas ri bhi air a cho-lionadh “le ur ‘n uile dhichioll;”

tha’n Eabhra anabharach cudthromach, “Gleidh leis an uile ghleidheadh;” “gleidh, gleidh;” cuir freiceidean dùbailte, ar neo tha do chridhe air falbh. Agus tha a chainnt ro-dhian so, leis am bheil an dleasdanas so air a chur oirne, gu soilleir a gabhail a stigh ann cho doirbh ‘s a tha e bhi gleidbeadh ar cridheachan, agus cho cunnartach ‘s a tha e’n leigeadh as.

(3) Tha’n t-aobhar, na a chrioch gu ar beothachadh a chùm an dleasdanais so, ro shoilleir agus cudthromach:

“Oir as a sin tha sruthan na beatha.” ‘S e sin, is e m’athair agus tobar gach gniomh agus obair bheo; is e aobhar gluasaid araon math agus olc, mar a tha’n t-sreang anns an uaireadair a cur nan cuibhlichean air ghluasad. Is e’n cridhe àite-gleidhidh an ionmhais, cha’n eil ‘s an laimh agus ‘s an teangaidh ach na bùthaibh; na nithean a tha annta-san a tha tighinn bho sin; tha’n làmh agus an cridhe a ghnàth a toiseachadh far am bheil an cridhe a crochnachadh. Tha’n cridhe a dealbh, agus tha na buill a toirt gu buil. “Oir is ann a pailteas a chridhe a labhras am beul. Bheir duine maith a mach nithean maithe a deagh ionmhas a chridhe: agus bheir an droch dhuine mach droch nithean as a dhroch ionmhas.” Mata xii: 34, 35. Uime sin, ma theid an cridhe cearr ‘n a obair, feumaidh iadsan a dhòl air seacharan ‘n an obair-san; oir tha mearachdan cridhe mar mhearachdan na ceul mheasgachadh nach gabh a bhi air a cur ceart a rithisd; na mar cur cearr agus tionndadh bun os cionn litrichean ann an inneal a chlò-bhualaiddh a dh’aobhraicheas an urad sin de mhearachdan anns a h-uile leth-bhreac a theid a chlò-bhualadh. O, uime sin, cia cho cudthromach ‘s a tha’n dleasdanas a tha air a ghabhail a stigh anns na leanas.

Teagasg—is e gleidheadh agus òrduchadh ceart a Chridhe anns na h-uile suidheachadh, gnothuch mòr beatha a Chriosduidh.

Gabhaidh an ni a tha’m feallsanach ag ràdh mu uisgeachan a bhi air a ràdh a thaobh nan cridheachan; “Tha e dullich an cumail an taobh a stigh de chrioichaibh:” chuir Dia croichaibh agus ceanglaichibh rompa, gidheadh, cia cho tric ‘s a tha iad a briseadh a mach cha’n ann a mhàin thar ceanglaichean gràis agus diadhachd, ach eadhon thar ceanglaichean reusain agus onair chumanta. ‘S e so tha’g aobhrachadh do’n Chriosduidh mòran saothair, eagal, agus crith gu latha bhàis. Cha’n e glanadh na laimhe a ni Criosduidh, oir ‘s iomadh cealgaire a nochdas làmh cho glan ris-san; ach a bhi glanadh, a faire, agus ag òrduchadh gu ceart a chridhe; ‘s e so a tha dùsgadh an urad de ghearaínean duilich, agus a tha cosg an urad de osnaidhean domhain agus de dheoir shearbh. B’e uabhar cridhe Heseciah a thug air luidh anns an duslach a caoidh an làthair an Tighearna, II Each. xxxii: 26. B’e eagal cealgaireachd a thug air Daibhidh a bhi’g glaothaich, “Biodh mo chridhe treibhldhireach ann ad reachdaibh, chùm nach nàraichear mi.” Salm cxix: 80; b’e ‘m fein-fhiosrachadh duilich a bh’aig air roinnean agus seacharain a chridhe fein, ann an seirbhís Dhé, a thug air an ùrnuigh ud a chur suas, “Coimh-cheangail mo chridhe chùm eagal t-ainme bhi orm.” Salm lxxxvi: 11. ‘S e ‘n doigh anns an dean mi feum de’n phuing so, mar a leanas.

An toiseach. Feoirichidh mi ciod a tha air a chiallachadh agus air a ghabhail a stigh le gleidheadh a chridhe.

‘S an dara àite. Bheir mi air adhart mòran aobharan, air son am bu chòr do Chriosduidhean so a dheanamh ‘n obair mhòr agus gnòthuch am beatha.

‘S an treas àite. Comharaichidh mi mach na h-amaibh sònraichte a tha gu h-àraidh a gairm air son dìchioll ann a bhi gleidheadh a chridhe.

‘S a cheathramh àite. Ni mi co-chur de’n iomlan, ann an iomadh feum ainmeachadh.

An toiseach. Ciod a tha air a chiallachadh agus air a gabhail a stigh le gleidheadh a chridhe.

Tha bhi gleidheadh a chridhe gu do-sheachainte a gabhail a stigh ann obair naomhachaidh a tha dol air toiseach a chuir an cridhe ceart le bhi toirt dhà toil agus aomadh nuadh spioradail: oir am feadh ‘s a tha’n cridhe gun a bhi air a chur ceart le gràs, a thaobh a chleachdadadh àbhaisteach, cha’n urrain dleasdanais na meadhoin air bith a chumail ceart ri Dia. ‘S e’n fhein meighcheothrom a chridhe neo-naomhaichte, a tha ga aomadh agus ga ghluasad ‘n a innleachdan agus ‘n a ghniomharan; agus cho fad ‘s a thà e mar sin, tha e eu-comasach gu’n cumadh meadhon bho’n leth a muigh e ceart a thaobh Dhé.

Bha’n duine a thaobh cruthachaidh de spiorad seasmhach; chùm e aon chùrsa dìreach agus còmhnaid; cha robh aon smuaint na buadh a mach a òrdugh; bha’n inntinn air a soillseachadh gu h-iomlan gu bhi tuigsinn agus ag aithneachadh toil Dhé, a thoil a co-chòrdadh gu h-iomlan ri thòil-san; bha a chàil glan, agus a chomasan eile a seasamh ann an ùmhlachd iomlan Dhà.

Tha’n duine, tre’n leagadh, air tighinn gu bhi’n a chreutair ro mhi-rianail agus cheannairceach, a cathachadh ri, agus a cur an aghaidh a Chruithear, mar am priomh Aobhar, le fein-thaiceachadh, mar am priomh Mhaith, le fein-ghràdh; mar an Tighearn is àirde, le fein-thoil; agus mar a Chrioch àraidh, le fein-iarruidh; agus mar sin tha e gu leir mi-rianail agus a ghniomharan neo-chùmtha. Tha thuigse, a bha air a soillseachadh, air a cròdhadh a stigh le aineolas, a thoil a bha strioch-ta làn de cheannairc ‘s de rag-mhuinealas; tha chumhachdan is isle a tilgeadh dhiubh uachdaranachd ‘us riaghladh na’m buadhan is àirde.

Ach tre’n ath-ghinmhuin tha t-anam mi-rianail air a chur ceart a ris; air do naomhachadh a bhi ‘n a mheadhon cur ceart, na mar a tha na Sgriobturan ga chur, ag ath-nuadhachadh an anam ann an iomhaigh Dhé, Ephes. iv: 24, anns am bheil fein-thaiceachadh air a thoirt air falbh le creidimh; fein-gràdh le gràdh Dhé; fein-thoil le striochdadh agus ùmhlachd do thoil Dhé; agus fein-iarruidh le fein-àicheadh. Tha’n tuigse dhorch a ris air a soillseachadh, Ephes. i: 18, a chàil cheannairceach agus an-tograch a lion cuid agus cuid air a toirt fodh cheannsal. Rom. v: 7, agus mar sin tha’n t-anam a thruaill am peacadh gu h-iomlan, a ris tre ghràs air aiseag air ais agus air a chur ceart.

Air dhà so a bhi air a gabhail a stigh, cha’n eil e duilich a thuigsinn ciod a tha dol a ghleidheadh a chridhe, nì nach nì eile ach cùram cunbhallach agus dlichtollach an duine nuaidh, gu bhi gleidheadh anama anns an fhoinn naomh a dh’ionnsuidh an d’thug gràs e, agus a bhi gu làthail a strìl gu bhi ga chumail. Oir ged a chuir gràs, ann an tomhas mòr, ceart an t-anam, agus gu’n tug e dhà fonn òrduichte agus neamhaidh, gidheadh bithidh peacadh ga chur a mach a òrdugh a ris, air a leithid de dhòigh ‘s gu’m bheil eadhon cridhe gràsmhor coltach ri inneal-ciul, nì, ged a bhiodh e gu mionaideach air a chur air ghleus, cuiridh nì beag a mach a gleus a ris e; seadh, croch an dara taobh e ach air son ùine ghoirid, agus feumaidh e bhi air a ghleusadh a ris ma’s urrain thù fonn eile a chluich air: mar sin tha suidheachadh chridheachan gràsmhor; ma thà iad ann am fonn ceart ann an aon dleasdanas, gidheadh cho neo-shaireachail, marbh, agus a mach a òrdugh ‘s a tha iad ‘nuair a thig iad a chùm dleasdanas eile. Agus, uime sin, feumaidh gach dleasdanas ullachadh sònraichte aig a chridhe. “Ma dheasaicheas tu do chridhe, agus gu’n sin thù d’a ionnsuidh do làmhan.” Iob xi: 13. ‘S e bhi gleidheadh a chridhe mar sin, a bhi ga chumail gu cùramach bho pheacadh, nì a tha ga chur a mach a òrdugh; agus a bhi cumail suas am fonn spioradail agus gràsmhor sin, a tha ga dheanamh freagarach air son beatha co-ohomuinn ri Dia. Agus thà sin a gabhail a stigh na sia nithean a leanas.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Enter in at the straight gate 17 May 2026
  • Zeal of thine house 17 May 2026
  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice