Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2026-27
    • Glossary of Common Errors and Controversies
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
    • Overview of Australian Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1963 » May 1963 » Gleidheadh a Chridhe

Gleidheadh a Chridhe

Leis an Urr. Iain Flavel.

(Air a leantuinn bho t.d. 374)

Anns an dara h-àite. Bheir mi dhuibh cùnntas reusanta air c’ar son a bu choir do Chriosduidhean so a dheanamh na ghnothuch mòr am beatha—a bhi gleidheadh an cridheachan.

Tha cudthrom a bhi deanamh so ‘n a phriomh ghnothuch mòr dhuinn air fhoillseachadh anns gu’m bheil: I. Urram Dhé; II. Treibhidheireas ar ‘n aideachaidh; III. Maise ar caithe-beatha; IV. Comhfurtachd ar ‘n anamaibh; V. Cur gu buil ar Gràsan; agus VI. Ar seasmhachd ann an uair a bhuairidh:—uile air am filleadh suas ann, agus a crochadh air ar treibhidheireas agus ar cùram ann a bhi dol an ceann na h-obair so.

I. Tha glòir Dhé gu mòr air a ghabhail a stigh ann.

Tha peacaidhean cridhe ‘n am peacaidhean a tha gu mò a brosnachadh an Tighearn. Bha ‘n luchd-sgoil gu firinneach ag ràdh gu’n robh peacaidhean bho’n leth a muigh ‘n am peacaidhean anns an robh masladh mhòr; ach gu’n robh peacaidhean cridhe ‘n am peacaidhean anns an robh cionta ni’s doimhne. Cia cho geur ‘s a tha’n Dia mòr a cur an ceill a choruich bho neamh an aghaidh aingidheadh cridhe; ‘s e’m peacadh mòr sin air son am bheil an saoghal air a chasaid, aingidheadh cridhe; chunnaic Dia gu’n robh uile smuaintean, na deilbheadh, ” an cridhe olc a mhàin, agus do ghnàth; ” air son an do chuir E na breitheanasaiabh a b’uamhaisaich a bha air an cur an gnìomh bho’n a thòisich an saoghal. ” Agus chunnaic an Tighearna gu’m bu mhòr aingidheadh an duine air an talamh, agus gu’n robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a mhàin olc gach aon latha. Agus b’aithreach leis an Tighearna gu’n d’rinn e an duine air an talamh, agus thug e doilgheas dha ‘n a chridhe. Agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh mi an duine, a chruthaich mi, bharr aghaidh na talmhainn, araon duine agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; oir is aithreach leam gu’n d’rinn mi iad ” Gen. vi: 5-7. Cha’n fhaigh sinn am mortan, an adhaltranais, an toibheuman (ged a bha iad air an truailleadh leo sin) gu sònraichte air an cur as an leth, ach olcas an cridheachan: seadh, ‘s e so a’ni leis an robh Dia chò mòr air a bhrosnachadh leis, agus gu’n d’thug E oighreachd shònraichte Fein thairis do lainn an nàmhaid: ” Glan do chridhe o aingidheadh, O Ierusalem, a chùm gu’n tearnair thù. Cia fhad a ghabhas do smuaintean aingidh còmhnuidh an taobh a stigh dhiot? ” Ier. iv: 14. Ghabh Dia beachd sònraichte air aingidheadh agus diomhanas an smuaintean; agus do bhrigh so thainig na Caldeich a nuas orra mar leomhan as a choillidh, rann 7, agus reub e iad ‘n am bloighdean. ‘S ann air son dealbh pheacadh smuaintean a thilg Dia na h’ainlean a thuit, bho neamh, agus a tha E fathasd ga’n cumail ann an slabhruidhibh sioruidh fa chomhair breitheanas an là mhòir; leis na briathran so cha’n eil gu dorch air a chur an ceill breitheanas neo-àbhaisteach air chor-eigin a dh’ionnsuidh am bheil iad air an toirt thairis, mar a dh’fheumas e bhi air a smuainteachadh gur e na priosanaich is mothair air am bheil de dh’iaruin air an cur, na ciontaich is mothair: agus ciod e am peacadh? ‘S e mhàin aingidheadh spioradail. Oir, do bhrigh ‘s nach robh buill cuirp aca, cha b’urrain iad ni air bith a dheanamh bho’n leth a muigh an aghaidh Dhé. Seadh, tha peacaidhean cridhe a brosnachadh cho mòr, agus gu’m bheil air an son sin E diultadh le corruich gach dleasdanas a tha cuid de dhaoine a deanamh Dhà: “Tha esan a mharbhas damh, mar gu’m mortadh e duine; esan a dh’iobras uan, mar gu’n cuireadh e’n ceann de mhadadh; esan a bheir seachad tabhartas, mar gu’n tugadh e seachad fuil mhuc; esan a loisgeas tuis, mar gu’m beannaicheadh e iodhal; seadh ròghnaich iad an slighean fein, agus ‘n an gràineileachdaibh fein tha an anam a’ gabhail tlachd” Isaiah lxvi: 3. Ciod iad na briathran anns am b’urrain gràin do ghniomharan creutair a bhi air an cur le Dia naomh ni’s uamhasaich na anns na briathran so? Cha’n eil mort na iodhal-aoraiddh ni’s salaiche ‘n a shealladh na an iobairtean-san, ged is E Fein a dh’òrduich iad: agus a rinn mar sin iad? Tha na briathran a leanas ag innse dhuinn, “Agus ‘n an gràineileachdaibh fein tha an anam a’ gabhail tlachd.”

Ann a bhi co-dhùnadh: tha peacaidhean cridhe cho gràineil agus gu’m bheil na Sgriobturan aig amaibh a cur an ceill cho dúilich ‘s a tha iad a bhi air a’ maitheadh. Mar sin ann an cuis Shimoin Mhagus (Gniomh. viii: 24) cha robh a chridhe ceart, bha smuaintean truaillich aige thaobh Dhé, agus nithean Dhé, agus mar sin tha’n t-abstol ag àithne dhà aithreachas a ghabhail agus a bhi’g ùrnuigh, ma dh’fhaod-te gu’m biodh smuaintean a chridhe air a mhaitheadh dhà. O, uime sin, na measaibh aig am air bith aotrom olcas cridhe; oir leis a sin tha Dia gu ro-mhòr air eucoir a dheanamh Air agus air a bhrosnachadh; agus air son an aobhair sin deanadh gach Criosduidh obair dhe bhi gleidheadh a chridhe leis an uile dhichioll.

II. Tha treibhidheireas ar ‘n aideachaidh gu mòr a crochadh air a chùram agus a choguis a th’againn ann a bhi gleidheadh ar cridheachan; oir tha e ro-chinnteach nach eil ann an duine ach an cealgaire ‘n a aideachadh, a dh’aindeoin cho cùramach ‘s a dh’fhaodas e bhi ann an diadhachd bho’n leth a muigh, a tha gun suim agus mi-chùramach a thaobh fon a chridhe.

Tha eisimpleir shoilleir agaibh ann an so a thaobh Iehu nach d’thug “an aire air imeachd ann an lagh an Tighearna Dia Israeil le uile chridhe” II. Righ x: 31. Tha’n co-theagasc a toirt dhuinn cùntas air an t-seirbhis mhòr a rinn Iehu an aghaidh tigh Ahaib agus Bhàil, mar a tha mar an ceudna an duais mhòr aimseireil a thug Dia dha air son na seirbhis, eadhon gu’n suidheadh a shliochd a dh’ionnsuidh an ceathramh ginealach air righ-chathair Israeil. Agus, gidheadh, anns na briathran sin, tha Iehu air a chronachadh mar chealgair. Ged a bha e a reir toil Dhé agus a thug E duais air son na h-oibre, gidheadh bha a’ neach a rinn i mi-thlachd mhor ‘n a shealladh agus air a dhiùltadh Leis mar chealgair. Agus c’ait an robh a chealgaireachd a co-sheasamh, ach ann an so, nach do ghabh e suim air bith gu bhi ‘g imeachd ann an slighibh an Tighearna le a chridhe; ‘s e sin, rinn e na h-uile ni gu neo-threibhidhearach, agus air son crioichaibh dha fein; agus ged a bha ‘n obair a rinn e, innte fein, gu maith, gidheadh, air dha gun a chridhe a ghlanadh bho’n a fein-iarratasan mi-thlachdmhor sin ann a bhi ‘g a deanamh, bha e ‘n a chealgair. Agus Simon, mu’n do labhair sinn a cheana, ged a bha coslas a leithid de neach air agus nach b’ urrain na h-abstoil a dhiultadh, gidheadh bha a chealgaireachd gu luath air a foillseachadh: agus ciod a dh’fhoillsich i ach so, ged a bha e’g aideachadh agus ga cheangal fein ris na naoimh gidheadh bha e’n a choigreach do cheusadh peacaidhean cridhe? “Cha’n eil do chridhe direach ann am fianuish Dhé” Gniomh. viii: 21. Tha e fior a thaobh Chriosduidhean ‘n am measg fein, gu’m bheil eadar-dhealachadh mór a thaobh an dichioll agus an eolas a thaobh obair cridhe; tha cuid ni’s colaich agus ni’s soirbheachail anns an obair so na cuid eile; ach esan nach eil a gabhail suim air bith da chridhe, nach eil cùramach gu òrduchadh gu ceart am fianuis Dhé, cha’n eil ann ach cealgaire: “Agus tha iad a teachd a t-ionnsuidh mar chrùinneachadh sluaigh, agus tha iad a suidhe ann ad làthair mar mo phobull-sa, agus tha iad ag eisdeachd do bhriathran, ach cha’n eil iad ga’n deanamh: oir tha iad a taisbeanadh mòran gràidh le am beul, ach tha an cridhe a dol an deigh an sannt. Agus feuch tha thusa dhoibh mar òran ro thaitneach duine aig am bheil guth binn, agus a chluicheas gu maith air inneal-citil: oir tha iad ag eisdeachd do bhriathran, ach cha’n eil iad ga’n deanamh” Esec. xxxiii: 31, 32. Ann an so tha cuideachd de chealgairean foirmeil, mar a tha soilleir bho’n a briathran, “mar mo shluagh-sa;” mar iadsan, ach gun a bhi dhiubh. Agus ciod a rinn mar so iad? Bha iad maiseach bho’n leth a muigh; ann an so bha seasamh a bha taisbeanadh urram, aideachadh àrd, mòran de choslas aobhnis agus tlachd ann an òrduighean, “Tha thusa dhoibh mar òran ro thaitneach duine aig am bheil guth binn;” gidheadh, ach air son so uile, cha do chùm iad an cridheachan maille ri Dia ‘n an dleasdanasan, bha uachdaranachd aig an ana-miannaibh thairis air an cridheachan, chaidh iad an deigh an sannt. ‘N an robh iad air an cridheachaibh a chumail maille ri Dia bhiodh gach ni gu maith; ach gu’n a bhi toirt an aire ciod an rathad a bha’n cridheachan a dol ann an dleasdanasan, ann an sin bha’n a luidhe suim an cealgaireachd.

Ma thuigeadh treibhidheireach air bith bh’uaithne so, “Tha mise am chealgaire mar an ceudna, oir is iomadh uair a tha mo chridhe a dealachadh bho Dhia ann an dleasdanas; deanam na dh’fhaodas mi, gidheadh cha’n urrain mi mo chridhe a chumail dluth ri Dia.

Dha so tha mi freagairt, Tha’n dearbh cheisd so a giulain innte a freagairt fein. Tha thu’g ràdh, deanam na dh’fhaodas mi, gidheadh cha’n urrain mi mo chridhe a chumail dlùth ri Dia. Anam, ma tha thu deanamh na dh’fhaodas thu, tha beannachd cridhe treibhidheireach agad, ged a dh’fhaodas Dia fhaicinn gu maith cleachdadh a thoirt dhuit fodh amhghair cridhe mi-rianail. Tha fathasd a fantuinn ni-eigin de dh’ fhiadhantas ann an smuaintean agus ann am beachdan a chuid is fearr gu bhi ga’n ioraslachadh; ach ma tha thu faotainn cùram gu bhi cur bacadh orra roimh laimh, agus seasamh ‘n an aghaidh ‘n uair a thig iad, bròn agus mulad an deigh laimhe, tha thu faotainn gu leoir gus do shaoradh bho chasaid cealgaireachd a bhi riaghladh.

1. Tha’n cùram so air fhaicinn roimh laimh ann an tomhas ann a bhi lionadh suas an fhocail ann ‘n do chridhe gu bacadh a chuir orra: “A’m’ chridhe dh’fholuich mi t-fhocal, chùm nach peacaichinn a’ t-aghaidh” Salm cxix: 11; ann an tomhas, ann a bhi’g oidheirpeachadh a bhi coicheangal ar cridheachan ri Dia; Ier. xxx: 21; agus ann an tomhas ann a bhi’g asluchadh gràs bacaidh bho Dhia ‘n uair a theid sinn an ceann dleasdanas. Salm cxix: 36. ‘S e comharradh maith a th’ann ‘n uair a tha’n cùram so a dol air thoiseach air dleasdanas.

2. ‘S e comharradh milis air treibhidheireas a th’ann a bhi cur ‘n an aghaidh aig an ceud ghlusad: “Is fuath leam smuaintean faoin: ach is toigh leam do lagh.” Salm cxix: 113. “Tha’n fheoil a miannachadh an aghaidh an Spioraid, agus an Spiorad an aghaidh na feola.” Gal. v: 17.

3 Tha dobròn an deigh laimhe a nochdadh do chridhe treibhidheireach. Ma tha thu, maille ri Heseciah, air t-ioraslachadh air son olcas do chridhe, cha’n eil aobhar agad idir, bho’n a mi-riaghailtean sin, a bhi cur an amhrus treibhidheireas do chridhe; ach a bhi fulang do pheacadh luidhe gu sàmhach ann a’d’ chridhe, a bhi leigeadh do d’ chridhe a bhi gu h-abhaisteach agus gun bhacadh a dol air seacharan bho Dhia, ‘s e tha’n sin ach comharradh duillich agus cunnartach da-rìreadh.

(R’a leantuinn)

Upcoming Events (DV)

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

Nov 19
19 Nov - 23 Nov

Communion: Santa Fe

Dec 17
17 Dec - 21 Dec

Communion: Bulawayo

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Near the kingdom of God – its advantages and dangers 13 Sep 2026
  • Who are in the kingdom of God? 13 Sep 2026
  • The Wise Men and the Star they Followed 8 Nov 2026
  • The Life and Death of a Wicked Man 8 Nov 2026
  • A powerful salvation 30 Aug 2026
  • A good foundation is neccessary 30 Aug 2026
  • Safety, in spite of a flood 23 Aug 2026
  • Hearing and doing Christ’s sayings 23 Aug 2026
  • God’s words show the safe way through life, and Job esteemed them greatly 16 Aug 2026
  • Job speaks of God’s words 16 Aug 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice