Leis an Urr. Iain Flavel
(Air a leantuinn bho t.d. 152)
(7) ‘S e smuaint a bu chòr a bhi gu mòr ga’m ioraslaichadh, gu’m bheil tròcairean Dhé ag oibreachadh ann am spiorad-sa ann an dòigh calg-dhireach an aghaidh mar a the iad ag oibreachadh air spioradan muinntir eile a dh’ionnsuidh am bheil iad a tighinn mar thròcairean naomhaichte bho ghràdh Dhé. A Thighearn. ciod e’n smuaint dhùilich a tha’n so. gu leoir a chùm mo shineadh anns an duslaich; ‘n uair a bheir mi fa’n ear—
-
Gu’n d’ioraslaich an tròcairean iad gu ro-mhòr; mar a b’ àirde a thog Dia iad, gu’r ann a b’isle chuir siad iad fein fodh chomhair Dhé. ‘S ann mar so a rinn Iacob, ‘n uair a thug Dia dhà mòran maoin: Agus thuirt Iacob, “Cha’n airidh mi air a chuid as lugha de na tròcairean sin uile, no de’n fhlrinn sin uile, a nochd thu do d’ sheirbhiseach” Gen. xxxii. 10. Agus ‘s ann mar so a bha e thaobh Dhaidhbhidh naomh. Sam. vii. 18. ‘N uair a dhaingnich Dia a ghealladh dhà, gu’n togadh E tigh dhà, agus nach diultadh Se e mar a dhiult E Saul, chaidh e stigh an làthair an Tighearn, agus thuirt e, “Co mise O Thighearna Dhé? agus ciod e mo thigh, gu’n d’thug thu mi gu ruige so?” Agus ‘s ann mar so da-rireadh a bha Dia ag iarruidh, Deut. xxvi. 5; ‘n uair a bha Israel a dol a thoirt a dh’ionnsuidh Dhé ceud thoradh Chanàin, bha iad r’a radh, “But Shirianach air sheol a bhi cailte m’athair.” Am bheil muinntir eile a togail Dhé ni’s àirde, do bhrigh gu’m bheil E ga’n togail? Agus mar is mothá a dh’árduicheas Dia mise, an toir mi am barrachd támaithe Dhà, agus an árduich mi mi fein? O cia ni duilich a tha’n so.
-
Bha muinntir eile gu saor a toirt do Dhia a ghloir air son gach nì a bha iad a sealbhachadh, agus cha d’árduich siad iad fein, ach Esan, air son an tròcairean. Mar so bha Daibhidh, “Agus árdaichear t’ainn gu bràth” Sam. vii. 26. Cha’n eil e leum air an tròcair, agus a deothal a mach na millseachd aisde, gu’n a bhi’g amharc ni’s fhaide ‘n a chomhfhurtachd fein; ni-h-eadh, cha’n eil suim aige do thròcair air bith mar a bi Dia air àrdachadh innte. Mar so, Salm. xviii. 2, ‘n uair a shaor Dia e bho naimhdean uile, “Is e an Tighearna mo charraig, agus mo dhaingneach, agus m’fhear-saoraidh: mo Dhia, mo chreag anns an cuiream mo dhòchas: mo sgiath, agus adharc mo shlàinte, mo thùr ard.” Cha do chuir iad an crùn air an cinn fein mar a tha mise a deanamh.
-
‘S e tròcairean leaghaidh a th’ann an tròcairean Dhé do chuid eile, a leaghadh an anamaibh ann an gràdh do Dhia an tròcairean. Mar so bha Hannah, I. Sam. ii. 1. ‘n uair a thuair i mac mar thròcair, “Tha mo chridhe,” tha i’g ràdh, “deanamh gairdeachas anns an Tighearna; dh’árdaicheadh m’adharc anns an Tighearna; rinneadh mo bheul farsuinn os ceann mo naimhdean, do bhrigh gu bheil mi aoibhneach ann ad shlàinte-sa;” cha’n ann anns an tròcair, ach ann an Dia na tròcair. Agus mar so bha Muire, Lucas i. 46. “Tha m’anam ag àrd-mholadh an Tighearna. Agus tha mo spiorad a deanamh gairdeachais ann an Dia mo Slànuighear.” Tha’m focal a ciallachadh a bhi deanamh tuilleadh àite do Dhia; cha robh an cridheachan air an cumhannachadh, ach ni’s mothá air an deanamh farsuing a thaobh Dhé.
-
Bha tròcairean Dhé ‘n an ceanglaichean cumhachdach gu bhi cumail air ais cuid eile bho pheacadh. Mar so “An deigh gach nì a thainig oirrne air son ar droch oibre, agus air son ar cionta mhòir, o nach d’rinn thusa ar Dia peanas oirrn a reir ar droch thoilteanais, agus gu’n d’thug thu dhuinn a’ leithid so de shaorsa; na’m briseadh-mid a ris t’aitheantan, agus na’n deanadh-mid a ris cleamhnas ri sluagh nan gràineileachd sin, nach biodh fearg ort ruinn gus an cuireadh tu as duinn, air chor agus nach biodh fuigheal no dol as ann” Esra ix. 13, 14. Dh’aithnich anamaibh treibhidheireach thairis orra neart nan comainean fodh bheil iad do ghràdh agus do thròcair.
-
Bha tròcairean Dhé do chuid eile mar ola do chuibhlichean an ùmhlachd, agus rinn siad iad na bu fhreagaraiche air son seirbhis. II. Eachd. xvii. 5. Nis, ma tha tròcair ag oibreachadh calg-dhireach an aghaidh sin air mo chridhe, ciod e’n t’aobhar a th’agam eagal a bhi orm nach eil iad a tighinn a’ m’ionnsuidh ann an gràdh. Tha mi’g innse dhuibh, gu bheil gu leoir an so gu bhi m’ùchadh spiorad aon air bith de na naoimh, a bhi faicinn na buaidhean milis a bh’aca so air muinntir eile, agus na buaidhean duilich a th’aca air fein.
Am 2. ‘S e ‘n dara àm sònraichte ann am beath a Chriosduidh a tha’g iarruidh barrachd ‘us dichioll cumanta gu bhi gleidheadh a chridhe, an t’am anns am bheil cuisean ‘n a aghaidh. ‘N uair a tha freasdal ag amharc le gruaim oirbh, agus a briseadh suas bhur comhfhurtachdan bho’n leth a muigh, an sin amhaircibh air bhur cridheachan, cumaibh iad leis an uile dhichioll bho bhi gearain an aghaidh Dhé, na bhi fannachadh fodh a laimh; oir trioblaidean, ged a bhiodh iad air an naomhachadh, is trioblaidean fathasd iad; eadhon aig an ròs mhilis, agus aig cluarain naomh, tha stobaibh. Bu duine maith Ionah, agus gidheadh cia cho crosda ‘s a bha chridhe fodh thrioblaid. Bu sgàthan air foghaidean, Iob, agus gidheadh cia mar a bha chridh fodh bhuaireas le trioblaid. Gheibh sibh e cho duilich spiorad stòldz a chumail fodh thrioblaid mhòir agus a tha e bhi cumail airgiod-beo gun ruith. O na cabhagan agus na buaireis a dh’aobhraicheas iad anns na cridheachan is fearr. Uime sin, a nis, ‘s e so an dara cuis.
Cùis 2. Cia mar a dh’fhaodas Criosduidh, fodh thrioblaidean mòra, a chridhe a ghleidheadh bho bhi gearain na a call a mhisneachd fodh laimh Dhe?
Nis, tha naoidh cuideachaidhean sònraicht a chuireas mi an so fodh’r comhair gu bhi cumail bhur cridheachan anns an t-suidheachadh so.
(1) Leis na freasdalan tarsuing so gu’m bheil Dia gu dìleas a giùlain air adhart crioch mhòr a ghràidh taghaidh air anamaibh a shluaigh, agus ag òrduichadh na h-amhghairean so uile mar mheadhonan air an naomhachadh a chùm na crìche sin.
Cha’n eil àmhghairean a tachairt air thuiteamas, ach le comhairle; Iob v. 6 Ephes. i. 11, agus le comhairle so Dhé tha iad air an òrduichadh mar mheadhonan a chùm mòran de mhaith spioradail do na naoimh, ” Le so glanar aingidheachd Iacoib air falbh ” Isaiah xxvii. 9. ” Ach esan a chùm ar leis, ionnas gu’m bitheadhmaid ‘n ar luchd-comphairt d’a naomhachd ” Eabh. xii. 10. ” Agus tha flios againn gu’n comh-oibrich na h-uile nithean chùm maitb, do’n dream aig am bheil gràdh do Dhia, eadhon dhoibh-san a ghairmeadh a reir a rùin ” Rom. viii. 28. ” S iad so luchd-oibre Dhé air ar cridheachan, gu bhi toirt a nuas an uabhair agus an tearuinteachd fheolmhor; agus air dhoibh a bhi mar so, tha an nàdur air atharrachadh: tha iad air an tionndadh gu beannachdan agus buannachdan: “Is maith dhòmhsa gu’n robh mi ann an àmhghar, chùm gu’m foghlumainn do reachdan” Salm. cxix. 71. Agus ‘s cinnteach, uime sin, nach eil agad aobhar gearain air Dia, ach air an laimh eile, bhi gabhail ioghnadh gu’m biodh uibhir de chùram Aige dha’n a bhiodh a chùm do mhaith agus gu’n cleachdadh E meadhonan gu bhi ga thoirt mu’n cuairt, Phil. iii. 11. B’urrain Pòl Dia a bheannachadh na’m b’urrainn e air chor air bith teachd a chùm aiseirigh na’m marbh. “Mo bhraithrean,” ths Seumas ag ràdh, “measabh mar an uile ghàirdeachas an uair a thuiteas sibh ann an iomadh gne dheuchainnean; air dhuibh fios so bhi agaibh, gu’n oibrich dearbhadh ‘ur creidimh foghaidean” Seumas i. 2, 3. Tha innleachdan gràidh aig m’Athair a thaobh m’anama, agus am bheil mi deanamh ceart ann a bhi’n corruich Ris? Na h-uile ni a tha E deanamh, is ann gu bhi giulain a mach agus co-cheangailte ri criche shiorruidh ghòrmhor air m’anam. O’s e m’ainceolas air innleachd Dhé a tha toirt orm a bhi strìl Ris. Tha E ‘g ràdh rìut anns a chùis so mar a thuirt E ri Peadar, “An ni so a tha mi deanamh cha’n aithne dhuit-sa a nis; ach bithidh fios agad air an deigh so” Eoin xiii. 7.
(R’a leantuinn)