Leis an Urr. Iain Flavel
Cùis ½. An rathad anns am faod an Criosduidh a chridhe a gleidheadh bho eagalan a tha’g aobhrachadh mi-chéill agus uamhas.
A nis tha ceithir-deug de rioghailtean, na de chuideachaidhean, oirdheirc ann air son gleidheadh a chridhe bho eagal peacach, ‘n uair a tha cunnartan faig air laimh a bagradh oirne: agus is e so a cheud aon:—
(1) Amhaircibh air na h-uile chreutairean mar ann an laimh Dhé, a tha ga’n riaghladh ‘n an uile ghlusadan, a cur croichaibh rompa, ga’m bacadh, agus ga’n suidheachadh uile a reir a thoile.
Faighibh an fhirinn so air a deagh steidheachadh tre chreidibh ann ‘ur cridheachaibh; cuiridh i dion orra ann an dòigh iongantach an aghaidh eagalan tráilleil. Tha anns a cheud chaibideil de Eseciel foillseachadh na dealbh iongantach de fhreasdal: ann an sin faodaidd sibh fhaicinn na beo-chreutairean a tha glusad nan rothan, ‘s e sin, mothuichidhean mòr agus tionndaidhean na nithean a tha air an talamh, a tighinn a dh’ionnsuidh Chriosd a tha’n a shuidh air an righ-chathair, gu bhi faotainn òrdanan agus seolaidhean ùr bh’uaithne, rann 24-26. Agus ann an Leabhar an Taisbeanaidh, an seathamh caibideil, tha sibh a leughadh mu each gheal, dhubh, agus dhearg, nithean nach ni eile ach na h-innealan a tha Dia a cur am feum gu bhi cur an gniomh breitheanais air an talamh, mar a tha cogaidhean, pláighean, agus b’as: ach ‘n uair a tha na h-eich so a leumnaich agus a saltairt sios agus suas feadh an t-saoghail, ann an so tha ni a chuireas clos air bhuir cridheachan gu’m bheil an srianaibh an laimh Dhé. Tha daoinibh aindiadhaidh mar eich chuthaich, shaltradh iad sluagh Dhé fodh’n casan, mar bhiadh gu’m bheil sriann an fhreasdaill ‘n an giallaibh. Iob i: 11, 12. Tha leomhan aig a shaorsa, uamhasach ri coinneachadh ris, ach cò air am bheil eagal roimhbe ann an gairidh an fhir-ghleidhidh?
(2) Cuimhnichibh gu’r e’n Dia so, an laimh am bheil a h-uile chreutair, bhu’r ‘n Athair, agus gu’m bheil E fada ni’s faicealaich thairis oirbhse, na tha sibhse, na’s urrain sibhse bhi thairis oirbh fein: “Oir an tì bheanas ruibhse, beanaidh e ri cloich a shùlasan.” Sech. ii: 8.
Feoraicheam de’n bhoireannach is gealtaich, nach eil an t-eadar-dhealachadh is moth a eadar sealladh de chlaidheamh rùisgte ann an laimh ùmpaidh fuileachdach, agus an claidheamh ceudna fhaicinn ann an laimh a fear-posda caoibhneil fein? Tha cheart uibhir de dh’eadar-dhealachadh eadar a bhi sealltuinn air creutairean le sùil a chuirp agus a bhi’g amharc orra mar ann an laimh bhuir Dia le sùil a chreidimh; ‘s e firinn mhilis a tha co-fhreagrathadh dha sin, “Oir is e t-fhear-pòsda do Cruith-fhear: ‘s e Tighearna nan sluagh as ainm dha: agus is e t-fhear-saoraidh Tì naomh Israel; goirear Dia an domhain uile mar ainm ris.” Isa. liv: 5. Is E Tighearna gach uile fheachd chreutairean anns an t-saoghal. Cò air a bhiadh eagal a dhol troimh arm ged a bhiadh na saighdearan uile a tionndadh an claidheamhan agus an gunnachan ‘n a aghaidh n’am b’e ceannard an airm an caraid, na’n athair? Choinnich mi ri sgeulaohd thaitneach mu dhuine òg diadhaidh, air dhà bhi aig muir, maille ri mòran eile de luchd-turais, ann an stoirm mhòr; agus air dhoibh-san a bhi lethmharrbh le eagal, bha esan a mhàin air fhaicinn a bhi anabharrach suilbhear, mar nach biodh ach beag cùram air a thaobh a chunnart sin; dh’fheoraich aon aca dheth aobhar a shuillbhearachd; “O,” deir esan, “S ann a cheann gu’r e fear-stiuraidh a bhàta m’athair.” Thugaibh fa’n ear Criosd, an toiseach mar an Righ, agus àrd Thighearna thairis air rioghachd an fhreasdail, agus an sin mar bhuir Ceann, ‘ur Fear-pòsda, agus bhuir Caraid, agus their sibh gu h-ealamh, “Pill gu d’shuaimhneas, O m’anam.” Bheir an fhirinn so oirbh sgur a bhi air chrith, agus bheir i oirbh seinn ann a’ meadhon chunnartan, “Oir is e Dia Righ na talmhuinn uile; seinnibh moladh gu h-eolach.” Salm xlvii: 7, na mar a tha e ‘s an Eabhra, “Gach neach aig am bheil tuigse,” ‘s e sin, a thaobh an teagaig’ gu’m bheil uachdaranachd aig ar n’Athair thairis air gach creutair, ni a tha beothachadh agus a suidheachadh a chridhe.
(3) Cuiribh gu dian air bhuir cridheachan na toirmisg shònrachta a tha tighinn bho Chriosd anns a chùis so; agus leigibh le bhuir cridheachan seasamh ann am fiamh a thaobh a bhi ga’m briseadh.
Tha E cur oirbh gu’n eagal a bhi oirbh, “n uair a chluinneas sibh mu chogunnan agus mu cheannaircean,” a deir E, “na biodh mòr-gheilt oirbh.” Lucas xxi: 9. Agus “Gun gheilt ann a’ ni sam bith o ‘ur naimhdean.” Phil. i: 28. Seadh ann a’ Mata x: 26, 28, 31, agus ann an taobh a stigh de chrioichaibh shia ruinn, tha ar Slànuighear ag àithne dhùinn trì uairean, gu’n eagal a bhi oirne roimh dhuine. Am bheil a h-uile focal mòr a tha tighinn bho dhuslach agus luaithre uaimhreach gu thusa a chur fodh eagal? An cuir guth duine air chrith thù? agus nach cuir guth Dhé? Ma tha thù de spiorad cho eagalach agus cho critheanach, cia mar nach eil eagal ort eas-umhlachd a thoirt do àitheantan soilleir Iosa Criosd? Shaoilinn-sa gu’m bu chòr gu’m biodh aig àithne Chriosd uibhir de chumbachd gu bhi ga d’chiunneachadh, agus a bhiadh aig guth cnuimh bhochd gu eagal a chur air do chridhe. “Is mise, eadhon mise, an tì a bheir dhuibh comhfhurtachd; co thusa gu’m biodh eagal ort roimh dhuine a gheibh bàs, agus roimh mhac an duine a nithear mar am feur? Agus gu’n di-chuimhnicheadh tì an Tighearna do Chruth-fhear a shìin a mach na neamhan, agus a leag steidh na talmhuinn; agus gu’m biodh sior-eagal ort gach là, air son corruich an fhir-shàraichidh, mar gu’m biodh e ullamh gu sgrios? agus c’ait am bheil corruich an fhir-shàraichidh? Isa. li: 12, 13. Cha’n urrain sinn eagal a bhi againn roimh chreutairean ann an rathad peacach, gus an tig sinn gu bhi di-chuimhneachadh Dhé. ‘N an cuimhnicheadh-mid ciod a thà E ann Fein, agus ciod a thubhaint E, cha bhiadh ar spioradan cho annhuinn. O thoir do chridhe, uime sin, a dh’ionnsuidh an t-seasamh so ann an amaibh cunnart.—Ma leigeas mi stigh do’m chridhe eagal tràilleil roimh dhuine, feumaidh mi bhi cur a mach fiamh, urram, agus eagal Dhé; agus an dàna leam a bhi tilgeadh dhiom eagal an Uile-chumbachdaich air son gruaim duine? An tog mi suas duslach uaimhreach os ceann an Dé mhòir? An ruith mi air peacadh cinnteach, gu bhi seachnadh cunnart a dh’fhaodadh a bhi ‘s an rathad? O gleidh do chridhe le so a thoirt fa’n ear.
(4) Cuimhnichibh cia lionmhor na trioblaidean gun aobhar a thug bhuir ‘n eagalan diomhain oirbh anns an am a chàidh seachad, agus cia mar a thug sibh mi-shuaimhneas dhuibh fein gun aobhar.
Tha e air a ràdh mu mhuinntir shaorta Dhé, “Agus gu’m biodh sior-eagal ort gach la, air son corruich an fhir-shàruchaoidh.” Isa. li: 13. Bha choltas a bhi ullamh gu bhi slugadh suas, agus gidheadh cha’n eil sibh air bhur slugadh suas: chad’thug mi oirbh an nì roimh’n robh eagal oirbh; chaith sibh ‘ur spioradan, chuir sibh ‘ur n’anamaibh a mach a òrdugh, agus lagaich sibh ‘ur làmhaibh, agus so uile gu’n aobhar air bith: dh’fhaodadh sibh fad na h-ùine so uile a bhi sealbhachadh bhur sìth, agus bhur n’anamaibh a ghleidheadh ann am foghaidean. Agus ann an so cha’n urrain dhomh gun bheachdachadh air innleachd dhomhain Shatain, a cur air adhart a ghniomharan an aghaidh an anama leis na eagalan diomhain so: tha mi ga’n ainmeachadh diomhain a thaobh mar a tha iad air an tilgeadh bun os ceann le Freasdal Dhé; ach gu cinnteach cha’n eil iad diomhain, a thaobh na crich a th’aig Satan ‘s an amharc ann a bhi ga’n togail; oir an so tha e ga chleachdadh fein mar a dheanadh saighdearan ri am cur seisd ri daignich, le rùn a bhi claoidh na muintir ris am bheil seisd air a chur le faire chunbhalach, agus mar sin ga’n deanamh neo-fhreagarach gu bhi seasamh ‘n uair a thig am blàr da-rìreadh, tha iad gach oidhche a toirt caismeachd mhealta, nì, ged nach tig e gu nì air bith, gidheadh tha e air mhodh sònraichte feumail gu bhi cur air adhart innleachdan an nàmhaid. O cuin a bhitheas sibh air bhur faiceal bho innleachdan Shatain?
(R’a leantuinn)