Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1964 » September 1964 » Gleidheadh a Chridhe

Gleidheadh a Chridhe

Leis an Urr. Iain Flavel

(Air a leantuinn bho t.d. 123)

  1. Dean oidheirp air t-aignuidhean a ghreimeachadh agus a thogail suas gu Dia ann an dleasdanasan naomh, na’m bu mhath leat do sheacharain a bhi air an leigheas.

Suil a tha sileadh, agus cridhe a tha leaghadh, is ainneamh a tha iad fodh thrioblaid mar a tha cuid eile air son an aobhair so.

‘N uair a tha’n t-anam dûrachdach ann an obair air bith, cruinnichidh e a neart uile, agus lûbaidh e a smuaintean uile mu thimchioll; agus ‘n uair a tha e air a ghluasad gu domhain, bithidh e durachdach: ûrduichidh na h-aignuidhean do na smuaintean a dhol as an deigh; aobhraichidh marbhalachd seacharan, agus meudaichidh seacharan marbhalachd. Na’m b’urrain sibh ach amharc air dleasdanasan mar sheomraichean co-chomuinn anns am bheil sibh a gluasad maile ri Dia, far am faod bhur ‘n anamaibh a bhi air an lionadh leis na sòlasan do-labhairt sin a tha’n a lâthair, cha’n iarradh bhur ‘n anam gluasad bh’uaithhe sin.

Tha’n cridhe ann an dleasdanasan mar a tha iadsan a tha cladach air son ûir; feuchaidh iad an so, agus air dhoibh gun nì fhaotainn, feuchaidh iad an sin; agus mar sin theid iad bho àite gu àite, gus mu dheireadh an tig iad air meinn shaoibhir, agus an sin suidhidh iad sios. Na’n tigeadh do chridhe aon uair air a mheinn shaoibhir ann an dleasdanasan ghabhadh e còmhnuidh an sin le tlachd agus a ghnàth. “O cia ionmhuinn leam do lagh-sa? gach là is e mo smuaineachadh” (Salm cxix: 97). B’urrain an t-anam còmhnuidh a ghabhail a là agus a dh’oidhche air a ghluinnean, ‘n uair a tha aon uair, a shòlasan, a ghràdhan, agus a mhiannan, air an glacadh. Ciod e’n t-aobhar gu’m bheil bhur cridheachan cho seacharanach, gu h-àraidh ann an dleasdanasan uaigneach? C’ar son a tha sibh ullamh gu bhi falbh, cha mhòr cho luath ‘s a thig sibh an lâthair Dhé, ach do bhrigh nach eil bhur n-aignuidhean air an glacadh?

  1. Dean caoidh thairis air a ghnothuch ri Dia, agus gairm a stigh cuideachadh bho Neamh, ‘n uair a tha smuaintean diamhain a toirt ionnsuidh air do chridhe ann an dleasdanasan.

‘N uair a bhuail teachdaire Shatain Pòl, le bhi cur a stigh air nithean aingidh, mar a tha e air a smuainteachadh, tha e dol a dh’ionnsuidh Dhé, agus a bròn thairis orra ‘n a lâthair, II Cor. xii: 8. Na cuiribh gu bràth an neo-shuim smuaintean seacharanach ann an dleasdanasan, mar nithean beag; leanamh gach smuaint dhiamhain le osna thròm, ga bhur tionndadh fein gu Dia le briathran mar so: Thighearna, thàinig mi’n so gu labhairt Riutsa, agus an so cho-aontaich diobhal dripeil agus cridhe diamhain gu leum orm. O mo Dhia! ciod e’n cridhe thagam. An urrain mi gu bràth feitheamh Ort gun seacharan? Cuin is urrain uair de cho-chomunn saor Riut a bhi air a shealbhachadh leam? Cuidich mi, mo Dhia, an uair so; dean ach do ghloir fhoillseachadh fodh chomhair mo shùl, agus bidh mo chridhe gu h-ealamh air aiseag air ais. Tha fios Agad gu’n d’thàinig mi an so a chùm do mhealtuinn, agus an teid mi air

falbh a’s t-eugais? Faic mar a tha cridhe do leinibh bochd ag oibreachadh ga’d ionnsuidh, a strigh gu bhi faotainn dlùth Dhuit, ach nach urrain mi. Tha mo chridhe air na creagaibh, “thig a ghaoth a tuath, seid a ghaoth a deas;” O air son osag úrail a nis bho do Spiorad, gus m’aignedhean a chur air snàmh. Na’m b’urrain thu ach mar so gu faireachail a bhi bròn air son do sheacharain, ri Dia, dh’ fhaodadh tu cuideachadh agus saorsa bh’uapa fhaotainn. Theireadh E ri Satan agus ri t-ana-miannaibh cumhachdach, Co iad so a tha leum air mo leanabh ‘n am obair agus ‘n am làthair?.

(8) Amhaire air buaidh agus millseachd do dhleasdanasan ann an diadhachd, mar nithean a tha gu mòr an crochadh air gleidheadh do chridhe dlùth air Dia annta.

Tha’n dà ni so, buaidh agus millseachd ann an dleasdanas, cho luachmhor do’n Chrioduidh r’a dhà shùil; agus is eigin gu’m bi iad le cheile air an call, ma bhios an cridhe air a chall ann an dleasdanas. “Gu cinnteach cha’n eisd an Tighearna ri diomhanas, agus cha bhi meas aig an Uile-chumbachdach air” (Iob. xxxv: 13). Is ann do chridhe air a ghlacadh a tha gealladh. “Agus iarruidh sibh mì, agus gheibh sibh mì an uair a rannsaicheas sibh air mo shon le ‘ur n-uile chridhe” (Ier. xxix: 13). Uime sin, ‘ uair a gheibh thu do chridhe fodh chumbachd b’ais agus seacharan, abair ri t-anam, O ciod a tha mì call a nis le cridhe mi-chùramach! ‘S e m’amaibh ùrnuigh a chuid is taghta, na h-amaibh is luachmhor de’m ùine uile. Na’m faighinn-sa an cridhe so a chumail suas ri Dia, dh’fhaotainn a nis a leithid de thròcairean fhaotainn agus a bhiodh ‘n an cuspairean òrain tre’n uile shiorruidh-eachd.

(9) Amhaireibh air mar fhoillseachadh mòr air treibhidheireas na ceilg bhur cridheachan, a reir agus mar a gheibh sibh iad cùramach na mi-chùramach anns a ghnothuich so.

Cha’n eil ni a dhùisgeas cridhe treibhidheireach ni’s mothana so: Ciod e! an toir mì àite do sheacharan àbhaisteach cridhe bho Dhia? Am foillsichear smal a chealgaire air m’anam? Faodaidh esan dà-rireadh slaodadh air adhart ann a bhi coilionadh dleasdanasan, gu’n a bhi idir a toirt fa’n ear fon a chridhe, Esec. xxxiii: 31, 32, ach an dean mise mar sin? ‘N uair a thig daoiné do’n t-seomar-làthaireachd, agus nach eil an righ an sin, cromaidh iad ris a chathair fhalamh. O na leig dhomh gu bràth a bhi riarachte le rian falamh ann an dleasdanas! Na leig dhomh gu bràth cead a ghabhail de dhleasdanas “gus am faic mo shùilean an Righ, Tighearna nan sluagh.”

(10) ‘S an àite mu dheireadh. Bithidh e gu feum sònraichte a chùm do chridhe a ghleidheadh dlùth do Dhia ann an

dleasdanasan naomh, a bhi toirt fa’n ear ciod e bhuaidh a th’aca air do shiorruidheadh.

‘S e so bhur ‘n amaibh cur sil, agus an ní chuireas sibh ann bhur dleasdanasan anns an t-saoghal so, feumaidh sibh amharc ri toraidhean na nithean sin a bhuaín ann an saoghal eile, Gal. vi: 7, 8. Ma chuireas sibh do’n fheoil, dhe sin buainidh sibh truaillidheadh; ach ma’s ann do na Spiorad, buainidh sibh beatha shuthain. O m’anam, freagair gu stólda, am bu toil leat a bhi buain toraidhean an diomhanais anns an t-saoghal ri teachd? An dàna leat a ràdh, ‘n uair a tha do smuaintean a siubhal a dh’ionnsuidh criochan na talmhuinn ann an dleasdanais, ‘n uair is gann a bhios cuimhne agad ciod a tha thù ‘g ràdh na cluinntean; Nis a Thighearna, tha mi cur do’n a Spiorad, nis tha mi’g ullachadh agus a tasgadh suas air son siorruidheadh; Nis tha mi sireadh air son glòir, urram, agus neo-bhàsmhorachd; nis tha mi deanamh sbàirnn gu dhol a stigh air a gheata chumhann; nis tha mi glacadh rioghachd neamh le làmhachas làidir naomh? Bu chòr a leithid so de bheachdachadh toirt air lionmhorachd nan smuaintean diomhain a tha teannadh a stigh air a chridhe ann an dleasdanais, teicheadh air seachd slighibh roimhe. Agus mar so nochd ml dhuibh cia mar a b’urrain sibh bhur cridheachabh a ghleidheadh ann an amaibh dleasdanais.

(R’a leantuin)

Upcoming Events (DV)

Oct 22
22 Oct - 26 Oct

Communions: Edinburgh, Gisborne, Mbuma

Oct 27
27 Oct - 28 Oct

Theological Conference

Oct 29
29 Oct - 2 Nov

Communion: Dornoch

Nov 5
5 Nov - 9 Nov

Communion: Glasgow

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

View Calendar

Latest Articles

  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • 2026 Theological Conference
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Proclaiming the kingdom of God 12 Jul 2026
  • Christ speaking to the weary, seeking soul (2) 8 Jul 2026
  • The Triumphant King and his Armies 11 Oct 2026
  • The Raising of Lazarus 19 Jul 2026
  • God’s Remnant 11 Oct 2026
  • Except a man be born again.. 23 Jun 1994
  • No condemnation to them which are in Christ Jesus 27 Jun 1998
  • Restore unto me the joy of thy salvation 25 Jun 1998
  • It is appointed unto men once to die… 26 Jun 1994
  • For by grace are ye saved through faith.. 25 Jun 1994

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice