Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2026-27
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1965 » March 1965 » Gleidheadh a Chridhe

Gleidheadh a Chridhe

Leis an Urr. Iain Flavel

(Air a leantuinn bho t.d. 354)

  1. Tha cheud argumaid air a tarruig bho shòlas a pheacaidh. O, a deir Satan, tha sòlas an so ri bhi air a shealbhachadh. Thig am buaireadh le aghaidh aoidheil agus le guth còmhnaid: Ciod e! Am bheil thù ‘n a t-anam cho fuar agus cho marbh agus nach fhairich thù tarruig chumhachdach sòlais? Co’s urrainn e fein a chumail bho leithid so de nithean tlachdmhor?

Nis, faodaidh do chridhe bhi air a ghleidheadh bho chunnart a bhuaireadh so le bhi tilgeadh air ais air a bhuaireadair argumaid so an t-sòlais, ni a tha air a dheanamh ann an dà dhòigh.

(1) Tha thù’g innse dhomh a Shatain gu’m bheil peacadh taitneach; bitheadh e mar sin: ach am bheil gathan na coguis agus lasraichean ifrinn mar sin mar an ceudna? An e nì taitneach a th’ann a bhi faireachadh lotan agus buillean na coguis? Ma’s e, c’ar son a ghuil Peadar cho goirt? Mata xxvi: 75. C’ar son a ghlaodh Daibhidh a mach a cnàmhan briste, Salm li. Thà mi cluinntean na thà thù’g ràdh mu shòlas a pheacaidh, agus leugh mi na thuirt Daibhidh mu thimchioll toraidhean uamhasach a pheacaidh ‘n a “Shalm air son cuimhneachan,” “Oir shathadh do shaighdean annam, agus thà do làmh tròm orm.” Salm xxxviii: 2. “Cha’n eil fallaineachd am fheoil air son t-fheirge: cha’n eil sith am chnàmhan air son mo pheacaidh.” rann 3. “Oir chaidh m’euceartan thar mo cheann: mar eire thruim thà iad ro throm air mo shon.” rann 4. “Thà mo chreuchdan lobhta, breun, air son m’amaideachd.” rann 5. “Thà mi cràiteach; chromadh sios mi gu mòr; air feadh an là uile thà mi’g imeachd gu dubhach.” rann 6. “Oir tha mo leasraidh làn dé ghalair grànnda: agus cha’n eil fallaineachd a’m’ fheoil.” rann 7. “Thà mi lag agus ro bhruite: thà mi a buireadh trid mi-shuaimeas mo chridhe.” rann 8. Ann an so chi mi dearbh aghaidh a pheacaidh; ma gheilleas mi do d’ bhuaireadh, feumaidh mi fhaireachadh aon chuid gathan na coguis air neo lasraichean ifrinn.

(2) Ciod a thà thù labhairt mu thimchioll sòlas a pheacaidh, ‘n uair, tre fhein-fhiosrachadh, is aithne dhomh gu’m bheil an tuilleadh fior shòlas ann a bhi ceusadh a pheacaidh, na’s urrain a bhi ann a bhi ga ghnìomhachadh? O, cia cho milis ‘s a thà e a bhi toileachadh Dhé, a bhi toirt ùmhlachd do’n choguis, a bhi gleidheadh sith ‘s an taobh a stigh. O bhi comasach air a ràdh, anns an deuchainn so, thuair mi foillseachadh air treibhidheireas mo chridhe; nis thà fios agam gu’m bheil eagal an Tighearna orm, nis thà mi faicinn gu’m bheil mi dà-rìreadh a fuathachadh a pheacaidh. Am bheil a leithid so de shòlas anns a’ pheacaidh? Tachdaidh so am buaireadh sin.

  1. Thà’n dara h-argumaid air a tarruig bho cho diomhair ‘s a tha’m peacadh. O, deir Satan, cha mhasluich am peacadh so gu bràth thusa ‘s an fhollais, cha bhi fios aig neach air.

Faodaidh an argumaid so a bhith air a freagairt, agus an cridhe bhith air a ghleidheadh mar so: thà thù’g ràdh nach bi fios aig neach air; ach, a Shatain, am faigh thu dhòmhsa àit a thà falamh do làthaireachd Dhé a chùm ‘s gu’m peacaich mi ann? Mar so ghleidh Iob a chridhe bho bhuaireadh, “Nach eil e a’ faicinn mo shlighean, agus ag àireamh mo cheuman gu léir.” Iob xxxi: 4. Uime sin thà e deanamh co-cheangal ri a shùilean—rann 1. Air an dòigh cheudna tha Solamh a teagasg dhuinn cur an aghaidh a

bhuairidh: “agus c’ar son, a mhic, a mheallar thusa le mnaoi choimhich agus a dhlùthaicheas thusa ri broilleach bana-choigrich? Oir fa chomhair shùl an Tighearna thà slighean an duine, agus tha e a cothromachadh a cheuman uile.” Gnàth. v: 20, 21. Ciod e ged a dh’fholaichinn e bho shùlean an t-saoghail air son an àm a thà làthair? Cha’n urrain mì fholach bho Dhia; agus tha’n t-àm am fagus, ‘n uair a bhìos fios aig an t-saoghail uile air mar an ceudna; oir tha’m focal a deanamh cinnteach dhomh gu’m bheil a’ ni sin a thà nis air a dheanamh ‘s an uaigneas gu bhi air a chur an ceill air mullach nan tighean. Luc. viii: 17. A thuilleadh air sin nach eil mo choguis mar mhile fianuis? Nach buin dhomh urram a thoirt dhomh fein? Am b’urrainn an duine fineachail a radh, “’Nuair a thà thusa air do bhuaireadh gu peacadh a ghnìomhachadh, bitheadh eagal agad romhad fein gun fhianuis air bith eile bhith ann,” agus nach bi eagal ormsa peacachadh an làthair mo choguis fein aig am bheil a ghnàth achmhasan ‘n a beul, na peann ‘n a laimh, gu bhi cur sios mo ghnìomharan is diomhair?

  1. Tha’n treas argumaid leis am bheil Satan a buaireadh gu peacadh air a toirt bho’n a bhuannachd a tha’g éirigh bhuaithe; c’ar son a bhìodh thusa cho stuama agus cho eagnuidh? Cha’n eil ann ach a bhi sìneadh do choguis beagan, agus faodaidh thusa nithean a dheanamh dhuit fein: ‘s e so do chothrom.

Faodaidh an cridhe bhith air a ghleidheadh bho thuiteam anns an ribe chunnartach so le bhi toirt freagairt mar so do’n bhuaireadh so: ach ciod e a’ bhuannachd a bhitheadh ann ged a choisneadh duine an saoghail gu h-iomlan, agus anam fein a chall? Na ciod a bheir duine ann an eirig anama? An cuir mì ann an cunnart thusa, O m’anam, air son na tha do mhaith anns an t-saoghail so? Tha spiorad neo-bhàsmhor a gabhail còmhnuidh anns a’ phàillean chreadhadh so, anns am bheil barrachd luach na tha ‘anns gach ni talmhaidh, a dh’sheumas a bhith ‘m bith tre’n uile shiorruidheadh ‘n uair a luidheas an saoghail so ann an luatha bhàn. Anam air son na dhoirt Criosd fhuil luachmhor a tha bhos ceann pris. Bha mì air mo chur do’n t-saoghail so gu bhi deanamh ullachadh air son an anama so; gu dearbh chuir Dia orm cùram a ghabhail de’m chorp, ach (mar a chuir neach e) leis an eadar-dhealachadh so; earbaidh maighsteir dà ni ri seirbhiseach—an leanabh agus eudach an leinibh; an toir a’ maighsteir taing do’n t-seirbhiseach ma thagras e mar so, “ghleidh mì’n t-aodach ach rinn mi dearmad air beatha an leinibh?”

  1. Tha’n ceathramh argumaid air a tarruig bho cho beag ‘s a tha’m peacadh; cha’n eil ann ach ni beag, gnothuch beag, gnothuch suarach; co ghabhadh suim do ni cho beag.

Faodaidh an argumaid so a bhi air a freagairt ann an tri doighean.

(1) Ach am bheil Mòrachd Neamh ‘n a aon bheag mar an ceudna? Ma ghnìomhaicheas mi’m peacadh so, feumaidh mi oilbheum a thoirt agus eucoir a dheanamh air Dia mòr. Isaiah xl: 15-17, 22. (2) Am bheil ifrinn bheag air bith ann gu bhi pianadh peacaich bheag? Nach eil na peacaich is lugha an sin air an lionadh le lànachd feirg? O, tha fearg mhòr air a tasgadh suas air son na muinntir a chunntas an saoghal ‘n am peacaich bheaga. (3) Mar is lugha am peacadh ‘s ann is lugha am buaireadh gu a chur an gnìomh. Ciod e! an cuir mi mi fein a mach air Dia air son ni suarach? Mo shìth a mhilleadh, mo choguis a lot, an Spiorad a bhrosnachadh, agus so uile air son ni gun seadh? O ciod e’n cuthach a tha’n so.

  1. Tha’n coigeamh argumaid air a tarruig bho ghràs Dhé agus dòchas ri maitheanas. Thig, gabhaidh Dia thairis air so mar anmhuinneachd, cha teid E dh’ionnsuidh a cheum is fhaide mach ann a bhi ga chomharrachadh—Ach stad, mo chridhe;

C’aite am faigh mi gealladh air maitheanas do pheacaich dhàna? Gu’n teagamh air son tuiteam ann am peacaidhean gu h-obann, anmhuinneachdan do-sheachainte agus brònach, tha maitheanas; ach c’ait am bheil an gealladh do pheacach dàna a tha peacachadh air bonn gu’m faigh e maitheanas? Gabh tàmh, O m’anam, car tacan, air an sgriobtur sin, “Ach ma pheacaicheas anam sam bith trid aineolais, an sin bheir e leis gabhar de’n cheud bhliadhna chùm iobaint-pheacaidh, agus ni an sagart reite air son an anama a pheacaicheas gu h-aineolach, an uair a pheacaicheas e le aineolas an lathair an Tighearna, a dheanamh réite air a shon: agus maithear dhà e. Bithidh aon lagh agaibh air a shon-san a pheacaicheas trid aineolais, araon air a shonsan a rugadh a’ measg chloinn Israel, agus air son a choigrich a tha air chuairt ‘n am measg. Ach an t-anam a ni peacadh gu h-an-dàna (co dhiubh a rugadh e ‘s an tir, no’s coigreach e) tha esan a toirt eas-urrain do’n Tighearna: agus gearrar an t-anam sin as o mheasg a shluaigh.” Àir. xv: 27-30.

(2) Ma tha Dia ‘n a Dhia anns am bheil uibhir de thròcair, cia mar a mhì-ghnàthaicheas mi a leithid de Dhia maith. An gabh mi leithid de bhuadh glormhor ri tròcair Dhé, agus a mhì-ghnàthaich mi i gu peacachadh? An dean mi ni cearr Air-san a cheann gu’m bheil E maith? Ni h-eadh, nach bu chòr do mhaitheas Dhé mo threorachadh gu aithreachas? Rom. ii: 4. “Ach agad-sa tha maitheanas: agus uime sin bithidh eagal air daoinibh romhad.” Salm cxxx: 4.

(R’a leantainn)

Upcoming Events (DV)

Oct 27
27 Oct - 28 Oct

Theological Conference

Oct 29
29 Oct - 2 Nov

Communion: Dornoch

Nov 5
5 Nov - 9 Nov

Communion: Glasgow

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

Nov 19
19 Nov - 23 Nov

Communion: Santa Fe

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Paul’s desire to be found in Christ (1) 26 Jul 2026
  • The Judgement Day 26 Jul 2026
  • The blessing of the all-powerful God 19 Jul 2026
  • Justification and peace 19 Jul 2026
  • Why God Excludes Sinners from His Rest 12 Jul 2026
  • The Pharisee and the Publican 1 23 Sep 2010
  • The Pharisee and the Publican 2 24 Sep 2010
  • Found in fashion of a man, He humbled Himself 26 Sep 2010
  • Destroy it not for a blessing is in it. 27 Sep 2010
  • Proclaiming the kingdom of God 12 Jul 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice