Ministeir.—A sheann duine shona. fhir leanmhuinn bheannaicht Chriosd. thà sibh cosmhuil ri bhi mealtuinn glòir nam flaithreas a cheana.
Seann duine.—Och a Mhaighstir, labhraibh riùmsa mu’n Uile-thròcaireach; ‘s e sin uile iarratus mo chridhe—innsibh dhomh mu ionmhasan neo-thraothaichte do fhoghaidean agus do mhaitheanas anns an Tighearna; ‘s e sin m’uile dhòchas. Aithrisibh dhòmhsa gu’m bheil mi air mo shàbhaladh tre Iosa Criosd. Nochdaibh dhòmhsa E mar an Tì a tha macanta agus iorasal an cridhe (Mata xi: 29); mar charaid nam peacach, mar an t-Uan a mharbhadh air son m’eiric (Tais. v: 12). Oh! Innsibh do La Roche gu’n do shaor Criosd e—agus—is leoir sin.
Mo charaide gràdhach, dh’innis Criosd fein sin dhuibh, agus tha E gach là a toirt dearbhachd as ùr dhuibh air, gus an toir E mu dheireadh dhuibh làn sheilbh maille ris Fein. Deanamh gàirdeachas ma tà, oir tha ‘ur n-ainm sgriobhta ann an leabhar na beatha (Phil. iv: 3; Luc. x: 20) fathasd sealan beag—beagan de làithibh goirid—agus bithidh rioghachd neamh mar dhachaidh shiorruidh dhuibh, agus gràdh Iosa na bheatha ‘n ‘ur beatha.
“Amen”: arsa La Roche, agus e glacadh mo làmh ‘us ga cur r’a bhilibh: theannaich mi mo lamh agus thubhairt mi, “Bheiream taing dhuibh an so an làthair ar n-Athair agus a Mhic, ar Tighearna agus ar Slànuighear, air son na comhfhurtachd a thug sibh do mo chridhe. Seadh, bheiream buidheachas dhuibh air son gu’n do shòlasaich agus gu’n theagaig sibh ml. Slan leibh a dheadh charaide ghràdhaich, agus cumaibh ‘n ‘ur cuimhne, gu’m bheil aig bhur minsteir an t-aoibhneas is mothais is urrainn e blasad air ann a shaothair; eadhon, gu’m bheil mar is lugha a h-aon de luchd-aideachaidh a sgireachd, neach ‘n uair a dh’fhàgas e i, a theid a steach do ghloir shiorruidh.”
S. daoine.—Gu’n robh an Tighearna a toirt an aoibhneis sin gu tric dhuibh; gu’m bu toil Leis, le ‘ur meadhon-sa, a bhi dùsgadh na muinntir a tha fathasd ‘n an cadal fad as bho Chriosd.
Ghabh mi mo chead do’n t-seann Chriosduidh; agus air dhomh dol timchioll culthaobh an tighe, phòg mi Beniamin beag, a bha fathasd dichiollach r’a leabhar; agus phill mi dhachaidh, air eagal na’n rachainn a dh’amharc theaghlaichean eilse gu’n caillinn an drùghadh milis sin a rinneadh ‘s an uair air m’anam, agus a bhà mi dûrachdainn leantuinn ris.
Agus a nis a leughadair ghràdhaich, guidheam ort ath-smuain-teachadh air na thà thu’n deigh a leughadh, gu h-àraidh ma thà thù aosmhor. Leugh thù ma dhithis dhaoine mar a thà thù fein, a bha beo air an talamh, agus aig an robh anamaibh neobhàsmhor mar a th’agad fein. Feumaidh t-anam taisbeanadh an làthair an Tighearna a dheoin na dh’aindeoin. Bha’n dithis dhaoine so le cheile a miannachadh a bhi air an tearnadh, agus bha gach aon dhiubh a cur an ceill nach robh eagal air mu’n t-saoghal ri teachd. Ciod i do bharail-sa? ciod a deir do choguis? co aca bh’anns an t-slighe a tha treorachadh a chùm beatha? oir is cinnteach nach robh an dithis sheann daoine so araon a leantuinn an t-shlighe cheart. Am bheil thu saoilsinn gu’r e esan a bha làn do fhireantachd fein, agus do thoillteanas a dheadh oibre, aig an robh ainm Iosa ‘n a bhilibh a mhàin, agus a bha’n dùil nach b’urrainn dà gun a bhi ‘n a Chriosduidh bho’n a bha’s saoghal ga ghairm mar sin? No, nach dòcha leat a shaoilsinn gur e La Roche iorasal diadhaidh, a thug an cliù uile do Dhia, agus a shocraich a dhòchas gu h-iomlan ann am fuil a chruinne-cheusaiddh. Is barail leam gu’m bheil thu faicinn gu soilleir gu’r esan an Criosduidh, agus gu’r e La Roche a mhàin aig am bheil creidimh tearnaidh. Uime sin luathaicheadh mo chairde—luathaicheadh am feadh a tha beagan làithean fathasd air a thoirt dhuibh, chùm ‘ur cridhe a thoirt do’n Tì sin d’an d’ thug Daniel, Elisabet, agus La Roche an cridheachaibh fein. Cosmhuil riuthasan iarraibh a bhi foisneachadh, agus a suidheachadh dòchas bhur slàinte a mhàin air toillteanas Chriosd, agus cha’n ann ni’s fhaide air bhur toillteanas fein.
Tha sibh air bhur n-earaileachadh gu dûrachdach sealltuinn ‘n ar Biobull air son nan earrannan de’n Leabhar Naomh sin a tha’r an comharrachadh an so, a toirt an aire gu cùramach da’n co-cheangal ris na rannaibh a tha air thoiseach orra agus ‘n an deigh; chùm gu’r ann is fearr a thuigeas sibh inntinn an Spioraid Naoimh annta. Gu’n robh an Tighearna ga’r cuideachadh ‘s an rannsachadh.
(A chrioch)