Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 124)
Caib. IV. Anns am bheil air a chur an ceill na gniomharan is fhaide as de ghràs Dhé, air an cleachdadh gu sònraichte leis an Athair agus Iosa Criosd, air ar son-ne, agus dha’r taobh, a chùm a bhi toirt mu’n cuairt a cheangal pòsaidh eadar Criosd agus sinne.
Tha cuid de ghniomharan gràis ni’s fhaide as, gniomharan gràis air an cleachdadh gu sònraichte leis an Athair agus le Iosa Criosd, air ar son, agus dha’r taobh, a chùm a bhi deanamh suas a cheangal-pòsaidh so eadar Criosd agus sinne; agus dhiubh so ainmichidh mi còig, agus tha iad uile a co-aontachadh, agus tha’m buaidh anns a ghnothuch so, agus da-rìreadh tha mòran do dhiomhaireachd Dhé annta. Is iad so iad.
I. Tha Dia an t-Athair a pòsadh ar nàdur-ne ri Pearsa a Mhic, agus le sin tha E’g a ullachadh agus dha dheanamh freagarach gu bhi’n a Fhear-pòsda dhuinne;
rinn Dia so aon uair agus gu bràth, agus tha buaidh sin a co-aontachadh ann a bhi toirt mu’n cuairt a phòsaidh eadar Criosd agus a h-uile creidmheach. Soilleirichidh mi so dhuibh leis a chosamhlachd Mata xxii a toiseachadh, far am bheil sinn a leughadh mu righ a rinn suipeir phòsaidh air son a mhic. Leis an righ so that sinn ri bhi tuigsinn Dia an t-Athair; agus leis a mhac, Iosa Criosd, Mac siorruidh an Athar shiorruidh sin. Esan a thàinig bh’uaithhe le ginealach siorruidh. Tha e air a ràdh, uime sin, mu Dhia an t-Athair gu’m bheil E deanamh pòsadh air son a Mhic. Ach, guidheam, co i a cheile? Tha e air beachdach air le diadhairean, nach eil a cheile air a h-ainmeachadh. Uime sin, Co na ciod i? Tha e air a fhreagairt gu’m bheil aig Criosd ceile ann an seadh dà-fhilte; ar nàdur, agus pearsachan chreidmheach. Faodaidh na dhà bhi air an ciallachadh an so, ach a cheud aon gu sònraicht; agus uime sin leis a phòsadh an so, tha sinn ri bhi tuigsinn am pòsadh pearsanta, am pòsadh eadar Pearsa Mhic Dhé agus ar nàdur-ne; agus mar sin the Calvin agus cuid eile dha mhineachadh. Tha so gu sònraichte; ach anns an dara h-àite, agus mar thoradh a thà dhà leantuinn, am pòsadh spioradail, am pòsadh eadar Criosd agus creidmhich; agus tha sinn ri bhi’g amharc air an aon mar ni a tha leagadh bunait air son an aon eile, agus a deanamh slighe air a shon. Mar sin tha’n t-iomlan air a dheanamh suas an so . . . Gu’n do phòs Dia an t-Athair ar nàdur ri Pearsa a Mhic anns an aonadh phearsanta, agus, mar sin, dh’ullaich Se E gu bhi’n a Fhear-pòsda dhuinne, agus le sin dh’fhosgail E’n t-slighe air son pòsadh ar pearsachan ri a Phearsa ann an aonadh spioradail. Agus, gu dearbh, mar a biodh ar nàdur-ne air a phòsadh Ris anns an aon, cha b’urrain gu bràth ar pearsachan-ne bhi air am pòsadh Ris anns an aon eile; oir, thugaibh fa’n ear, tha glòir Chriosd mar a Mac siorruidh, agus mar sin mar Dhia, tuilleadh ‘us dealrach, agus an t-astar eadar E agus sinne tuilleadh ‘us mòr air son sinne a thighinn dha Ionnsuidh, agus a bhi air ar deanamh ‘n a’r ‘n aon Ris ann an daimh pòsaidh. Tha Criosd, ann a bhi dha thoirt fa’n ear ‘n a ghloir a mhàin, mar Dhia, ‘n a chuspair tuilleadh ‘us dealrach air son sinne a dh’amharc Air, agus ni’s lugha na sin gu mòr air son aonadh a bhi againn Ris, agus o-chomunn a bhi againn Ris. Tha aon sealladh Dheth anns an t-seadh so, gu leoir gu bhi dha’r slugadh suas, agus gu bhi báthadh ar spioradan; cha’n urrain sinn fhaicinn mar so agus a bhi beo. Ach a nis air bhi do’r nàdur air a phòsadh r’a Phearsa Dhiadhaidh; ‘s e sin r’a ràdh, air Dhà-san ar nàdur a ghabhail ann an aonadh Ris Fein, mar a Mac siorruidh, ni ris am bheil an soisgeulach ag ràdh “a bhi air a dheanamh ‘n a fheoil,” Eoin i: 14, agus ris am bheil an t-Abstol ag ràdh co-roinn a bhi aige do fheoil agus do fhuil, Eabh ii: 14, leis am bheil sgàile air a dhealradh ro-shoilleir agus uamhas eagalach a mhòrachd, maillle ris am bheil eagal an astair a tha eadar E agus sinne air a thoirt air falbh. Seadh, le so tha a ghloir air a toirt a nuas, mar a tha neach àraidh dha chur, a dh’ionnsuidh ar suilbh-ne, a chùm agus gu’m faiceadh-mid i. Le so tha E gu h-iongantach dha dheanamh Fein milis agus gràdhach dhuinne, agus rinn E slighe dhuiinn, a chùm agus gu’m biodh dol a stigh gu saor againn dha ionnsuidh a chùm agus gu’m biodh an t-aonadh agus an co-chomunn is dlùithe againn Ris: bh’uaithhe so tha diadhairean a toirt dhuiinn an t-aon aobhar so air son Chriosd a bhi gabhail nàdur na daonnachd, a chùm agus le so gu’m biodh E ‘n a Fhear-pòsda freagarach air son a shluaigh, a chùm agus gu’m biodh iad comasach air aonadh agus co-chomunn Ris: uime sin, mar a thubhairt duine foghlumaicht, bha Mac Dhé air a dheanamh ‘n a dhuine, a chùm agus gu’m biodh E ‘n a fhor Fhear-pòsda freagarach air son eaglais; agus tha e gu ceart air a thoirt fa’n ear le diadhairean, ann an cainnt chothromach, nach E’n t-Athair na’n Spiorad Naomh, ach a’ Mac, dara Pearsa na Trianaid, Fear-pòsda na h-eaglais; agus tha iad a toirt an aobhair so air a shon, gur Esan a mhàin a thainig gu bhi’n a dhuine, is Esan a mhàin a rinneadh ‘n a fheoil. O! mur a biodh Mac Dhé air a dheanamh ‘n a fheoil, mar a biodh E (mar a tha Austin dha chur) air ar nàdur-ne a phòsadh Ris Fein, cha bhiodh aon againn gu bràth comasach air a leithid a shochair agus a shonas a sheal-bhachadh ri aonadh pòsaidh agus co-chomunn Ris. ‘S e sin, uime sin, a cheud ghniomh gràis anns a ghnothuch so.
II. Tha Dia an t-Athair a toirt Chriosd do’n anam, agus an t-anam do Chriosd; tha E toirt Chriosd mar Cheann agus mar Fhear-pòsda do’n anam, agus a toirt an anama mar cheile do Chriosd.
1. Tha e toirt Chriosd mar Cheann agus mar Fhear-pòsda do’n anam;
ann an Eoin iv: 10, tha “tiodhlac Dhé” air a ràdh ri Criosd; agus cia mar a tha E’n a thiodhlac Dhé? Ann an dà dhòigh, anns gu’m bheil E air a thoirt air ar son-ne; thug Se E gu bhi’n a fheoil, gu bhi fulung, gu bhi dòrtadh fhola, gu b’sachadh, gu bhi air a dheanamh ‘n a pheacadh agus ‘n a mhallachd air ar son; thug Se E gu bhi’n a thabhartas agus ‘n a iobairt air ar son: agus ann an sin tha E dha thoirt dhuinne; tha E dha thoirt gu bhi’n a Cheann agus ‘n a Fhear-pòsda dhuinne; uime sin tha e air a ràdh gu’n d’thug Se E gu bhi’n a cheann do’n eaglais, agus a leithid de Cheann agus gu’m bheil Aige uachdaranachd agus riaghladh ‘n an uile nithe. “Agus chuir e na h-uile nithean fo a chasan, agus thug se e gu bhi’n a cheann os ceann nan uile nithean do’n eaglais” (Ephes. i: 22) araon ann an comhairle a thoile bho shiorruidheachd agus mar an ceudna ann an gniomh na obair a ghràis ann an so ann an ùine, tha E mar so a toirt Chriosd dhuinne. Agus O! cia cho saoibhir agus glòrmhor agus a tha ghràs a dealrachadh a mach an so! Ann a bhi toirt Chriosd dhuinne, tha E toirt dhuinn an Cuspair is fearr agus is gràdhaiche; oir cha’n eil nì is fearr agus is gràdhaiche Leis na Criosd, mar a dh’fhaodas a bhi air a nochdadh an deigh so.
2. Tha E toirt an anama mar cheile do Chriosd:
tha fios agaibh gu’m bheil e air a ràdh gu tric mu chreidmhich gu’m bheil iad air an toirt leis an Athair do Iosa Criosd. Tha Criosd ag ràdh mu chreidmhich “M’Athair a thug dhòmh-sa iad, is mo e na na h-uile; agus cha’n urrain neach air bith an spionadh a laimh m’Athar.” Eoin x: 29. “Bu leat-sa iad, agus thug the dhòmh-sa iad; agus choimhead iad t’fhocal.” Eoin xvii: 6, maillle ri iomadh àite eile a dh’fhaodadh a bhi air ainmeachadh. Thug Dia an taghadh do Chriosd gu bhi Aige mar cheile; thug E Dhà iad, an toiseach, ann an rùn siorruidh agus comhairle a ghràis; ann an latha a ghràidh shiorruidh, ‘n uair a shuidhich Dia a chridhe air a mhuinntir thaghta, ann a’ sin thug E iad Dhà Mhac, agus rùnaich E an aonadh Ris ann an cùmhnanta pòsaidh: agus tha E dha’n toirt Dhà, anns an dara h-àite, ann an obair na gairm eifeachdaich, nì a tha deanamh slighe do dh’ oibreachadh creidimh ann an Criosd anns an anam. Tha e’g ràdh, Thug an t-Athair a cheile so da Mhac, a labhairt mu’n eaglais, agus tha E dha h-aonadh Ris le a Spiorad. Agus, a mhuinntir mo ghràidh, as eugmhais an gniomh gràis so air a chur a mach le Dia dha’r n’ionnsuidh-ne, cha bhiodh am pòsadh gu bràth air a dheanamh eadar Criosd agus anam hochd air bith: oir is e so, da-rreadh, a tha toirt an anam gu Criosd. an uibhir so tha Criosd Fein ag innse dhuinn, “Gach ni a bheir an t-Athair dhòmhsa, thig e a m’ionnsudh; agus an ti a thig a m’ionnsuidh, cha tilg mì air chor sam bith a mach.” Eoin vi: 37. Gabh beachd air, ‘s e’n t-Athair a bhi dha’r toirt-ne do Chriosd a tha dha’r toirt-ne dha ionnsuidh, agus a robh sinn air ar toirt leis an Athair Dhà, cha tighead-mid gu bràth dha ionnsuidh le creidimh, cha b’urrain aonadh na daimh pòsaidh gu bràth a bhi eadar Esan agus sinne.
III. Tha Criosd gu toileach a gabhail ri tiodhlac an Athar, air Dhà bhi toileach, seadh, a miannachadh lefadachd a bhi dha’r pòsad h Ris Fein, ni a tha’n t-Athair a toirt Dhà chùm na criche sin.
Ann a bhi deanamh suas pòsad h, cha’n eil gu leoir ann gu’m biodh an t-Athair a toirt a leithid so da Mhac, agus a Mhac dh’ise, ach feumaidh mar an ceudna aonta a Mhic a bhi ann; feumaidh E bhi riaraichte agus a gabhail tiodhlac an Athar. Agus mar sin tha Criosd a deanamh an so, tha E riaraichte agus a gabhail tiodhlac an Athar: tha’n t-Athair a rùnachadh a bhi gabhail a leithid so do pheacach bochd gu bhi’n a ceile dha Mhac, agus a reir sin tha E dha thoirt Fein dhoibh, agus iadsan Dhà-san, agus tha toil Chriosd a co-aontachadh ri, agus a co-fhreagradh ri toil an Athar ann an sin, agus mar sin tha’m pòsad h a dol air adhart. Tha so gu soilleir air a chur fa’r comhair; “Gach ni a bheir an t-Athair dhòmhsa, thig e a’m ionnsuidh.” Eoin vi: 37. Gabh beachd, ann an so, a’ measg nithean eile, tha dà ni. 1. An so tha’n t-Athair a toirt peacaich bhochd do Chriosd, agus ann an so, a thoil agus aontachadh gu’m biodh iad air am pòsad h Ris, anns na briathran so, “Gach ni a bheir an t-Athair dhòmhsa, thig e am ionnsuidh.” 2. Ann an so tha aontachadh agus gabhail Chriosd ri tiodhlac an Athar, le a thoile agus aonta gu bhi dha’m pòsad h Ris Fein, anns na briathran sin, “An ti thig dha’m ionnsuidh cha tilg mì air chor sam bith a mach e.” ‘S e sin, gu cinnteach gabhaidh mì e agus bheir mì e ann an aonadh agus ann an daimh pòsaidh rium Fein. Tha Criosd ann an so gu soilleir a cur an ceill gu’m bheil E gabhail ri tiodhlac an Athar, ann a bhi toirt Dhà peacaich bhochd mar a cheile. Is e briathran mòr, agus freagarach do’n nì mu’m bheil mi a labhairt, a leugh mi ann an sgriobhadh diadhair mòr, “Tha toil shiorruidh agus deagh-ghean Dhé a dol air thoiseach, ach cha’n urrain Criosd, am Fear-pòsda, ach a bhi rùnachadh an dearbh nì a tha’n t-Athair a rùnachadh; tha thoil co-chùm ta ri toil an Athar, agus, uime sin, tha E gabhail ruinn mar a cheile.” Ann am focal, anns a ghnìomh gràis so, tha cainnte Chriosd mar so, Athair, am bheil thu toirt a leithid so de pheacaich bhochd dhomh? agus an e do thoil gu’m biodh iad pòsda rium? Tha mì toileach; tha mì gu saor dha’n gabhail, agus tha mì toileach am pòsad h rium Fein gu bràth. Tha e fior gu’r e creutairean bochd gun luach a th’annta, uile gu leir neo-fhreagarach do’m inbhe agus do’m mhòrachd; ach, Athair, is iad do thiodhlac, agus tha mi ga’n gabhail mar sin. Tha e fior nach eil maise air bith annta gu’n iarrainn iad, ach is iad do thiodhlac, ach pòsaidh mi iad agus nì mì maiseach iad. Agus O! ciod e’n gràs a tha’n so.
(R’a leantuinn)