Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 154)
IV.
Cha’n e mhàin gu’m bheil an Tighearn Iosa Criosd a moladh agus a’ gabhail tioclac an Athar, ach, mar an ceudna, thà E dha’n saoradh-san a thà mar so air an toirt Dhà, le luach fhola Fein. Thà E dha’n saoradh bho’n a pheacadh, agus bho’n bhàs, agus bho ifrinn, aig an robh iad uile ann am braighdeanas; nì mar an ceudna a thà gu do-sheachainte a thà co-aontachadh gu bhi toirt mu’n cuairt a phòsaidh eadar Esan agus iadsan. Thà e air a thoirt fa’n ear le cuid, ann an dùthchannan na h-àirde an ear, gu’m b’e ‘n cleachdadh gu’m biodh na fir a ceannach a’ mnathan; agus, da-rìreadh, tha so air a chur an ceill anns an teachdaireachd a chuir Saul gu Daibhidh (I. Sam. xviii: 25), anns am bheil, ‘n uair a cho-eignicheadh e Daibhidh gu a nighean a phòsadh, co-dhiubh leig e air sin, chuir e focal dhà ionnsuidh, nach robh e’g iarruidh tochradh, ach so agus so: bithidh e coltach, uime sin, gu’m bu nl àbhaisteach a bh’ann sùil a bhi ri tochradh. Thà’n nì ceudna air a nochdadh ann an cleachdadh Shechem (Gen. xxxiv: 11, 12), air dhà gaol a bhi aig air Dinah, nighean Iacob, thairg e tochradh a thoirt air a son. “Agus thubhairt Sechem r’a h-athair, agus r’a braithrean, Fàigheam deagh-ghean ‘n ‘ur sùilean, agus ge b’e nì a their sibh rium, bheir mi dhuibh. Air a mheud ‘s gun dean sibh an dùbhairidh orm, agus an tioclac, bheir mi dhuibh eadhon mar a their sibh rium; a mhàin thugaibh dhomh a’ ghruagach mar mhnaoi.” Gu cinnteach tha e mar sin ann an so, thà Criosd a ceannach a cheile, agus thà E toirt tioclac do-labhairt mòr air a son; thà Criosd, da-rìreadh, ann an gaol air peacaich bhochd, a thà air an toirt Dhà leis an Athair, agus thà E’g iarruidh am pòsadh ris Fein; ach feumaidh E’n ceannach ma thà E ciallachadh iad a bhi Aige, agus ‘s e’n ceannach a thà E deanamh, agus le luach daor; thà e toirt tochrachd mòr air an son, eadhon a bheatha, fhuil, a ghloir, agus sin uile air son ùine. Uime sin thà e air a ràdh gu’n “d’ thug se e fein air a son.” Ephes. v: 25, agus gu’n do “cheannaich e le fhuil fein” iad. Gniomh. xx: 28. Uime sin thà e air a ràdh gu’m bheil sinn air ar ceannach le luach, le luach mòr, le luach nach gabh a bhi air a chunntas, eadhon fhuil ro luachmhor Fein. I. Cor. vi: 20. Tha chùis a luidh mar so: bha’n taghadh, cho math ri muinntir eile, uile ann am braighdeanas, air an reic fodh’n a pheacadh agus fodh Shatan, ann am braighdeanas do’n a bhàs, do ifrinn do fheirg, nì is e suidheachadh gach aon a thaobh nàduir; agus ma thà iad gu bhi aig Criosd mar a cheile, feumaidh E’n saoradh bh’uatha uile; nì a reir sin a thà E deanamh. Tha E dòrtadh fhola, thà E bàsachadh, thà E dha thoirt Fein ‘n a eiric air an son, a chùm am pòsadh ris Fein. Bha gu dearbh inntinn Aige air son ceile a’measg chloinn nan daoine, agus bha gràdh Aige dhoibh bho’n uile shiorruidheachd, mar a thà E Fein ag innse dhuinn, Gnath. viii: 31, agus mar sin ann an gràdh dhoibh, thà E ann an seadh ag ràdh ris an Athair, mar a thuirt Sechem ri Iacob, “Air mheud ‘s gu’n dean sibh an dúbhairidh orm, agus an tioclac, bheir mi dhuibh eadhon mar a their sibh rium.” Seadh, mo Mhac, tha’n t-Athair ag ràdh, ma ghabhas tì iad, agus a phòsas tì riut fein iad, feumaidh tì t-fhuill a thoirt seachad, do bheatha air an son; feumaidh tì an saoradh bho’n pheacadh, bho’n bhàs, bho ifrinn, aig am bheil iad ann am braighdeanas; nì nach urrain a bhi air a dheanamh le nì ni’s lugha na thù fein a thoirt mar eiric air an son; so uile thà Criosd ag aontachadh leis, agus dha ghiulain a mach, agus sin le tlachd, gu saor dha thoirt Fein air an son. Agus O! ciod e’n gràs a tha’n so! O, bhi toirt a leithid de luach air son a leithid de cheile! Luach cho mòr air son ceile a tha cho dubh agus neo-airidh; ‘s e gràs glòrmhor a tha’n so da-rìreadh.
V.
Tha Criosd a cur an ceill a ghràidh dhoibh, dha thaigse Fein dhoibh, agus uile gu leir dha’n tìladh gu bhi gabhail Ris, agus sin leis an togradh is làidire agus is gràdhaichte. Ge b’e air bith cho mòr agus a chosg e do Chriosd peacaich bhochd a shaoradh, agus ge b’e cho mòr ‘us a tha’n tochrachd a thug E air an son, gidheadh tha iad neo-thoileach a bhi dùnadh a stigh Ris, cha’n eil inntinn aca na cridhe a thaobh Chriosd, agus mar sin cha’n eil e coltach gu’m b’ m pòsadh air a dheanamh suas, mar a bi nì tuilleadh air a dheanamh; Uime sin, an deigh gach cuis (mar a tha neach dha chur) tha Criosd a tighinn dha’n tâladh, tha e foillseachadh a ghràidh, dha thairgse Fein dhoibh, agus gu dûrachdach a tagradh riutha air son an gràidh agus an gabhail Ris: tha E tagradh riutha, agus sin ‘n a leithid de dhòigh, agus mar nach gabhadh E diulta; ann an Esec. xvi: 8, tha slinn a leughadh mu ” aimsir gràidh,” ‘s e sin àm anns am bheil Criosd a foillseachadh a ghràidh do pheacaich ‘n an staid dhùilich. Agus, da-rìreadh, tha amaibh gràidh aig Criosd, amaibh anns am bheil E foillseachadh a ghràidh, agus a thà E dha thairgse Fein maille ri uile shaoibhreas agus ionmhasan do pheacaich bhochd; ‘n uair is i a chainnte riutha, ” Feuch mi, feuch mi, ri cinneach nach robh air an ainmeachadh orm.” Isaiah lxv: 1, agus ” Seallaibh riumsa agus bithibh air ‘ur tearnadh, uile iomalla na talmhuinn; oir is mise Dia, agus cha’n eil atharrach ann.” Isaiah xlv: 22. Nis tha E tighinn agus a dol thairis air eachdraidh a ghràidh dhoibh, cia mòr a rinn agus a dh’fhuiling E air an son, cia mòr a tha mhiann dha’n ionnsuidh, ciod iad na nithean Mòr a bheir E dhoibh, agus a chuireas E ‘n an sealbh, agus uile gu leir gu bhi dha’n cosnadh agus dha’n tâladh dha ionnsuidh Fein, a chùm an gràdh a chosnadh, agus an aonta gu bhi gabhail Ris, agus gu bhi air a shon-san an cùmhnanta pòsaidh. Bha àm ann ‘n uair a thàinig Criosd agus a rinn E so gu pearsanta; ‘n uair a sheas E ” agus a ghlaodh e ag ràdh, Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e a m’ionnsudh-sa, agus òladh e.” Eoin vii: 37. Bha àm ann, ‘n uair ‘n a Phearsa Fein a chuir E impidh air peacaich bhochd bho latha gu latha, a chuir E’n ceill a ghràdh dhoibh bho àm gu àm, mar a rinn E, mar a tha fios agaibh, ri Ierusalem, Mata xxiii: 37. Air son àireamh bhliadhnachan bha E dha’n tâladh, agus dha thairgse Fein agus a ghràs dhoibh ‘n a Phearsa Fein; agus ged nach eil E nis a tighinn gu pearsanta; gidheadh, mar a chuir Daibhidh a sheirbhisich gu Abigail, gu còmhradh rithe, gu bhi deanamh aithnichte dhìth a rùn agus a mhiann a bhi dha gabhail mar mhnaoi, I. Sam. xxv: 39, mar sin tha Criosd dha’r cur-ne a sheirbhisich, a theachdairean, a dh’ionnsuidh pheacach bhochd gu bhi labhairt riutha, agus gu bhi cur an ceill gràdh agus rùinntean a chridhe dha’n taobh, a chùm a bhi dha’n tâladh dha ionnsuidh; agus mar theachdairean do Chriosd, tha sinn a tâladh anamaibh bhochd; agus mar air son Chriosd, tha sinn a guidhe orra a bhi reidh ri Dia, iad a thoirt suas an ainmibh agus an anamaibh do Chriosd ann an cùmhnant pòsaidh. II. Cor. v: 20. Agus do bhrigh nach buannaich nl le ar comasan fein thairis air spioradan dhaoine anns a ghnothuch mhòr so, tha Criosd, os ceann so, a cur a Spioraid bheannaichte Fein, a chum a bhi dha’n táladh, agus dha’n cosnadh, dha’n deanamh “ro thoileach ann an là do chumhachd.” Salm cx: 3. Agus tha so dha mo threorachadh gu bhi beachdachadh air na gniomharan sin eile ann an gràs anns a ghnothuch so, anns am bheil an t-Athair agus Iosa Criosd ag oibreachadh leis an Spiorad, annain agus oirne air son deanamh suas a phòsaidh eadar Criosd agus sinne, a mhàin, anns an dol seachad, faiceadh-mid fathasd agus gabhadh-mid tlachd ann an gràs Iosa Criosd do pheacaich bhochd. O! gu’n táladh E creutairean bochd salach mar a tha sinn, agus gu’n cuireadh E’n ceill a ghràdh dhuinn! Na’m faiceadh sibh righ, righ mòr, a cur an ceill a ghràdh do dhiol-deirc, a tighinn a nis gu pearsanta, agus an sin a cur a sheirbhisich dha h-ionnsuidh gu bhi’g iarruidh agus a tagradh a gràidh, dh’amhairceadh sibh air so mar ghràs mòr: ach O! cha’n eil an so ach neo-ni ann an coimeas ri gràs Chriosd ann a bhi dha ioraslachadh Fein gu bhi cosnadh a leithid de pheacaich agus a tha sinne ann.
(R’a leantuinn)