Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1925 » January 1925 » Searmoinean leis an Urramach Elonghas MacMhaolain. Searmoin VII. Corintianach, viii. Caib., 9 Rann. “ Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearn Iosa Criosd, ged bha e saoibhir, gidheadh gu ‘n d’ rinneadh bochd e air bhur sonsa, chum gu biodh sibhse saoibhir tre a bhochdainn-san.”

Searmoinean leis an Urramach Elonghas MacMhaolain. Searmoin VII. Corintianach, viii. Caib., 9 Rann. “ Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearn Iosa Criosd, ged bha e saoibhir, gidheadh gu ‘n d’ rinneadh bochd e air bhur sonsa, chum gu biodh sibhse saoibhir tre a bhochdainn-san.”

(Air a leantuin o t.-d. 311.)

  1. Anns a cheud àite, feudaidh sinn saoibhreas, agus bochdainn Chriosd fhoghlum o ‘n teagasg so. Bha e bochd mar dhuine, ach saoibhir mar Dhia; bha e bochd o ‘n leth a mach, ach ann an seilbh air ionnhas folaichte, air saoibhreas neo-chriochnach sam leth a steach. ‘S ann ann an staid icasal, uireasbhuidheach, a bha e air fhoill-seachadh anns an fheoil, ach fo sgàil naduir icasal na daonnachd, bha iomlaineachd na Diadhachd a gabhail comhnuidh; agus ‘s e ‘n iomlaineachd so a rinn e ‘na Shlànuighear uil-fhoghainteach, comasach fiachan a phobuill a phlaigheadh gus an fheòirling dheireannach, comasach gach uireasbhuidh a leasachadh, agus gach truaighe leigheas, comasach na h-uile thig a dh’ ionnsuidh Dhé d’a thrid a thearnadh gus a chuid as fhaide. Uime sin, feudaidh an ciontach, am bochd, agus an lomnochd, teachd ie misneach a dh’ ionnsuidh Chriosd, chum as gu ‘m faigh iad as a lánachd “gràs gu cuideachadh leo anns gach àm feuma.”

  2. Tha ‘n teagasg so a taisbeanadh gràdh iongantach Chriosd d’ a phobull. ‘S ann air an son-san a dh’ fhàg e uchd an Athar, a thainig e dh’ ionnsuidh an t-saoghail, agus a rinni se e féin bochd. Cha ‘n ann a dh’ iarraidh stòras, na onoir thalmhaidh dha féin, a thainig Criosd, ach “ a dh’ iarraidh, agus a thearnadh an ni a bha caillte.” Cha robh uireasbhuidh sam bith air Criosd ‘na cheud staid; cha ‘n fhac agus cha d’ fhairich e bochdainn a riabh gus an d’ thainig e dh’ ionnsuidh an t-saoghail vo. Ach ged bha e féin ann an seilbh air sonas neo-chriochnach, bha e faicinn a phobuill a thug an t-Athair dha, ann an staid uireasbhuidheach, ann an cunnart truaighe shiorruidh, agus gu h-ionlan neo-chomasach iad féin a theasainginn. Ghiabh a shùil truas diubh, agus ghràdh-aich e iad air a leithid a dhoigh, as gu robh e toileach e féin a dheanamh bochd, chum iadsan a dheanamh saoibhir. Bha e toileach uchd an Athar fhàgail, chum iadsan a thoirt a dh’ ionnsuidh an Athar; bha e toileach e féin irioslaichadh, chum iadsan àrdachadh; seadh, bha e toileach a bheatha féin a leagadh sios, chum iadsan a thoirt gu seilbh air beatha mhaireannach. O cia iongant-ach grádh Chriosd d’ a phobull! Tha àirde agus doimhne, fad agus leud, ann a ghrádh dhoibh, a chaidh thar gach uile eòlas!

  3. Feudaidh sinn fhoghllum o ‘n teagasg so, co neo-airidh ‘s a bha ‘n saoghal truailidh, agus neo-thaingeil so, gu ‘n tigeadh Chriosd d’ a ionnsuidh mar Fhear-saoraidh, mar Shlànuighear. An uair a thainig Chriosd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, b’ e dleasdanas nan uile dhaoine gabhail ris gu toileach, gairdeachas a dheanamh ann a theachd, a bhi frithealadh dha, agus gun fhaicinn ann an uireasbhuidh ni sam bith. B’ e so an dleasdanas gu sonruichte an deigh do Chriosd teachd o néamh gu talamh, agus e féin a chuir ann an cosd co mòr, chum saorsa cheannach do shaoghal caillte. Ach an àite bhi toirt urram dha, agus a freasdaill d’ a uireasbhuidh, ‘s ann a rinn a luchd-dùthcha féin, anns a choitchionn, di-meas air, chuir iad cùl r’ a theachdaireachd, agus chum iad e air a bheagan, ‘s air a bhochdainn, fad aimsir a chuart air an talamh. Bhiodh an lùchairt a b’ fhearr uidheam a bha riamh air thalamh, ‘na h-àite comhnuidh suarach do Mhac Dhé, do Phrionnsa righre na talmhainn; ach an àite ‘u-chairt a bhi air a h-ullachadh dha, bha e air fhàgail gun àite comhnuidh idir, gun ionnad anns an cuireadh e cheann fuidh. A nis, an uair a bheir sinn fa’ near an doigh mhaslaich, ann san do bhèan luchd-àiteachaidh an t-saoghail ris an Tighearn Iosa Chriosd, tha e soilleir gu robh iad gu h-ionlain neo-airidh gu tigeadh e “o ‘n ghlibr oirdheire” d’ an ionnsuidh mar teachdaire sìth, agus mar Shlàn-uighear.

  4. Tha sinn uile feumail a bhi ‘nar luchd-eompairt do shaoibhreas na saorsa cheannaich Chriosd air son a pno-buill. Dh’ fhàg am peacadh sinn dall, agus bochd, agus lomnochd, làn do eucaillibh spioradail, agus neo-chomasach sinn féin a leigheas. Dh’ fhàg e sinn ann an cunnart dol a dhìth, ann an cunnart a bhi caillte gu siorruidh; agus cha ‘n ‘eil aon chreutair anns a chrùitheachd comasach air ar saoradh o ‘n chunnart so. O’ àite, uime sin, an teid sinn, ach a dh’ ionnsuidh Chriosd, aig am bheil briathra na beatha maireannaich, agus a “tha comasach na h-uile thig a dh’ ionnsuidh Dhé d’ a thrid, a thearnadh gus a chuid as fhaide?” Tha ‘n Tighearn Iosa Chriosd, cha ‘n e mhain saoibhir ann am beannachdaibh spioradail, ach mar an ceudna, fial, agus toileach a bhi roinn a shaoibn-reis gu pailte air bochdan a shluaigh. Tha ‘m bochd, an ciontach, agus an t-uireasbhach failteach gu teachd d’ a ionnsuidh-san le ‘n uile thruaighibh, aimsireil agus spioradail. “Thigeadh gach neach air am bheil tart,”— “ thigeadh gach neach leis an àill, agus gabhadh e do uisge na beatha gu saor.”

  5. Cha ‘n fheud sinn a bhi ‘n ar luchd-compairt do shaoibhreas Chriosd, as eugmhais a bhi air ar n-aonadh ris trid beò-chreidimh. Tha daoinn gu nadurra ‘nan coig-rich do chreidimh tearnaiddh, agus co fhad ‘s a tha iad a buanachadh anns a chor so, cha ‘n fheud iad a bhi ‘nan luchd-compairt do ‘n t-saorsa cheannaich Chriosd. Cha ‘n ‘eil buanachd na saorsa so aig naimhdean Chriosd, co maith r’ a chàirdean; aig an dream a tha fad as, co maith ris an dream a tha dlùth; no aig an dream a tha dealaichte uath, co maith ris a mhuinntir a ta ceangailte ris. Feumaidh sinn a bhi air ar beothachadh, air ar tar-ruing a dh’ ionnsuidh Chriosd, agus air ar dlùth-cheangal ris trid creidimh, mu ‘m feud sinn a bhi ‘nar luchd-compairt do shlàinte an t-soisgeil. Tha e furasa le daoinn bhi saoilinn gu ‘m feud iad sochairean Chriosd a mhealtuinn, as eugmhais a bhi ceangailte r’ a phearsa; ach cha ‘n ‘eil ‘s a bhàrrail so ach féin-mhealladh. O na meallamaid sinn féin le dòchas faoin. Cha bhi buannachd na saorsa cheannaich Chriosd am feasd aig neach sam bith, ach an neach a ta air aonadh ris, agus d’ am bheil e ” air a dheanamh le Dia, ‘na ghliocas, ‘na fhireantachd, ‘na naomhachd, agus ‘na shaorsa.”

  6. Feudaiddh sinn fhoghlum a ‘n teagasg so, gu re dleasdanas deiscioibuil Chriosd, a bhi maiteasach, agus tròcaireach, a bhi leantuinn eisimpleir am maighstir, a thaisbean saoibhreas a ghràis le e féin a dheanamh bochd, chum a phobull a dheanamh saoibhir. Bha ‘n Tighearn Iosa Chriosd anabarr fial, agus daonnachdach. ” Sgaoil e chuid, thug e do na bochdaibh, agus mairidh fhireantacnd gu bràth.” A nis, tha e ro-ionchuidh gu ‘m biodh an spiorad ceudna, spiorad a ghraiddh, agus na daonnachd, aig oibreachadh gu pailte ann a luchd-leannhuinn mar an ceudna. Chì sinn anns a chaibideil o ‘m bheil briathra ar teagaig, an t-Abstol Pòl a deanamh feum do thoibrheartachd Chriosd mar argumaid, gu brosnachadh nan Corintianach gu bhi fial, agus ealamh a leasachadh uir-easbhuaidh nam bochd; agus tha e fachaichte air a dheiscioibuil a bhi leantuinn na h-eisimpleir so o linn gu linn; agus a bhi cuimhneachadh focail an Tighearn Iosa Chriosd, mar a thubhairt e, ” Thà e ni ‘s beannaichte ni a thabbairt na ghabhail.”

(Ri leantuinn.)

Tha an nadur nuadh, agus na gniomhara a tha a’ sruthadh uath, maiseach agus flichdmhor mar an lili; ach tha na h-aingidh mar an droigheann.—Lachlan Mac-Choinnich.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice