(Air a leantuin o t.-d. 311.)
-
Anns a cheud àite, feudaidh sinn saoibhreas, agus bochdainn Chriosd fhoghlum o ‘n teagasg so. Bha e bochd mar dhuine, ach saoibhir mar Dhia; bha e bochd o ‘n leth a mach, ach ann an seilbh air ionnhas folaichte, air saoibhreas neo-chriochnach sam leth a steach. ‘S ann ann an staid icasal, uireasbhuidheach, a bha e air fhoill-seachadh anns an fheoil, ach fo sgàil naduir icasal na daonnachd, bha iomlaineachd na Diadhachd a gabhail comhnuidh; agus ‘s e ‘n iomlaineachd so a rinn e ‘na Shlànuighear uil-fhoghainteach, comasach fiachan a phobuill a phlaigheadh gus an fheòirling dheireannach, comasach gach uireasbhuidh a leasachadh, agus gach truaighe leigheas, comasach na h-uile thig a dh’ ionnsuidh Dhé d’a thrid a thearnadh gus a chuid as fhaide. Uime sin, feudaidh an ciontach, am bochd, agus an lomnochd, teachd ie misneach a dh’ ionnsuidh Chriosd, chum as gu ‘m faigh iad as a lánachd “gràs gu cuideachadh leo anns gach àm feuma.”
-
Tha ‘n teagasg so a taisbeanadh gràdh iongantach Chriosd d’ a phobull. ‘S ann air an son-san a dh’ fhàg e uchd an Athar, a thainig e dh’ ionnsuidh an t-saoghail, agus a rinni se e féin bochd. Cha ‘n ann a dh’ iarraidh stòras, na onoir thalmhaidh dha féin, a thainig Criosd, ach “ a dh’ iarraidh, agus a thearnadh an ni a bha caillte.” Cha robh uireasbhuidh sam bith air Criosd ‘na cheud staid; cha ‘n fhac agus cha d’ fhairich e bochdainn a riabh gus an d’ thainig e dh’ ionnsuidh an t-saoghail vo. Ach ged bha e féin ann an seilbh air sonas neo-chriochnach, bha e faicinn a phobuill a thug an t-Athair dha, ann an staid uireasbhuidheach, ann an cunnart truaighe shiorruidh, agus gu h-ionlan neo-chomasach iad féin a theasainginn. Ghiabh a shùil truas diubh, agus ghràdh-aich e iad air a leithid a dhoigh, as gu robh e toileach e féin a dheanamh bochd, chum iadsan a dheanamh saoibhir. Bha e toileach uchd an Athar fhàgail, chum iadsan a thoirt a dh’ ionnsuidh an Athar; bha e toileach e féin irioslaichadh, chum iadsan àrdachadh; seadh, bha e toileach a bheatha féin a leagadh sios, chum iadsan a thoirt gu seilbh air beatha mhaireannach. O cia iongant-ach grádh Chriosd d’ a phobull! Tha àirde agus doimhne, fad agus leud, ann a ghrádh dhoibh, a chaidh thar gach uile eòlas!
-
Feudaidh sinn fhoghllum o ‘n teagasg so, co neo-airidh ‘s a bha ‘n saoghal truailidh, agus neo-thaingeil so, gu ‘n tigeadh Chriosd d’ a ionnsuidh mar Fhear-saoraidh, mar Shlànuighear. An uair a thainig Chriosd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, b’ e dleasdanas nan uile dhaoine gabhail ris gu toileach, gairdeachas a dheanamh ann a theachd, a bhi frithealadh dha, agus gun fhaicinn ann an uireasbhuidh ni sam bith. B’ e so an dleasdanas gu sonruichte an deigh do Chriosd teachd o néamh gu talamh, agus e féin a chuir ann an cosd co mòr, chum saorsa cheannach do shaoghal caillte. Ach an àite bhi toirt urram dha, agus a freasdaill d’ a uireasbhuidh, ‘s ann a rinn a luchd-dùthcha féin, anns a choitchionn, di-meas air, chuir iad cùl r’ a theachdaireachd, agus chum iad e air a bheagan, ‘s air a bhochdainn, fad aimsir a chuart air an talamh. Bhiodh an lùchairt a b’ fhearr uidheam a bha riamh air thalamh, ‘na h-àite comhnuidh suarach do Mhac Dhé, do Phrionnsa righre na talmhainn; ach an àite ‘u-chairt a bhi air a h-ullachadh dha, bha e air fhàgail gun àite comhnuidh idir, gun ionnad anns an cuireadh e cheann fuidh. A nis, an uair a bheir sinn fa’ near an doigh mhaslaich, ann san do bhèan luchd-àiteachaidh an t-saoghail ris an Tighearn Iosa Chriosd, tha e soilleir gu robh iad gu h-ionlain neo-airidh gu tigeadh e “o ‘n ghlibr oirdheire” d’ an ionnsuidh mar teachdaire sìth, agus mar Shlàn-uighear.
-
Tha sinn uile feumail a bhi ‘nar luchd-eompairt do shaoibhreas na saorsa cheannaich Chriosd air son a pno-buill. Dh’ fhàg am peacadh sinn dall, agus bochd, agus lomnochd, làn do eucaillibh spioradail, agus neo-chomasach sinn féin a leigheas. Dh’ fhàg e sinn ann an cunnart dol a dhìth, ann an cunnart a bhi caillte gu siorruidh; agus cha ‘n ‘eil aon chreutair anns a chrùitheachd comasach air ar saoradh o ‘n chunnart so. O’ àite, uime sin, an teid sinn, ach a dh’ ionnsuidh Chriosd, aig am bheil briathra na beatha maireannaich, agus a “tha comasach na h-uile thig a dh’ ionnsuidh Dhé d’ a thrid, a thearnadh gus a chuid as fhaide?” Tha ‘n Tighearn Iosa Chriosd, cha ‘n e mhain saoibhir ann am beannachdaibh spioradail, ach mar an ceudna, fial, agus toileach a bhi roinn a shaoibn-reis gu pailte air bochdan a shluaigh. Tha ‘m bochd, an ciontach, agus an t-uireasbhach failteach gu teachd d’ a ionnsuidh-san le ‘n uile thruaighibh, aimsireil agus spioradail. “Thigeadh gach neach air am bheil tart,”— “ thigeadh gach neach leis an àill, agus gabhadh e do uisge na beatha gu saor.”
-
Cha ‘n fheud sinn a bhi ‘n ar luchd-compairt do shaoibhreas Chriosd, as eugmhais a bhi air ar n-aonadh ris trid beò-chreidimh. Tha daoinn gu nadurra ‘nan coig-rich do chreidimh tearnaiddh, agus co fhad ‘s a tha iad a buanachadh anns a chor so, cha ‘n fheud iad a bhi ‘nan luchd-compairt do ‘n t-saorsa cheannaich Chriosd. Cha ‘n ‘eil buanachd na saorsa so aig naimhdean Chriosd, co maith r’ a chàirdean; aig an dream a tha fad as, co maith ris an dream a tha dlùth; no aig an dream a tha dealaichte uath, co maith ris a mhuinntir a ta ceangailte ris. Feumaidh sinn a bhi air ar beothachadh, air ar tar-ruing a dh’ ionnsuidh Chriosd, agus air ar dlùth-cheangal ris trid creidimh, mu ‘m feud sinn a bhi ‘nar luchd-compairt do shlàinte an t-soisgeil. Tha e furasa le daoinn bhi saoilinn gu ‘m feud iad sochairean Chriosd a mhealtuinn, as eugmhais a bhi ceangailte r’ a phearsa; ach cha ‘n ‘eil ‘s a bhàrrail so ach féin-mhealladh. O na meallamaid sinn féin le dòchas faoin. Cha bhi buannachd na saorsa cheannaich Chriosd am feasd aig neach sam bith, ach an neach a ta air aonadh ris, agus d’ am bheil e ” air a dheanamh le Dia, ‘na ghliocas, ‘na fhireantachd, ‘na naomhachd, agus ‘na shaorsa.”
-
Feudaiddh sinn fhoghlum a ‘n teagasg so, gu re dleasdanas deiscioibuil Chriosd, a bhi maiteasach, agus tròcaireach, a bhi leantuinn eisimpleir am maighstir, a thaisbean saoibhreas a ghràis le e féin a dheanamh bochd, chum a phobull a dheanamh saoibhir. Bha ‘n Tighearn Iosa Chriosd anabarr fial, agus daonnachdach. ” Sgaoil e chuid, thug e do na bochdaibh, agus mairidh fhireantacnd gu bràth.” A nis, tha e ro-ionchuidh gu ‘m biodh an spiorad ceudna, spiorad a ghraiddh, agus na daonnachd, aig oibreachadh gu pailte ann a luchd-leannhuinn mar an ceudna. Chì sinn anns a chaibideil o ‘m bheil briathra ar teagaig, an t-Abstol Pòl a deanamh feum do thoibrheartachd Chriosd mar argumaid, gu brosnachadh nan Corintianach gu bhi fial, agus ealamh a leasachadh uir-easbhuaidh nam bochd; agus tha e fachaichte air a dheiscioibuil a bhi leantuinn na h-eisimpleir so o linn gu linn; agus a bhi cuimhneachadh focail an Tighearn Iosa Chriosd, mar a thubhairt e, ” Thà e ni ‘s beannaichte ni a thabbairt na ghabhail.”
(Ri leantuinn.)
Tha an nadur nuadh, agus na gniomhara a tha a’ sruthadh uath, maiseach agus flichdmhor mar an lili; ach tha na h-aingidh mar an droigheann.—Lachlan Mac-Choinnich.