(Air a leantuin bho t.d., p. 355.)
Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—EOIN xv. 5.
-
Cumaidh Criost suas iadsan a ta creidsinn ann fo chudthrom thrioblaidean o ‘n taobh a mach. Is farsuing an gealladh sin, Isa. xliii. 2. “An uair a shiùbblas tu trid nan aimhnichean, cha tig iad tharad.” Faic mar a fhuair Daibhidh cobhair fo uallach trom, 1 Sam. xxx. 6. Bha ‘bhaile Siclag aig air a losgadh, a mhnaoi air an toirt air falbh ‘nam braighdibh, labhair a dhaoine air a chlachadh; cha robh nì air fhàgail aige ach a Dhia agus a chreidimh: ach, le chreidimh, ghabh e misneach dha féin ‘na Dhia. Tha ‘n Tighearn a’ teachd agus a’ cur a chrann-cèusaidh air guailibh a shluaigh, tha sin ‘g am bruthadh sios, tha iad cosmhuil ri bhi air an slugadh suas fuidhe, agus air an aobhar sin, tha iadsan ag eigheach: A Mhaighstir tearuinn sinn, tha sinn caillte! Ach tha e tabhairt cobhair dhoibh, fo ‘n uallach, tha e ‘g an cumail suas, agus giùlainidh iad an crann-cèusaidh. Mar so air do ‘n Chriosdaidh, cudthrom a bhi aige de thrioblaidean o ‘n taobh a mach, théid e gu h-eutrom fo ‘n uallach; air dha leis a sin na gairdeanan siorruidh a bhi fuidhe. Tha tobair de shòlas aig a’ Chriosdaidh, nach urrainn da chall; agus uime sin
chan ‘eil e uair ‘s am bith gun ni-eiginn aige ga chumail suas. Ma tha aig neach a bheartas uile ann an airdiod, feudaidd na creachadairean a thoirt air falbh, agus an sin ciod tuilleadh a th’ aige? Ach ged chreachar fear-fearainn d’a chuid airdid, gidheadh tha ‘fhearann aige gu chumail suas; feudaidd iadsan a tha togail an comhfurtachd air nithibh maith an t-saoghail, a bhi gu h-ealamh gun chomhfurtachd: ach bithidh comhfurtachd aca-san, a ta ann an Crisd, ‘n uair a bhios uile shruthan nan sòlasan saoghalta air tiormachadh suas, Iob vi. 13. “Nach ‘eil mo chabbhair annam féin? Agus an d’ fluadaicheadh gliocas uam?” Mar gu’n abradh e, ged dh’fhalbh mo mhaoir; ged dh’imich mo sheirblisich, mo chlann, mo shlainte agus fallain-eachd mo chuirp, uile uam; gidheadh cha d’ imich mo ghràs uam: ged dh’ iomain na Sabeanach air falbh mo dhaimh agus m’ asailean, agus ged dh’ iomain na Caldeanaich air falbh mo chàmhalaibh; cha d’ fhògair iad air falbh mo chreidimh agus mo dhòchas mar an ceudna: tha iad sin fathast annam, cha d’ iomaineadh uam iad; air chor as leo sin gur urrainn domh comhfurtachd a thoirt o nèamh, ‘nuair nach urrainn domh comhfurtachd a thoirt o’n talamh. -
Bheir Crisd cobhair d’a shluagh fo uallach de thrioblaidean agus de mhi-mhisnich o’n taobh a stigh. Is iomadh uair a ta ‘n eridhe agus am feòil a’ fàilneachadh, ach an sin is e Dia neart an eridhe, Salm lxxiii. 26. Feudaidd iad eudthrom cionta bhi aca ‘g an sàrueadh: is callach so a bheir air an druim cromadh, agus air an spiorad dol fodha. Ach bheir e dhiubh i, agus cuiridh e maitheanas ‘nan làimh, am feadh a ta iad a’ tilgeadh an callaich air-san. Gabhaidh Crisd an t-anam, mar a phòsas neach bantrach fuidh uallach de fhiachaibh, agus mar sin, ‘n uair a ta ‘n luchd-fiaich a’ teachd a dh’ ionnsuidh céile Chriosd, bheir i dh’ ionnsuidh a fir iad, aidichidh i na fiacha, cuiridh i an céill nach ‘eil i comasach air an iocadh, agus cuiridh i an t-iomlan air-san. Caillidh an Crisdaidh air uairibh, tre neo-churam, an litir-fhuasglaidh; chan urrainn da faotainn, ciod ‘s am bith mar a rannsaicheas e air a son. Gabhaidh an lagh an eothrom sin, agus togaidh e suas cuis-thagraidh ‘na aghaidh
air son facha a chaidh a dhioladh cheana. Folaichidh Dia a ghnùis, agus tha ‘n t-anam ann an trioblaid. Théid iomadh saighead a nis tre ‘n anam; tha iomadh cuntas fada an aghaidh an duine, a ta e leughadh agus ag aideachadh. ‘S tric a chi e na maoir a’ teachd gu ‘ghlacadh; agus dorus a’ phriosain fosgailte gu ‘ghabhail a steach. Ciod eile a chumas e o dhol fodha gu tur fuidh leithid so de mhi-mhisnich anns an staid so, ach gu bheil gairdeine siorruidh an Eadar-mheadhonair fuidhe, agus gu bheil c a’ taice ris an Urras mhór?
Rì leantuin.