AN STAID SHIORRUIDH: NO, STAID SONAIS,
NO TRUAIGHE IOMLAN.
Mu Bhàs.
(Air a leantainn bho t.d., 75.)
Agus anns a’ cheud àite, Bitheadh comharran na staid ath-nuadhaichte air an daingneachadh earrann àraid de ‘n Sgriobtur a chum na crìche sin; mar a ta Gnàth-Fhocal viii. 17. “Iadsan aig am bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi.” Coimeas Luc. xiv. 26. “Ma thig neach air bith do m’ ionnsuidh-sa, agus nach seadh, fuathaich e ‘athair, agus a mhàthair, agus a bhean-phòsda, agus a chlann, agus a bhràithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, chan ‘eil e ‘n comas domhsa bhi ‘na dheisciobul domhsa.” Salm cxix. 6. “An sin cha ghabh mi nàire, an uair a bheir mi spéis do t’ àitheantaibh gu léir.” Salm xviii. 23. “Agus bha mi ionraic ‘na fhianuis, agus ghleidh mi mi féin o m’ aingidheachd.” Coimeas Rom. vii. 22, 23. “Oir a ta tlachd agam an lagh Dhé a reir an duine an taobh a stigh: Ach tha mi faicinn lagha eile am bhallaibh a’ cogadh an aghaidh lagha m’ inntinn.” 1 Eoin iii. 3. “Agus gach neach aig am bheil an dòchas so ann, glanaidh se e féin, mar a ta esan glan.” Mat. v. 3. “Is beannaichte iadsan a ta bochd ‘nan spioraid; oir is leò rioghachd nèimh.” Phil. iii. 3. “Oir is sinne an timchioll-ghearradh, a ta dèanamh aoraidh (no seirbhis) do Dhia ‘san spiorad; agus a’ dèanamh gairdeachais ann an Iosa Criosd, agus nach ‘eil a’ cur muinghin ‘san fheòil.” Tha suim an dearbhaidh a ta ‘g éirigh o na h-earrannaibh sin do ‘n Sgriobtur, a’ luidhe ann an so: Am fìor Chriosdaidh is aon e a ta gràdhachadh Dhé air a shon féin, cho maith ‘s air son a sochairean; agus sin le àrd-ghaoil, os ceann gach uile neach agus gach uile nithe: Tha meas mór agus fìor aige air àitheanta Dhé: Tha e cur an aghaidh agus a’ gleachd an aghaidh a’ pheacaidh sin, a ta os ceann gach uile pheacaidh gu furasd ag iadhadh uime: Tha e
moladh agus a’ gràdhachadh an lagha naoimh, eadhon anns a’ cheart phuing, ‘sam bheil e bualadh an aghaidh an ana-miann is gràdhaiche leis: Tha a dhòchas mu nèamh a’ toirt air dichioll a dhèanamh gu ruigsinn air naomhachd iomlan, anns am bheil e ag iarraidh ruigheachd air foirfeachd, ged nach urrainn e ruigheachd air anns a’ bheatha so: Tha e dèanamh seirbhis do ‘n Tighearn: Is e Criosd agus a lànachd taic ‘anama; agus tha anns na h-uile ceum d’ a chaithe-beatha: agus d’ an taobh sin araon, tha e spioradail ‘na ghnè, ‘na rùn, ‘na iartuis, agus ‘na chrioch ann a sheirbhis: Gidheadh, chan ‘eil e faicinn nì ‘sam bith ann féin, as am feud e earbsa dhèanamh, am fianuis an Tighearn: Is e Criosd agus a lànachd taic ‘anama; agus tha ‘mhuinghin air a gearradh as o na h-uile nì nach e Criosd, no nach ‘eil ann an Criosd, a thaobh fìreanachaidh, no bhi air a ghabhail ris le Dia; agus a thaobh naomhachaidh mar an ceudna. Tha aig na h-uile neach ‘sam bheil na nithe sin ri fhaotainn, còir air neamh, a rèir an fhocail. Tha e iomchuidh agus tairbheach, an leithide sin de earrannaibh de ‘n Sgriobtuir a chomharrachadh, air son an fheum àraidh so, mar a thilgeas iad an àird; am feadh a ta sibh a’ leughadh nan Sgriobtur, no’ ag èisdeachd searmoin. Air do chomharan na staid ath-nuadhaichte bhi mar so air an suidheachadh; anns an àit as fhaigse, rannsaichibh agus feuchaibh bhur cridheachan féin leò sin, mar ann an làthair Dhé, le sùil ris-san air son aithne spioradail, chum gu ‘m bi fios agaibh am bheil no nach ‘eil iad annaibh. Agus ‘nuair a gheibh sibh a mach iad, feudaidh sibh co-dhùnadh gu suidhichte agus gu soilleir; eadhon, gu bheil sibh air bhur n-ath-nuadhachadh, agus gu bheil còir agaibh air nèamh. Mar so feudaidh sibh dearbhaidhean a thional. Ach bithibh cinnteach gu ‘n tig sibh gu Dia ann an Criosd le ùrnuigh dhùrachdach, air son teisteis an Spioraid, d’ an oifig a bhi dèanamh fianuis le ‘r spiorad-ne, gur sinn clann Dhé, Rom. viii. 16. Os barr, thugaibh fainear gu cùramach slighe agus riaghailt freasdail d’ ur taobh; agus mar an ceudna ciod am feum a tha bhur n-anama a faotainn dheth, ‘na cheumaibh fa leth: coimeas an da chuid ri
teagasgan, geallaidhean, bagraidhean agus eisimpleirean, nan Sgriobtur; mar sin breithnichidh sibh ma tha’n Tighearn a’ buntuinn ribhse mar is gnàth leis riu-san le’n ionmhuinn ‘ainm: Agus ma tha sibh ag imeachd a mach air luirg an treud, feudaidh so dearbhadh sòlasach a thoirt duibh. Gluaisibh gu caomh agus gu faicilleach; agus foillsichidh an Tighearn e féin duibh, a reir a gheallaidh, Eoin xiv. 21. “An ti aig am bheil m’ àitheanta-sa, agus a ta ‘gan coimhead, is esan aig am bheil gràdh dhomhsa: agus an ti aig am bheil gràdh dhomhsa, gràdhaichear le m’ athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi féin da.” Ach is diomhain a bhi smuaineachadh gu’m bi bhur féin-cheasnachadh feumail, ma bhios sibh neo-chùramach agus neo-riaghailteach ‘nur caithe-beatha.
‘San àite mu dheireadh, Cuiribh thairis obair bhur là agus bhur ginealach le cabhaig agus le dichioll. Air do Dhaibhidh, an déidh dha ghinealach féin a riarachadh, a reir toil Dhé, cadal, Gniomh. xiii. 36. Dh’ orduich Dia dhuinn earrann a dh’obair àraidh do ‘n t-seòrsa so, bu chòir a bhi air a cur seachad mu ‘m bi aimsir na h-obrach thairis, Ecles. ix. 10. “Ge b’e ni a gheibh do làmh r’ a dhèanamh, deàn e le d’ dhichioll; oir chan ‘eil obair, no innleachd, no còlas, no gliocas anns an uaigh, d’am bheil thu dol.” Gal. vi. 10. “Uime sin a reir mar a ta fàth againn, deanamaid maith do na h-uile dhaoinibh; ach gu h-àraidh dhoibhsan a ta de theaghlach a’ chreidimh.” Ma tha fear siubhail, an déidh dhà dol air bòrd do ‘n luing, agus an long a’ faotainn fo sheòl, a’ cuimhneachadh gu ‘n do dhì-chuimhnich e gnothach àraid a chriochnachadh ‘nuair a bha e air tìr, is éiginn da sin a bhi cuimhneachadh aimsire a chaidh seachad agus a leigeadh thairis gun fheum, agus cothroman a chaidh a chall, chan fheud so gun bhi doilgheasach do ‘n Chriosdaidh. Uime sin, ciod ‘sam bith a ta mar fhiachaibh ort a dhèanamh air son urraim Dhé, agus maith muinntir eile, aon chuid ann an dleasdanas t’ inbhe, no le cothrom àraidh air a chur ann ad làimh, deàn e ann an tràth, na’m bu mhaith leat bàs fhaotainn gu sòlasach.
Ri leantainn.