Leis an Urr. AONGHAS McMH AOLAIN, a bha ann an Arain, agus a chaochail’sa’ bhliadhna 1843.
Feuch Uan Dé, a ta toirt air falbh peacaidh an t-saoghail—EOIN i. 29.
(Continued from p. 233—Vol. XLVIII.)
III. An dòigh anns a bheil e iomchuidh.
Tha sinn air ar gairm gu bhi sealltuinn ris, tre chreidimh; oir cha’n’eil cothrom againn, anns an t-saoghail ata làthair, air fhaicinn air dòigh sam bith eile. Ma bha do chogais air a dùsgadh, O! a pheacaich gu mothachadh air do chionta, ma bha t-inntinn air a soillseachadh leis an Spiorad Naomha, ma bha sùil a’ chreidimh air a fosgladh ann ad anam, thoir oidheirp air an t-sùil so a thionndadh a dh’ ionnsuidh Chriosd. 1. Feuch Uan Dé air a lot, air a chur gu bàs, agus air iobradh suas air a’ chrann-cheusaidh chum peacaidh an t-saoghail a thoirt air falbh. 2. Tha e iomchuidh dhùinn a bhi sealltuinn ri Uan Dé le mòr iongantas. O, faiceamaid, le mòr iongantas, Uan Dé air irioslachadh, agus air iobradh chum réite a dheanamh airson peacaidhean a shluagh! Dh’ fhuiling e ‘na anam ‘sna chorp, ‘na bhuill ‘sna bhuaidhbih, ‘na ainm agus ‘na oifigibh, dh’ fhuiling e o cheartas Dé, o naimhdeas dhaoine, agus o shaighidibh teinnteach ifrinn; dh’ fhuiling e bàs maslach a’ chroinn-cheusaidh,—seadh, chriochnaich e a thurus air talamh ann am fùrneis an àmghair. 3. Tha e iomchuidh dhùinn a bhi sealltuinn ri Uan Dé le irioslachd agus bròn diadhaidh. Bha e, cha’n e mhàin eòlas air bròn, ach bha a bhròn romhòr, thug a bhròn barrachd air bròn gach neach eile bha riamh air thalamh (Tuair. i. 12). Ach is e dleasanas deiscioibuil Chriosd comh-fhulangas a bhi aca r’am Maighstir ann a àmgharaibh, a bhi bròn, a bhi sealltuinn ris-san a bha air a lot air an son, le irioslachd agus bròn diadhaidh. Is ann le bhi sealltuinn ri Criosd, le creideamh agus irioslachd, a tha co-chomunn aca maille ris ann a fhulangas, agus air an cur an coslas cruth r’a bhàs. 4. Tha e iomchuidh gu bitheamaid a sealltuinn ri Uan Dé, le mòr thaingearlachd cridhe.
Is ann o fhiar ghean-maith féin a dh’ ullaich Dia an t-Uan a bha gu peacaidh an t-saoghail a thoirt air falbh. Tha fuil na h-iobairt a thug an Tighearn Iosa Criosd suas, leòir-fhoghainteach chum am peacadh as truime dath a ghlanadh as, agus am peacach as mò a dheanamh réidh ri Dia. Ach cha’n’eil buannachd spioradail, no saorsa a cheannaich Criosd, aig neach sam bith, co fhad ‘sa tha e beò ann an gràdh, agus ann an cleachdadh a’ pheacaidh. Uime sin is e dleasanas an dream a fhuair eòlas spioradail air Criosd, a bhi gu tric a’ sealltuinn ris tre chreidimh. Thoir oidheirp, O, chreidmhich, air a bhi a’ dlùthachadh gu tric ri crann-cheusaidh Chriosd, agus a’ sealltuinn ris an Uan a bha air iobradh, chum do pheacaidh a thoirt air falbh. A bheil thu fo mhothachadh geur air de a’ pheacaidh? Seall ri fuil Chriosd, a tha glanadh o gach peacadh. A bheil thu fo agartas cogais, agus fo eagal feirg? Seall ris-san a dhòirt fhuil chum fearg Dhé a chosg, agus chum a chogais chiontach a ghlananadh o oibríbh marbh. A bheil thu caoidh thar cruadhas do chridhe, thar truailidheachd do nàduir? Seall ri lotaibh Chriosd, o bheil ioc-shlaint a’ sruthadh, chum an cridhe cruaidh a leaghadh, agus an t-anam leointe a leigheas. A bheil thu fo dhiobhail misnich tre iomadh buaireadh? Seall ris-san a tha a’ guidhe nach diobradh do cheideamh thu, agus gheibh thu spionnadh nuadh.