LE EANRUIG GROVE.
(Air a leantuinn bho t.d. 217.)
EARRANN VI.
V. Faodar beachdachadh air bäs Chriosd mar iobhairt tre’n robh fearg Dhe air a cuineachadh agus reite air a deanamh air son peacadh an duine.
Faodaidh sinn an so a ràdh mar a thubhairt roi-ruithear an Tighearn, ‘n uair a chomharaich e mach dha na h-Iudhaich, “Feuch, Uan Dhe a tha toirt air falbh peacaidh an t-saoghail.” Aon uair ann an deireadh an t-saoghail, dh’fhoillsheadh e gu peacadh a chur air falbh le e fein iobradh. Ghiulain e ar peacaidhean na chorp fein air a chrann. Nis, air bhi aig bäs Chriosd nàdur iobairt fhollaiseach faodaidh sinn beachdachadh air an t-Suipeir a thoilich e shuidheachadh mar chuimhneachan samhlachail air an iobairt so, agus mar chuirim air.
(1) ‘S e cuimhneachan samhlachail air an iobairt a rinn am Fear-saoraich dhe fein air a chrann a tha ann an Suipeir an Tighearn. Is e so cainnt suidheachaidh na sàcramaid so. Bh’uaithhe so tha sinn a tuigsinn, gur e’n t-aran a tha sinn ag itheadh (gu samhlachail) corp Chriosd chaidh a thoirt air ar son, agus an eupan dhe’m bheil sinn ag òl (air a mhodh cheudna) fuil Chriosd chaidh a dhortadh air ar son. Is e fior iobairt-reite a bha ann am bàs Chriosd, agus anns an t-seadh sin tha e air a chumail air chuimhne ann an sàcramaid na Suipeir. Ach cha’n eil Suipeir an Tighearn, innte fein, na leithid a dh’ibairt agus a tha na Pàpanaich a cumail a mach, agus gu cinnteach cha’n urrain i bhi anns ant-seadh sin, do bhrigh agus gur e h-innte samhladh cuimhneachail air; agus tha tuigse chumanta a teagasg dhuinn nach urrain an samhladh agus an ni a th’air a shamhlachadh leis a bhi’n aon ni. Gidheadh mar a thog sinn a cheanna, ‘s e samhladh a th’ann air an iobairt sin, gle anmhuinn, ach gun idir gun chiall; agus gach uair a ghabhas an creidmheach na samhlaidhean, tha e, mar gu’m b’eadh, a eur a làmhan air an iobairt a tha air a samhlachadh leo, agus a tagradh ri Dia, do bhrigh na feartan a th’innte, air son maitheanas agus gabhail ris, agus sin, le bhi’g aonadh ùrnuighean agus, gach ni a tha e deanamh ann an seirbhis Dhe, ri eadar-ghuidhe an Ard-shagairt mhòir a tha air dol a stigh do neamh. Bha’n treas agus an naoitheamh uair a’ measg nan Iudhach (an treas a ch-fhreagrath do naoidh uairibh ‘s a mhaduinn againn, agus an naoitheamh uair aca-san, a co-fhreagrath do thri uairibh feasgar againn) air an gairm na’n uairibh ùrnuigh; do bhrigh gu’m b’e so amanaibh na h-iobairt làthail, agus losgdh na tuis, agus b’e so an t-am a roghnaich an sluagh na h-ùrnuighean aca a chur suas, a chum gu’m bitheadh iad an co-chuideachd nan iobairtean anns an teampull, agus mar sin a tighinn gu bhi ann an co-cheangal riutha, agus mar sin ga’n deanamh ni bu taitniche. Mar sin na’r n’uilte theachd am fagusg do chathair nan gràs, co dhiubh ‘s ann gu follaiseach na gu h-uaigneach, air lathy na fois naomha, na aig am air bith eile, bu chòr dhuinn a bhi cuimhneachail air iobairt a chroinn-cheusaidh, agus eadar-ghuidhe ar n’Ard-Shagairt, a tha air a bonntachadh oirre, anns an ionad is ro-naoinh shuas; agus do bhrigh gu’m bheil altair againn aig nach eil còir aca-san a bheag itheadh, a tha deanamh seirbhis do’n phàillean, bu chòr dhuinn troimhsan a b’e ar n-iobairt, agus is e fhathasg ar n’Ard-Shagart, a bhi toirt iobairt-buidheachais do Dhia a ghnàth, ‘s e sin, toradh na’m bilean a toirt moladh da ainn. Ach ged is e iobairt Chriosd priomh bhonn ar dòchas, agus an ni, air dhuinne a bhi na’r creutairean peacach, an ni a bu chor dhuinn, os ceann na h-uile ni, speis a bhi againn dha na’r n’uilte ghnìomharan aoraidh, gidheadh, ‘n uair a tha sinn a faicinn na h-iobairt so air a samhlachadh anns na nithean a tha air an gniomhachadh aig Bòrd an Tighearn, tha mar gu’m bitheadh sanas air a thoirt dhuinn co-ehur le creidimh air an iobairt so, agus buannaichd agus cothrom neo-àbhaisteach air son ar creidimh a chleachdadh oirre. Tha eachdraidh a toirt cùnttas dhuinn air duine uasal Ephiteach, ann am mòr speis do chuimhne a mhic, achuir iomhaigh anns an tigh, a dh’ionnsuidh an teicheadh na seirbhisich air son dion, ‘n uair a dheanadh iad cron, gu faotainn dion bho fhearg am maighstir. Ann an so tha sinne, a thug oilbheum shearbh do Dhia, a faotainn didean tre chreidimh ann an Criosd fein, a Mhac a bha aon uair marbh ach a tha nis beo gu siorruidh. Tnn an cleachdadh beothail a chreidimh so tha sinne gu mór air ar cuideachadh tre shamhlachadh fulungais ar Slànughear air a foillseachadh dhuinn anns an t-Suipéir. Pheacaich mi, agus tha nàire orm m’aghaidh a thogail suas riut-sa, O mo Dhia; ach faic an so ciod a dh’fhuing dh Mhac gràdhaich air son mo pheacaidhean. Amhairceadh do cheartas air an iobairt so, agus an deigh do’n t-sealladh sin armachd a thoirt bh’uithe, an sin buaileadh e.
(R’a Leantuin.)