LE EANRUIG GROVE.
(Air a leantuinn bho, Vol. lviii., t.d. 373.)
Tha e leantuinn bh’uaitehe so, gu’r e h-ann an Suipeir an Tighearn meadhon na comharadh air sinn a bhi co-phàrtachadh ann am bean-nachdan a chumhnant; mar a tha, sìth-coguis, aoibhneas anns an Spiorad Naomh, neart gràis, agus tuilleadh dòchais ri beannachdan ri teachd. Cha do dh’ainnich mi maitheanas peacaidh, do bhrigh ‘n uair a ni’m peacach aithreachas agus a thig e chùm foladh a chrathaidh tha pheacaidhean air ball air am maithedh dha. Cha’n eil moille air a chur na mhaiteanas gus an tig e chum na sàcramaid; ni motha, ma thig neach a chum na sàcramaid ann an staid neo-aithreachail agus a pheacaidhean gun a bhi air a’ maitheadh dha, a dh’fhalbhas e air fhìr-eanachadh, a mhàin air sgàth eifeachd a ghniomh so: ni, tha eagal orm, is e beachd mhearachdach cuid, a tha e coltach a tha deanamh feum de’n t-sàcramaid, mar a tha tuilleadh ‘s a chòir ann an Eaglais na Ròimhe a deanamh feum do dh’aideachadh do’n t-sagart; a bhi paig-headh dheth an t-seann chunntais a chùm agus gu’n cuir iad suas cùnntas ùr: mearachd a tha tuilleadh agus cunnartach gu bhi ga mheas faoin, agus tuilleadh agus amaideach air son mòran ùine a chaitheamh ga thilgeadh bun os ceann. Tha gach smuaint dhiubh sin gu h-eifeachdach air an tilgeadh bun os ceann leis an ni so, gur e na h-aon chumhachan maitheanas, creidimh agus aithreachas, a tha briseadh a mach ann an ùmhlachd: air a leithid de dhòigh agus far am bheil iad sin tha maitheanas; far am bheil iad sin a dhìth, is ann gu diomhain a ghabhas neach air bith fasgadh aig Bòrd an Tighearn; ni nach toir fasgadh dhà’n leithidibh sin nis motha na bheireadh an altair fasgadh do’n mhortair a theicheadh da h-ionnsuidh. Tha’n lagh soilleir air a so, “Bho m’altair bheir thu e, a chum gu’m básaich e.” Aeh ged nach eil Dia ann an àite air bith a ceangal maitheanas peacaidh ri dacoine a bhi gabhail na sàcramaid, gidheadh, bho’n is e dà ni a th’ann am maitheanas peacaidh agus mothachadh comhfhurtail air maitheanas, agus a tha’n dàra h-aon dhiubh sin a ceadaichadh tomhasan eadar-dhealaicht’, faodaich sinn dòchas a bhi againn buannachdan mòr fhaotainn bho fhrithealadh gu coguiseach air Suipeir an Tighearn chofad agus a tha e air a ghabhail a stigh dearbh-bheachd air gràdh maitheanas Dhe, agus dòrtadh ni’s motha de Spiorad an t-soluis, agus na naomhaichd, agus na comhfhurtachd, oirne. Dhiubh so uile tha sàcramaid na suipeir na meadhon freagarach do bhrigh gu’m bheil i ‘g oibreachadh gu bhi gintinn annain na h-aignidhean diadhaidh agus na rùinntean naomh bho nach cum Dia gu bràth a bheannachdan cumhant.
Ciod e’n taingealachd, ciod e’n gràdh, ciod e’m fuath, ciod e’n t-eud, ciod e’m miann, a dhùisgeas so ann an inntinn fhosgailt; taingealachd do Dhia, gràdh do Iosa, fuath an aghaidh peacaidh, eud ann an seirbhis an Tighearn, ghràdhaich, agus miann a bhi air gabhail rùinn ann-san. Cha’n eil òrdugh ann is freagaraiiche na’n aon so gu bhi fadadh aignidhean cràbhlach; òrdugh anns am bheil againn Prionnsa na Beatha air a cheusadh fodh chomhair ar sùl, a fulung, a dòrtadh fhola, ag osnaich, a bàsachadh, agus so air ar sgàth-ne, a chùm ar tearnadh, agus am peacadh a sgrios; sealladh a tha freagarach gu bhi’g oibreachadh air ar n’aignidhean, agus so air an dearbh am gu bhi cosnadha aonta ar reusain. Cha’n urrain ar n’ aignidhean a bhi air an oibreachadh suas anns an òrdugh so ni’s mothà na dh’aontaicheas ar reusan ris, agus iarruidh ar reusan eadhon an càr. Ri so faodaidh mi eur, gu’m bheil gabhail na sàcramaid, air dhà bhi, anns an fhiar Chriosduidh na ghniomh ùmhlachd agus gràidh araon do Dhia agus da Slanuighear, thà barantas aige sùl a bhi aige nach bi e gun duais, Thig e, do bhrigh agus gur e dhleasdanas e, agus ‘s e dhleasdanas a thlaichd; agus nach deonaich Dia comharaidhean a dheagh-ghean sònraicht’ da sheirbhiseach toileach agus suilbhearach? An sin, mar a tha’n t-sàcramaid so na meadhon, mar sin, do na h-uile a ghabhas gu h-airidh i, is e comharadh a tha innte air e bhi co-phàrtachadh do bheannachdan a chumnant. “O ‘s cinnteach, O m’anam, nach robb’n itheadh agus an òl so gu bhi na dheas-ghmàth fhalamh agus dhiomhain. ‘S e ni a tha air a shamhlachadh thù bhi beathachadh tre chreidimh air corp agus fuil Chriosd; na theagach thù bhi comanachadh ann an toraidhean glòrmhor agus sona a chuirp air a bhriseadh agus fluil air a dòrtadh. Mar sin tha thu deanamh aig amaibh eile, ach air mhodh sònraicht a nis, ‘n uair a tha do chreidimh ann an Slanuighear ceusd a faigheil cleachdaidh, ann an eo-chuideachd samhlaidhean a bhàis. Esan a thug e fein air do shon air a chrainn-cheusaidh, agus a tha ga thoirt fein dhuit ann an sàcramaid na suipeir, cha’n urrain e ni air bith a chumail bh’uat.” Nach eil an dearbh am a fireanachadh ar sùl a bhi ri co-phàrtachadh ann an gràs ar Tighearn Iosa Crisd, gràdh Dhe, agus co-chomunn an Spioraid Naomh? Ciod e’n t-am a tha cho freagarach gu bhi gabhail ri foillsichidhean air na nithean sin, ma chuireas sinn sinn fein ann an suidheachadh ullaichte air an son, ris an am anns am bheil sinn a faotainn earlas dhiubh agus ag athnuadhachadh a chumnant anns am bheil iad air an gealtuinn? Air dhà tioclacan fhaotainn do dhaoine, cuin a bheir ar Righ seachad iad, mar a toir aig a Bhòrd fein? Tha so a co-dhùnadh an coigeamh ceann, ‘s e sin,
Faodar beachdachadh air bàs Chriosd mar ar n-iobairt.
(R’a leantuin.)
Much have I to regret on looking back over my past life, but one regret swallows up all others, that I had SUCH a Saviour and made so little use of Him.—Extract.