Rinneadh bochd E, as ceann na h-uile, ann E bhi air a dheanamh na mhallachadh air son a shluaigh, mar gu’m bu neach E bha briste, agus mar gu’n do thoill E bàsachadh air son pheacaidhean a bu leis féin, mar gu’m b’ann annsan a bha coinneacadh uile chiont ifrinn. Ghabh E air fein ealach aingidheachd a shluaigh; agus ciod e’n t-ealach uamhasach a bha’n sin. Sheas Esan do nach b’aithne peacadh fodha mar gu’m bu pheacach E; Seadh mar gu’m b’e am peacach bu mhotha ‘s a chruiinne-ché; mar gu’m b’E féin an ni dhe’n robh gràin neo-chriochnach aige; mar gu’m b’E féin dearbh phearsa an ni olc agus mhallaichte sin. Rinneadh E na pheacadh. Leig se E féin sios gu bhi faireachadh uamhas a bhi guilain a leithid de ealach, gu bhi faireachadh spàirn peanas a pheacaidh—gu bhi faireachadh geurad claidheamh ceartas do-lùbaidh, air a chur ann an cleachdadh le cumhachd neo-chriochnach. Thuit air san an fhearg a bha peacaidhean do-àireamh agus ciont nach gabhadh a bhi air a thomhas a bhuineadh dha shluagh, a toilltean, agus ghabh E air fein a bhi ga’n giùlain. Ghabh E ri bhi air deiligeadh ris leis an Athair mar gu’m bu pheacach agus ceannairceach a bh’ann—mar gu’m bitheadh E, an àite a bhi ‘n Mhac a ghràidh, neo-airidh air a cho-chomunn. Ghabh E ri foluch gnùis Athar, uamhasan fearg do-labhairt an Athar, nach gabh a bhi air a bhreithneachadh le creutaircan. Agus ged a bhà bhi smuainteachadh air a chup, ga lionadh le uamhas, agus ged a dh’fhaig e bh’ uaithe an glaodh, “O m’Athair, ma dh’fheudas e bhi, rachadh an cupan so seachad orm,” gidheadh chaidh E air adhart gu bhi ga choinneachadh. Ruig E bhroilleach do chlaidheamh an Athar, agus dh’ol E cup fheirg-san gus a bhoinne mu dheireadh.
Is ann, da rireadh, air a chrann-cheusaiddh a chi sinn bochdainn Mhic Dhé. Ann an so faiceadh-mid E a fulung còmhla an dimeas agus an fhanaid a bu mhotha, am pian cuirp a bu chràitiche, an cràdh inntinn a bu doilgheasaiche, àrd-éigheach dhaoine, oidheirpean ifrinn, agus tréigsinn an Athar;—an talamh ga dhiultadh, ifrinn air a leigeadh fuasgaile air, agus neamh duinte ‘n a aghaidh. Cha robh freagairt da ghlaodh, “Mo Dhia, car son a thréig thu mi.” Bha E leis féin agus gun aon de na slòigh maille ris, ceartas neo-chriochnach na Diadhachd a déiligeadh ris air son peacaidhean an taghaidh bhith-bhuan, a foillseachadh a ghlòir agus a deanamh co-chruinneachadh air uamhasan. Agus an e so, da-rìreadh, Esan a bha ann an uchd Dhé bho’n t-siorruidheachd, agus a b’e Dia? O! amhairc-mid air Uan Dhé. A chreidmhich, tarruig dlùth, agus am feadh a bhitheas tì air chrith a thaobh an t-seallaiddh so air fior-ghloine, chaithteach, shiorruidh, mar a tha e air fhoillseachadh ‘n a fhulungasaibh, dean aoradh Dhà-san a thug, mar so, E féin suas tre’n Spiorad shiorruidh gun smal do Dhia. Thoir urram gu hàraidh, do’n ghràs a threoirich E gu bhi coinneachadh ‘n a h-ioraslachd agus an uamhais air nach gabh cainnte a chur air son peacach caillte mar a tha thusa ann.
‘S an àite mu dheireadh, thàinig E gu bhi bochd ann a’ bhi toirt thairis a chorp naomh do chumhachd na h-uaigh, mar gum bitheadh còir aig a chumhachd sin air mar a phriosanach—mar gu’n tigeadh am bàs dà ionnsuidh-son, Prionnsa na Beatha, mar thuarasdal a pheacaidh. Strioichd Esan, a mhàin a tha neo-thruaillidh, dhà—chaidh E stigh dà phriosan. Ach thugadh-mid buidheachas do Dhia, gu’n robh e eu-comasach gu’m bitheadh E air a chumail shios, ach gu’n do dh’éirich E ‘n a ghaisgeach buadhach, ‘n a cheud thoradh agus ‘n a roimh-ruithear saoghal a bha air a Shlànughear gu bhi toirt aithreachais do Israel agus maitheanas peacaidh. Ann an so, uime sin, ann a bhi lorgachadh a mach ceumaibh bochdainn Mac gradhach agus siorruidh saoibhir Dhé, aidicheadh-mid gu’m bheil a ghràs a dol thar gach uile eolas.
(R’a leantuinn.)