Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1956 » July 1956 » Searmonan

Searmonan

LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.
(Air a leantuin bho t.d. 56.)

IV. Chum gu’m bitheadh sibhse tre a bhochdainn-san air ‘ur deanamh saoibhir.

Mar a bha gràs an Tighearn Iosa Criosd a dol ‘os ceann eolais, ann na blith, mar sin smuaintich agus dh’iarr E air son euspairean a ghràis sin, saoibhreas a tha a réir a mheudachd fein; agus choisinn a bhochdainn ghlòrmhor agus eufachdach sin dhoibh. Dh’iarr an gràs so an saoradh bho fheirg, agus choisinn a bhochdainn sin—choisinn i e cho firinneach agus cho làn agus nach urrainn an fhearg sin beantuin riutha gu bràth; agus nach urrainn neamh na ifrinn ni a chur as an leth; agus nach urrainn an lagh gu bràth pàigheadh iarruidh na ceartas peanas agradh. Gu bli tomhas an t-saoibhreas so, dh’fheu hadh neach uamhas na feirge so fhaireachadh, agus fhaireachadh, tre’ t-siorruidheadh—agus gu’n deoinicheadh Dia na’n uile ghràs nacl flairicheadhmid sin, Do’n truaighe do-labhairt so bha iad fosgailte, agus bho’n t-slochd gun ghrùnd so shaor a ghràs iad. Dh’iarr an gràs so an soarsa bho’n pheacadh, agus choisinn a bhochduinn so cho cìnnteach an saorsa bho’n fhear-riaghlaidh an-iochdmhor so, agus gu’m bheil a riaghladh air a sgrios an so, agus gu’m bi a dhearbh blith air a sgrios aig a bhàs, agus air a sgrios gu siorruidh. Leis an luibhre uamhasach, ifrinneil, agus mhaslaich so, bha iad air an còmhdaich, a chùm eall gu tur gash urram, gach glòir, agus gach beannachd. Choisinn a bhochdainn saorse dhoibh bho’n luibhre sin; saorsa a thoisich ann an so, agus a tha air a deanamh iomlan an deigh so, air chor agus gu’m i iad gun lochd, gun smal, agus gun phreas. Dh’iarr an gràs so an saorsa bho’n t-suidheachadh anns an robh iad nan diobaraich agus air treigsinn a chreidimh, mar air am fògradh bho, làithearachd Dhò, agus air an dùnadh a mach bho cho-chomunn Dhé, agus choisinn a bhochdann so. Tha E ga’n toirt am fagus tre fluil, a faotainn dhoibh a bhi air gabhail riutha aig lámhan na Mòrachd Shiorruidh, a tha a réir a luachmhorachd féin; Tha E cosnadh dhoibh, agus ga’n gairm a dh’ionnsuidh urram a bhi na’n eo-oighreachan maille ris, agus a cosnadh dhoibh dealradh a mach gnuis Dhé ann an tlaehd agus ann an gràdh. Dh’iarra an gràs so air an son stiùradh faireil, maoth, agus gràsmhor, tre’n t-saoghal so, turas tearuinte tre uisgeachabh a bhàis, coimheadachd chinnteach gu geata neamh, agus dol a steach an sin a chum a lâthaireachd Féin: Dh’iarra a gràs e, agus choisinn a bhochdann e. Tha E ga’n seoladh le a shùil tre fhàsach an t-saoghal so; tha E deanamh faire air an ceumaibh, agus a cumail suas an imeachd; tha E ga’n cumail bho thuiteam—bho thuiteam air falbh bho ghràs, agus bho thuiteam ann an lámhan nàimhdean spioradail; tha E frithealadh orra a chomhflurtachd agus a neart mar a tha iad a cur feum orra; tha e dol maille riubh tre theine agus tre uisge; agus, mu dheireadh, ga’n taisbeanadh ann an lâthair a ghloir le h-soibhneas ro mhor, chùm agus gu’m faic iad a ghloir, a chùm agus gu’m bi iad maille ris, a chùm agus gu’m faic iad a ghnùis, a chùm agus gu’n treoirich E iad gu beo-thobraichean uisge, a chùm agus gu’n erùn E iad le sonas neo-shearg-te agus siorruidh. A chùm a bhi tomhas an t-saoibhreis sin, uime sin, dh’fheumadh neach aithne a bhi aig air an truaighe a bu mhotha, agus an sonas a bu mhotha, uamhas ifrinn agus solas neamh.

Uime sin, mas a bu chòir leinn beachd a ghabhail air a ghràs so, agus aithne a bhi againn airmar nì a tha dol thar eolas, iarradh-mid sealladh fhaotainn air saoibhreas neo-chruthiachte Mhic Dhé; bitheadh-mid ag ùrnaigh air son gu’m bitheadh e air fhoillseachadh dhuinn; anns an ath cheum beachdaicheadh-mir air an t-cloch ‘s an robh eùspairean a ghràis so ‘n an luidh, a thruaigh, a chiont, a shalehar uamhasach agus a thruailidheadh; iarradh-mid an sin a bhi air ar treorachadh air slighe ioraslachd agus bochdann Chriosd; agus, mu dheireadh, ma bhlais sinn ann an tomhas air bith dhe’n a ghras so, oidheirpeadh-mid a bhi toirt euideachd na beannachdan saoibhir a tha’n gràs so a cosnadh air son eùspairean a ghràis, agus abradh-mid gu’m bheil gràs Chriosd thr eolas.

Tha na smuaintean a tha’g éirigh bho bhi beachdachadh air a ghràs so lionmhor agus eudthromach. Beachdaicheadh-mid air beagan dhiubh.

  1. Mar a tha obair na saorsa, anns gach euibhrionn dhith, air a lorgachadh le eos-cheumaibh na Diadhachd. Ann an so tha Dia a tighinn gu bhi bochd air son peacaich shalach, a chùm an togail bho dhoimhne gun ghrùnd de thruaighe agus de chiont. Is e’n fhirinn mhòr agus ro-iongantach so a tha deanamh suas glòir na saorsa, agus a tha toirt dhà ar creidimh naomh, an oirdheir-ceas Dhiadhaidh a bhuineas dhà.

  2. An aithne dhuinn gràs ar Tighearn Iosa Criosd? Ann am briathraibh eile, Am bheil sinn ‘n ar Criosduidhean da-rìreadh? Mar is e’n fhirinn “gu’n d’thainig Iosa Criosd do’n t-saoghal a thearnadh pheacach,” suim agus suspainn foillseachadh Dhé, is i’n aon fhirinn mhòr i gu bhi ga creidsinn; Am bheil sinn ga creidsinn? Cha’n eil so na ceisd eò beag seadh ‘s chumadh cuid a mach gu’m bheil i. Am bheil sinn a creidsinn na firinn so a chùm a bhi soerachadh oirre, a tilgeadh ar ‘n acair air son na siorruidheachd oirre, a chùm a bhi deanamh uail innte, a chùm a bhi faireachadh a cumhaechd ann ar eridheachan—oir cha dean beachdachadh lòm oirre a chùis—air chor agus gu’m bitheadh ar eridheachan air an lionadh le a h-iongantasabh, a chùm agus gu’m bitheadh aobharan agus eriochabh air bith air an suidheachadh oirre. Cha’n airidh e air ainm Criosduidh dha nach aithne mar so gràs an Tighearn Iosa Criosd, aig nach robh inntinn air a lionadh leis, mar an fhirinn is glòirmhoire, aig nach robh aignidhean air an suidheachadh air man an euspair is tlaechdmoire na h-uile euspair eile, aig nach d’thuair anam fois ann, na a cheangladh ris, mar bhonndòchais, deanadasabh, oibribh, dleasdanasaibh, a bhuineas dha na ehreutair; ann am focal, aig nach do cheangail e inntinn a chùm beachd-smuainteachadh, aig nach do thagair agus nach d’thuair e seilibh air a chridhe, agus aig nach eil a bheatha air a stiùradh agus air a treoirachadh, le a chumhachd naomh a tha toirt buaidh air a pheacadh.

  3. Cia mar a bu chòr do bheannachdan na slàinte a bhi air an deanamh ni’s luachmhoire, ni’s milse, agus ni’s gràdhaich, do pheacaich bhochd, gu’n robh iad air an ceannacha ir chosg bochdainn Chriosd. An d’thainig E gu bhi bochd a chùm agus tre a blochdainn gu’m bitheadh-mid air ar deahabh saoibhir; An d’fhàg E neamh, agus an do thearnaich E, mar gu’m b’eadh, do dh’ifrinn, gu thusa a spionadh mar athaing as an teine, agus do thogail suas do neamh; an d’fhuing E làn chudthrom feirg, a chùm agus gu mealladh tì gean gnùis an Athat; agus a bhi air do chomhfurtachadh le comhfurtachdan siorruidh? O. uime sin, deanadh an smuaint sin beannachdan na slàinte ni’s gràdhaich na do shealladh. Smuaintich orra, ‘n uair a tha iad air an taigse dhuit agus ‘n uair a tha thu blasad orra, mar nithean a bha gu daor air an ceannach, air an ceannach le fuil Chriosd. Smuaintich orra mar so, a chùm agus gu’m faic thù luachmhorachd do-labhairt anns a bhoinne is lugha de thròcair. Smuaintich orra mar so, a chùm gu’m bi thù air do theagasc gu bhi ga ghràdhaichadh-san a ghràdhaich thusa an toiseach.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice