LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.
(Air a leantuin bho t.d. 56.)
IV. Chum gu’m bitheadh sibhse tre a bhochdainn-san air ‘ur deanamh saoibhir.
Mar a bha gràs an Tighearn Iosa Criosd a dol ‘os ceann eolais, ann na blith, mar sin smuaintich agus dh’iarr E air son euspairean a ghràis sin, saoibhreas a tha a réir a mheudachd fein; agus choisinn a bhochdainn ghlòrmhor agus eufachdach sin dhoibh. Dh’iarr an gràs so an saoradh bho fheirg, agus choisinn a bhochdainn sin—choisinn i e cho firinneach agus cho làn agus nach urrainn an fhearg sin beantuin riutha gu bràth; agus nach urrainn neamh na ifrinn ni a chur as an leth; agus nach urrainn an lagh gu bràth pàigheadh iarruidh na ceartas peanas agradh. Gu bli tomhas an t-saoibhreas so, dh’fheu hadh neach uamhas na feirge so fhaireachadh, agus fhaireachadh, tre’ t-siorruidheadh—agus gu’n deoinicheadh Dia na’n uile ghràs nacl flairicheadhmid sin, Do’n truaighe do-labhairt so bha iad fosgailte, agus bho’n t-slochd gun ghrùnd so shaor a ghràs iad. Dh’iarr an gràs so an soarsa bho’n pheacadh, agus choisinn a bhochduinn so cho cìnnteach an saorsa bho’n fhear-riaghlaidh an-iochdmhor so, agus gu’m bheil a riaghladh air a sgrios an so, agus gu’m bi a dhearbh blith air a sgrios aig a bhàs, agus air a sgrios gu siorruidh. Leis an luibhre uamhasach, ifrinneil, agus mhaslaich so, bha iad air an còmhdaich, a chùm eall gu tur gash urram, gach glòir, agus gach beannachd. Choisinn a bhochdainn saorse dhoibh bho’n luibhre sin; saorsa a thoisich ann an so, agus a tha air a deanamh iomlan an deigh so, air chor agus gu’m i iad gun lochd, gun smal, agus gun phreas. Dh’iarr an gràs so an saorsa bho’n t-suidheachadh anns an robh iad nan diobaraich agus air treigsinn a chreidimh, mar air am fògradh bho, làithearachd Dhò, agus air an dùnadh a mach bho cho-chomunn Dhé, agus choisinn a bhochdann so. Tha E ga’n toirt am fagus tre fluil, a faotainn dhoibh a bhi air gabhail riutha aig lámhan na Mòrachd Shiorruidh, a tha a réir a luachmhorachd féin; Tha E cosnadh dhoibh, agus ga’n gairm a dh’ionnsuidh urram a bhi na’n eo-oighreachan maille ris, agus a cosnadh dhoibh dealradh a mach gnuis Dhé ann an tlaehd agus ann an gràdh. Dh’iarra an gràs so air an son stiùradh faireil, maoth, agus gràsmhor, tre’n t-saoghal so, turas tearuinte tre uisgeachabh a bhàis, coimheadachd chinnteach gu geata neamh, agus dol a steach an sin a chum a lâthaireachd Féin: Dh’iarra a gràs e, agus choisinn a bhochdann e. Tha E ga’n seoladh le a shùil tre fhàsach an t-saoghal so; tha E deanamh faire air an ceumaibh, agus a cumail suas an imeachd; tha E ga’n cumail bho thuiteam—bho thuiteam air falbh bho ghràs, agus bho thuiteam ann an lámhan nàimhdean spioradail; tha E frithealadh orra a chomhflurtachd agus a neart mar a tha iad a cur feum orra; tha e dol maille riubh tre theine agus tre uisge; agus, mu dheireadh, ga’n taisbeanadh ann an lâthair a ghloir le h-soibhneas ro mhor, chùm agus gu’m faic iad a ghloir, a chùm agus gu’m bi iad maille ris, a chùm agus gu’m faic iad a ghnùis, a chùm agus gu’n treoirich E iad gu beo-thobraichean uisge, a chùm agus gu’n erùn E iad le sonas neo-shearg-te agus siorruidh. A chùm a bhi tomhas an t-saoibhreis sin, uime sin, dh’fheumadh neach aithne a bhi aig air an truaighe a bu mhotha, agus an sonas a bu mhotha, uamhas ifrinn agus solas neamh.
Uime sin, mas a bu chòir leinn beachd a ghabhail air a ghràs so, agus aithne a bhi againn airmar nì a tha dol thar eolas, iarradh-mid sealladh fhaotainn air saoibhreas neo-chruthiachte Mhic Dhé; bitheadh-mid ag ùrnaigh air son gu’m bitheadh e air fhoillseachadh dhuinn; anns an ath cheum beachdaicheadh-mir air an t-cloch ‘s an robh eùspairean a ghràis so ‘n an luidh, a thruaigh, a chiont, a shalehar uamhasach agus a thruailidheadh; iarradh-mid an sin a bhi air ar treorachadh air slighe ioraslachd agus bochdann Chriosd; agus, mu dheireadh, ma bhlais sinn ann an tomhas air bith dhe’n a ghras so, oidheirpeadh-mid a bhi toirt euideachd na beannachdan saoibhir a tha’n gràs so a cosnadh air son eùspairean a ghràis, agus abradh-mid gu’m bheil gràs Chriosd thr eolas.
Tha na smuaintean a tha’g éirigh bho bhi beachdachadh air a ghràs so lionmhor agus eudthromach. Beachdaicheadh-mid air beagan dhiubh.
-
Mar a tha obair na saorsa, anns gach euibhrionn dhith, air a lorgachadh le eos-cheumaibh na Diadhachd. Ann an so tha Dia a tighinn gu bhi bochd air son peacaich shalach, a chùm an togail bho dhoimhne gun ghrùnd de thruaighe agus de chiont. Is e’n fhirinn mhòr agus ro-iongantach so a tha deanamh suas glòir na saorsa, agus a tha toirt dhà ar creidimh naomh, an oirdheir-ceas Dhiadhaidh a bhuineas dhà.
-
An aithne dhuinn gràs ar Tighearn Iosa Criosd? Ann am briathraibh eile, Am bheil sinn ‘n ar Criosduidhean da-rìreadh? Mar is e’n fhirinn “gu’n d’thainig Iosa Criosd do’n t-saoghal a thearnadh pheacach,” suim agus suspainn foillseachadh Dhé, is i’n aon fhirinn mhòr i gu bhi ga creidsinn; Am bheil sinn ga creidsinn? Cha’n eil so na ceisd eò beag seadh ‘s chumadh cuid a mach gu’m bheil i. Am bheil sinn a creidsinn na firinn so a chùm a bhi soerachadh oirre, a tilgeadh ar ‘n acair air son na siorruidheachd oirre, a chùm a bhi deanamh uail innte, a chùm a bhi faireachadh a cumhaechd ann ar eridheachan—oir cha dean beachdachadh lòm oirre a chùis—air chor agus gu’m bitheadh ar eridheachan air an lionadh le a h-iongantasabh, a chùm agus gu’m bitheadh aobharan agus eriochabh air bith air an suidheachadh oirre. Cha’n airidh e air ainm Criosduidh dha nach aithne mar so gràs an Tighearn Iosa Criosd, aig nach robh inntinn air a lionadh leis, mar an fhirinn is glòirmhoire, aig nach robh aignidhean air an suidheachadh air man an euspair is tlaechdmoire na h-uile euspair eile, aig nach d’thuair anam fois ann, na a cheangladh ris, mar bhonndòchais, deanadasabh, oibribh, dleasdanasaibh, a bhuineas dha na ehreutair; ann am focal, aig nach do cheangail e inntinn a chùm beachd-smuainteachadh, aig nach do thagair agus nach d’thuair e seilibh air a chridhe, agus aig nach eil a bheatha air a stiùradh agus air a treoirachadh, le a chumhachd naomh a tha toirt buaidh air a pheacadh.
-
Cia mar a bu chòr do bheannachdan na slàinte a bhi air an deanamh ni’s luachmhoire, ni’s milse, agus ni’s gràdhaich, do pheacaich bhochd, gu’n robh iad air an ceannacha ir chosg bochdainn Chriosd. An d’thainig E gu bhi bochd a chùm agus tre a blochdainn gu’m bitheadh-mid air ar deahabh saoibhir; An d’fhàg E neamh, agus an do thearnaich E, mar gu’m b’eadh, do dh’ifrinn, gu thusa a spionadh mar athaing as an teine, agus do thogail suas do neamh; an d’fhuing E làn chudthrom feirg, a chùm agus gu mealladh tì gean gnùis an Athat; agus a bhi air do chomhfurtachadh le comhfurtachdan siorruidh? O. uime sin, deanadh an smuaint sin beannachdan na slàinte ni’s gràdhaich na do shealladh. Smuaintich orra, ‘n uair a tha iad air an taigse dhuit agus ‘n uair a tha thu blasad orra, mar nithean a bha gu daor air an ceannach, air an ceannach le fuil Chriosd. Smuaintich orra mar so, a chùm agus gu’m faic thù luachmhorachd do-labhairt anns a bhoinne is lugha de thròcair. Smuaintich orra mar so, a chùm gu’m bi thù air do theagasc gu bhi ga ghràdhaichadh-san a ghràdhaich thusa an toiseach.