Bithidh e air fhaireachadh gu’r e talamh naomh a tha’n so. Cha’n eil nì eil is motha ni de làraich, na is sòlaimte, air a sgrìobhadh mu ar Tighearn ‘n a chuairt air an talamh, na a ghul os ceann Ierusalem, ach an t-iomradh a tha air a chruaidhghleachd ann an Getsemane, agus a bhàs air a chrainn. Cha’n eil sinn aig am air bith a leughadh mu ar Slanuighear a gaireachdaich, ach tha sinn a leughadh mu e bhi gul. Ghuil E aig uaigh Làsaruis, agus os ceann Ierusalem. Bhà ar Tighearn a nis a dol a stigh do Ierusalem, mar nach deach E stigh riamh roimhe, gu buadhaich. Bu bhuaidh i, da-rìreadh, a bha co-fhreagradh ri a chliu mar an t-Iosa sin a bha macanta agus iorasal; cha b’e buaidh gaisgeach talamhaidh a bh’aun, ach buaidh Fear-saodaidh spioradail, nach robh air son ioraslaichd, seirbhis na suidheachadh tuilleadh is iosal, gu bhi cosnadh slàinte pheacach, agus nach robh nì air bith tuilleadh is eruaidh air son a chùmhachd. Dìreach mar a cheannsaich E loth na h-aisail agus a rinn E a strìochdadadh dha thoil, mar sin tha E’g atharrachadh, le a ghràs, spioradan dhaoine peacach.
Gidheadh cheadaich E dha dheisciobuil an aoibhneas a chur an ceill gu saor, Ni-headh, thubhairt E, ann a bhi toirt freagairt dha na Pharasaich, “Tha mi ag ràdh rìbh, na’m fanadh lad sin ‘n an tosd, gu’n glaodhadh na clachan fein.” Tha E tighinn am fradhare Ierusalem, agus gu h-obann, ann am meadhon an aoibhnis so, tha E stad agus a gul. Ciod e dhùisg an gulasad domhain so, agus ‘n a leithid de thomlas, agus gun do bhrùichd E mach ann an gul? Bha E nis a dol, laithean goirid bha E gu bhi air a threoraichadh a mach aisde a giulain a chrainn-ceausaidh. Bha aon dhe dheisciobuil fein gu a bhrath. Bha làmhan aingidh gu a ghlacadh. Agus an deigh Dha dol fodh gach seorsa tâmailte agus masladh, bha E gu ghi air a chur gu bàs eràiteach agus maslach. Bha fios aig air a so. Bha fios aig air gach ni bha feitheamh air. An e, uime sin, an smuaint gu’n robh, ann an ùine chò goirid, na fulungasaibh so uile gu tighinn air, a thug air gul? Air son neach nach robh ach na dhuine mhàin bhitheadh e nàdurra gu’n toireadh a leithid so de smuaint’, aig a leithid de dh’am, buaidh air, air chor agus gu’n guileadh e. Ach cha b’e so aobhar gul Iosa. Cha do smuaintich E air fein air Ierusalem. “Nam b’aithne dhuit,” na, “O gu’m bhitheadh fios agad, aig a chuid is lugha, ‘n ad tatha-sa, na nithean a bhuineas do’d shìth, ach a nis tha iad air am folach bho d’ shuilean,” ‘s e sin ri ràdh, cha’n aithne dhuit, agus cha ghabh thu eolas orra, agus, uime sin, ann an ùine ghoirid, bheir an Tighearn thairais sibh gu h-uile do mhiannaibh bhur crìdheachan fein.
Mheal an einneach Iudhach agus Ierusalem latha fiosrachaidh fada agus luachmhor. Mhair e bho’n am anns an d’fhiosraich Dia iad anns an Eiphit gus an d’fhoillsieheadh Criosd fein. Air feadh ‘n a h-ùine so chùm Dia ‘n a measg, mar shluagh sònraicht’, eaglais fhaicsinneach, ga’m beannachadh le fhocal, òrduighean, agus a theachd-airean. Ach ged a bha sluagh aige air feadh gach am ‘n am measg, gidheadh mar bhuidhean, air dhoibh a bhi ‘n an samhladh firinneach air an duine ann an staid tuiteamaich, chuir iad an aghaidh, agus chuir iad doilgheas, air a Spiorad maith. An àite a bhi’ giulain toraidhean na fìreantachd, bha iad a giulain dearcan Shodoim agus bagaidean Ghomorrah. Ghabh iad air cuid dhe fhàidhean agus chuir iad air falbh falamh iad, agus cuid mharbh iad. Mu dheireadh chuir an Tighearn a Mhac a dh’fhaotain toradh an fhion-lis. Le theachd-san bha tomhas an sochairean air a lionadh gu ruig am beul, agus, uime sin, gha e iomchuidh agus ceart gu’m bitheadh e air a shuidh-eachadh co dhiubh a leanadh iad a bhi air an àrdachadh gu neamh tre iad a bhi toirt a mach toradh iomchuidh an aithreachais, na, le bhi lionadh suas tomhas an aingidheachd, am bitheadh iad air an tilgeadh sios gu ifrinn. Rinn iad mòran a cheana gu bhi eur na ceisd so an dara taobh. Dhìult iad a’ Mesiah. Thubhairt cuid aca a thaobh a mhiorthuilean, Tha Beelsebub aige, tha e tilgeadh a mach dheamhain tre phrionnsa ‘n an deamhain; agus thubhairt cuid eile a thaobh a chliu phearsanta, “Feuch duine geocach agus pòiteir fiona, earaid chìs-mhaor agus pheacach.” “Cha do ghabh a mhuinntir fein ris.” Ann am beagan làithean bha an glaoth, “Hosanna do Mhac Dhaibhidh,” air a thionndadh gus a ghlaodh, “Ceus e, ceus e.” Bha iad ad ol a mharbhadh Prionnsa na Beatha. Bha teachdaireachd ghràs mhor eile ri bhi air a chur bho righ-chathair shuas, “a toiseachadh aig Ierusalem.” Ach bha so mar an ceudna ri bhi air a dhìultadh; fad-fhoghaidean Dhé a dhòl thairis oirre, thigheadh fearg a mach ‘n an aghaidh a dh’ionnsuidh a cheum a b’fhaide a mach, agus bhith-eadh na h-uile bhagraidhean a tha sgriobht’ anns an fhocal air an eur an gniomh ‘n an aghaidh. Uime sin, a gabhail beachd air a chathair, agus a smuainteachadh air an sgrios a bha gu teachd oirre, ghuil Et hairis oirre.
(R’a leantuin.)