(Air a leantuinn bho t.d. 347)
Caib. xi.
Beachdaich air nàdur a ghràidh neo-chriochnach agus ioraslaichd Chriosd do dh’anamaibh; agus a chomhfhurtachd agus an sòlas a tha aig creidhmich anns a phòsadh mhilis so.
Ann an sealladh na chaidh a chur an ceill faodaidh sinn gu maith sealladh sòlasach a ghabhail air gràdh Chriosd agus air ioraslaichd, agus air comhfhurtachd agus sòlas na’n creidmheach, an dara aon agus an aon eile ro mhòr agus glòrmhor. Oh! air son Chriosd a phòsadh anamaibh bochda Ris Féin, agus anamaibh a bhi air am pòsadh Ris, cia mòr gràdh an aon agus sonas an aon eile ann an so.
1. Cia chò mòr sa tha gràdh agus ioraslaichd Chriosd ann a bhi pòsadh anamaibh Ris Féin!
An ath nì do E bhi air a dheanamh ‘n a dhuine, agus bàsachadh air an son, C’ait an taisbean E gràdh agus ioraslaichd is moth a dhoibh na so? Tha, a measg mòran eile ghabhadh a bhi air an ainmeachadh, nithean a tha dearbhadh a ghràidh ann an so a bhi iongatach agus glòrmhor, dà nì; is e aon an dealachadh neochriochnach agus eucoimeas a tha eadar na buidhnean, Esan agus iadsan; ‘s e’n aon eile an dluthachd do labhaint agus glormhorachd am aoinidh agus an daimh anns am bheil E dha’n toirt Dhà Féin; na dha sin bu mhath leam a thoirt fa’n ear.
1. Gabh beachd air an eadar-dhealachadh agus an eu-coimeas neo-chriochnach a tha eadar Esan agus iadsan.
Ciod an coimeas a tha eadar righ agus diol-déirichd? Ciod an coimeas eadar sneangan agus aingeal? Seadh, Gu neo-chriochnach nì ‘s lugha na sin tha eadar Criosd agus peacaich; agus gidheadh tha E ga’m pòsadh Ris Féin. Ciod a their mì? Tha E’n dà chuid àrd agus mòr, tha sinne tàireil agus salach; tha Esan beannaichte agus glormhor, tha sinne truagh agus duaichnigh; tha Esan na Righ mòr; tha sinne na’r tràillean agus diblidh, seadh ‘na ‘r tràillean diblidh aig a pheacadh agus aig Sàtan. Agus gu suimeadh suas ann am beagan fhocal, is e Dia tha annsan agus ‘s e creutairean a tha annain-ne; seadh is e Dia neo-chriochnach, fior-ghlan agus naomh a tha ann-san, agus tha sinne do-labhaint neo-ghlan agus ‘n ar créutairean mi-naomh. Oh! cia cho mor an eu-coimeas, agus gidheadh thà e dha’r posadh Ris Fein! Ciod e’n coimeas a tha eadar Dia agus an creutair? Tha’n creutair aig a chuid is fearr mar bhoinne beag de bhith, tha Dia na mhuir, na thobar, na chuan de bhith. Tha’n creutair ann am bith, agus cha’n eil aige ach beagan maith; ach, mar a tha Bradwardin a labhaint, tha Dia gu ro-neo-chriochnach maith. ‘S e nì tha’n crochadh a tha’n sa chreutair; tha bith a chreutair na bhith a tha’n crochadh; tha dearbh nàdur a chreutair na luidh gle mhòr ann an crochadh; ach tha Dia na bhith bith-bhuan agus neo-chlaochluidheach, air dha bhi bh’uaithne fein agus ann fein. Gu dearbh, tha na h-uile ni eile bh-uaithne fein, agus a tighinn bh’uaithne féin, agus dha ionnsuidh Féin mar a tha na Sgriobturan a labhaint. Nis, air son Dhé a phòsadh a chreutair Ris Féin, agus a cheangal ann an ceangal pòsaidh Ris Féin, Oh ciod e’n gràdh, ciod e’n ioraslachd tha’n so! Agus gidheadh gràdh is mothá na so tha Criosd a nochadh; oir ciod e’n coimeas a tha eadar Dia neo-chriochnach naomh agus creutair a tha iomlan peacach, salach, agus truailte? Tha’n t-astar a tha eadar Dia agus sinne mar chreutairean, mòr, ach an t-astar a tha eadar Dia neo-chriochnach naomh agus sinne mar pheacaich, ann an seadh, do-labhaint ni ‘s mothá. Is e ar dleasdanas, agus bu chor gu’m b’e ar n’aoibhneas, aithne bhi againn Air agus gu’n cumadh-mid ar n’astar mar chreutairean ri Dia. Bhuiineadh dhuinn a bhi deanamh gairdeachais ann a bhi smuinteachadh cho neo-chriochnach ‘s a tha E os ar ceann: ach ‘s e ar truagh, agus bhuiinneadh e bhi toirt crith oirne ann a bhi smuainteachadh air ar n’astar peacach bho Dhia; an t’astar a tha’m peacadh, tha mì ciallachadh, agus a dh’aobhraich e eadar Dia agus sinne. Nis air son Dia a posadh chreutairean peacach Ris Fein: seadh, air son Dia cho neo-chriochnach naomh a bhi pòsadh anamaibh cho tur peacach Ris Féin, mar a tha chuid is fearr againn a thaobh nàduir; tha so’n a ghràdh agus ‘n a ioraslachd is moth a fathasd. O mhalairt iongantach! a deir aon dheth na diadhairean, ann a bhi labhairt air Criosd a bàsachadh air son a shluaigh, an Righ a bàsachadh air son seirbhi-seach. Dia air son duine, an Cruithear air son a chreutair, a’ neochiontach air son a chiontaich. An samhail sin faodaiddh mì ràdh an so: O ioraslachd iongantach! an Righ a pòsadh traill; Dia an creutair; an neach fior-ghlan agus naomh a pòsadh peacaich thruailte agus shalach. Is fior e da-rìreadh gu’m bheil E deanamh naoimh dhiubh air Dhà pòsadh riubh; ach tha E dha’m faotainn na’m peacaich ‘n uair a tha E ‘n toiseach dha dheanamh na aimsir gràidh lhoibh. O Mollaibh an gradh so, agus an ioraslachd so!
2. Gabh beachd air an fhagasgachd do-labhairt agus a ghlòrmhorachd a tha anns an aonadh agus an daimh anns am bheil E dha’n ghabhail dha ionnsuidh Fein.
Mar a tha’n t-astar agus an eu-coimeas eadar na buidhnean cho do-labhairt mòr, mar sin tha’n t-aonadh agus an an daimh a dh’ionnsuidh am bheil E dha’n toirt ro dhluth agus ro ghlòrmhor. Tha’n t-aonadh eadar am fionan agus na geugan dluth; tha’n t-aonadh eadar an ceann agus na buill dluth; tha’n t-aonadh agus an daimh eadar fear agus bean dluth; ach tha iad so uile na’n sgailean agus na’n samhlaidhean air an aonadh agus an daimh anns an toir Criosd creidmhich dha ionnsuidh Fein, a dh’feumas mar sin a bhi ni’s moth a ni’s dlùithe ‘n a na h-uile. ‘S e, da-rìreadh, mar a mhothaicheadh dha cheana, ni ‘s fhaig ann an dlùthas do’n aonadh do-sheachainte agus phearsata; seadh tha e tighinn cho dluth do’n aonadh is airde air bith, an t-aonadh eadar an t-Athair agus a’ Mac, mar a tha sin air a chur sios anns na Sgriobtur, leis na dearbh fhoclan gu’m bheil an t-aonadh, ‘s e sin a gabhail comhnuidh ann an aon a cheile. Seadh, tha Criosd Fein coltach ri thoirt cho dluth do’n aonadh mhor sin, is gu’m bheil E dha cheanamh ‘n a eiseimpleir agus mar sin tha E guidhe air son a shluaigh, “Chum gu’m bi iad uile ‘n an aon; chum mar a tha thusa, Athair, annam-sa, agus mise annad-sa gu’m bi iadsan mar an ceudna ‘n an aon annainne; chum gu’n creid an saoghal gu’n do chuir thusa uat mi.” Eoin 17: 21. Thugaibh fa’n ear: tha E guidhe air son coimhlionadh aonaidh riutha mar mhullach agus iomlanachd an sonais; agus cha’n e mhain so, ach mar an ri sin a thig cho dluth do’n aonadh mhor sin a’ tha eadar an t-Athair agus Esan is urrainear a bhreithneachadh. ‘S e focal milis a tha aig aon dheth na diadhairean air na briathran so aig Criosd: Coid a ni is glormhora, tha e’g radh, na’n t-aonadh so? Coid e ni is airde, anam bhochd, is urrain dhuit a bhì agad, na mhianaicheas tu bhì agad, na so, gu’m biodh tu ann a’d’ aon ris an Fhear-phosda? An t-aonadh sona, do-labhairt sona, thar na h-uile aonadh eile! Ann am focal, cha’n urrain creutairean a bhì air an toirt gu Criosd, nì mothá is urrain iad gloir is mothá bhì air a chur orra, na tha air a chur orra le bhi air an toirt do’n aonadh agus do’n daimh so dha. Cia mòr, uime sin, a dh’ fheumas an gràdh agus an ioraslachd so aig Criosd do chreidmhich a bhi. Oh! air son Esan a bhi toirt a leithid sin dlùth dha Fein gu bhi dha’n deanamh ‘n an aon ris Féin, dha’n tasgadh na Bhroilleach, dha’ dheanamh Féin thairis dhoibh.
(Air a leantuinn)