CAIB. II
Anns am bheil dearbhadh coitcheann a thaobh neo-chaochlaidheachd he.
Tha na creutairean, seadh, na creutairean is fearr, annta fein, buail-tach do chaochladh; ach tha Dia anns gach doigh, agus anns na h-uile adh neo-chaochlaidheach; tha Dia fein ann an so (mar a chi sibh) gunraichte a cur an ceill a neo-chaochlaidheachd. Is mise Iehobhah, cha thaochail mi, agus tha e bitheanta air a chur an ceill ann an aitean eile;
“Tha gach uile dheagh thabhartas, agus gach uile thiodhlac iomlan o’n airde, a teachd a nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, na sgaile tionndaidh.” Seumas 1: 17. Tha Dia ann an so air a ghairm Athair na soillse. Tha E mar an ceudna air a ghairm solus fein, I Eoin 1: 5. Is solus Dia. Leis am bheil (mar a tha duine ionnsaichte dha chur) e cur an ceill dhuinn Morachd, Naomhachd, agus Beannachdan iomlan Dhe; agus ann an so tha E air a ghairm, Athair na soillse. Gu bhi cur an ceill gu’m bheil na h-uile solus, na h-uile Ghloir, na h-uile naomhachd agus bheannachd a gabhail comhnuidh Ann-san. Agus ge b’e tha na creutair-ean sin a cophartachadh ann, tha e tighinn bh’uaithe-san mar fhior thobar agus fhuaran. Nis, a thaobh Athair na soillse so cha’n eil (tha’n t-Abstol ag radh) atharrachadh na sgaile tionndaidh; tha’m focal anns a Greuguis a ciallachadh ni a tha air a thoirt bho na nithibh neamhaidh a tha fulung iomadh caochladh agus atharrachadh; tha na soluis neamhaidh a fulung iomadh atharrachadh. tha aca an dol a mgha agus a meudachadh; ach maille ri Dia Athair na soillse, cha’n eil a leithid de ni, tha E ghnath a dealrachadh leis an aon soillseachadh, dealrath, agus gloir, maille ris nach eil atharrachadh na sgaile tionndaidh; ’s e sin, tha e gu’n atharrachadh na’n samhladh is lugha de chaochladh; cha’n eil ni a tha coltach ri caochladh air fhaotainn maille Ris: is e tha ann an Dia ach grian nach luidh agus nach eirich, nach bi gu brath fodh dhubhar na fodh sgaile. Mar so mar an ceudna tha Salm 102: 24, 25, 26, 27. “Thubhairt mi, Mo Dhia, na tabhair air falbh mi ann a’ meadhon mo laithean: tha do bhliadhnan-sa air feadh nan uile linn. O chainn leag thu bunaitean na talmhuinn; agus is iad na neamhan obair do lamh. Theid as daibh-san, ach mairidh tusa; fasaidh iadsan uile sean mar aodach: mar thrusgan caochlaidh tu iad, agus bithidh iad air an caochladh. Ach is tusa an Ti Ceudna, agus cha chriochnaichear do Bhliadhnan.” Thugaibh fa’n ear, ’s e na neamhan a chuid is fior-ghloine de’n chruthachadh, gidheadh, tha’n Salmadair ag innse dhuinn gu’n teid iad thairis, agus bithidh iad air an atharrachadh, ach tha e’g radh ri Dia, tha thusa a ni ceudna, agus cha bhi crioch air do bhliadhnan; cha’n eil thu’g atharrachadh, ach a’ ni a bha thu tha thu, agus bithidh tu gu siorruidh. Tha na neamhan, agus mar sin na h-uile creutair, cha’n e mhain a fas sean agus ag atharrachadh, ach thoir fa’n ear, tha iad a fas sean agus ag atharrachadh mar thruagan. Tha aodach, a lion beag ’us beag a grodadh agus air itheadh le leomain, ach tha trusgan air a chosg agus air a chaitheamh gach latha; tha gach latha a toirt atharrachadh air na creutairean, ni’s moth na ni’s lugha, ach cha’n atharraich Dia, tha E fantainn a ni ceudna gu brath; bho bhithbhuan-tachd is E Dia mar a th’agaibh ann an Salm 90: 2. ’S e sin, tha E gu neo-chaochlaidheach an aon Chuspair a tha gu neo-chriochnach naomh agus an Ti beannaichte. Dia (tha aon dhe na h-aosmhor ag radh) a tha’g atharrachadh na h-uile nithean a tha anns an t-saoghal, tha E Fein neo-chaochlaidheach, cha robh E riamh ur, cha robh E riamh sean. Mar sin chi sibh gu’m bheil Dia neo-chaochlaidheach. Nis ma dh’fheoraicheas sibh dhiom ciod e an neo-chaochlaidheachd so aig Dia? Freagraidh mi, gu’r e sin a bhuadh sin aig Dia, leis am bheil E saor bho thruaillidheachd agus bho atharrachadh, tha E’n comhnaidh mar E Fein; air chor ‘us nach urrain E sgur a bhi a ni a tha E; na toiseachadh a bhi a’ ni nach robh E; agus leis a so tha E gu neo-chriochnach eadar-dhealaichte ri chreutairean ann an iomlanachd agus ann an gloir: tha iad uile buailteach do thruaillidheachd agus do chaochladh, co-dhuibh na’n nadur fein tha iad mar sin, mar a h-eil na’n suidheachadh; faodaidh iad sgur a bhi a’ ni a tha iad, agus toiseachadh a bhi a’ ni nach robh iad faodaidh iad a bhi call a ni a bh’aca, agus ruigheachd air ni nach robh aca roimhe; eadhon na dearbh aingil iad fein, tha iad annta fein caochlaidheach; mar a dh’dhaodas a bhi bi’s soilleir air a nochdadh an deigh so. Ach a nis maille ri Dia, cha’n eil a leithid de ni, tha E saor bho gach uile sheorsatruaillidheachd agus caochladh; tha E ghnath an ni ceudna, cha mhotha ‘s urrain e sgur a ni a tha E, na toiseachadh a bhi an ni nach eil E. Ach gu’m bheil Dia neo-chaochlaidheach, agus mar an ceudna ciod e a neo-chaochlaidheachd, bidh sin air a nochdadh leis na bhios a ris air a thoirt fa’n ear.
(R’i a leantuin)