The iad mar an ceudna a’ deanamh mòr uaill (oir is muintir moran diu a tha glè uaibhreach) a briathraibh ar Slànuighfhear ‘n uair a dhòrduich a am Baisteadh, agus ‘n uair a chuir e mach na h-Abstoil gu bhi baisteadh. Ach chi sinn air ball gu bheil ceart co beag aobhair uaill aca ‘s an ni so is a th’aca an ni eile.
‘S iad so na briathran: “Agus thubhairt Iosa riu, Imichibh air feadh an t-saoghail uile agus searmaonaichaibh an soisgeul do gach dùil. Ge b’e chreideas agus a bhaistear saorar è, ach ge b’e nach creid ditear è;” Marc xvi. 15, 16 — maille ris na h-earrannaibh ann an àitaibh eile do’n Scriobtuir tha co-fhreagradh ri so. Tha na Baistich a’ cumail a mach o na briathra’ so gur èigin do na h-uile a bhi’n ann creidmhich mu-m bi iad air am baisteadh; — uime sin do bhrigh is nach urra creidimh a bhi aig naoidhean, nach eil còir aca-san air baisteadh.
Chum beag bhrigh ‘na argumait so a thaisbeanadh gleidheadhmaid ‘n ar cuimhne gur e teagasg Eaglais na h-Alba, mar a mhìnich mi cheana, gu bheil aon séors ann do nach eil am baisteadh gu bhi air a fhrithealadh gus an taisbean iad an dà chuid aithreachas agus creidimh — ‘s iad sin muintir th’air teachd gu h-aois agus a tha’n taobh a muigh do’n Eaglais fhaicsinnich. Nis tha mi dìreach a’ freagradh ann an aon fhocal, gur ann a thaobh an t-séorsa so a mhàin is còir briathran ar Slànuighfhear a bhi air am mìneachadh. Ris an t-séors eile — ‘se sin ri naoidheanaibh na dream a tha ‘n am buill do’n Eaglais fhaicsinnich cha’n eil briathran ar Slànuighfhir idir a luidhe. Cha’n eil guth mu-n dara séors so anns na briathraibh ud. Labhair ar Slànuighfhear mu dhream bh’air teachd gu h-aois agus tha’n taobh a muigh do’n Eaglais Fhaicsinnich, — agus, uime sin, orrassan a bha do’n t-seorsa so dheanadh Ministreir Eaglaise na h-Alba an earrann so ‘sparradh, eadhon mar a dh-iarr Crìosd air na deisciobluibh a dheanamh; ach a thaobh neoidhean na muintir a tha ‘n am buill do’n Eaglais fhaicsinnich, ‘s èiginn dol gu h-àitean eile do’n Scriobtuir chum slighe ‘ar dleansnais fhiosrachadh. Tha na briathran so a labhairt mu aon séors a mhàin, agus ni h-ann mu’n dà shéors, agus chum an fhèirinn so ‘shoilleireachadh ‘s èigin duinn gabhail ris gach aite fa leth do’n Fhocal.
‘S è eucor mhòr nan Baisteach gu bheil iad a’ gabhail de’n Scriobtuir dìreach na ffreagras dà ‘n cùis fein, agus a fàgail, no toirt mìneachadh fìar, air a chuid eile. Tha sinne air an laimh eile a’ gabhail ris an dà chuid le chèile.
The na Baistich anns an ni so cosmhuil ris an luchd admheil oillteil sin a ta ‘g àicheadh gur a Chrìosd Dia. Gabhaidh iadsan mar so ris na h-earrannan anns am bheil ar Slànuighfhear air ainmeachadh mar dhuine, ach bheir iad am mìneachadh fein air na h-earrannan eile sin anns am bheil iomradh air a dheanamh air mar Dhia.
Cha’n eil sinne ag àicheadh gur duin’ è, ach tha sinn a’ teagasg gur Dia è mar an ceudna; agus gur ann do bhrigh is gu bheil è ‘na Dhia agus ‘na dhuine ann an aon phearsa, is Esan Eadarmheadhonair co-cheangail nan gràs.
Air amhodh cheudna cha’n eil sinn ag àicheadh gu gheil aithreachas agus creidimh air an iarruidh air aon séors, mu-m bi iad air an gabhail a steach leis a Bhaisteadh do’n Eaglais fhaicsinnich (a rèir mar a tha Leabhar Athghear nan Ceist a’ nochdadh) ach maille ri so, tha sinn a’ teagasg gu bheil sèors eil’ ann air nach ‘eil an t-aona chuid aithreachas no creidimh air an iarruidh chum baisteadh a bhi air a fhrithealadh dhoibh. Agus ‘se na tha mi a’ ràdh ‘s an àite so, gur ann mu’n cheud séors, agus cha’n ann mu’n dara séors’ a dh-fheudas na briathran so, as am bheil na Baistich a’ deanamh co mòr uaill, a bhi air am mìneachadh. Ach thugamaid oidheirp air so a dhearbhadh.
Thoir fainear, ma tha, le teachd Chrìosd, agus an deigh aiseirigh, gu-n robh frithealadh nuadh air a thoirt a steach ‘s an Eaglais. Uime sin, ‘n uair a dh-òrduich esan am Baisteadh mar comharadh air buill na h-Eaglais, chuir è an comharadh a bha air chois roimhe — ‘se sin an timchioll-ghearradh — air cùl. Air an aobhar so, an deigh do Chrìosd na briathran ud a labhairt, cha robh neach sam bi ‘na bhall do’n Eaglais gus an rachadh a bhaisteadh — co dhiubh a bha na nach robh a air a thimchioll-ghearradh. Bha tigh Israeil, uime sin, co maith ris na Cinnich air an taobh a muigh, gus am bitheadh iad air an toirt a steach leis a’ Bhaisteadh. D’ an taobh so uile dh-àithn ar Slànuighfhear d’a theachdarain iad a dhol agus an comharadh nuadh a bhuileachadh orra, ‘n uair a thaisbeanadh iad an creidimh annsan, agus anns an fhrithealadh nuadh.
Cha dubhairt è aòn fhocal àraid mu naoidheanaibh na muintir a dh-fheudadh mar so a bhi air an gabhail a steach; carson? — do bhrigh nach robh so idir feumail. Thuig na deisciobul agus thuig na h-uile a ghabh ri spioraidealachd an ni so nach robh atharrachadh air nàdur na sochair seach mar a bha chòis fuidh ‘n t-Sean Tiomnad, ged a bha atharrachadh air comharadh na sochaire, — ni a tha làn shoilleir o bhriathraibh an Abstol Pheadair ‘nuair a thubhairt a mu-n bhaisteadh: “Tha an gealladh dhuibhse agus d’ar cloinn.”
Nam biodh an co-dhùnad a tha na Baistaich a’ tarruing o bhriath-raibh ar Slànuighfhear ceart, — ‘s e sin nach eil còir aig naoidheanaibh air Baisteadh, do bhrigh nach urrainn creidimh a bhi aca, — tha e an aghaidh so, agus cha’n a sin a mhàin ach tha e mar an ceudna an aghaidh teagasg cudthromach eile a tha ‘s an Scriobtuir, agus a bhitheas air a thoirt fainear leam.
Ri Leantuin.