Le Iain Omhain, D.D., Eadar-Theangaichte, Le Alastair Macdhughail
Gu feud anama gràsmhor a bhi air an tilgeadh ann an doimhneachdaibh do bhrigh peacaiddh — Ciod iad na doimhneachdan sin.
Mu’n téid sinn idir ni’s fhaide air ar n-aghaiddh ann a bhi ‘fosgladh nam briathran, air dhoibh uile coimh-cheangal a bhi aca ris a’ cheud cheann a chuireadh sios, ni sinn an fhìrinn féin a tha fo’n cheann sin a mhíneachadh agus a dhainghneachadh; chum mar sin gu’n tuigear ciod a tha sinn ag ràdh, agus ciod mu’m bheil sinn a’ toirt cinnte, anns an iomlan de’r teagasg a leanas.
Is fìrinn mhuladach a th’ againn r’a thoirt fainear. Buinidh dha-san a tha ‘ga h-éisdeachd criothnachadh ann féin, chum gu’m bitheadh fois aige ann an là an àmhghair. Tha comhairle an abstoil r’ a fhòghlum ann, Rom. xi. 20. “Na bi àrd-inntinneach, ach fo eagal;” agus a rls, 1 Cor. x. 12, “An ti a shaoleas a bhi ‘na sheasamh, thugadh e aire nach tuit e.” ‘Nuair a dh’ fhòghlum Peadar an fhìrinn so o ‘fhirosrachadh mhuladach féin, an déigh gach braiseid mhisneachail a thaisbean e, tha e’toirt na comhairle so do na naoimh uile, “Caithibh aimsir bhur cuairt ‘an so le h-eagal,” 1 Phead. i. 17; air dha fios a bhi aige cia cho fagus as a dh’ fheudas aimhleas agus cunnart a bhi d’ar dorus, ‘nuair a’s mò ar sìth agus ar suaimhneas.
Feudar beagan eisimpleir ‘ainmeachadh a dh’ fhàgadh air chuimhne, anns am bheil an fhìrinn so air a taisbeanadh: Gen. vi. 9, “Bha Noah ‘na dhuine cothromach, agus iomlan ‘na linn; agus ghluais Noah maille ri Dia.” Rinn e sin ré ùine fhada, ‘am measg gach uile ghnè bhuaireidhean, ‘nuair a “thruaill gach uile fheòil a slighe air an talamh,” rann 12. Dh’ fhàg so ùmhlachd Noah ni bu chomharaichte, agus gun teagamh rinn e an comh-chomunn a bha aige ri Dia, ni’s ro mhìlse dha féin. B’e anam gràsmhor a bh’ ann, agus sin air teisteas Dhé féin. Ach tha fios againn ciod anns an do thuit an duine naomh so. Bithidh e furasda do neach sam bith a leugas eachdraidh a thuiteam, Gen. ix. 20-27, a cheadachadh gu’n do thilgeadh ann an àmhghar do-fhuasglaiddh e do bhrigh peacaiddh. Rinn a mhìsg féin, maille ris na thàinig ‘na lorg, rann 21, ana-miann mi-nádurra a mhic a bhrosnachadh, rann 22; ionnus gu’n d’ thugadh e ‘na dhéigh sin gu bhi ‘toirt thairis a’ mhic sin maille r’a shliocht chum sgrios, rainn 24, 25: air chor as nach ‘eil teagamh nach d’ rinn na nithe so uile, maille ris a mhothachadh a bh’aige de dhiom Dhé, a rinn a theasaargin air dhòigh cho miorbhuileach o bhreitheanas nan uisgeachan, a lionadh le bròn anama agus imcheist spioraid.
Tha so ni’s ro shoilleire ann an cùis Dhaibhidh. Fo’n t- Seann-tiomnadha robh neach sam bith a’s mò a bha ‘gràdhachadh Dhé na esan; cha mhò a bha neach sam bith a’s mò a bh’air a ghràdhachadh leis. Tha slighean sin a chreidimh agus a ghràidh anns an robh e ‘g imeachd cosmhuil ri slighe na h-iolaire anns an adhar an coimeas ris a’ chuid mhòr ‘nar measg-ne. Gidheadh tha glaothaich an duine so a bha a réir cridhe Dhé féin ri seirm ‘nar cluasaibh gus an là’n diugh. Air uairibh tha e ‘gearain air cnàmhaibh briste, air uairibh air doimhneachdaibh bàthaidh; ann an so tha stuaidhean agus tonnan ‘ga chlaoidheadh, ann an sud tha creuchdan agus leòntan ‘ga chràdh; an diugh air a luasgadh ‘an ànradh feirge, am maireach ‘am piantaibh ifrinn; anns gach àit is iad a pheacaidhean a ghearain, an uallach agus an trioblaid a ghlaodh. Is aithne dhuinn uile aobhair nan doimhneachdan, agus nan àmhghar anns an do thilgeadh e. Mar nach d’ fhuair duine idir tuilleadh gràis na fhuair esan, cha mhò a tha eisimpleir ni’s soilleire againn air cumhachd a’ pheacaidh, agus air toraidhibh a chiont air a’ choguis. Ach tha na nithe so soilleir do na h- uile, ionnus nach ‘eil aobhar dhuinn a bhi ‘leudachadh orra.