Anns an dara àit, Tha peacaidhean ann, ged nach dean iad a’ choguis a reubadh le ciont cho mòr riu sin a dh’ ainmicheadh, gidheadh, do bhrigh iomadh an-tromachadh a dh’ fheudas a bhi coimhcheangailte riu, tha iad a’ brosnachadh Dhé cho mòr as gu’n dean e iad ‘nam freumh an-shocair do’n anam uile làithean a bheatha. Tha e ‘g ràdh timchioll chuid a pheacaidhean nan aingidh, “Mar is beò mi, cha ghlanar an aingidheachd so air falbh uaibh, gus am faigh sibh bàs.” Agus tha aobhairean-brosnachaidh ‘na phobull féin anns am feud a’ shamhuil sin a dh’ an-tromachadh a bhi as nach leig e seachad iad gun an tilgeadh anns na doimh-neachdaibh, gus an éigin dhoibh glaothaich an airc an saoraidh. Thugamaid fainear cuid dhiubh:
-
Tha mi-bheusan chreideach ‘nuair a tha iad a’ mealtuinn gràidh agus caoimhneis Dhé ann an tomhas comharaichte de’n nàdur so. ‘N uair a tha Dia air taisbeanadh soilleir a thoirt do neach sam bith de a ghradh, ionnus gur éigin da a ràdh le ‘uile chridhe, “Is gràdh neo-thoillteanach so da rireadh agus caoimhneas;” — ma’s e ‘s gu faighear a nis e mi-chùramach ‘na ghluasad maille ri Dia, tha mi-caoimhneas ann nach cuirear air dhì-chuimhne. Agus, aig aon àm no àm eile, coinnichidh gach uile pheacadh a chuirear an gniomh an déigh tròcairean comharaichte ‘thaotainn, ri achmhasanaibh comharaichte. Cha-n ‘eil ni sam bith a’s mò a leònas coguis a’ pheacaich na bhi ‘cuimhneachadh ann an dorchas mar a mhi-bhuilich e solus; agus fo fholach gnùis Dhé, mar a rinn e a ghràdh a chur air dhearmad. Is ni so a bheir Dia dhoibh a bhi ‘geur-mhothachadh. ‘N uair a tha Dia ‘na fhreasdal air buntuinn gu gràsmhor ri neach — theagamh ann an rathad a bhi ‘ga fhuasgladh o àmhghar, ‘ga shocrachadh ann an ionad farsuinn, réidh, ‘ga choinneachadh le toraidhibh lionmhor a mhaitheis, ‘ga bheannachadh ‘na phearsa, ‘na dhàimhean, agus ‘na ghnothuichean saoghalta, a’ buntuinn gu maith r’ a anam, ann an ‘toirt dearbh-bheachd ghràsmhoir dha d’a ghràdh ann an Criosd; — ma’s e’s gu’n tuit a’ shamhuil so de neach ann am mi-bheusaibh peacach, ruigidh e cridhe Dhé, agus cha leig e seachad e.
-
Tha peacaidhean a bhitheas air an gniomhachadh ann no an déigh àmhgharan mòra de’n nàdur ceudna. Cha chlaoidh Dia d’a dheòin, ni mo a tha toil-inntinn aige ‘nar smachdachadh; tha e ‘ga dheanamh a mhain chum gu’m bitheamaid ‘nar luchd-comhpairt d’a naomhachd, Uime sin ‘nuair a tha a smachdachadh air a chur ‘an neo-shuim, ionnus gu’m bitheamaid mi-chùramach ann no ‘na dhéigh timchioll oibreachadh a’ pheacaidh, tha mi-chaoinmhneas ann: “Bhuail mi e,” deir Dia, “agus dh’imich e roimhe gu fiar, air slighe a chrìdhe féin.” An d’ rinn Dia do chuir anns an àmhuinn, agus an d’ rinn e ann an iochd do chur a rìs ‘am farsuinneachd? — ma rinn thu a ghniomhara do d’ thaobh a leigeadh air dhi-chuimhne, an iongantach ged a dheanadh e d’ fhiorsrach-adh a rìs le àmhghar ann ad anam?
-
‘N auir a tha daoine roimh an iompachadh a’ tilgeadh dhiubh oibreachadh coitchionn an Spioraid agus ceud thais-beanadh a ghràidh dhiadhaidh dhoibh, tha so gu tric air ‘ath-nuadhachadh air a’ choguis ‘na dhéigh sin. ‘Nuair a tha an Tighearn le a Spiorad a’ toirt dearbh-shoillearachd chumhachdaich do’n chrìdhe mu pheacadh, agus a’ fosgladh suas dha ni-éigin d’ a ghràdh agus de òirdheirceas Criosd, ionnus gu bheil an t-anam a’ tòiseachadh ri strìochdadh, air bhi dha ach ro bheag air aomadh gu bhi ‘na Criosduidh; — ma’s e ‘s gu’m pill e rìs a dh’ ionnsuidh an t-saoghail no chum na féin-fhìreantachd, tha mi-chaoinmhneas ann nach bi air uairibh air a leigeadh seachad.
-
A bhi gu h-obann a’ dì-chuimhneachadh thaisbeanan àraidh de ghràdh ro chomharaichte. Tha Dia a ‘toirt rabh-aidh d’a phobull an aghaidh so: Salm lxxxv. 8, “Labhraidh e sith r’a shluagh, agus r’a naoimh; ach na pilleadh iad chum amaideachd.” ‘Nuair a tha Dia aig àm sam bith a’teachd dlùth do’n anam le a Spiorad, ‘na fhocal, le briathraibh gràsmhor gràidh agus slìthe, a’ fàgail mothachaidh d’a chaoimhneas air a’ chridhe leis an Spiorad Naomh; — ma thig an t-anam so a nis, le buaireadh, no mi-chùram, gu bhi ‘leigeadh leis a’ mhothachadh gràidh so a bhi mar gu’m b’ann air a dhubhadh a mach, tha mi-chaoimhneas ro mhòr coimhcheangailte ris. Faic D’an Shol. v. 1-6.
-
‘Nuair a tha cothroman mòra seirbhais air an dearmad agus comasan mòra air am mi-bhuileachadh, tha so gu tric ‘na mheadhon air a bhi tilgeadh an anama ann an doimh-neachdaibh mòra. Tha tàlannan air an toirt do dhaoinibh chum a bhi ‘gam buileachadh air son an Tighearna. Ma’s e’s gu’n leigeair cothroman seachad agus gu’m paisgear an tàlann ann an neapaicin, crìochnaichidh a’ chùis ann an trioblaid agus ‘an àmhghar.