Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1978 » May 1978 » Eadar-Mhineachadh Air Salm CXXX

Eadar-Mhineachadh Air Salm CXXX

Anns an dara àit, Tha peacaidhean ann, ged nach dean iad a’ choguis a reubadh le ciont cho mòr riu sin a dh’ ainmicheadh, gidheadh, do bhrigh iomadh an-tromachadh a dh’ fheudas a bhi coimhcheangailte riu, tha iad a’ brosnachadh Dhé cho mòr as gu’n dean e iad ‘nam freumh an-shocair do’n anam uile làithean a bheatha. Tha e ‘g ràdh timchioll chuid a pheacaidhean nan aingidh, “Mar is beò mi, cha ghlanar an aingidheachd so air falbh uaibh, gus am faigh sibh bàs.” Agus tha aobhairean-brosnachaidh ‘na phobull féin anns am feud a’ shamhuil sin a dh’ an-tromachadh a bhi as nach leig e seachad iad gun an tilgeadh anns na doimh-neachdaibh, gus an éigin dhoibh glaothaich an airc an saoraidh. Thugamaid fainear cuid dhiubh:

  1. Tha mi-bheusan chreideach ‘nuair a tha iad a’ mealtuinn gràidh agus caoimhneis Dhé ann an tomhas comharaichte de’n nàdur so. ‘N uair a tha Dia air taisbeanadh soilleir a thoirt do neach sam bith de a ghradh, ionnus gur éigin da a ràdh le ‘uile chridhe, “Is gràdh neo-thoillteanach so da rireadh agus caoimhneas;” — ma’s e ‘s gu faighear a nis e mi-chùramach ‘na ghluasad maille ri Dia, tha mi-caoimhneas ann nach cuirear air dhì-chuimhne. Agus, aig aon àm no àm eile, coinnichidh gach uile pheacadh a chuirear an gniomh an déigh tròcairean comharaichte ‘thaotainn, ri achmhasanaibh comharaichte. Cha-n ‘eil ni sam bith a’s mò a leònas coguis a’ pheacaich na bhi ‘cuimhneachadh ann an dorchas mar a mhi-bhuilich e solus; agus fo fholach gnùis Dhé, mar a rinn e a ghràdh a chur air dhearmad. Is ni so a bheir Dia dhoibh a bhi ‘geur-mhothachadh. ‘N uair a tha Dia ‘na fhreasdal air buntuinn gu gràsmhor ri neach — theagamh ann an rathad a bhi ‘ga fhuasgladh o àmhghar, ‘ga shocrachadh ann an ionad farsuinn, réidh, ‘ga choinneachadh le toraidhibh lionmhor a mhaitheis, ‘ga bheannachadh ‘na phearsa, ‘na dhàimhean, agus ‘na ghnothuichean saoghalta, a’ buntuinn gu maith r’ a anam, ann an ‘toirt dearbh-bheachd ghràsmhoir dha d’a ghràdh ann an Criosd; — ma’s e’s gu’n tuit a’ shamhuil so de neach ann am mi-bheusaibh peacach, ruigidh e cridhe Dhé, agus cha leig e seachad e.

  2. Tha peacaidhean a bhitheas air an gniomhachadh ann no an déigh àmhgharan mòra de’n nàdur ceudna. Cha chlaoidh Dia d’a dheòin, ni mo a tha toil-inntinn aige ‘nar smachdachadh; tha e ‘ga dheanamh a mhain chum gu’m bitheamaid ‘nar luchd-comhpairt d’a naomhachd, Uime sin ‘nuair a tha a smachdachadh air a chur ‘an neo-shuim, ionnus gu’m bitheamaid mi-chùramach ann no ‘na dhéigh timchioll oibreachadh a’ pheacaidh, tha mi-chaoinmhneas ann: “Bhuail mi e,” deir Dia, “agus dh’imich e roimhe gu fiar, air slighe a chrìdhe féin.” An d’ rinn Dia do chuir anns an àmhuinn, agus an d’ rinn e ann an iochd do chur a rìs ‘am farsuinneachd? — ma rinn thu a ghniomhara do d’ thaobh a leigeadh air dhi-chuimhne, an iongantach ged a dheanadh e d’ fhiorsrach-adh a rìs le àmhghar ann ad anam?

  3. ‘N auir a tha daoine roimh an iompachadh a’ tilgeadh dhiubh oibreachadh coitchionn an Spioraid agus ceud thais-beanadh a ghràidh dhiadhaidh dhoibh, tha so gu tric air ‘ath-nuadhachadh air a’ choguis ‘na dhéigh sin. ‘Nuair a tha an Tighearn le a Spiorad a’ toirt dearbh-shoillearachd chumhachdaich do’n chrìdhe mu pheacadh, agus a’ fosgladh suas dha ni-éigin d’ a ghràdh agus de òirdheirceas Criosd, ionnus gu bheil an t-anam a’ tòiseachadh ri strìochdadh, air bhi dha ach ro bheag air aomadh gu bhi ‘na Criosduidh; — ma’s e ‘s gu’m pill e rìs a dh’ ionnsuidh an t-saoghail no chum na féin-fhìreantachd, tha mi-chaoinmhneas ann nach bi air uairibh air a leigeadh seachad.

  4. A bhi gu h-obann a’ dì-chuimhneachadh thaisbeanan àraidh de ghràdh ro chomharaichte. Tha Dia a ‘toirt rabh-aidh d’a phobull an aghaidh so: Salm lxxxv. 8, “Labhraidh e sith r’a shluagh, agus r’a naoimh; ach na pilleadh iad chum amaideachd.” ‘Nuair a tha Dia aig àm sam bith a’teachd dlùth do’n anam le a Spiorad, ‘na fhocal, le briathraibh gràsmhor gràidh agus slìthe, a’ fàgail mothachaidh d’a chaoimhneas air a’ chridhe leis an Spiorad Naomh; — ma thig an t-anam so a nis, le buaireadh, no mi-chùram, gu bhi ‘leigeadh leis a’ mhothachadh gràidh so a bhi mar gu’m b’ann air a dhubhadh a mach, tha mi-chaoimhneas ro mhòr coimhcheangailte ris. Faic D’an Shol. v. 1-6.

  5. ‘Nuair a tha cothroman mòra seirbhais air an dearmad agus comasan mòra air am mi-bhuileachadh, tha so gu tric ‘na mheadhon air a bhi tilgeadh an anama ann an doimh-neachdaibh mòra. Tha tàlannan air an toirt do dhaoinibh chum a bhi ‘gam buileachadh air son an Tighearna. Ma’s e’s gu’n leigeair cothroman seachad agus gu’m paisgear an tàlann ann an neapaicin, crìochnaichidh a’ chùis ann an trioblaid agus ‘an àmhghar.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice