THA sinn aig an am so mar rioghachd an ann cunnart gle mhòr. Tha a phapanachd a fàs anns an rioghachd so riabh bho na chaidh an Emancipation Act a dheanamh na lagh ìnte anns a bhliadhna 1829. Thoisich Eaglais na Roimh, cho luath ‘s a fhuair i an dorus fosgailte da a lùchd-leanmhuinn a dhiunnsaidh na h-uile aite inbheach anns an rioghachd ach tri, ri bhi a toirt oidhirph gu faotinn a dhiunnsaidh na ‘n aiteachan sin mar an ceudna. Bi an righ chathair aon de na haitean a bha air an dion bh’ uaipe. Cho fad a sheasadh na boidean a dh’fheumas an righ a thoirt mun suidh e air an righ-chathair na’n cuid de lagh na rioghachd cha b’urrainn papanach suidhe oirre. Tha briathran anns a bhoid sin a tha na papanach ag iarraidh a thoirt aisde mar ni a tha tabhairt oilbheum da’n creideamh-san. Is iad na briathran:—”Tha mise ann an sòlaimteachd agus ann an treibhdhireas, an lathaireachd Dhe, ag aideach, agus a fianaiseachadh, agus a’ cur an ceill gum bheil mi a creidsinn nach ‘eil, ann an sacramait Suipir an Tighearna, an t-aran agus am fion air an tionndadh gu corp agus fuil Chriosd, le neach air bith, aig am an cuir air leth air son feum noamh, no na dheidh sin, agus gum bheil a bhi’g urnuigh agus a moladh na h-oighe Muire no naomh air bith eile, agus gum bheil iobairt na h-aifrionn (mass) mar tha iad aig an am so air an cleachdadh ann an Eaglais na Roimh na’n saobh-chreidimh agus na’n iodhal-aoraidh.” Is iad gu h-araidh na briathran—”Saobh-chreidimh agus iodhal-aoraidh”—a tha iad a togail an guth nan aghaidh. Tha iad ag radh gum bheil na briathran ud a tabhairt beum do na h-iodchrair phapanach aig an righ.
Labhair na tighearnan papanach ann an tigh na’n Tighearnan an aghaidh na cuid so de’n bhoid a bhi air a cur air an righ. Ann an tigh na’n Cummantan thog na h-Eirinnaich phapanach an guth an aghaidh an ni cheudna. Thug Salisbury ann an tigh nan Tighearnan, agus Balfour ann an tigh nan Cummantan gealladh gum biodh cuideachd de’n da thigh air an cur air leth gu sealltuinn a stigh anns a phuinc so. Tha papanach ri bha anns a chuid-eachd so. Tha iad ri feuchainn briathran eile a chur an aite na’m briathran ud a bhios a ciallachadh an aoin ni rui. Tha so eucomasach dhoibh. Ma bhios briathran na boide so air am briseadh th’ fhuair Eaglais na Roimh an lamh-an-uachdar, agus feudaidh an creideamh Protestanach a bhi air a chur bho na cosan aig am air bith an deigh sin. Tha Salisbury agus Balfour an deigh a dheanamh aithnaichte cheanna nach eil ni air bith acasan an aghaidh gum biodh a bhoid so air a h-atharrachadh ma chuireas sluagh Protestanach Bhreatainn suas leis a sin. Fhuair ar n-atha-raichean a mach air an cosd gu de cho duillich ‘s a bha e dhoibh an creideamh Protestanach a chuir suas. Is iomadh neach a dh’fheum a bheatha a leigeadh sios mun robh an t-iodhol aoraidh aig
Eaglais na Roimh air a chur air cul, agus aoradh sgriobturail an Ath-leasaichaidh air a shuidheachadh. Cho cinnteach ‘s a dh’ fhuilgeas an sluagh na bunaitean so a bhi air an cur bun-os-ceann bithidh dortadh fola ann an uine ghearr an deigh sin. Tha feum air gun togadh an sluagh an guth mar aon duine an aghaidh atharrachadh air bith a bhi air a dheanamh, agus gun cuireadh iad an run suidhichte air a chuis so a dhuinnsaidh nan daoine a chuir iad fein do’n Pharlamet, agus a dhuinnsaidh Mr. Balfour agus Mr. Salisbury.
Tha e soilleir gum bheil an Thighearna a nochdadh dhuinne mar rioghachd agus mar Eaglaisean gum bheil comhstri aige ruinn. Tha cogadh, gort, agus plaidd oirnn mar rioghachd. Tha ar n-Eaglaisean air an truailleadh le mearachdan, agus le iodhol-aoraidh. Ma sheallas sinn ri focal Dhe chi sinn gun d’ thainig truaighe air na h-uile sluagh a threig an Tighearna mar a tha sinne a deanamh, agus mar gabh sinne aithreachas sgrios ar sinn mar an eudna. Tha feum mor air gum biodh am beagan a dh’fhagadh nar measg a togail an gath ris an Tighearna gun doirteadh e air sgath Chriosd an Spiorad Naomh oirn gu ar tabhairt gu h-aithreachas.
N. C.