gu doimhneachd a’ bhais shiorruch. ‘S e so direach nadur an droch spioraid, mi-run mealltaireachd, cealg, farmad agus gach uile anacainnt. Co fhad ‘sa tha anam fo aon de na plaighean so cha shealbhaich e moran de ‘n Chruithear ; ach fhad ‘s a tha an t-anam gun churam mu bhithbhuantachd tha sith aige fo na plaighean so ; ach co luath ‘s a tha creutair air a thoirt beo gu spioradail tha e ‘fascinn cho mi-choltach ‘s a tha iad sin ri cliu clann Chriosd ; tha e ‘fas feumnach air na galaran sin bhi air an caithemh a mach agus airson sin tha iad ag iarraidh bainne fiorghlan an fhocail. Cha tuig duine an cron a dh’ fheudas aon pheacadh a dheanamh dha gus am fosgail Spiorad nan gras suas dha e ; ni e na’s mo ‘chron do’n anam, nam bu chomasach e, na tha do dhroch spioradan ann an ifrinn comasach air deanamh dha. Ach cha tuig an t-anam so gus an teagaig an Spiorad Naomh e, agus, anam ghrasmhoir, ‘nuair nach ‘eil na meadthonan dhuit-sa an ni a b’ abhaist doibh tha aobhar agadsa a bhi rannsachadh a mach an aobhair.
Ach gu bhi ‘labhairt o’n earrainn so tha sinn a’ runachadh a bhi ‘nochdadh.
I. Ciod e sin, bainne an fhocail.
II. Ciod e sin, bhi mar naoidheanan ag iarraidh bainne fiorghlan an fhocail.
I. Bainne fiorghlan an fhocail, ciod a tha so a’ cumail a mach? Feudar a radh gur e an Cruithear fein bainne fiorghlan an fhocail agus thusa a fhuair an Cruithear anns an fhocal fhuair thu an sin bainne fiorghlan an fhocail agus thusa nach d’ fhuair an Cruithear cha d’ fhuair thu fathasda bainne fiorghlan an fhocail.
Feudaiddh sinn a radh gur e am Fear-saoraidh bainne fiorghlan an fhocail do bhrigh gur e beatha a’ pheacaich air a thoirt beo. Thusa a tha marbh gu spioradail ‘s e an saoghal do bheatha, seadh ‘s e nithe an t-saoghal beatha d’ anama. Ach thusa a ta beo gu spioradail ‘s e Criosd beatha d’ anama. ‘S e Criosd tobar na beatha spioradail agus tobar nan gras ; cha-n e sin a mhain ach is e beatha gach ni a ta beo, annsan bha beatha agus b’i a’ bheatha solus dhaoinne. Agus tha beannachdan spioradail ann an Criosd a tha air an cumail a mach mar bhainne. Tha an t-Abstol a’ labhairt ris na Corintianaich ag radh, “bheathaich mi sibh le bainne agus cha-n ann le biadh laidir.” Nis nach e Criosd agus e san air a cheusadh am bainne a bha e a’ cumail riu? Tha am faidh a ris a’ labhairt air fion agus bainne, ‘s e sin beannachdan spioradail : am bheil beannachd spioradail air bith dealaichte ri Criosd? ‘S e Criosd tobar na beatha nadurra, a tha ‘toirt beatha do na h-uile ni air neamh agus air talamh : ‘s e tobar na beatha spioradail, agus iadsan a thug e beo gu spioradail tha iad an crochadh air fein airson na beatha sin agus bithidh tre ‘n t-siorruidheachd. Cha-n’eil srad grais a tha e ‘comh-pairteachadh anns an t-saoghal nach ‘eil a’ toirt air an anam bhi ‘g amharc ris fein airson a chumail suas. Mar sin tha an t-anam mar naoidhean air ur-bhreth ag iarraidh bainne fiorghlan an fhocail. Bidh e mar sin tre’n t-siorruidheachd cho cinnteach ‘s a tha iad an crochadh airson na beatha nadurra. Gheibh na naoimh e ann am bithbhuantachd mar thobar beatha agus tha iad mar naoidheanan air an ur-bhreth ag iarraidh a’ bhainne fhiorghlóin chum ‘s gu’m fas iad leis. Gu’n tigeadh anam gu drap a dh’ aithne air Críosd anns an t-saoghail tha sin ‘ga ulluchadh airson gloir.
‘Se Críosd bainne fiorghlan an fhocail do bhrigh an daimh anns am bheil e do’n anam agus ‘se so tobar gach comhfhurtachd spioradail. Tha nadur an duine aig an Fhear-shaoraidh. Mar an dara pearsa tha e ionnan ris an Athair ann a oirdheirceas neochruthaichte ach ‘na dhaonnachd ‘se cnamh dhe’n cnamh e, anam dhe’n anam-direach nadur na daonnachd-mar sin deirear ris an Dia-duine air chor ‘s gu’m feud creutair peacach tighinn dluth do Dhia ‘na nadur fein. Dh’ fheudamaid a radh gu’n do rinn Dia buadhan na Diadhachd anmhunn do’n anam. Cha bu chomasach creutairean ‘an sealladh sin de Dhia a bh’aig an duine ‘na cheud staid a ghiulan. Dh’ fheumadh iad Dia a thighinn anns an fheoil mu’n biodh e ‘na comhfhurtachd dhoibh. Chan’eil foillseachadh a thug Dia dheth fein anns an t-saoghail nach robh air a’dheanamh freagarrach ri anmuinnachd ar naduir: agus ma fhuair thusa aithne air Dia mar chnamh dhe do chnamh fhuair thu ann an sin bainne fiorghlan an fhocail. Tha buadhan anns a’ Mhorachd tha ‘nan teine caithemh, seadh bhiodh an Trocair fein sin mur deanadh Dia i freagarrach ri nadur an anama.
Feudaidd sinn bainne fiorghlan an fhocail a radh ri Críosd do bhrigh na reite a rinn e eadar Dia agus an duine. Thug an duine oilbheum do Dhia. Tha fad-fhulangas Dhia do’n t-saoghail ‘na iongantas do na h-ainglíbh. An la a bhios sin air ‘fhosgladh ann am fhoirfeachd bidh e ‘na iongantas do’n chruitheachd. Thusa, a theid a dh’ ifrinn cha bhi iongantas air naoimh no air aingliph gu’m bi thu an sin. Thug an duine oilbheum do Dhia agus dhuisg sin fearg ann an Dia a tha ‘g eiridh o ghaol da fein, d’a mhaithneas, agus cha bu chomasach Dia bhi ann an reite ris an duine as eughmuis dioladh d’a cheartas. Faic righ talamhaidh, an dean ni reite eadar e agus righ eile ach riarachadh airson an oilbheum? O pheacaich, sguir dheth, sguir dheth, cha riarach ni ceartas ach bas agus cha riarach a h-uile seorsa do bhas ceartas Dhe. Cha dheanadh an duine a bhi ann an ifrinn gu siorruidh ceartas a riarachadh. B’ aithne do Chriosd sin agus dh’ irioslaich se e fein agus ghabh e nadur na daonnachd chum ‘s gu’n deanadh e riarachadh airson peacaidh ‘s gu’n deanadh e reite eadar Dia agus an duine. An d’ fhosgail e sin duitsa? Ma thug e dhuit beachd spioradail air fhuair thu ann an sin bainne fiorghlan an fhocail. Dh’ eadar-mhinich e do na deisciobluibh a’ dol gu Emaus as na sgiobtuirbh uite na nithcan m’a thimchioll fein; agus bha iadsan ann an sin mar naoidheanan air an ur-bhreth a’ faotainn bainne fiorghlan an fhocail agus fhuair iad beatha ann an sin.
Feudar bainne fiorghlan an fhocail a radh ris an Fhear-shaoraidh do bhrigh gur e tobar a’ mhaithneans. Cha-n’eil maithenas dealaichte ri Criosd. Ma’s maith leatsa maith-eanas fhaotainn, thig a dh’ ionnsuidh Chriosd, “Anns am bheil againn,” deir an t-Abstol, “saorsa tre ‘fhuil-san eadhon maithenas nam peacadh.” Cha-n’éil ni a dh’ uraicheas an t-anam cosmhuil ri maithenas, is e bainne fiorghlan an fhocail e agus tha tobar maithneans ann an Criosd. ‘S iomadh aon ‘a fhuair maithneans anns an t-saoghal agus ‘s ann an Criosd a fhuair iad uile e, mar a ta e ag radh ann an aite eile, “bheir e maithneas gu pailt” is mar a thubhaint an t-Abstol, “bha gras ar Tighearna thar tomhas ro phaillt dhomh maillle ri creidimh agus gradh a tha ann an Iosa Criosd.” Anam bhochd, ma bheanas an Tighearn riut cha bhi la a dh’ eireas tu nach bi feum ur agad air maithneans. Nis ciod e an tobar a chumadh ris an fheum sin? Ach o! tha maithneans ann an Criosd mar a ta uisge anns an tobar agus gheibh an taghadh bithbhuann e mar sin ‘na thobar neochaochluidheach gu siorruidh. Ma gheibh thusa mar sin gu e cinnteach bidh agad ann an sin bainne fiorghlan an fhocail.
Feudaidh sinn a radh gur e am Fear-saoraidh bainne fiorghlan an fhocail do bhrigh gur ann annsan a bha an run siorruidh mu’n t-saoghal so gu bhi air a choimhllionadh. Faiceamaid an run siorruidh air a choimhllionadh ann an slainte shiorruidh an anama agus bidh againn ann an sin bainne fiorghlan an fhocail.
Tha arduachdaranachd ann an Dia gu’n runaicheadh an Dia siorruidh gu’n irioslaicheadh an dara Pearsa e fein cho’mor ‘s gu’n gabhadh e nadur na daonnachd agus anns an nadur sin gu’m biodh peacaidhean an naduir sin air am meas da, ‘s gu’m buineadh ceartas ris airson nam peacaidhean sin. Mo chairdean, mu’n smuainicheadh aon de na h-ainglibh air sin smuainicheadh e gu’m biodh e’ caillte. Ach ann an so tha arduachdaranachd na Morachd a’ dealradh agus ann an so tha sinn a’ faicinn mar a ta e gu h-arduachdaranail a’ meas a thoillteanas fein do chreutairean paeacach. An t-anam a gheibh sin gu cinnteach b’ aig ann an sin bainne fiorghlan an fhocail.
Tha gaol ann an Dia. Nam faiceamaid pèanasachd peacaidh ann an ifrinn chiomaid gaol Dhe dha fein, d’a bhuadhan ach cha-n ann do’n duine. Ach ann an Criosd chi sinn a ghaol cha-n ann a mhain da fein d’a naomhachd ach mar an ceudna a ghaol do’n anam. Bha gaol Dhe do’n anam fó’n t-seann Tiomnadh air ‘fhoillseachadh anns na h-iobairtean a bha ‘ga chumailsan a mach a shonraich Dia ‘na iobairt reitich tre creidimh ‘na fhuil chum ‘fhireantachd fhoillseachadh le maithneas nam peacadh a chaidh seachad tre fhad fhulangas Dhe. ‘Sann am bas Chriosd a tha buadhan na Morachd a’ comhlachadh a cheile (‘s beannaichte an t-anam d’am fosgail Spiorad nan gras e), tha buadhan Dhe mar gu’m b’ eadh air an dealachadh, agus ‘s iomadh peacach bochd a bha fada mu’n robh sin air fhosgladh dha, cionnus is urrainn Dia a bhi ceart agus mise bhi air mo inhatheadh. Ach ann am bas Chriosd chi thu a h-uile buaidh a ta ann an Dia air an glorchadh. Tha trocair ann an Dia ach cha-n ann air chosd a cheartais. ‘Tha e neochaohlach ann an ceartas, neochaohlach ann an naomhachd. Ach cha-n’eil buaidh anns a’ Mhorachd nach fheud ann am bas Chriosd bhi mar iocshlainte do’n anam ann an Criosd.
Bha maitheanas peacaidh anns an run shiorruidh. Ach ‘s ann tre Chriosd a’ bha sin gu sruthadh a dh’ ionnsuidh an anama. ‘S iongantach sin a h-uile bagradh a labhair Dia ‘na fhocal a’ tionndadh air taobh an anama’ agus a’ tighinn gu bhi ‘nan geallaidhean da. Gus an tig an t-anam gu so cha chomasach e air comhfhurtachd a ghabhail: ach ann am bas Chriosd feudaiddh e so fhaotainn. Cha-n iarr ceartas riarachadh o’n anam agus o Chriosd. Cha-n’eil bagradh a tha ann am focal Dhe nach ‘eil ann am bas Chriosd a’ tionndadh air taobh an anama ann an Criosd. Ann an so a nis cha-n’eil ni a dh’ uraicheas an t-anam cosmhuil ri maitheanas: an t-anam fo eagal roimh Dhia cha-n’eil ni a dh’ uraicheas e cosmhuil ris na h-eagalan sin bhi air an togail deth agus nach do choisinn Criosd sin? ‘S e so cuid de’n aoibhneas a chuireadh roimhe gu’m biodh na h-eagalan sin air an togail dhe cuspairean a ghraidh mar thoradh a bhais. Cha-n’eil ni a chumas millseachd am an croisean an t-soaghail cosmhuil ri faireachadh air maitheanas. Cha-n e sin a mhain ach ‘s e Criosd a tha ‘gan gleidheadh ann am fabhar Dhia. ‘S e gu bheil Criosd anns a’ chuilt tha ‘gan cumail ann am fabhar Dhe agus a’ toirt dhoibh “drapán” de chomhfhurtachd anns an t-soaghal. ‘Tha de thruaillidheachd eadhon ‘nan urnuighean ‘s gu’n dealaicheadh i iad gu siorruidh ri Dia. Gu bheil an t-anam air a ghleidheadh ann am fabhar na Morachd ‘s e ‘th’ann toradh na h-eadar-ghuidhe. ‘Bheil an t-anam a’ faighinn “drapán” a dh’ aithne air sin? Ma tha nach ‘eil aig ann an sin bainne fiorghlan an fhocal?
‘S e Criosd tobar nan nithe a tha coinmcheangailte ri sin, an iomhaigh air a toirt air ais, an fhireantachd, an naomhachd, ‘s ann an Criosd a tha sin ri fhaotainn. Cionnus a shealbhaicheas sinn Dia? Nach ann annsan? Ma ta nach fheud sinn a radh ris bainne fiorghlan an fhocal?
Dh’fheudadh bainne fiorghlan an fhocal a radh ri geallaidhean an t-soisgeil. Cha chomasach naoidheanan air feume a dheanamh dhe biadh laidir mar muinntir a thainig gu laithean. Thug Spiorad Naomh nan gras ma ta am focal freagarrach do na h-uile cor. ‘Nuair a ta creutair air a thoirt beo gu spioradail tha e iomadh la a’ tarruing comhfhurtachd o ‘fhaireachadh an aite a bhi ‘ga tarruing o’n Tighearn is o ghairean saor an t-soisgeil. An creutair gun ghras aig am bheil briathran tha e riarachta leo; cha-n aithne dha comhfhurtachd, tha e fo dhruidheachd spioradail. “O Ghaltianacha amaideach, co a chuir druidheachd oirbh?” Ach ‘nuair a gheibh an t-anam grasmhor aignean blath ann an urnuigh saoilidh e gu’m faigh e trocair; ach co luath ‘s a tha sin air falbh tha esan ‘s a pholl far an robh e roimh. Nis ann an so feudaiddh sinn a radh gur e geallaidhean an t-soisgeil bainne fiorghlan an fhocal.
Oir cha-n e faireachadh an anama ach gairmean an t-soisgeil a ta ‘toirt coir air Críosd. Thug an Cruithear gairmean an t-soisgeil iongantach iosal. “Ho! gach neach air am bheil tart, thigibhse chum nan uisgeachan, agus esan aig nach ‘eil airgiod, thigibh, ceannachibh gun airgiod agus gun luach fion agus bainne.” “An ti a thig am’ ionnsuidh cha thilg’ mi air chór air bith a mach e.” “Is i so toil an Ti a chuir uaith mi gu’m biodh a’ bheathá mhair-eannach aig gach neach a chì am Mac agus a chreideas ann.” Oh! co iosal ‘s a tha am Fear-saoraidh a tighinn ann an gairmean an t-soisgeil. “Seallaibh riurnsa agus ‘bithibh air ‘ur tearnadh uile iomalla na talmhainn, oir is mise Dia.” Tha so aig a’ chreutair cho fad tha ‘s a tha corp agus ariam ceangailte ri cheile.
‘S e obair an Spioraid Naoimh bhi ‘fosgladh saorsa gairmean an t-soisgeil agus is priseil sin saorsa tairgseán an t-soisgeil do na h-uile creutair fo na neamhan. Mo chairdean, chuireadh an t-anam feum air gu’m faiceadh e ann am bas Chríosd na dheanadh reite airson peacaidhean an t-saoghail uile. Cha-n’eil teagamh nach fhaca ceartas sin. Feudaidh mi a radh gu ‘n do chuir ccartas peacaidhean an taghaidh agus bas Chríosd ann an sligibh agus ‘s e gu ‘n do chothromaich toillteanais Chríosd iad a tha ‘toirt saorsa do’n anam. Biodh sin a’ fhosgladh dha agus gu cinnteach bidh aig ann an sin bainne fiorghlan an fhocail.
Faiceadh an t-anam an tobar o’m bheil sin a’ sruthadh; ‘s e gu’m faic e sin a dh’ uraicheas e. Tha an aon toil ann an tri Pearsaibh na Diadhachd Dh’ eirich e o’n ghaol a bha ann an uchd Dhe gu bheil tairgse trocair do’n t-saoghal ann. Faiceadh an t-anam sin agus gu cinnteach bidh aige ann an sin bainne fiorghlan an fhocail Nach ‘eil gloir na Morachd ceangailte ri ‘fhocal fein? Faigheadh an t-anam drap a dh’ aon ta ri sin, nach do labhair an Tighearn focal riamh nach ‘eil a ghloir ceangailte ris. “An ti a chreideas anns a’ Mhac tha a’ bheatha mhaireannach aige.” “Tridsan tha gach neach a chreideas air a shaoradh o na h-uile nithibh o nach robh e an comas dhoibh bhi air an saoradh le lagh Mhaois.” ‘Nuair a tha an Spiorad Naomh a’ mineachadh so do’n anam bidh aig ann an sin bainne fiorghlan an fhocail.
Dh’ fheudamaid bainne fiorghlan a radh ri focal glan Dhe gun mheasgadh. Tha sinn a’ leughadh air “orduighean, aitheartan, agus teagasgan dhaoine.” Ach cha-n e sin focal glan Dhe. ‘S iongantach sin aon a’ gabhail ri focal lom Dhe le, “mar so deir an Tighearn.” Tha sgriobhaidhean priseil ach cha-n ‘eil sgriobhaidh air bith cosmhuiil ri focal Dhe. ‘S e ‘fhocal-san smior a’ chruthnheachd. Ach tha sin a’ gabhail a stigh iarrtus tighinn fo chumhachd an fhocail. Tha sinn a’ leughadh air “armachd,” “ar n-airm chogaidh cha’n fheolmhor iad ach cumhachdach o Dhia chum daignnichean a’leagadh, a thilgeadh sios reusonachaidh agus gach ni a dh’ ardaicheas e fein an aghaidh eolas Dhe.” Cionnus a bhios sin deanta ach direach leis an anam bhi air a thoirt fo chumhachd focal Dhe. Feudaidh solus moran a dheanamh ach ‘s e so a sheasas siorruidheachd. “Curidh mi mo reachd ‘nan taobh stigh agus sgriobhaidh mi air an cridheachan e ‘s bidh mise dhoibhsan a’m Dhia agus bidh iadsan dhomh-sa ‘nam pobull,” agus “bidh eolas aca ormsa uile o’n neach a’s lugha gus an neach a’s mo dhiubh’, deir an Tighearn.” Ann an so thig an t-anam gu bhi comasach air eadardhealachadh a dheanamh agus cha croch e air breitheanas duine. Cha d’earb Criosd e fein ri duine. Cha teid aon duine gu caithir breitheanais airson duine eile. An t-anam nach ‘eil dall, cuiridh e eadardhealachadh agus cha croch e air ni ach air bainne fiorghlan an fhocal. Oir, arsa an t-Abstol, “is marth an ni an cridhe bhi air a dhaingneachadh le gras cha-n ann le biadhaibh nithe nach d’ thug tairbhe do’n dream a ghnathaich iad,” oir bha iad “air an giulan mu’n cuairt leis gach uile ghaoith teagaig,” mar a bha Israël. ‘Nuair a bha righ diadhaidh ann bha iadsan diabhaidh cuideachd: ach ‘nuair a chaidh an righ air seacharan chaidh iadsan air seacharan cuideachd. Tha an saoghal mar sin an diugh: cha-n’eil spiorad an eadardhealachaidh aca ‘s tha iad “air an giulan mu’n cuairt leis gach uile ghaoith teagaig le cleasachd dhaoinne.” Ach lub an t-anam grasmhór leis a h-uile ni. ‘S e sin a dh’ fhagus e fosgailte do gheurleanmhuinn: ach ‘s ann mar sin a thig e gu bhi ‘na phost ann an teampull a Dhia. ‘S e a bhios aige “Is lochran d’ fhocal do mo chois agus solus do mo cheum.” Oh! ciod e an t-sith a bheir sin do’n anam a’ toirt aghaidh air saoghal nan spiorad! Ach oh! ciod e sin aon a’ dol a stigh do’n t-siorrudheachd ‘na mheall dorchadais!