Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1903 » January 1903 » Earail gu dunadh ri Criosd: A chuid mu dheireadh de leabhran—An Slanuighear a dh’ fhuiling—leis an Urr. Ian Donullach a bha ‘n Calcutta

Earail gu dunadh ri Criosd: A chuid mu dheireadh de leabhran—An Slanuighear a dh’ fhuiling—leis an Urr. Ian Donullach a bha ‘n Calcutta

AON uair eile, a leughadair ghradhaich, tha mi air mo ghairm gus an trompaid airgid a chur rim’ bheul agus fuaim rabhaidh a sheideadh. On sgiobh mi a’ chuid eile de’n leabhran so chunnaic mi leanaban a’ tighinn gu bhi ‘nan oige, an oige a’ tighinn gu lan ire, daoine a bha ‘nan lan ire a’ liathadh, agus an aois a’ sleamhnachadh sios do’n uaiigh. Aon ni chunnaic mi amanta sin uile, am Fear-saoraiddh air a chur air chul agus slainte ‘na ainm gu taireil air a tilgeadh air falbh. Theagaig mi anns an teaghlach agus anns an sgoile shabaidd: shearmonaich mi anns an Eaglais Chriosdail: chuir mi an ceill ainm Chriosd air sraidean ceanna bhaile an t-soaghail: chaidh mi o’n mhinistreileachd anns an Roinn-Eorpa gu bhi a’m’ mhisionaraiddh anns na h-Innseachan agus tha mi nis re uine a’ m’ chomhnuidh ann an caithir shonruichte an t-soisgeil anns an Aird an ear: chuala mi an fhirinn bu chumhachdhaiche agus chunnaic mi an t-aideachadh a b’ airde: gidheadh anns a h-uile aite chunnaic mi blàth curam an anama ‘ga mhilleadh le aon olc, coltas gealltanach air dearbhadh peacaidh air a chnàmh air falbh le aon chnàmhuinn, ‘s e an t-olc sgaoilte sin agus an cnàmhuinn marbhtach sin dail. Their clann agus oganaich, daoine agus seanairean mar aon, “Imich romhad aig an am so, ‘nuair a gheibh mi am a’s freagaiche, cuiridh mi fios ort,”

Am faic thu an seann saoghaltach sin fo fhrionas a’ smeurachadh ann an dorchadas a’ bhàis. Imich, ‘s abair ris, “C’uime am bheil thu ‘g ad’ sharuchadh fein mar sin?” Ann an cagar a’ bhàis tha e ‘freagairt, “Tha e tuilleadh is anmoch—tuilleadh is anmoch, rinn mi dail, tha mi tuilleadh is anmoch.” Mar sin tha e ‘basachadh.

Crom thairis air an duine laidir sin a tha air ur-thuiteam air: do shraid le bàs obann. Lub do ghlun ri ‘thaobh ‘m feadh ‘s a tha e a’ glugraich a mach na h-analach mu dheireadh de’n bheatha a chaith e ann an sannt, dean cagar ciuin ‘na chluais, “C’airson a tha thu ag acain? Feuch am Fear-saoraiddh a dh’ fhuiling! Dean eigh ris.” Greimich a nis air a bhriathran deireannach—”Oh! an dail a rinn mi—an damnadh a thoill mi. Tha mi caillte gu sioruidh.” Mar sin tha esan cuideachd a’ basachadh.

Imich, dean suidhe gu caoimhneil ri taobh leabaiddh na basmhorchd air am bheir an t-oganach caithte sin a’ faghaill bàis. Tha a shuilean domhainn ‘na cheann is tha iad fathast suidhichte air a’ ghrein a’ dol fodha, ag ol a stigh a sheallaidh dheireannaich de ghloir mi h-iarmailt. Gabh a lamh bhog ‘nad laimh is abair ris gu seimh, “Oh, oganaich, c’uime a tha thu cho bronach is thu cho anmhunn? Nach ‘eil Grian ann ni’s fearr na sin? Nach ‘eil e air a radh, “‘S e Dia an grian?” An urrainn thu a bhriathra mu dheireadh a thogail? “Smuainich mi—bha mi an dochas—runaich mi—gheall mi—ach tha sin seachad—air falbh—caillte—cha-n urrainn mi a nis—cha-n urrainn a chaoidh—tha mi ‘dol fodha—tha mi an dorchadas—gun ghrian—seadh, gun ghrian. Dàil—dearmad—oh! ‘s e sin mo sgrios—Ah! Dhe—tha mi caillte”—Agus mar sin tha esan mar an ceudna a’ basachadh. Oh! mo leughadairean, ‘s iad sin, ‘s iad sin seirbhisich na dàil agus ‘s e sin an duais aig a’ cheann mu dheireadh.

Tha mi nis ‘nad lamhaibh gu do chur air d’ fhaicill o’n olc so. Tha mi ‘g am fhaireachadh fhein mar nach b’ urrainn mi dealach, adh riut gus an gabh thu Criosd mar do Thighearn ‘s gu’m faigh thu slainte ann. Cha-n ‘eil mi ‘gad fhaicinn, feudaidh bith nach bi eolas a chaoidh agam ort, ach a nis anns na briathraibh so tha mi a’ labhairt riut, agus mar a uchd Chriosd guidheam ort nach caill thu uine, nach dean thu dàil ach gu’m bi thu air do shaoradh a nis, ma’s miann leat, uair air bith, gun thu ‘bhi air do dhamnad.

Aithreachas gun dàil, creidimh gun dàil, iompachadh gun dàil ri Dia tre Chriosd a chaidh a cheusadh, ‘s iad sin gun dàil do dheasdanas agus dearmad air an dheasdanas so ‘s e sin gun dàil do chionta. Cha dean e feum sam bith dhuit a radh, “nach urrainn thu na nithe sin a dheanamh gun ghras Dhe.” Cha-n e gras is aobhar do dheasdanas; oir tha dheasdanas ann roimh gras, ‘s cha-n ‘eil e ‘n crochadh air. Tha thu fo fhiachaibh gu aithreachas a dheanamh, agus a bhi air d’ iompachadh, a chionn gu bheil Dia ‘ga iarraidh, ged nach robh Slanuighear no slainte air bhi ann riamh. Tha am fear, a tha ‘tagradh cion grais mar a lethsgeul airson nach geill e, a’ taisbeanadh gu bheil e de’n aireamh leis nach àill pilleadh agus feumaidh e am bàs-san a bhasachadh, gun leigheas.

Nach ‘eil thu a’ d’ pheacach a nis? So rud nach aicheadh thu. Nach ‘eil thu fo bhinn ditidh a nis? Nach ‘eil fearg Dhe cho cinnteach a lathair ris a pheacadh? Mar sin nach ‘eil thu a cheana ann an cunnart a bhreitheanais? Agus am bheil mionaid ann nach fheidh thu ‘dol a dhith gu bith-bhuan? Nach ‘eil do bheannachdan a cheana air am mallachadh? Nach ‘eil thu ‘fair-eachadh a nis ann an doillead do shùl, ann an cruas do chridhe, roimh-ruithearan a’ bhàis shiorruidh? C’airson ma seadh a ni thu dàil?

Nach ‘eil an Tighearn Iosa Criosd a nis fein ‘na Fhear-saoraidh? Nach ‘eil ‘iobairt croichnaichte agus ‘eadar-ghuidhe an deigh toiseachadh? Nach ‘eil e beo a nis? Nach urrainn e tearnadh a nis? Nach ‘gabh e riut a nis? Nach ‘eil e da rireadh a’ tearnadh moran de pheacaich air an talamh so a nis? Am feadh ‘s a tha thusa ri dàil, nach ‘eil feadhainn eile a’ tighinn d’ a ionnsuidh, eadhon a nis? Agus nach tig moran tuilleadh d’ a ionnsuidh an diugh, am maireach, agus a h-uile la an deigh so gus an tig am peacach mu dheireadh agus am bi gach uile “a nis” air a lionadh suas? Agus c’uime a reisd an dean thusa dàil ann an tighinn gu Criosd?

Nach ‘eil an soisgeul, a ‘s e teachdaireachd gradh Chriosd dhuit, fior a nis? An urrainn e uair sam bith a bhi ni ‘s firinnich na tha e? Nach ‘eil e coimhlionta agus suidhichte? Ciod air bith a bha e riámh do muinntir eile nach ‘eil e sin duit-sa nis? An ni a bhios e gu deireadh an t-saoghail nach ‘eil e sin duit-sa an ceart uair? An urrainn e uair air bith a bhi ni’s grasmhoire no ni’s saoire na tha e nis? An urrainn e uair air bith tighinn ni’s fhaigse ort na tha e tighinn an ceart uair? An urrainn uair air bith am barrachd ughdarrais a bhi ann air na th’ann a nis? Am feud uair air bith tuilleadh de Dhia no de Chriosd no de’n Spiorad a bhi ann na th’ann a nis? Cha dean gu bràth, ged a bhiodh tu beo mile bliadhna. Cha-n eil atharrachadh a’ tighinn uair sam bith air an t-soisgeul, c’uime, ma seadh, an cuir thu dàil ann an gabhail ris?

Nach a creidimh an t-aon ni a nis a dh’ fheudas e bhi am feasd? Nach e an aon fhirinn a dh’ fheumar a chreidsinn? Nach e an t-aon anam an diugh agus an deigh so a dh’ fheumas an t-aon ghniomh creidimh a ghniomhachadh? Nach e an aon tuigse a dh’ fheumas tuigsinn, an t-aon chridhe a dh’ fheumas gabhail, am aon choguis a dh’ fheumas geilleadh an dearbh aon phearsa a dh’ fheumas a bhi air ‘iompachadh a nis agus an deigh so? Tha an fhirinn a tha lathair ag agairt creidimh a bhi lathair: tha an gras a tha lathair ag agairt a bhi air a gabhail ris air ball; direach mar a tha an lagh a tha lathair ag agairt umhlachd bhi lathair agus am breitheamh bhi lathair ag agairt breitheanas a bhi lathair. Nach ‘eil e mar sin? Ma tha thu a’ cur romhad creidsinn agus bhi air d’ iompachadh an ceann bliadhna nach feum thu sin a dheanamh anns a’ cheart rathad anns an coir dhuit a nis? C’uime, ma seadh, an cuir thu dàil ann an creidsinn agus ann an deanamh aithreachais?

Nach ‘eil am peacadh a lathair ‘nuair a tha dàil a lathair. Ma tha ni mar fhiachaibh orm a nis, gun an ni sin a dheanamh a nis, ‘s e sin gun mo dhleasdanas a dheanamh a nis, ni a tha ‘na pheacadh. Mur ‘eil ni mar fhiachaibh orm a nis, is cinnteach nach e dàil a th’ ann, nach dean mi e a nis; agus mar sin cha-n ‘eil aite aig peacadh; ‘s e gu bheil dleasdanas a lathair a tha a’ deanamh dàil ‘na peacadh. Ma ‘s e ‘s gur coir dhomh creidsinn a nis is aithreachas a dheanamh a nis, agus nach dean, tha mi nis ciontach. Cha seas ruinean air son an am a tha ri teachd aite a’ ghniomh anns an am a tha lathair: ‘s e th’annta, gu dearbh, sinn a bhi ‘diultadh ar dleasdanas a choimhlionadh gus an tig an t-am sin a roghnaich sinn fein, agus am fear a ni dail car uine tha e gu toileach a’ peacachadh re na h-uine sin. Ma tha thu ‘cur romhad a bhi air d’ iompachadh tha sin ‘ga nochdadh gu bheil thu ‘ga mheas mar dhleasdanas anns am bheil thu cunntachail; ma tha thu ‘cur dàil ann, tha sin ag innseadh gur docha leat buanachadh ann an staid neo-iompaichte; mar sin is breitheamh thu ort fein, is tha thu ‘gad dhiteadh fein de pheacadh a bhi lathair agad. Ma’s peacach thu cha choir duit aon cheum a ghabhail ni’s faide ach air ball pilleadh is creidsinn ann an Criosd le d’ uile chridhe chum slàinte. C’airson an cuir thu peacadh spioraid neo-aithreachail anns an am a ta lathair ri d’ aingidheachd anns an am a chaidh seachad? C’uime an dean thu dàil gu toileach ‘nuair is e peacadh a th’ ann an dàil.

Ma tha as-creidimh a lathair tha e ‘cosnadh diteadh a bhi lathair oir “an ti nach creid tha e air a dhiteadh cheana;” ach ‘s e as-creidimh a th’ ann an dàil agus marsin aite sam bith am bi i tha i ‘cosnadh ditidh. Fhad ‘s nach pill duine ri Dia tre Chriosd tha e ‘seulachadh na binnditidh, fo’m bheil e, le binnditidh as ùr a chur rithe. Uime sin tha mallachd an duine, mar pheacach, ‘g a charnadh suas a h-uile mionaid agus tha a dharnadh a’ dublachadh gun chrich, fhad’sa ni e dàil ann an tighinn gu Criosd agus a ghabhail mar a Thighearn. Oh gu’n gabhadh daoine beachd air a’ chunntas a’s urrainn iad a thoirt, eadhon dhoibh fein, aig a’ bhàs, anns a’bhreitheanas, ach gu h-araidh anns an t-siorruidheachd, ‘nuair a gheibh iad a mach, leis an innleachd bhochd so, eadhon dail, gu’n d’ thug iad iad fein gus an sgrios a’s iochdaraiche ann an ifrinn. An sin feumaidh an toil-inntinn a thug an dàil dhoibh ri am dhoibh a bhi beo tighinn gu bhi ‘na pianadh leanailteach dhoibh anns a’ bhas shiorruidh.

Agus ciod e an lethsgeul a’s urrainn thu tagradh airson a leithid de dhàil? Tha an soisgeul air a chur do d’ ionnsuich mar a tha thu nis—cha-n ann mar a bha thu aon uair no mar a bh’ feudhas thu bhi fathast. ‘S e an aon chumha, gu’n gabh thu ris, gu’n gabh thu ris gu saor, gu’n gabh thu ris air ball, gu’n gabh thu ris gu pearsanta, gu’n gabh thu ris gu toileach. “Eisdibh, agus mairidh ‘ur n-anam beo. ‘S ann ris an ni. a tha thu a tha suil aig an t-soisgeul annad. An ni air am bheil feum agad, ‘s e sin a tha an soisgeul a’ tairgseadh. Ma s’e, mar sin, ‘s gu’m fuirich thu a’ cumail a mach nach ‘eil thu maith gu leor, no ag iarraidh fàs nì’s fearr an toiseach cha-n ‘eil ann ach fein mhealladh, agus breug an aghaidh an t soisgeil. ‘S e an obair a’s fearr a’s urradh dhuit a bhi agad gu’n creid thu nis ‘s gu’m pill thu nis agus as eugmhais so cha-n ‘eil ach an tuilleadh ditidh anns a h-uile ulluchadh ma’s fhior a tha thu ‘deanamh. Seadh an aite thu bhi ‘cosnadh agus a’ fàs nì’s fearr le dàil tha thu ‘call agus a’ fàs nì’s miosa. Tha do chridhe a’ dol ‘nì’s cruaidhe, d’ inntinn a’ fàs nì’s duirche, do pheacadh a’ meudachadh, d’ uine a’ giorrachadh, d’ uallach a’ dol nì’s truime, do ghradh a’ lughdachadh, d’ eagal a’ fas, neamh nì’s faide as, ifrinn nì’s faigse, Dia nì’s feargaiche, an Spiorad nì’s mo air a bhrosnachadh, am Fear-saoraidh nì’s duille fhaicinn, an soisgeul a’s lugha druidheadh ort, ministearan nì’s anmhuinne, cairdean a’ fàs nì’s mi-mhisneachaille urnuigh a’s lugha dûrachd, am freasdal a’s lugha feireachadh air, an saoghal a’s treise, an fheoil nì’s millse, Satan nì’s cumhachdaiche agus suain chodail an dara bais, eadhon am bas siorruidh a tha faisg air laimh, a fàs nì’s trice agus nì’s buadhaiche. An sin bi am focal sin air a choimhlionadh, math dh’ fheudta, “Ni mise gaire ri ‘ur sgrios, ni mi fanoid ‘nuair a thig ‘ur-n eagal oirbh. Gairmidh sibh orm, ach cha fheagair mi.” A leughadair, “bheil sin air a chiallachadh dhuitsa? Ciod e am fios a th’ agadsa nach fheud e bhi?

Eirich, teich, tha an t-slighe romhad, cum direach romhad ach dean cabhag, oh! dean cabhag, dean cabhag. Feuch caithir nan gras an sin Feuch an t-Eadar-mheadhonair sin fà combair le fuil a’ chrathaidh. Seall, ‘s e Fear-tagraidh a th’ aan—ag eadar-ghuidhe airson luchd-eusaontais. Theirig far am bheile ‘nad chridhe, cuir aireamh do pheacaidhean ‘na laimh. Seall mar a tha e ‘gad fhailteachadh le gradh nach gabh bhi air a chur an cainnt, gabh ri crathadh ‘fhola air do choguis. Nise tog suas do shuilean, an Ti a tha na shuidhe air an righchaitir, do-fhaicsinneach, ‘s e an t-Athair siorruidh. An Ti a threoach thu gus an righ-chaitir so, ‘s e an Spiorad beannaichte, an Comhfhurtair. An Ti aig am bheil greim fear-daimh air do laimh an lathair na caithreach, ‘s e Iosa an Slanuighear a dh’ fhuiling; agus am beannachd a tha nis a’ sruthadh a mach do d’ ionnsuidh o’n righ-chaitir ‘s e ‘th’ ann slainte shaor, iomlan, air ball agus gu siorruidh.

O Thighearna Dhia gu’n deonaicheadh tu do luchd-leughaidh an leabhraín bhig so a leithid so de ghras a dh’ ionnsuidh na beatha mairennaich Guidheadh mo leughadair gradhach ag ràdh amen agus amen.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice