Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1903 » May 1903 » 3s e Criosd na h-Uile

3s e Criosd na h-Uile

LE TOMAS UILCOGS.
(Continued from page 465.)

THA na Sgriobtuirean agus faireachadh dhaoine diadhaidh a cur an céll, nach ‘eil comas toile, no cunhachd modhannail aig an duine nádurrea air creidsinn, pilltinn ris, no gairm air Dia ann an Criosd. Is e tearmunn an duine saor-ghràs (Eoin vi.; 1 Cor. ii.; Rom. viii. 7). Bithidh gach dúil bho nádur air a sgrios gu luath, ann an cridhe an duine aig an robh cochomunn spioradail ri Iosa Criosd, a chuir feum air co-chur airidheachd-san, agus striochdadh dha fhireantachd san. Tha Criosd sna h-uile seadh na neach ro ghloirmhoir air son gun tuigeadh nádur e,—tha Criosd cho neo-chriochnach naomha, is nach dana le nádur amharc air; cho neo-chriochnach, maith, is nach urrainn nádur fuidh shealladh peacaidh a chaoidh a chreidsinn. Tha Criosd ro árd, is ro ghloirmhoir, air son gu’n deanadh nádur urrad is beantuin ris. Feumaidh nádur dhiadhaidh bhi air a chur san amam, chum is gu’n deanadh e greim air-san tha cho neo-chriochnach as a shealladh. An Criosd sin ris an urrainn an duine nadurra gabhail, is Criosd e dheth a dhealbh féin, cha’n e Criosd an Athar, cha’n e Iosa Mac an Dé bhéo, neach a dh’ionnsuidh nach d’thig aon duine mar bi tarruing an Athar air (Eoin vi. 44, 45). Ránnsaich na Sgriobtuirean gach aon la, mar mhéin òir, far am bheil cridhe Chriosd ri fhaicinn (Eoin v. 39). Dean faire an aghaidh nam peacaidhean dha’m buailtich thu (Salm lxxix. 5), faic iad nan gráinneileachd is cha bhris iad a chaoidh a mách ann an gniomh. Gléidh a ghnáth, fonr irosal, falamh, briste chridhe, mothachail air gach teachd gearr spioradail a tabhairt fa’near gach gluasad o’n leth a stigh, ullamh air son na fiosraichidhean is áirde de ghràs. Na gleidh cionta sa chóguis, ach dean feum do dh’fhuil Chriosd gun dáil. Tha Dia a cur dhachaidh ort, peacadh is cionta, chum gun amhairceadh tu ri Criosd an nathair umha.

Na ceangail do bhréitheanas mu ghràs Chriosd ri freasdanam, ach ri geallaidhean (Salm lxxiii.; Eabh. xi. 1; Eccles. ix.). Tabhair cliu do Dhia air son do chrathadh bharr bunaithean meallta, agus air son rathad sam bith, anns am bheil e cumail an anama ‘na dhùisg, is feumach air Criosd. Is fearr a bhi ann an tinnéas is ann am buaireadh, no ann am fois feoilmhoir is an sith mheallta. Tionndaidhidh spiorad eutrom gu bhi na spiorad diomhain, a ghleidheas a phacadh is cleachdadh na h’urnuigh. Is e spiorad eutrom plágh an aideachaidh. Mar bi e air a bhuntuinn le ffreumhan as a cridhe, le amharc a ghnáth, is gu durachdach ri Criosd ann an dleasdanasaibh fasaidh e ni’s treise, is ni’s marbhtaiche le bhi fuidh mheadhonan na ngràs. Na tomhais do ghràs-sa le gràs muinntir eile, ach le na Sgrobhtuirean. Bi dúrachdach is cùramach ann an dleasdanasaibh le an cudthrom air do chridhe; ach bitheadh e na aobhar eagail co mòr dhuit comhfhurtachd a tharruing bho do dhleasdanasan ri a tharruing bho do pheacaidhean. Tha comhfhurtachd a laimh sam bith, ach a laimh Chriosd marbhtachd. Bi tric ann an urnuigh, no cha bhi a chaoidh a bheag do chochomunn agad ri Dia. Bithidh tu ann an dleasdanasan eile, a reir is mar tha thu san uaigndheas.

Na gabh do bheachd do dhleasdanasan o fhairichidhean àrda ach o fhonn ıosal inntinn, is sealladh do Chriosd. Bi air d’fhaicill a thaobh dhleasdanasan is ghibhtean. B’abhaist do naomh mòr a rachd gun robh tuilleadh eagail aige roimh a dhleasdanasan, na roimh a pheacaidhean, rinn iad sud gu tric uaibhreach e, ach rinn iad so irosalachadh. Cùm gu cùramach an cuimhne taisbeanaidh air gràdh Chriosd; tha iad a deanamh a chridhe ıosal air son Chriosd, is ga thogail os cionn peacaidh. Na dean dımeas air a chomharradh is isle air gràs; feudaidh Dia do chur ànn am feum, air an dearbhadh is lugha (Eoin iii. 14), feudaidh eadhon sin, a bhi nı’s luachmhoire dhuit na mìle saoghal. Bi dıleas do’n fhrınn; ach na bi connspoideach, no fanoideach. Aisig a mheud is tha air tuiteam; cuidich iad chum eiridh le uile innbh Chriosd. Ceartaich gu foil le gràs an t’soisgeil, na cnàmhan briste, tha as na h-alltaibh.

Fhır-aideachaidh àird, na dean dımeas air na naoimh laga; feudaidh aobhar fathast bhi agad iarraidh bhi ànn an suidheachadh an neach is isle dhiubh. Bi dıleas do dh’annmhuinneachdan mnnınfır eile, bi mothachail air d’annmhuinneachdan féın. Bi tric aig leabaichean tinnis, is maıle ri anamaibh air an tréigsinn, tha iad a foghlum gu h-ealamh ann an sgoil faireachaidh. Bi dıchıol-lach ‘nad gairm. Bi dleasdanach do’d dhaimhean mar do’n Tıghearna. Bi rıaruchte le beagan do’n t’saoghal, is leoir beagan. Faic mòr gach beannachd beag saoghalta, oır tha thu neo-airidh air an nı is lugha. Bitheadh meas mòr agad air neamh, cha’n e meas beag, do bhrıgh gu’m bheıl Chriosd cho saoibhır, is cho saor. Meas na h-uile neach eile nı’s fearr na thu féın; agus gılain a ghnàth leat, féın-ghráın mar neach dha’m buın àıte a ghabhail aig cosan nan naomh. Faic dıomhanas an t’saoghal, agus mar tha dreach na h-uile nıthibh a bhrınn a gabhail seachad; agus na gràdhaich nı sam bıth ach Chriosd. Dean bròn air son thu bhi faicinn cho beag do Chriosd san t’saoghal, cho tearc a cur feum air; dıomhanasan ga’d rıarachadh nı’s fearr na nıthibh neamhaidh. Do dh’anam mı-chùramach, cha’n eil Chriosd ach na fhaıleas, cha’n eil na Sgıobtırean ach nan sgeul gun bhrıgh. Dean bròn gu’m bheıl àıreamh co mòr air am baisteadh is fuidh oırduıghean nach eil fuidh ghràs, ag amharc gu mòr a’s deigh dhleasdanas agus umhıachd, ach nach eil ag iondrainn Chriosd, no gràs. Bi ullamh air son a chroinn-cheusaidh, thoır dı-bheatha dha, gılain e le buaidh-chaıthream mar chrànn-ceusaidh Chriosd, co aca is beum, no fanoid, no masıadh, no dımeas, no pıosan e. Ach faic gur e crànn-ceusaidh Chriosd, agus cha’n e crànn-ceusaidh dhe do dıheanamh féın a bhrınn.

Bacaıdh peacadh o uaıll a dıheanamh ann an crànn-ceusaidh Chriosd. Feudaidh tuile dearmad a dheanamh ar firinnean beaga an aghaidh soluis, do choguis a mhúchadh, cho cinnteach is leis na peacaidhean is mó a ghníomhachadh an aghaidh soluis. Mu bha thu air do thabhairt a broinn ifrinne a dh’ionnsuidh uchd Chriosd, agus air do chur a’d shuidhe am measg phrionnsaibh ann an teaghlach Dhé—och! cionnus nach buineadh dhuit do bheatha a chaitheamh mar chomharradh trocair! Anam shaointe, agus a philleadh ri Dia! nach tu tha fuidh fhaichan do labhairt do Chriosd! Nach neo-àbhaisteach am fonn intinn anns am buineadh dhuitse glusad agus gach dléasdanas a choimhlíonadh! Do Shàbaidean nach iad bu choir a bhi ‘nan làithean molaiddh, agus seinn halleluiah! Ciod ach neamh a th’ann co-chomunn a ghleidheadh ri Chriosd, ri ainglibh ri naomhaibh! Ciod am báthadh e air an anam ann an gradh siorruidh, a bhi air adhlaacadh maille ri Chriosd, a basachadh da gach ni eile ach Chriosd a mhain! Gach am a smuainicheas tu mu Chriosd, bi air do lionadh le mòriongantas. ‘Nuair a chi thu peacadh, amhairc ri gras Chriosd a mhaith e; ‘nuair tha thu fo bhuaidh ardain, amhairc ri gras Chriosd, chum d’rioslachadh, is do leagadh gu h-íosal san duslach.

Cuimhnich am graidh Chriosd; ‘nuair a bha thu lomnochd (Esec. xvi. 3, 9), an sin thagh e thu. Cionnus is urrainn smuain ard a bhi agad a chaoithd! Cuimhnich cò na gairdeanan a ghleidh thu bho dhol fuidhe, agus a shaor thu bho’n ifrinne is iochdarach (Salm lxxvii. 13)—agus dean luath-ghair ann an cluasaibh ainglibh is dhaoinne (Salm clxviii.) agus seinn a chaoithd “cliù, cliù, gras, gras.” Dean aithreachas is urnuigh gach aon la, agus gluais ann an solus gris mar neach air am bheil ungaidhean gris.

Cuimhnich do pheacanna is maithneanais Chriosd; do dhrochthoillteanas is airidheachd Chriosd, do laigse, is neart Chriosd; d’uaibhar, is írioslachd Chriosd, d’annmhuineachdan phaillt, ach ath-phillidhean Chriosd riut; do chionta, ach caramh fola Chriosd as ùr riut; do theachdgearr ach còmhnadh Chriosd; d’fheuman ach lanachd Chriosd; do bhuairidhean, is caomhalachd Chriosd; do grainneileachd, is fireantachd Chriosd.

Anam bheannaichte! a gheibh Chriosd gu’n d’fhireantachd féin umad (Philip iii. 9), ach le’d thrusgan air a nighdeadh is air a dheanamh geal ann am fùil an Uain (Taisbean vii. 14).

Fhir-aideachaidh thruaigh! aig nach ‘eil an soisgeul san leth a stigh. Na foisnich air breith do cho-chreutairean. Feudaidh tu bhi air do mholadh leo-san, agus air do thilgeadh air falbh ann an latha dearbhaidh Chriosd. Feudaidh tu a theachd a dh’ionnsuidh baisteadh, agus gun a thiginn gu brath a dh’ionnsuidh Iosa, agus fùil a chrathaidh (Eabh. xii. 24). Ciod sam bith na h-oibríbh no na seillbhean, a thig gearr air fùil, is airidheachd is fireantachd Chriosd (ni is e fior bhrigh an t’soisgeil), agus a thig mar sin gearr air an t’soisgeul, tha iad a fagail an anama ann an cor teagamhach, neo-thearuinte. Agus thig teagamhan, mar amhaircear riu ann an trath, gu bhi nan spiorad eutrom, aon do na suidhichidhean imtinn is cunnartaiche a th’ann.

Na biodh beag-mheas agad air meadthonain grais. Bi tric a beachd-smuaineachadh, is ann an urnuigh. Bi riaghailteach is churamach ann an eisdeachd an fhocail. Tha feum againn air teagasg, air spreige, air earail, air comhfhurtachd, mar tha aig na lusan maoth, agus am feur air uisge, air an drùchd, air a mhìn uisge, is air na frasaibh (Deut. xxxii. 2). Dean gach nì a ni thu mar obair anama do Chriosd (Sech. vii. 5, 6), mar a deanamh gnothuch ri Iosa Criosd, mar neach tha ag amharc ort, agus thus air-san, agus a tarruing d’uilé neart uaith.

Thoir an aire do ghlusadan naomha ‘nad anam, ga’d dhùsgadh suas gu dleasdanas. Biodh meas agad air na smuaintean is lugha do smuaintean math mu Chriosd; air an fhocal is lugha a labhras tu o’n chridhe ann an toirt cliu maith air. Is trocair saoibhir so, O mol Dia air a shon! Faic am bheil gach aon la an ùr-mhaduinn ‘bho na h-ardaibh agad, le a drùchd moch do bròn air son peacaidh a sileadh a nuas ort a ghnath (Lucas i. 78). Am bheil an reult dhearlach agus mhaidne, le a buadhan ùrachaidh grais agus sith a ghnath ag éirigh ort (Taisb. xxii. 16), agus Criosd gu milis a failteachadh d’anam ‘sna h-uile dleasdanas? Gach dleasdanas, nach dean nì’s spioradail thu, ni e nì’s feolmhoir thu; an ni nach beothaich, is nach dean irosal thu, bheir e an tuilleadh bais is cruas ort.

Feudaiddh sochairean o’n leth a muigh mar tha baisteadh is suipeir an Tighearna bhi aig Iudas, ach luidh Eoin ann uchd an Iosa. Is e sin an suidheachadh soisgeulach, anns am bu choir dhuinn urnuigh agus eisdeachd, is dleasdanasan a chiomhlonadh. Cha dean ni ach luidhe san uchd ud, cruas cridhe a leagadh, agus thusa a thabhairt gu bròn, anns am bheil tairisneachd a dheanamh air son peacaidh, agus spiorad eutrom,—cnuimh an aideachaidh a leigheas. Ni sud an t’anam irosal ann an firinn, agus tairis a thaobh Chriosd; ni e peacadh fuathach do’n anam, ni e eadhon an t’anam atharrachadh gu iomhaigh glormhoir Chriosd a ghiulan. Na smuainich a chaoidh gum bheil thu an ni a bhuineadh dhuit, a’d Chriosduidh air an d’thainig fas, gus an d’thig thu dh’ionnsuidh so, thu féin fhaicinn agus fhaireachadh a ghnath a’d luidhe ann an uchd Chriosd, an ti ud a tha ann an uchd an Athar. Thig agus guidh ris an Athair air son beachdan fagus, do Chriosd, agus soirbhichidh tu gun teagamh, Cha’n urrainn dhuit a theachd le iartus, leis an toiliche, a btheas e, Thug e ouchd féin e, chum na criche sin, chum a bhi air a chumail suas fa chòmhair suilean nan uile pheacach, mar chomharradh siorruidh graidh an Athar.

Lagaichidh e suil a chuirp-amharc ris a ghreñ. Mar is mò a dh’amhairceas tu ri Criosd, Grian na’ Fireantachd s’ann is treise agus is soilleire a bhitheas suil a chreidimh. Amhairc ach ri Criosd, is gradhaichidh tu e, agus gheibh thu beatha ann. Smuainich air a ghnath. Cùm an t’suil a ghnath air fuil Chriosd, no crathaidh gach goath buaridh thu.

Nam faiceadh tu peacadh a pheacaiddh chum fhuathachadh agus bròn a dheanamh, na seas ag amharc air peacadh, ach amhairc an tus ri Criosd, mar a fulang, ‘agus a toirt riarachadh. Nam faiceadh tu do ghrasan, obair an naomhachaidh annad, na seas a gear-shealltuinn riu ; ach amhairc an toiseach air Chriosd agus fhireant-achd, faic am Mac, agus chi thu an t’iomlan. Amhairc an sin air do ghrasan, as deigh dhuit amharc airsán.

Ann an creidsinn, tha sùil agad ri taice, agus tha thu a deanamh bonn-dòchas dhe’n ni ris ‘am bheil thu an tis a sealltuinn. Rach a dh’ionnsuidh Chriosd, agus cha’n ann, a dh’ionnsuidh do ghrais is do naomhachd, ann am mothachadh air peacadh agus air truaighe. Na seall ri do ghraesan, is ri’d naomhachd—cha dean iad ach Chriosd fholach bh’uat,—gus am faic thu esan air tús. An tí’ a dh’ amhairceas air Chriosd trid a ghrasan, is cosmhuil e ri neach tha faicinn na gréine ann an uisge, a luaisgeas ‘sa ghluaiseas mar a ni an t’uisge. Amhairc air Chriosd a mhain, mar tha e a dealrachadh ann an iarmailt graidh agus gris an Athar,—an sin chi thu e ‘na ghloir féin a tha do-labhairt.

Cuiridh ardan is ascreideamh thu a dh’iarraidh ni maith annad féin air tús, ach cha seall creideamh ri ni ach ri Chriosd, a tha do-labhairt gloirmhor, agus a dh’fheumas do naomhachd co maith is do pheacadh a thabhairt as an t’sealladh, oir rinn Dia e araoon na iobairt-pheacaiddh is na Naomhachd air ‘ar son-ne agus feumaidh e bhi an da ni sin dhuinn (1 Cor. i. 30). An ti tha cur suas a naomhachd féin chum sealtauinn ris air son comhfhurtachd, tha e cur suas iodhol mòr, nach dean ach a theagamhan is eagalan a neartachadh. Dean ach do shùil a thogail o Chriosd, agus cosmhuil ri Peadar, thèid thu fodha gun dail ann an teagamhan. Cha’n ‘eil Criosduidh aig am sam bith a call a comhfhurtachd, ach le bhi briseadh ordugh agus suidheachadh an t’soisgeil, ann an amharc ri chuid féin, agus a togail a shùil o fhireantachd iomlan Chriosd, a roghnachadh, a bhi beò ann an solus coinnle, na ann an solus na gréine. Tionndaidhiridh a mhil tha thu a deothal o d’fhireantachd féin gu bhi na domblas, agus an solus a tha thu tarruinn bho sin gu siubhal ann, thig e gu bhi na oidhche dhorcha do’n anam. Tha S atan ga’d bhuaireadh le do chur gu saoithreacha-ail a dh’ionnsuidh, do ghrais féin chum comhfhurtachd fhaotainn bh’uaith. Feuch tha an t’Athair a teachd agus ga do stiuradh a dh’ionnsuidh fireantachd Chriosd, mar ni tha saoibhir, gloirmhor, agus nco-chriochnach taitneach dhasan, agus tha e ag iarraidh ort amharc ris a sin. Tha esán ann cur an ceill a thoile a toirt comas a thoil a dheanamh a deonuchadh lùths beannaichte, focal seimh milis, a cronuchadh d’as-creideamh. Lean an gluasad is lugha bh’uaith, thoir aite do spiorad tagraidh ; cuir meas air mar air neamhnuid luachmhoir ; tha e na earlas air an tuilleadh tha gu teachd.

A ris, na’m b’aill leat urnuigh a dheanamh is nach urrainn dhuit, agus a tha thu mar sin fo mhi-mhismich, faic Criosd ag urnuigh air do shon a tagradh ris an Athair air do shon (Eoin xiv. 16; xvii.).

Am bheil thu fo phramh, faic Críosd do shith (Eph. ii. 14), a fagail síth agad, ‘nuair a chaidh e suas gu neamh a ris agus a ris ag iarradh gun thu bhi fo thrioblaid ‘se sin gu peacach, ann an rathad a mhilleadh do chomfhurtachd, no do chreideamh (Eoin xiv.). Tha e a nis air an righ chathair, air dha air a chrann-cheusaidh ‘sa cheum a b’isle dhe irosalachadh gach cumhachd a mhilleadh a b’urrainn cron a dheanamh ort no do chìùrradh. Ghiulain e do pheacaidhean uile, do dhoighiosan, do thrioblaidean, do bhuairidhean, agus dh’fhalbh e chum gun ulluicheadh e aite-comhnuidh siorruidh dhuit.

Thusa a chunnaic Críosd “na Uile,” agus tu féin a’d neo-ni, a tha deanamh Chríosd gu h-uile na bheatha dhuit, agus a tha marbh do gach fireantachd eile, is Críosduidh thu, neach tha gu mòr air a ghradhachadh a fhuair geanmaith o Dhia, agus a tha mùirneach aig na neamhan.

Dean an aon chaoimhneas so ri Críosd air son uile chaoimhneis dhuit-se—gradhaich a shlùagh, agus a naoimh bhochd, an neach is suaraiche, agus is annmhuinne dhiubh ciod sam bith cionnus a dh’fheudas sibh dealachadh ann am breitheanas a thaobh cuid do nithibh. Tha iad air an sgriobhadh air a cridhe mar a bha amean clann Israeil air uchd éididh Aaroin (Ecsod. xxviii. 21). Biodh iad mar sin air d’uchd-sa. “Guidh air son sith Ierusaleim, soirbhichidh iad a ghradhacheas tu” (Salm. cxxii. 9).

A Chrioch.


Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice