Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1903 » May 1903 » Is e Criosd na h-Uile

Is e Criosd na h-Uile

LE TOMAS UILCOGS.

(Continued from page 465.)

THA na Sgriobtuirean agus faireachadh dhaoine diadhaidh a cur an céill, nach ‘eil comas toile, no cumhachd modhan-nail aig an duine nàdurra air creidsinn, pilltinn ris, no gairm air Dia ann an Criosd. Is e tearmunn an duine saor-ghràs (Eoin vi.; 1 Cor. ii.; Rom. viii. 7). Bithidh gach dùil bho nàdur air a sgrios gu luath, ann an cridhe an duine aig an robh cochomunn spioradail ri Iosa Criosd, a chuir feum air co-chur airidheachd-san, agus striochdadh dha fhireantachd san. Tha Criosd sna h-uile seadh na neach ro ghloirmhoir air son gun tuigeadh nàdur e,—tha Criosd cho neo-chriochnach naomha, is nach dàna le nàdur amharc air; cho neo-chriochnach maith, is nach urrainn nàdur fuidh shealladh peacaidh a chaoidh a chreidsinn. Tha Criosd ro àrd, is ro ghloirmhoir, air son gu’n deanadh nàdur urrad is beantuin ris. Feumaidh nàdur dhiadhaidh bhi air a chur san anam, chum is gu’n deanadh e greim air-san tha cho neo-chriochnach as a shealladh. An Criosd sin ris an urrainn an duine nadurra gabhail, is Criosd e dheth a dhealbh féin, cha’n e Criosd an Athar, cha’n e Iosa Mac an Dé bhèo, neach a dh’ionnsuidh nach d’thig aon duine mar bi tarruing an Athar air (Eoin vi. 44, 45). Rànnsaich na Sgriobtuirean gach aon la, mar mhéin òir, far am bheil cridhe Chriosd ri fhaicinn (Eoin v. 39). Dean faire an aghaidh nam peacaidhean dha’m buailtich thu (Salm lxxix. 5), faic iad nan gràineileachd is cha bhris iad a chaoidh a mach ann an gniomh. Gléidh a ghnàth, fonn iriosal, falamh, briste chridhe, mothachail air gach teachd gearr spioradail a tabhairt fa’near gach gluasad o’n leth a stigh, ullamh air son na fiosraichidhean is àirde de ghràs. Na gleidh cionta sa choguis, ach dean feum do dh’fhuil Chriosd gun dàil. Tha Dia a cur dhachaidh ort, peacadh is cionta, chum gun amhairceadh tu ri Criosd an nathair umha.

Na ceangail do bhreitheanas mu ghràs Chriosd ri freasdalan, ach ri geallaidhean (Salm lxxiii.; Eabh. xi. 1; Eccles. ix.). Tabhair cliu do Dhia air son do chrathadh bharr bunaitean mealta, agus air son rathad sam bith, anns am bheil e cumail an anama ‘na dhùisg, is feumach air Criosd. Is fearr a bhi ann an tinneas is ann am buaireadh, no ann am fois feoilmhoir is an sith mheallta. Tionndaidhidh spiorad eutrom gu bhi na spiorad diomhain, a ghleidheas a pheacadh is cleachdadh na h’urnuigh. Is e spiorad eutrom plaigh an aideachaidh. Mar bi e air a bhuntuinn le fhreumhan as a cridhe, le amharc a ghnàth, is gu durachdach ri Criosd ann an dleasdanasaibh fasaidh e ni’s treise, is ni’s marbhtaiche le bhi fuidh mheadhonan na ghràs. Na tomhais do ghràs-sa le gràs muinntir eile, ach le na Sgriobtuirean. Bi dùrachdach is cùramach ann an dleasdanasaibh le an cuidthrom air do chridhe; ach bitheadh e na aobhar eagail co mòr dhuit comhfhurtachd a

tharruing bho do dhleasdanasan ri a tharruing bho do pheacaidhean. Tha comhfhurtachd a laimh sam bith, ach a laimh Chriosd marbhtachd. Bi tric ann an urnuigh, no cha bhi a chaoidh a bheag do chochomunn agad ri Dia. Bithidh tu ann an dleasdan-asan eile, a reir is mar tha thu san uaignidheas.

Na gabh do bheachd do dhleasdanasan o fhairichidhean àrda ach o fhonn ialsal intinn, is sealladh do Chriosd. Bi air d’fhaicill a thaobh dhleasdanasan is ghibtbean. B’abhaisit do naomh mòr a radh gun robh tuilleadh eagail aige roimh a dhleasdanasan, na roimh a pheacaidhean, rinn iad sud gu tric uaibbreach e, ach rinn iad so irioslachadh. Cùm gu cùramach an cuimhne taisbeanaidh air gràdh Chriosd; tha iad a deanamh a chridhe ialsal air son Chriosd, is ga thogail os cionn peacaidh. Na dean dímeas air a chomharradh is isle air gràs; feudaidh Dia do chur ànn am feum, air an dearbhadh is lugha (1 Eoin iii. 14), feudaidh eadhon sin, a bhi ni’s luachmhoire dhuit na mile saoghal. Bi dileas do’n fhirinn; ach na bi connspoideach, no’fanoideach. Aisig a mheud is tha air tuiteam; cuidich iad chum eiridh le uile innibh Chriosd. Ceartaich gu foil le gràs an t’soisgeil, na cnàmhan briste, tha as na h-alltaibh.

Fhir-aideachaidh àird, na dean dímeas air na naoimh laga; feudaidh aobhar fathast bhi agad iarraidh bhi ànn an suidheachadh an neach is isle dhiubh. Bi dileas do dh’annmhuinneachdan mninnfir eile, bi mothachail air d’annmhuinneachdan féin. Bi tric aig leabaichean tinnis, is maile ri anamaibh air an treigisinn, tha iad a foghlum gu h-ealamh ann an sgoil faireachaidh. Bi dichiol-lach ‘nad gairm. Bi dleasdanach do’d dhaimhean mar do’n Tighearna. Bi riaruichte le beagan do’n t’saoghal, is leoir beagan. Faic mòr gach beannachd beag saoghalta, oir tha thu neo-airidh air an ni is lugha. Bitheadh meas mòr agad air neamh, cha’n e meas beag, do bhrigh gu’m bheil Chriosd cho saoibhir, is cho saor. Meas na h-uile neach eile ni’s fearr na thu féin; agus giulain a ghnàth leat, féin-ghràin mar neach dha’m buin àite a ghabhail aig cosan nan naomh. Faic diomhanas an t’saoghail, agus mar tha dreach na h-uile nithibh a th’ànn a gabhail seachad; agus na gràdhaich ni sam bith ach Chriosd. Dean bròn air son thu bhi faicinn cho beag do Chriosd san t’saoghal, cho tearc a cur feum air; diomhanasan ga’d riarachadh ni’s fearr na nithibh neamhaidh. Do dh’anam mi-chùramach, cha’n ‘eil Chriosd ach na fhaileas, cha’n ‘eil na Sgriobtuirean ach nan sgeul gun bhrigh. Dean bròn gu’m bheil àireamh co mòr air am baisteadh is fuidh ordughean nach ‘eil fuidh ghràs, ag amharc gu mòr a’s deigh dhleasdanas agus umhlachd, ach nach ‘eil ag iondrainn Chriosd, no gràs. Bi ullamh air son a chroinn-cheusaidh, thoir di-bheatha dha, giulain e le buaidh-chaithream mar chrànn-ceusaidh Chriosd, co aca is beum, no fanoid, no masladh, no dímeas, no priosan e. Ach faic gur e crànn-ceusaidh Chriosd, agus cha’n e crànn-ceusaidh dhe do dheanamh féin a th’ànn.

Bacaidh peacadh o uaill a dheanamh ann an crànn-ceusaidh

Chriosd. Feudaidh tuile dearmad a dheanamh ar firinnean beaga an aghaidh soluis, do choguis a mbùchadh, cho cinnteach is leis na peacaidhean is mò a ghniomhachadh an aghaidh soluis. Mu bha thu air do thabbhairt a broinn ifrinn a dh’ionnsuidh uchd Chriosd, agus air do chur a’d shuidhe am measg phrionnsaibh ann an teaghlaich Dhé—och! cionnus nach buineadh dhuit do bheatha a chaitheamh mar chomharradh trocair! Anam shaoirte, agus a philleadh ri Dia! nach tu tha fuidh fhaichan do lhabhairt do Chriosd! Nach neo-àbhaisteach am fonn inntinn anns am buineadh dhuitse gluasad agus gach dléasdanas a choimhlionadh! Do Shàbaidean nach iad bu chòir a bhi ‘nan làithean molaidh, agus seinn halleluiah! Ciod ach neamh a th’ann co-chomunn a ghleidheadh ri Criosd, ri ainglibh ri naomhaibh! Ciod am bâthadh e air an anam ann an gradh siorruidh, a bhi air adhlaacadh maillle ri Criosd, a basachadh da gach ni eile ach Criosd a mhain! Gach am a smuainicheas tu mu Chriosd, bi air do lionadh le mòr-iongantas. ‘Nuair a chi thu peacadh, amhairc ri gras Chriosd a mhaith e; ‘nuair tha thu fo bhuaidh ardain, amhairc ri gras Chriosd, chum d’rioslachadh, is do leagadh gu h-iosal san duslach.

Cuimhnich am graidh Chriosd; ‘nuair a bha thu lomnochd (Esec. xvi. 3, 9), an sin thagh e thu. Cionnus is urrainn smuain ard a bhi agad a chaoidh! Cuimhnich cò na gairdeanan a ghleidh thu bho dhol fuidhe, agus a shaor thu bho’n ifrinn is iochdaraiche (Salm lxxvii. 13)—agus dean luath-ghair ann an cluasaibh ainglibh is dhaoine (Salm cxlviii.) agus seinn a chaoidh “cliù, cliù, gras, gras.” Dean aithreachas is urnuigh gach aon la, agus gluais ann an solus grais mar neach air am bheil ungaidean grais.

Cuimhnich do pheacanna is maitheanais Chriosd; do dhroch-thoilteanas is airidheadh Chriosd, do laigse, is neart Chriosd; d’ùabhar, is irioslachd Chriosd, d’annmuineachdan phailt, ach ath-phillidhean Chriosd riut; do chionta, ach caramh fola Chriosd as ùr riut; do theachdgearr ach còmhnadh Chriosd; d’fheuman ach lanachd Chriosd; do bhuaíridhean, is caomhalachd Chriosd; do ghraineileachd, is fireantachd Chriosd.

Anam bheannaichte! a gheibh Criosd gu’n d’fhireantachd féin umad (Philip iii. 9), ach le’d thrusgan air a nigheadh is air a dheanamh geal ann am fùil an Uain (Taisbean vii. 14).

Fhir-aideachaidh thruaigh! aig nach ‘eil an soisgeul san leth a stigh. Na foisnich air breith do cho-chreutairean. Feudaidh tu bhi air do mholadh leo-san, agus air do thilgeadh air falbh ann an latha dearbhaidh Chriosd. Feudaidh tu a theachd a dh’ionnsuidh baisteadh, agus gun a thiginn gu brath a dh’ionnsuidh Iosa, agus fùil a chrathaidh (Eabh. xii. 24). Ciod sam bith na h-oibríbh no na seillbhean, a thig gearr air fùil, is airidheadh is fireantachd Chriosd (ni is e fior bhrigh an t’soisgeil), agus a thig mar sin gearr air an t’soisgeul, tha iad a fagail an anama ann an cor teagamhach, neo-thearuinte. Agus thig teagamhan, mar amhaircear riu ann an trath, gu bhi nan spiorad

eutrom, aon do na suidhichidhean inntinn is cunnartaiche a th’ann.

Na biodh beag-mheas agad air meadhonain grais. Bi tric a beachd-smuaineachadh, is ann an urnuigh. Bi riaghailteach is churamach ann an eisdeachd an fhocail. Tha feum againn air teagasg, air spreige, air earail, air comhfhurtachd, mar tha aig na lusan maoth, agus am feur air uisge, air an drùchd, air a mhìn uisge, is air na frasaibh (Deut. xxxii. 2). Dean gach nì a ni thu mar obair anama do Chriosd (Sech. vii. 5, 6), mar a deanamh gnothuch ri Iosa Criosd, mar neach tha ag amharc ort, agus thus air-san, agus a tarruing d’ùile neart uaith.

Thoir an aire do ghluasadan naomha ‘nad anam, ga’d dhùsgadh suas gu dleasdanas. Biodh meas agad air na smuaintean is lugha do smuaintean math mu Chriosd; air an fhocal is lugha a labhras tu o’n chridhe ann an toirt cliu maith air. Is trocair saoibhir so, O mol Dia air a shon! Faic am bheil gach aon la an ùr-mhaduinn bho na h-ardaibh agad, le a drùchd moch do bròn air son peacaidh a sileadh a nuas ort a ghnath (Lucas i. 78). Am bheil an reult dhealrach agus mhaidne, le a buadhan ùrachaidh grais agus sith a ghnath ag éirigh ort (Taisb. xxii. 16), agus Criosd gu milis a failteachadh d’anam ‘sna h-uile dleasdanas? Gach dleasdanas, nach dean nì’s spioradail thu, ni e ni’s feolmhoir thu; an ni nach beothaich, is nach dean iriosal thu, bheir e an tuilleadh bais is cruas ort.

Feudaidh sochairean o’n leth a muigh mar tha baisteadh is suipeir an Tighearna bhi aig Iudas, ach luidh Eoin ann uchd an Iosa. Is e sin an suidheachadh soisgeulach, anns am bu choir dhuinn urnuigh agus eisdeachd, is dleasdanasan a chiomhlionadh. Cha dean ni ach luidhe san uchd ud, cruas cridhe a leaghadh, agus thusa a thabbhairt gu bròn, anns am bheil tairisneachd a dheanamh air son peacaidh, agus spiorad eutrom,—cnuimh an aideachaidh a leigheas. Ni sud an t’anam iriosal ann an firinn, agus tairis a thaobh Chriosd; ni e peacadh fuathach do’n anam, ni e eadhon an t’anam atharrachadh gu iomhaigh glormhoir Chriosd a ghiulan. Na smuainich a chaoidh gum bheil thu an ni a bhuneadh dhuit, a’d Chriosduidh air an d’thainig fas, gus an d’thig thu dh’ionnsuidh so, thu féin fhaicinn agus fhaireachadh a ghnath a’d luidhe ann an uchd Chriosd, an ti ud a tha ann an uchd an Athar. Thig agus guidh ris an Athair air son beachdan fagus, do Chriosd, agus soirbhichidh tu gun teagamh. Cha’n urrainn dhuit a theachd le iarrtus, leis an toiliche, a bitheas e, Thug e o uchd féin e, chum na criche sin, chum a bhi air a chumail suas fa chòmhair suilean nan uile pheacach, mar chomharradh siorruidh graidh an Athar.

Lagaichidh e suil a chuirp-amharc ris a ghrèin. Mar is mò a dh’amhairceas tu ri Criosd, Grian na’ Fireatachd s’ann is treise agus is soilleire a bhitheas suil a chreidimh. Amhairc ach ri Criosd, is gradhaichidh tu e, agus gheibh thu beatha ann. Smuainich air a ghnath. Cùm an t’suil a ghnath air fuil Chriosd, no crathaidh gach gaoth buaridh thu.

Nam faiceadh tu peacadh a pheacaidh chum fhuathachadh agus bròn a dheanamh, na seas ag amharc air peacadh, ach amhairc an tus ri Criosd, mar a fulang, ‘agus a toirt riarachadh. Nam faiceadh tu do ghrasan, obair an naomhachaidh annad, na seas a gear-shealltuinn riu; ach amhairc an toiseach air Criosd agus fhireant-achd, faic am Mac, agus chi thu an t’iomlan. Amhairc an sin air do ghrasan, as deigh dhuit amharc airsan.

Ann an creidsinn, tha sùil agad ri taice, agus tha thu a deanamh bonn-dòchas dhe’n ni ris’am bheil thu an tús a sealltuinn. Rach a dh’ionnsuidh Chriosd, agus cha’n ann, a dh’ionnsuidh do ghrais is do naomhachd, ann am mothachadh air peacadh agus air truaighe. Na seall ri do ghrasan, is ri’d naomhachd—cha dean iad ach Criosd fholach bh’uat,—gus am faic thu esan air tús. An ti’ a dh’ amhairceas air Criosd trid a ghrasan, is cosmhuil e ri neach tha faicinn na gréine ann an uisge, a luaisgeas ‘sa ghluaiseas mar a ni an t’uisge. Amhairc air Criosd a mhain, mar tha e a dealrachadh ann an iarmailt graidh agus grais an Athar,—an sin chi thu e ‘na ghloir féin a tha do-labhairt.

Cuiridh ardan is ascreideamh thu a dh’iarraidh ni maith annad féin air tús, ach cha seall creideamh ri ni ach ri Criosd, a tha do-labhairt gloirmhor, agus a dh’fheumas do naomhachd co maith is do pheacadh a thabbhairt as an t’sealladh, oir rinn Dia e arao na iobairt-pheacaidh is na Naomhachd air ‘ar son-ne agus feumaidh e bhi an da ni sin dhuinn (1 Cor. i. 30). An ti tha cur suas a naomhachd féin chum sealtuinn ris air son comhfhurtachd, tha e cur suas iodhol mòr, nach dean ach a theagamhan is eagalan a neartachadh. Dean ach do shùil a thogail o Chriosd, agus cosmhuil ri Peadar, thèid thu fodha gun dail ann an teagamhan. Cha’n eil Criosduidh aig am sam bith a call a chomhfhurtachd, ach le bhi briseadh ordugh agus suidheachadh an t’soisgeil, ann an amharc ri chuid féin, agus a togail a shùil o fhireantachd iomlan Chriosd, a roghnachadh, a bhi beò ann an solus coinnle, na ann an solus na grèine. Tionndaidhidh a mhil tha thu a deothal o d’fhireantachd féin gu bhi na domblas, agus an solus a tha thu tarruing bho sin gu siubhal ann, thig e gu bhi na oidhche dhorchá do’n anam. Tha Satan ga’d bhuaireadh le do chur gu saoithreachail a dh’ionnsuidh, do ghrais féin chum comhfhurtachd fhaotainn bh’uaith. Feuch tha an t’Athair a teachd agus ga do stiuradh a dh’ionnsuidh fireantachd Chriosd, mar ni tha saoibhir, gloirmhor, agus nco-chriochnach taitneach dhasan, agus tha e ag iarraidh ort amharc ris a sin. Tha esán ann cur an céill a thoile a toirt comas a thoil a dheanamh a deonuchadh lùths beannaichte, focal seimh milis, a cronuchadh d’as-creideamh. Lean an gluasad is lugha bh’uaith, thoir aite do spiorad tagraidh; cuir meas air mar air neamhnuid luachmhoir; tha e na earlas air an tuilleadh tha gu teachd.

A ris, na’m b’aill leat urnuigh a dheanamh is nach urrainn dhuit, agus a tha thu mar sin fo mhi-mhisnich, faic Criosd ag urnuigh air do shon a tagradh ris an Athair air do shon (Eoin xiv. 16; xvii.).

Am bheil thu fo phramh, faic Criosd do shith (Eph. ii. 14), a fagail sìth agad, ‘nuair a chaidh e suas gu neamh a ris agus a ris ag iarraidh gun thu bhi fo thrioblaid ‘se sin gu peacach, ann an rathad a mhilleadh do chomfhurtachd, no do chreideamh (Eoin xiv.). Tha e a nis air an righ chathair, air dha air a chrann-cheusaidh ‘sa cheum a b’isle dhe irioslachadh gach cumhachd a mhilleadh a b’urrainn cron a dheanamh ort no do chiùrradh. Ghiulain e do pheacaidhean uile, do dhoilghiosan, do thrioblaidean, do bhuairdhean, agus dh’fhalbh e chum gun ulluicheadh e aite-comhnuidh siorruidh dhuit.

Thusa a chunnaic Criosd “na Uile,” agus tu féin a’d neo-ni, a tha deanamh Chriosd gu h-uile na bheatha dhuit, agus a tha marbh do gach fireantachd eile, is Criosduidh thu, neach tha gu mòr air a ghradhachadh a fhuair geanmaith o Dhia, agus a tha mûirneach aig na neamhan.

Dean an aon chaoimhneas so ri Criosd air son uile chaoimhneis dhuit-se—gradhaich a shlùagh, agus a naoimh bhochd, an neach is suaraiche, agus is anmhuinne dhiubh ciod sam bith cionnus a dh’fheudas sibh dealachadh ann am breitheanas a thaobh cuid do nithibh. Tha iad air an sgriobhadh air a cridhe mar a bha ainmean clann Israeil air uchd-éididh Aaroin (Ecsod. xxviii. 21). Biodh iad mar sin air d’uchd-sa. “Guidh air son sith Ierusalem, soirbhidh iad a ghradhacneas tu” (Salm cxxii. 9).

A Chrioch.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice