Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1903 » July 1903 » Searmon: “Co e’nur measg air am bheil eagal an Tighearna, a ta’g eisdeachd ri guth a sheirbhbisich, a ta’siubhal ann an dorchadas, agus aig nach ‘eil solus? Earbadh e as ainm an Tighearna agus leigeadh e a thaice r’a Dhia.” (Leis an Urr. Archd. Cook, Aug. 4th, 1861)

Searmon: “Co e’nur measg air am bheil eagal an Tighearna, a ta’g eisdeachd ri guth a sheirbhbisich, a ta’siubhal ann an dorchadas, agus aig nach ‘eil solus? Earbadh e as ainm an Tighearna agus leigeadh e a thaice r’a Dhia.” (Leis an Urr. Archd. Cook, Aug. 4th, 1861)

“Co e’nur measg air am bheil eagal an Tighearna, a ta’g eisdeachd ri guth a sheirbhbisich, a ta’siubhal ann an dorchadas, agus aig nach ‘eil solus? Earbadh e as ainm an Tighearna agus leigeadh e a thaice r’a Dhia.—Isaiah l. 10.

THA curam aig a’ Chruthhear de na h-uile creutair aig am bheil spiorad neobhasmhor. Ach tha cuid ann a tha a churam ni’s mionaidiche timchioll orra na muinntir eile mar sin tha focal an Tighearn a’ labhaint ann an doigh air leth riusan. Cha-n’eil staid anns am feud anam neobhasmhor a bhi anns an t-saoghal anns a’ bheatha so nach ‘eil ann an focal an Tighearna na tha freagarrach do’n staid sin. Seadh, air cho aindiadhaidh’s gu bheil creutair tha ann an focal an Tighearn na tha ‘freagairt a staid air chor’s nach iongantach ged a theirear ris claidheamh geur da fhaobhair, a’ gearradh air a chulaobh agus air a bheulaobh a gearradh pheacach o bhi peacachadh an aghaidh an lagha. Ach gu h-araidh tha ni anns an fhocal a tha ‘freagairt staid an duine a tha air a chur air leth airson siorruidheachd. Mar sin tha e air a radh ann an so. “Co ‘n ur measg air am bheil eagal an Tighearna, a ta’g eisdeachd ri guth a sheirbhbisich, a ta’siubhal ann an dorchadas agus aig nach ‘eil solus? Earbadh e as ainm an Tighearna agus leigeadh e a thaice r’a Dhia.” ‘Se sin don didean an anama, earbsa ann an dinm an Tighearn agus a thaic a leigeadh r’a Dhia.”

Annas a’ chaibideal so tha am Fear-saoraidh a’ labhaint gu h-araidh uime fein agus moran de nadur ‘fhulangais anns an t-saoghal agus gu’n d’ thug an Tighearn Iehobbhah dha teangadh nam daoine foghluimte, chum gu’m b’athnne dha focal a labhaint ann an deadh am ris an neach a ta airsnealach. Tha an t-Abstol a’ mineachadh sinn anns na briathraibh, “Mheud gu’n d’ fhuilng E fein air dha bhi air a bhuaireadh is comasach E air cabhair a dheanamh orrasan a ta air am buaireadh.” Ann an labhaint o na buathraibh so tha sinn a’ runachadh a reir mar a bhios comas air a bhuileachadh, bhi ‘nochdadh.

I. Tearc de chomharraibh air eagal an Tighearna.

II. Mar a dh’ fheudas e bhi air a radh gu’m feud luchd-eagail an Tighearna bhi ann an dorchadas agus a’ siubhall ann an dorchadas.

III. Gu’m bheil aig luchd-eagail an Tighearna bonn earbsa ann an ainm an Tighearn ciod air bith an dorchadas anns am feud iad a bhi.

Ann an aon seadh cha-n fheudar a radh gu bheil clann Chriosd ann an dorchadas mar a tha an saoghal, oir is iad clann an t-soluis agus cha-n ‘el narodnn s aihida camar muinntir eile, do bhrigh gu’n d’imich an dorchadas thairis agus gu bheil a nis an solus fior a’ dealrachadh. “An ti a leanas mise, cha siubhel e an dorchadas ach bidh solus na beatha aige. Tha uiread de eadar-dhealachadh eadar dorchas an anama ghrasmhoir agus dorchas staid naduir ‘s a ta eadar la is oidhche, air chor ‘s gu’m feud an t-anam gras-mhor a bhi iomadh la ann an dorchas agus gidheadh bunachar earbha aige ann an ainm an Tighearna.

Ann an aon seadh, ‘s iongantach gu’m biodh aon air bith anns an t-saoghal a dh’ easbhuidh eagail an Tighearna. Bhi gun eagal an Tighearna ‘s e ‘tha ann taradh aineolais air Dia. Cha-n ‘eil creutair anns an t-siorrudheachd a dh’ easbhuidh eagal an Tigh-earna. Cha-n ‘eil aon ann am flaithanas a dh’ easbhuidh eagal an Tighearna agus an urraim naoimh a bhuineas dha. Cha-n ‘eil creutair ann an ifrinn gun eagal a bhi air roimh Dhia. Agus cha-n ‘eil creutair air an talamh a dh’ easbhuidh eagal an Tighearna ach creutair a tha aineolach air Dia. Ann an seadh eile, ‘s e eagal an Tighearna an t-iongantas ‘is mo a ta againn air an talamh. Mur b’e gum bheil trocair ann’an Dia cha bhiodh drap a dh’ fhior eagal an Tighearna air an talamh. Cha bhiodh drap de chom-fhulangas. ‘Nuair a chi sinn drap de dh’ eagal an Tighearna anns an t-saoghal feudaidh sinn co-dhunadh gur ann o dhoimhneachd saor ghrais ann an Dia a thainig e.

Gu bhi ‘fosgladh na puinge so, Tha a h-uile creutair a’ tighinn a stigh do’n t-saoghal mar an asail thidhaich lan aineolais air Dia. Mar sin tha moran a’ tighinn beo an am peacaidhean dhe’m biodh naire air na Geintlich. ‘S e obair an Spioraid Naoimh bhi ‘gin-tinn eagal an Tighearna anns an anam, agus ‘s e ‘fhocal fhein am meadhon. Cha-n ‘eil teagamh nach feidh an Tighearn iomadh meadhon a chleachdadh. ach ‘s e ‘fhocal naomh fein am meadhon gnathaichte: agus aon churam a dh’ fheudas tighinn air neach nach robh air a ghintinn le focal an Tighearna, cha chomasach sinn mornn a radh m’a dheighinn, nach fag e an creutair. Ach far an do ghin focal an Tighearna anns an anam creidimh air bith na Morachd ged nach bu mho sin na grainne de shiol mustard, tha ann siol na beatha maireannaich, tha ann na bheir an t-anam gu beatha shiorruidh fa dheoidh. Agus ‘s e sin aon bhunachar an anama air leabaiddh bais, gur comasach e a mheur a chur air focal a ghin sin ann; agus thusa nach comasach sin a deanamh bidh sioruidheachd ‘uamhasach agad. Air, mo chairdean cha-n ‘eil ni bheir an gath as a bhas ach aithne air Dia. Ann an so a nis thig an creutair gu aithne air gu bheil e ‘na chreutair cumtasach, agus gu bheil aige ri dol tre lamhan glan a bheir do na h-uile a reir an gniomharan agus nach dean claon bhaigh ri neach seach a cheile. Cha-n iongantach ged a bhiodh an t-anam sin fo churam mu a shiorruidheachd.

Tha sinn a’ leughadh gur creutairean cumtasach sinn agus tha sinn ag aideachadh gur creutairean cumtasach sinn, ach ciod a’ bhuaidh a tha aig sin air moran? Am bheil e ‘g an cumail o aon pheacadh. Tha fear-brisidh na Sabaid ag aideachadh gur creutair cumtasach e ach am bheil sin ‘ga chumail o bhriseadh na Sabaid? Am bheil e a’ cumail a’ mhisgear o’mhisg? Cha-n ‘eil ach cha-n ann mar sin a bhios e ‘nuair a bhios eagal an Tighearn air a ghintinn anns an anam le ‘fhocal “Oir a ta ar Dia-ne ‘na theine dian-loisgeach.”

Tha eagal an Tighearna gle thric air a chompanachadh le aithne air cionta. Tha da sheorsa eagail ann-aon air a chompanachadh le gradh, agus cha-n fhag sin an t-anam tre ‘n t-siorruidheachd; eagal eile a tha ‘g eirigh o aithne air cionta a’ pheacaidh a bhi air a’ choguis. Oir cha-n ‘eil peacadh anns nach ‘eil ni tha ‘ga thoirt gu cuimhne anns a’ choguis; agus bidh ann an sin cionta agus duisgidh sin eagal agus iarrtus a bhi air falbh o Dhia. Mar sin bidh ni-eigin de nadur eagal na h-ifinn anns a’ chreutair, agus ‘sann mar sin a tha an Cruithear a’ cur eadar-dhealaichaiddh eadar coguis nadurra agus bunachar grais anns an anam. Tha iad ann an ifinn aig an robh ni bu mho de dh’ eagalan coguis na bha aig an anam ghrasmhor. Theid moran gu ceol is dannsa gu smuaintean air Dia a chur air falbh uatha agus gu minic tha sin a’ dol lea. Bha cuid eile a thug air falbh am beatha. Ach far am bheil bunachar grais anns anam bidh an t-anam a’ dluthachadh ris an Tighearn cosmhuih ris an te bhochd ud. Mata xv. 23-28; mar bu mho a bha e ‘ga cur air falbh ‘sann a bu mho a bha i a’ dluthachadh ris gus an d’ fhuair i, ‘o bhean, is mor do chreidimh; biodh e dhuit mar is toil leat; cosmhuih ris an eaglais an uair a bha i ‘na fasach, tha e air a radh gu’n do ghuil i an lathair an Tighearna. ‘S ann mar sin a tha an Tighearn a’ cur eadar-dhealaichaiddh eadar an t-anam grasmhor agus a’ choguis nadurra. Ach is uamhasach eagal Dhe agus eagal ifinn cuideachd anns an anam. Tha an Tighearn a’ toirt sin do chuspairean a ghaoil anns an t-saoghail agus tha sin a’ brisead sith an anama. ‘S iongantach am diugh gu’m faicear neach le a shith briste. Ach far am faicear aon anns am bheil an ni a’s lugha de dh’ eagal an Tighearna chithear aon le shith briste. Ged a bu righ air a chaithir e thigeadh drap a dh’ eagal an Tighearna a stigh agus bhriseadh sin a chomhfhurtachd. Ged a b’e righ Ninebheh e chuireadh e ‘fhalluinn uaith agus chomhdaichadh se e fein le saic eudach agus shuidheadh se e fein ann an luaithre. Thigeadh e a’ d’ ionnsuidh-sa agus chuireadh e mach thu a communn mallaichte an t-saoghail. ‘Se so a chuireadh an creutair a mach a peacadh, chuireadh e am misear o’ mhising, an t-striopach o a striopachas, agus chuireadh e thusa o cheol is dannsa. ‘Se an t-aon ni a bhiodh ‘na chomhfurtachd dhuit gu’n coinneachadh tu ri aon no dithis anns an uaigneas le an sith briste, le an sith briste le eagal an Tighearna, ‘se sin an ni ‘bu mho a bheir-eadh de chomhfhurtachd dhuit. Ach “Co e ‘nur measg air am bheil eagal an Tighearna, a ta ‘g eisdeachd ri guth a sheirbhisich, a ta ‘siubhal ann an dorchas agus aig nach ‘eil solus? Earbadh e as ainm an Tighearna agus leigeadh e a thaice r’a Dhia.”

Ann an so a nis thig eagalan a’ bhais a stigh, eagal gu’m faigh am bas e anns a’ staid sin. Tha thu ann an sin nach do chum eagal na siorruidheachd cuig mionaidean de chodal uait fad do bheatha. Ach ann an so thig eagal gu’m foigh am bas iad anns a staid sin agus cuiridh sin iad gu cleachdadh nam meadhonan. ‘S iomadh ceum a rinn bochdan Chriosd airson nam meadhonan gun ni’n nan suil ach an slainte shiorruidh. Tha na meadhonan gle eutrom aid cuid agus cha-n’eil teagamh nach bi sin ‘na ghath’n nan anam tre’n t-siarruidheachd. Ma thig thusa fo eagal an Tighearna chi thu priseil na meadhonan a chuir thu an suarachas. Cha thu gur iad meadhonan nan gras na h-aon aitean a chomharrach an Tighearn airson coinneachadh ri anamaibh agus gur iomadh iad ris an do choinnich E annta.

Cha-n ann mar a b’ abhaist dha a bhi a’ cleachdadh nam meadhonan a bhios e ‘nuair a thig drap a dh’eagail an Tighearna a stigh anns an anam. Ann an sin thig an creutair gu bhi anns na meadhonan mar aon aig an bheil anam. O mo chairdean, ‘s iongantach sin neach a’ cleachdadh nam meadhonan le creidimh air gu’m bheil anam aige is gu’m bheil aige ri dol tre lamhan glan Dhe. Faic, ‘n ann mar a b’ abhaist da bhi air maduinn Sabaid a bhios e nis? An dean urnuig bheag maduinn is oidhche na’s leor dha a nis? Ni an saoghal urnuigh bheag maduinn is feasgar agus le sin tha iad diadhaidh na’s leor. Ach faic iad so agus na nithean a tha iad a’ sgaiotheadh o mach an lathair an Tighearna gun aon chabhair aca air neamh no air talamh ach E fein—creutair bochd gun a bhi cuig mionaidean dhe a ghluinean ach a’ dorthadh a mach ‘anama an lathair an Tighearna. Ni an creutair saoghalta urnuigh, ach c’aite am bheil ‘anam?

‘Nuair a tha eagal an Tighearna a’ tighinn a stig. ‘s e faireachadh an anama am bunachar air am bi an creutair (tric) ag amharc, an aite a bhi ‘g amharc ri taigse shaor an t-soisgeil. Feudaidh mi radh gu’n teid e ann an sin cho fad ‘s is comasach e agus ‘nuair a tha an Tighearn ‘ga thoirt fein do’n anam cha-n’eil e (gu mor) ‘ga chronachadh airson sin. Mar sin ‘nuair a tha drap de shaorsa tha earbsa, ach ‘nuair a tha sin air falb tha eagal. Mar sin feudaidh an creutair a bhi iomadh la le a shith briste. Ach cha-n e faireachadh a’ chreutair am bunachar a chomharrach an Tighearn airson dochas a shluaigh. Agus ma’s tusa aon de chuspairean a ghaoil, leigidh E nithe fuasgailte ort a ghearras a mach as na fairichidhean sin thu agus o bhi ‘socrachadh anns na meadhonan, math dh’ fheudta cruas cridhe no math dh’ fheudta naimhdeas an aghaidh Dhe, no, math dh’ fheudta smuaintean toibheumach a leagas sios thu aig cosan na h-arduachdaranachd. Thainig moran gu bhi ‘cur na ceisde an robh iad air an taghadh, “a’ siubhal ann an dorchadas agus aig nach ‘eil solus” ann an sin “earbadh e as ainm an Tighearna agus leigeadh e a thaic r’a Dhia.”

‘Nuair a tha creutair anns na meadhonan gun an toradh a’ tighinn a nuas air cha-n iongantach ged a bhiadh eagalan air agus e a’ leughadh a’ Bhiobuill agus E’na chreutair crion cha-n iongantach ged a bhiadh eagal ann.

‘Nuair a tha na h-eagalan a’ tighinn le focal an Tighearna tha ann na tha ‘dluthachadh ris an Tighearn an aghaidh faireachadh an anama mar a chi sinn ann an Iob. ” Ged mharbh E mi gid-headh earbaidh mi as.” Tha ann an nadur an anama ghrasmhoir bhi ‘dluthachadh ris mar aon chuspair gaoil an anama. Tha eagal an Tighearna iongantach priseil do bhrigh gur e a th’ ann aon de gheallaidhean priseil a’ chumhnaint.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice