D’H iarr mi air Dia gu’m feudainn fàs
An creidimh, gradh, ‘s gach uile bhuaidh,
Gu’n aithnichinn tuilleadh dhe a shlàint’,
‘S le tuilleadh eud gu’n sirinn ‘ghnuis.
‘S e fein a theagaig dhomh am miann,
‘S an ni a theagaig dheonuich E.
Ach dheonuich ann a leithid de dhoigh,
‘S nach mor nach deach’ mi as mo cheill.
Bha mise an duil gu’n tigeadh uair,
‘S am faighinn fuasgladh min gu reidh,
‘S le buaidh co-eigneachaidh a ghaol
Gu’m faighinn saor o’n pheacadh fein.
An aite sud, ‘s ann leig E ris
Na h-uilc bha foluichte ‘nam chridh;
Is cheadaich E do’n chumhachd shios,
M’ anam a ruagadh fad o shith.
Seadh, tuilleadh, shaol leam le ‘laimh fein
Gu’n robh E ‘lionadh cup mo bhròin,
‘Tighinn tarsuinn air mo rùn, ‘s ‘cur fàs
Mo lùibhean-sgaille, is mi fo leon.
Dh’ eigh mi is mi air chrith, “a Righ,
Ciod e? An lean thu ‘n toir gu bas?”
“S ann anns an rathad so,” ars’ E,
“A bheir mi dhuit bhi ‘fàs an gràs.
Tha an trioblaid uaigneach so a’m’ laimh,
Uait fein ‘s o’n olc gu do chur-sa reidh,
A’ briseadh do dhùil ri aoibhneas saoghalta,
Ach’n iarr thu tamh dhuit annam fein.”
Acknowledgment.—The Rev. Neil Cameron begs to acknowledge, with thanks, 10s. from “A Friend in Carr” in aid of St. Jude’s Building Fund.